SEARMOIN IV.
ROM. III. 23.
Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd gearr air glòir Dhè.
B’ ALUINN nadur, b’ard inbhe, agus bu mhòr sonas an duine, ’nuair a chaidh a dhealbh an tùs. Ach mo thruaighe! ’s luadh a rinn e ceannairc an aghaidh uachdarain, ’s luadh a thainig mughadh brònach air a staid, ’s luadh a dh’ fhas iad mar na brùidean a tha basachadh. B’e ’m peacadh mathair-aobhair an truaighe, agus ’se ’m peacadh briseadh lagha Dhe.
Air am eile nochd sinn gun do chaill daoine trid a’ pheacaidh fior-eolas air nithe spioradeil, an neo-chiontas agus am fireantachd,
III. Gu bheil gach peacair air teachd gearr air glòir Dhe.
’Si glòir Dhe ard-onoir, agus ard-mhaise a naduir, a bhuadhannaibh, agus a thoil. Tha ghloir so air a taisbeanadh dhuinn ’na oibre, ’na fhreasdal, ’na fhocal, agus gu h-àirid ann an co-oibreachadh a naomhachd, a mhaitheas agus a thròcair. Tha lagh, ceartas agus glòir Dhe ag iarruidh gràdh foirfidh, agus umhlachd iomlan, o gach aon do shiol Adhamh. Agus mar a tha ’n cinne-daona gu lèir le ’m peacaidh gin agus gniomh, an caileigin a’ diultadh glòir mar is cubhaidh, a thoirt do Dhia; tha cuid gu h-àirid a’ deanamh so. Tha fa leith, ana-creidich. cealgairean, an dream a tha fein-earbsach, cairdean an t-saoghail, seirbhisich na feola, agus tràillean an Abheirseir a’ briseadh gach la lagh Dhe, agns a’ diùltadh glòir dha. An
I. Tha ana-creidich ann an deigh-laimh air glòir Dhe.
Tha ’n t-Abstol Pol ag ràdh, gun d’ thug Abraham glòir do Dhia, le bhi laidir ann an creidimh; agus uaithe so tha e soilleir, gu bheil ana creidich a toirt tàmailt agus easonoir dha. Gach ni a tha e ’na fhocal a’ taisbeanadh no ’g ràdh, tha e gu cinnteach fior; agus do na nithe so tha fior-chreidimh gu soilleir dligheach. An dream nach creid fhocal, tha iad gu dàna a’ deanamh breugaire do Dhia; ’s tàmailt mhòr so am measg dhaoine, cia uamhunn cunnartach an ni, an tàmailt so a thoirt do Dhia. “Ma tha sinn a’ “creidsin fianuis dhaoine, ars’ Eoin, ’s mugha fianuis De;” uime sin tha ’n tuillidh creideas agus earbsa dligheach d’ a fhocal.
’Se Dia tobar na firinn, ’se Criosd an fhirinn fein, ’se ’n Spiorad, spiorad na firinn, a theagaisg agus a sdiùr na fàidhean agus na h-Abstoil. Co chreideas sinn, mur creid sinn Dia, agus na nithe a tha e cur an ceill, air mhodh co shoilleir, agus le coilion teachdaire
II. Tha cealgairean a’ thoirt eas-onoir do Dhia.
Tha Criosd fein ag ràdh, gu bheil cealgairean, cosmhuil re aite-adhlaice nam marbh o shean, sgiamhach an taobh amuigh, ach gràineil an taobh a stigh. Air sgath deagh ainm, no beartas, no chum an coguisean a ghleidheadh ’nan tosd, tha ’n dream so gu dìblidh, gealtach, fallsail, a’ gabhail orra cleoca na diadhachd, ged’ tha ’n cridheachan truaillidh, agus an giùlan aingidh. ’S brathair an cealgair do ’n bhreugaire agus do ’n chlaodhaire; am measg dhaoine tha e gun mheas, gun chreideas; am beachd Dhe na naomhachd, tha e gu h-araidh gràineil.
’Nuair a bha Criosd a bhos air talamh, ’s minic a labhair e gu sgaiteach geur, an aghaidh chealgairean, ’s tric a thuirt e riu, ’s an-aoibhinn dhuibh. ’S ann amhain airson buidhinn agus cliu, a tha ’n dream so ag aidmheil creidimh Chriosd; le ’n giùlan cealgach, tha fior-dhiadhachd a’ fàs mi-chliutach, agus tha peacairean ann an lorg so a’ fàs lionmhor, dana. An aite eiridh suas mar iolairean a chum neamh, gu onoir a thoirt do Dhia, tha cealgairean a burachadh mar mhucan gionach, a chum lòin agus aite-comhnuidh foluichte fhaotain. Cia mòr cionta, cia truaillidh nadur an dream so, agus cia fada a tha iad a teachd, gearr air glòir Dhe.
III. Tha daoine fein-earbsach a’ toirt eas-onoir do Dhia.
Mar a thuit an duine le uabhar, tha mòran d’ a shliochd do ghnàth, a’ cur earbsa ’nan gliocas, cumhachd agus maitheas fein, ge do tha iad amaideach, anfhann, aingidh. Tha Pol a’ labhairt mu dhream, a bha, do rèir
Le fein-earbsa, chaill Nebuchadnesar a ghliocas a chumhachd, a bheartas; agus b’ èigin da re uine, mar bhrùid feur itheadh ’san fhasaich. Le fein-earbsa, bha na Phairisich o shean air an dalladh, agus air an cruadhachadh co-mhòr, is gun do dhiult iad gabhail re Criosd. Le fein-earbsa, tha daoine mòr ’nam beachd fein, tha iad eadhon air an arduchadh gu mullach beinn lom, chas an t-saoghail so, ’gan ullachadh gu leagadh brònach fhaghail ann an slochd domhain, dorcha Ifrinn. Bu mhor earbsa Pheadair ’na neart spioradeil fein, agus ’na chairdeas do Chriosd, gidheadh an àm buairidh, dh’ aicheadh se e gu narach, agus eadhon le mionnaibh. ’Si fein-earbsa duais an Abheirseir
IV. Tha càirdean an t-saoghail so a’ toirt eas-onoir do Dhia.
Tha nithe an t-saoghail so taitneach do’n fheoil, agus uime sin tha mòran a’ toirt gràdh dhoibh. ’Nan àite fein ’s fhiach iad ar n’aire agus ar speis, ach mo thruaighe! tha cuid a’ toirt do ’n t-saoghal an gràdh, am meas an onoir, a bhuineas do Dhia mhàin. Mar a tha ’n inntin fheolmhor na naimhdeas an aghaidh Dhe, tha càirdean an t-saoghail nan naimhde dha. ’Se ’n saoghal so, màr inneal buaireadh an Abhairseir, a tha gach là a goideadh criodhachan, agus a lotadh anama dhaoine. Ciod ach an t-saoghal agus gràdh dha a bhuair Achan chum an t-airgiod a ghoid, Judas chum Criosd a bhrath, agus Demas chum Pol a threigsin? Ciod ach gràdh do ’n t-saoghal, a tha gach là a’ buaireadh dhaoine, chum sannt mi-rùn tuasaid
V. Seirbhisich na feòla a toirt eas-onoir do Dhia.
Si ’n fheoil bodhan-crèadha an anama no an earran thruaillidh agus bhrùideil d’ar natur. O na thuit Adhamh an tus, tha an fheoil mar a tha ’n t-Abstol ag ràdh, do ghnà a miannachadh an aghaidh an spioraid, agus an spiorad an aghaidh na feòla. ’Si ’n fheoil an tràill, ’se ’n t-anam am maighistir; agus ta an duine do ghnà ciontach, aingidh, ’nuair a tha an fheoil a riaghladh an anama.Tha ’n
VI. Tha tràillean an Abheirseir a’ toirt eas-onoir do Dhia.
Se Dia ’mhàin ar n’ uachdaran dligheach
Tha Chriosd ag ràdh nach urrain sinn seirbhis a thoirt do dha mhaighistir, do Dhia agus do Mhammon; uime sin an dream nach ’eil a toirt onoir do Dhia, tha iad nan tràillean dìblidh do’n Abheirseir. Se ’n nàmhaid so le bhuaireadh, a leag Adhamh gu làr, a thug peacadh truaighe agus bàs a steach do’n t-saoghal, a bhrosnaich daoine ’s gach àll chum cogadh an aghaidh Dhe, agus na h-Judhaich gu h-àraidh, chum Slànuighear na sìth a sparradh re crann. Cia dàna, uamhan an ni do chreutairean reusanta, iad fein a thoirt thairis eidir chuirp agus anama do’n Abheirseir, a bheir dhoibh mar dhuais truaighe shiorruidh. Gach neach a tha caitheadh am
Foghnà.
Nuair a chruthaich Dia an saoghal so, thug e riaghailt agus obair àraidh do gach creutair agus ni a dhealbh a làmh. Bha iad an tùs uile math, bha iad freagarach agus umhal, agus mar so bha iad, gu cubhaidh, a toirt glòir da ainm. Tha gach creutair reusanta agus neo-reusanta, ach deamhuin agus daoine mhàin, do ghnà umhal do thoil De, agus a reir an comais, a toirt glòir dha. Si àrd-obair an duine, Dia a ghlòruchadh air talamh, agus ’sann o so mhàin a tha fhior-shonas a’ sruthadh. Tha peacairean gach là a toirt tamailt do Dhia, ged a tha oibre, a fhreasdal, agus fhocal a gairm orra gu dian onoir a thoirt dha.
Trìd a pheacaidh mo thruaighe! tha sinn dall, ciontach truaillidh air ar sgaradh o
title | Searmoin IV |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |