[71] SEARMOIN V.
LUCAS XVIII. 13.
A Dhia, dean tròcair ormsa ’ta ’m pheacach.
THA sinne a cruinneachadh an ceann a cheile air an là an diu, chum sinn fein isleachadh an làthair Dhe, chum maitheanas ar peacaidhean iarruidh, agus chum seirbhis a dheanamh dha. O na se Dia ar n’ uachdaran dligheach o na tha e uile-ghlan na natur, o na tha sinne ciontach, neo-ghlan, agus fui’ iomadh commain d’a, tha e reusanta, tha e cubhaidh, tha e ceangailte oirn na nithe so a dheanamh gu cùramach. Aidichidh gach neach gu h-ullamh, gu bheil iad peacach, gu bheil feum aca air tròcair, ach tha doigh àraidh air an còir dhuinn so a dheanamh, ma tha mhiann
[72] oirn maitheanas fhaoitain.
Gar sdiùradh ann san t-
slighe dhìreach cheart,
rinn mi roghainn do na briathra so,
oir tha iad gu riochdail a cur an ceill,
staid an duine sin a tha air ìsleachadh an làthair Dhe.
Chum aimeadeachd,
agus cionta uabhair a nochdadh,
chum mòr-
fheum,
agus mòr-
thairbh irioslachd inntin a dhearbha,
tha Criosd a’
làbhairt cosamhlachd mu dheimhin giùlan dias daoine,
Phaireasach agus Publicanach ann an teampull Dhe.
Chum seadh ar teagaisg a thuigsin,
leughaidh mi an cosamhlachd so dhuibh 9—
15. ’
Nise o na tha Criosd ’
nso gu riochdail a teagasg,
gu bheil Dia a cur an aghaidh nan uaibhreach,
ach a toirt gràis dhoibh sin ata iriosal,
mu tha mhiann oirne gràs De fhaotain, ’
s còir dhuinn eiseamplair a Phublicanaich a leantuin.
Gar bròsnachadh chum so a dheanamh thugamaid fainear air
I. Giùlan a Phublicanaich an taobh a muigh bith ach seirbhis spioradail e, tha an dream sin a deanamh fanoid air, agus gràineil na bheachd, a tha tarruing dlù air gu cealgach le ’m bilibh, nuair a tha an
[73] cridheachan fada uaithe.
Tha ’
n ni so soilleir o natur Dhe,
o ar co-
cheangail ris,
agus o fhocal naomha fein.
Ach se ’
n ni a’
s còir dhuinn fhiosrachadh,
cionnas as urrain daoine a nochdadh an taobh amuigh,
gu bheil iad a’
toirt aoradh,
agus a’
deanamh seirbhis do Dhia,
gu h-
iriosal,
gu mothachail,
gu cubhaidh,
agus gu taitneach. ’
Nise tha d a dhoigh ann,
air am feud iad fonn an cridhe,
agus rùn an inntin a nochdadh,
agus siad sin le’
n giùlan agus le’
m briathraibh;
agus mu bheachdaicheas sinn air giùlan a phublicanaich,
chi sinn gu’
n raibh e gun amharus iriosal.
Chaidh am Phaireasach suas co àrda sa b’
urrain e,
sheas e gu dàna teann air altair Dhe,
agus rinn e gu h-
uaibhreach tàir air an luchd-
aoraidh eile.
Cha ’
n ann mar so a ghiùlain am Publicanach e fein,
an làthair an ti sin,
ata uile-
chumhachdach,
uile-
naomha,
agus uile-
cheart,
ach thug e gach dearbhadh a b’
urrain e le ghiùlan air irioslachd-
inntin,
agus air aithreachas.
Mhothaich eisean a chionta fein,
agus a mhi-
thoilteanas chum tarruing dlù air Dia,
sheas e fada air ais,
an t’
eagal gun duisgeadh e corruich
[74] Dhe le dhànadas,
agus chum ’
s nach d’
thugadh e oilbheum do’
n Phaireasach,
a bha nise le di-
meas a’
toirt fainear a ghiùlan.
Bha eisean air ìsleachadh co mòr,
o bheachd ceart d’
a chionta,
agus d’
a chunnart,
a ’
s nach b’
aill leis fiù a shùl a thogail suas gu neamh,
ach thog e suas a chridhe ann an togradh naomha gu h-
iriosal gu caithir na tròcair.
Ann an deigh so bhuail se uchd,
bha e ’
n corruich ris fein airson aimeadachd,
nochd e gu’
m b’
e rùn a chridhe,
tobar neo-
ghlan a pheacaidhean,
a bhualadh air an doigh cheudna.
Bha choguis a nise ga chlaoidh,
bha e,
mar gu’
m beadh a’
deanamh peanas air fein airson a cheannairc ann an aghaidh athar neamhaidh;
agus le uchd a bhualadh,
chuir se ’
n ceill,
gu’
n raibh e’
na bheachd fein a’
toilltin,
agus an cunnart a pheanas sin a bha lagh Dhe a’
bagairt an aghaidh eas-
umhlachd.
Mar so nochd am Publicanach le ghiùlan ann an teampul De,
gu’
n raibh e gu’
n amharus iriosal,
aithreachail.
Thugamaid fainear ’
san
II. Cionnas a nochd e aithreacheas, agus irioslachd-inntin le bhriathraibh.
[75] Ann an àit’ e fein fhireanachadh, agus a ghiùlan a dhionadh, cosmhuil ris an Phaireasach, chuir e suas ath-chuinge dhùrachdach re Dia, bha ùrnuigh gun amharus gaoirid, ach bha e brioghor, thainig i o’n chridhe. Chum a nochdadh gun do ghiùlain se e fein, mar a’s còir do chreatuir ciontach a dheanamh, labhraidh sinn cailigin mu gach earran d’a urnuigh, agus air
I. Tha e ag aidmheil gun raibh e peacach.
Dh’aicheadh am Phaireasach gu dàna gun raibh eisean ciontach do pheacadh, thug e gu h-uaibhreach taing do Dhia, do bhri gun raibh e na b’ fhearr na daoine eile; le so nochd e gun raibh inntin dall, a choguis na tosd, agus a chridhe aingidh. Ach tha ’m Publicanach air an làimh uile, gu h-ullamh ag aidmheil gu’n raibh e ciontach gun do bhrisd e lagh Dhe, gu’n d’rinn e tàir air uachdaranachd, agus gu’n raibh e buailteach do pheanas. Chuir a choguis fein an ceill da a pheacaidh gìn agus gniomh, mhothuich é gu’n raibh a natur fein truaillidh, gu’n raibh
[76] anam priseil air a lotadh gu geur,
a thoil crosda do-
lùbaidh,
agus a chaithe-
beatha dubhailceach,
aingidh.
Fhuair e beachd ceart do naomhachd Dhe,
do gheur-
cheartas a lagha,
agus d’
a chòir gràdh agus umhlachd fhaghail o chreatuirean.
Dh’
innis a choguis dha,
gu’
n do dhiùlt eisean gu minic a chòir a thoirt do Dhia,
chreid e a teisteas,
chunnaic e cloidheamh ruisgte a cheartais ’
nise ann an crochadh oscionn a chinn,
lion so a chridhe le eagal,
agus anam le bròn,
thuit e gu h-
iriosal sios gu làr,
dh’
aidich e gu treimh-
dhireach ’
s peacach mi.
Bha a chionta mar eallach throm air inntin,
bha a choguis g’
a bhioradh agus g’
a chlaoidh,
agus o na bha e deirbhte gur e Dia ’
mhàin a b’
urrain cobhair a dheanamh air,
cha raibh e ann comas d’
a fois a mhealtuin,
gus an do dhoirt è ’
mach a chridhe na làthair.
Bha fhios aige gun raibh e cubhaibh,
agus ceangailte air a chinne-
daonna am peacadh aidmheil do Dhia,
agus nach b’
urrain duil a bhi aca re maitheanas fhaotain,
gun so a dheanamh,
uime sin,
o na bha mhiann airson maitheanas agus cairdeas De fhaotain oscionn gach ni,
dh’
[77] aid’
ich e gu h-
iriosal,
aithreachail a chionta dha.
Agus le so a dheanamh,
thug am Publicanach onoir do Dhia,
dh’
aid’
ich e gu’
m b’
e uachdaran dligheach,
gu’
n raibh còir aige air umhlachd,
agus gu’
n raibh e duilich,
brònach,
do bhrì gu’
n do dhiùlt e so dha,
ach cha do stad e ann an so ach
II. Ghuidh e air Dia tròcair a dheanamh air.
Bha deadh mheas aig an Phaireasach dheth fein, bha e a’ cur earbsa ’na throsgadh, ’na urnuighean, ’na dheadh oibre fein amhàin, bha e gu h-aimeadach a’ saoilsin gu’n raibh e airson nan nithe so, a toilltin sonas neamh. Mhothuich am Publicanach, air an làimh eile, nach raibh e a’ toilltin ni sam bith o làimh Dhe, ach peanas amhàin, agus gu’n raibh e caillte, na ’m buineadh e ris do reir ceartais; uime sin, tha e a’ teicheadh o cheartas, a bha g’a dhìteadh, chum tròcair gu bhi air a thearnadh, tha e guidhe air Dia tròcair a dheanamh air. Si tròcair a bhuaidh sin do natur Dhe, a tha g’ a bhrosnachadh chum
[78] truas a ghabhail re chreatuirean, ’
nuair a tha iad ainniseach agus truagh,
chum maitheanas a thoirt dhoibh nan cionta,
agus an uireasuibh a dheanamh suas,
ged nach ’
eil iad a’
toilltin a h-
aon do na nithe so.
Si tròcair Dhe,
a tha g’
a dheanamh gu h-
àraidh maiseach am beachd dhaoine,
si thròcair bunait dochais a pheacair, ’
sann o thròcair amhàin a’
s urrain dùil a bhi againne re maitheanas,
sìth,
agus sonas.
Tha e coslach gu’
n do reusannaich am Publicanach air an doigh so ris fein. “
Maille re daoine eile,
tha mi ’
nise a’
m sheasamh an teampull an De bheo,
chum seirbhis,
mar a’
s còir,
a dheanamh dhà-
san,
a thug dhamh mo bheatha,
agus gach ni a tha mi a’
mealtuin.
Tha Dia mar a tha mi leughadh na fhocal,
a làthair anns gach àite,
tha fior-
eolas aige air gach ni,
tha e gu h-
àraidh a’
toirt fainear,
fonn cridhe,
agus giùlan a luchd aoraidh fein,
tha iad freagarach dhà-
san airson an giùlan,
agus ’
se chàirdeas amhàin a ni iad sonadh araon anise agus gu siorruidh.
O ’
m anam tha thusa comasach air sonas a mhealtuin,
tha ciocras mòr ort na dheigh,
ach cha n’
urrain
[79] nithe an t-
saoghail so gu bràth do thograidh a shàsachadh,
uime sin ’
s còir dhuit iarruidh o Dhia ’
mhàin.
Ach cionnas a dh’
iarras mi sonas uaithe,
an iarr mi e,
mar ni a tha mi a’
toilltin,
no ’
mhàin mar shaor-
ghibht;
smuainticheam re mionaid air an ni so,
tha e cudthromach.
Ciod a thuirt mi mu’
m thoillteanas fein,
mo thruaighe,
tha mo choguis,
tha mo reusan,
tha mo mheodhair,
agus m’
fhein-
fhiosrachadh gu leir ’
g innseadh dhamh,
nach eil mi a’
toilltin ni sam bith ach peanas agus truaighe.
Se Dia m’
uachdaran dligheach, ’
seisean a dhealbh, ’
se a chum mi suas,
agus a bhuillich orm gach ni a tha mi a’
mealtuin,
tha còir aige,
uime sin,
air mo ghràdh,
agus air m’
umhlachd,
nochd e a thoil dhamh,
gheall e sonas neamh, ’
n lorg umhlachd iomlan a thoirt dha,
agus bhagair e pianntaidh Ifrionn na’
n diùltain so.
Ach mo thruaighe,
cha n’
urrain dùil a bhi agamsa re sonas air an doigh so,
oir rinn mi ceannairc an aghaidh Dhe,
agus bhrisd mi gu minic agus gu dàna a lagh,
nis’
o na tha a lagh agus a cheartas ga’
m dhìteadh,
mu gheibh mi sonas gu bràth, ’
s ann o thròcair
[80] amhàin.
Uime sin,
fhad sa tha Dia a’
toirt cothrum agus comas dhamh, ’
s còir dhamh mi fein ìsleachadh na làthair,
agus ath’
chuinge dhùrachdach a chur suas ris,
a Dhia,
dean tròcair ormsa ’
ta ’
m pheacach.”
Tha e coslach gur ann air an doigh so a labhair am Publicanach ris fein,
agus a rinn e seirbhis do Dhia.
Tha mi nise gu nochdadh san
III. Gu’n d’ eisd Dia re ùrnuigh a Phublicanaich.
Mar dhearbhadh riochdail air an ni so, tha ar Slanuighear; san rann an deigh ar ceann-teagaisg ag ràdh, gur dochadh gu’n deachadh an duine so fios d’a thigh air fhireanachadh, na ’m fear ud eile. Tha e mar an ceudna toirt deadh reusan airson an ni so, oir ars’ eisean, ge b’e neach a dh’àrdaicheas e fein, ìslichear e; agus ge b’e a dh ’ìslicheas e fein àrdaichear e. O na bha ’m Phaireasach an taobh amuigh gu cùramach a’ coimhead cuid do àitheanta Dhe, agus o na bha e ainmeil ameasg a phobuil ann an lorg so, shaoil e gu h-aimeadach gu’n raibh
[81] eisean gu h-
àraidh naomha,
agus a’
toilltin mòr-
shonas,
bha a chridhe air atadh suas le uabhar agus fein-
spèis.
Bha an duine so gu dàna ga chur fein ann an àite Dhe,
agus a’
toirt eas-
onoir dha,
uime sin,
tha Criosd ’
g innseadh dhuinn nach do ghabh Dia ris fein,
no re sheirbhis,
ach gun raibh iad le cheile gràineil agus neo-
thaitneach ’
na bheachd.
Ach o na dh’
ìslich am publicanach e fein ann an làthair Dhe,
o na bha e duilich brònach airson a cheannairc na aghaidh,
agus eas-
umhlachd dha,
agus o na ghuidh e air gu dùrachdach tròcair a dheanamh air,
tha Criosd ’
g radh gun d’
eisd,
gu’
n do ghabh Dia gu càirdeil risean. ’
Sann o’
n Abhairseir a fhuair an cinne-
daona uabhar, ’
sann trìd so a thuit iad o’
n ceud staid,
se so a tha ga’
n cumail fada o Dhia,
agus ga’
m bròsnacha chum a chòir a dhiùltadh dha,
uime sin,
tha uabhar gu h-
àraidh gràineil am beachd Dhe,
mar ni a tha toirt eas-
onoir dha-
san,
mar ni aimaideach,
aingidh,
agus ciùrail do anamaibh dhaoine.
Agus o na nochd am Publicanach le ghiùlan agus le ùrnuigh,
gu’
n raibh e saor do’
n uabhar cridhe so,
agus ar ìsleachadh gu làr o
[82] mhothachadh ceart d’
a chionta,
agus d’
a chunnart,
bha e anns an staid sin anns an còir do chreatair a bhi ann an làthair Dhe,
thilg se è fein gu tùr air a thròcair chaomh,
agus bhuin eisean gu gràsmhor ris.
Gar bròsnachadh chum na nithe a chaidh a radh,
a thoirt dha-
thigh chum bhur cridheachan fein,
agus mar cho-
dhùnadh d’
ar ceann-
teagaisg,
labhram air
I, Caileigin riu-san a tha gu ’n mhothuchadh sam bith air an cionta, agus air an cunnart.
Trìd baisteidh tha sibhse uile air bhur n’ ainmeach Criosduighean, agus mar cho-thional Criosduigh, tha sibh anise ann an làthair agus an teampull an De bheo. Ach na saoilibh, gu bheil mi mi-sheirceil, no gur e mo rùn droch sgeul a thogail oirbh, ’nuair a tha mi gu labhairt re cuid ’nar measg a tha gun mhothuchadh sam bith air an cionta, agus air an truaighe. ’S ni eagalach è gu bheil mòran ann s gach co-thional a tha ’san staid bhrònach so, agus ged a tha è mi-thaitneach dhoibh, gidheadh ’s còir dhuinn oidhirp a thoirt an
[83] dusgadh o chodal a pheacaidh.
Tha fein-
fhiosrachadh gach là a dearbha,
gu bheil cuid do dhaoine ann,
nach urrain eadhon innseadh ciod e peacadh,
agus gu cinnteach cha n’
urrain mothuchadh ceart a bhi,
aig an dream ain-
eolach so,
air a natur,
agus air a mhi-
thoilteanas.
Tha cuid eile aig am bheil fios ciod e peacadh,
ach mo thruaighe,
tha an criodhachan air an cruadhachadh,
agus an inntin air an dalladh leis,
air mhogh ’
s nach eil’
iad a’
mothuchadh an cionta,
agus a’
faicin an cunnart.
Labhram ’
nise ris an d’
a sheorsa dhaoine so.
A’
bheil sibh a’
creidsin gu bheil Dia ann,
gur e uachdaran an t-
saoghail gu’
n d’
thug e làgh do’
n chinne-
daonna,
gu bheil còir aige air an umhlachd,
gu’
n dean e peanas siorruidh air an dream a bhriseas a làgh,
agus gu’
n d’
thoir e sonas,
airson an oibre fein,
dhoibhsin ’
mhàin a choimheadas è gu h-
iomlan.
Mu tha sibh a’
creidsin nan nithe so,
ciod a tha duil agaibh a dh’
eireas dhuibhse sa dheoigh,
an saoil sibh gun saor bhur n’
ain-
eolas agus bhur neo-
mhothuchadh sibh,
o’
n pheanas sin a tha bhur cionta a’
toilltin;
bheil dochas agaibh gu’
n toillich so ceartas
[84] agus làgh Dhe aig là mòr a bhreitheanais,
nuair a bheir Dia do gach neach do reir an gniomhara.
A dhaoine aimaideach na meallaibh bhur n’
anama fein leis an dochas fhaoin so,
mu tha focal Dhe fior,
tha sibhse ciontach do pheacadh,
tha sibh air bhur dìteadh le làgh Dhe,
a bhrìsd sibh gu minic,
cha n’
urrain sibh bhur cionta a dhìoladh,
agus sonas neamh a chosnadh le’
r deadh oibre,
mur dean Dia cobhair agus tròcair oirbh,
tha sibh caillte gu siorruidh.
O na se so an aon doigh,
air am fuigh sibh maitheanas,
sìth,
agus sonas,
o smuaintichibh air bhur staid chunnartach,
bhrònach fein,
leanuibh gu’
n dàil eisiomplair a Phublicanaich,
ìslichibh sibh fein an làthair Dhe,
aideachaibh bhur peacaidh dha,
agus guidhibh air gu dùrachdach tròcair a dheanamh oirbh.
Ann an Criosd tha Dia a’
nochdadh saibhreas a thròcair,
tha e a’
buntain gu tròcaireach ris gach neach,
a tha gabhail re Criosd,
agus a’
cur earbsa annsan ’
mhàin airson slàinte,
iarruibh,
uime sin,
tròcair o Dhia air ’
sgà na rinn agus na dh’
fhuiling ar Slanuighear,
agus mu ni sibh so gu h-
aithreachail treimh-
dhireach,
ni Dia gu cinnteach tròcair oirbh.
[85] II. Labhram caileigin riu-san, a tha, cosmhuil ris an Phaireasach, air an atadh suas le fein-speis, agus aig am bheil duil re sonas Neamh airson an deadh oibre.
Tha cridhe an duine cealgach oscionn gach ni, ro-aingidh, làn do uabhar agus do fhein-speis. ’Siomadh doigh air am bheil a chridhe a’ mealladh an duine mu dheimhin a staid, tha e gu cealgach a’ folach a chionta o bheachd, no ga lughadachadh gu mòr, tha e gu miodalach a’ molladh gach ni math a tha e a’ deanamh, agus a’ cur an ceill dha o àm gu h-àm gu bheil e na ’s fhearr na mòran do dhaoine eile. Tha ni eile ann, a tha ro-ullamh chum daoine a mhealladh mu dheimhin an staid, agus se sin deadh ainm a-measg dhaoine. B’ iad na nithe so a dhall sùilean na ’m Phaireasach, a rinn iad co-uaibhreach, agus co neo-mhothachail air an cionta b’ iad so gu h-àraidh a bhròsnaich an neach sin, mu bheil ar Slanuighear a’ labhairt, chum e fein fhireanachadh an làthair Dhe, agus tàir a dheanamh air daoine eile. Nochd mi dhuibh a cheana gun raibh uabhar an ti
[86] so gràineil am beachd Dhe,
gu’
n raibh a sheirbhis neo-
thaitneach dha agus gu’
n do dhiùlt e gabhail ris.
Mu se ar rùn-
sa eisiomplair an ti so a leantuin,
agus teisteas ar cridhachan uaibhreach fein a chreidsin mu dheimhin ar staid,
cha ’
n fhaigh sibh gràs o Dhia,
cha dean eisean tròcair oirbh.
Ach ’
s ni soilleir e o fhocal De,
gu bheil sibh caillte,
mur dean eisean tròcair oirbh trìd an t-
Slànuighear,
o nach urrain neach sam bith a shlàinte fein oibreachadh amach.
O so tuigibh ciod i bhur staid,
agus cia mor bhur cunnart;
o so bithith air bhur bròsnachadh chum sibh fein ìsleachadh ann an làthair Dhe,
guidhibh air bhur cionta a nochdadh dhuibh,
bhur n’
uabhar a sgrios,
agus tròcair a dheanamh oirbh.
III. Labhram focal no dha riu-san a tha mothachadh an cionta, agus ga’n ìsleachadh fein ann an làthair Dhe.
A bheil sibhse anise, cosmhuil ris a Phublicanach iriosal, bhochd, a’ mothuchadh gur creatairean ciontach truaillidh sibh, thugaibh cliu do Dhia, a tha gu gràsmhor a’ fosgladh
[87] bhur sùilean,
agus a’
nochdadh bhur fior-
staid dhuibh.
An àit’
bhur coguisean a chur nan tosd, ’
nuair a tha iad anise a’
cur an ceill bhur peacaidhean dhuibh,
aidichibh iad gu iriosal do Dhia,
agus gabhaibh sòlas agus misneach o shoirbheas a Phublicanaich.
Tha Dia ceart co ullamh,
ceart co toileach tròcair a dheanamh oirbhse,
a’
s a bha e air-
san;
tha e ann an Criosd,
gu saor a tairgse gràs agus tròcair dhuibh.
Na bithibh,
uime sin,
mi earbsach a Dia,
a tha pailt ann an gràs,
agus saibhir ann an tròcair;
cuiribh làn-
earbsa ann an umhlachd,
ann an iobairt-
rèitich,
agus ann an eidear-
ghuidhe ar Slànuighear,
ìslichibh sibh fein ann an làthair Dhe,
agus àrdaichidh eisean sibh.
Feithibh air Dia na òrdunansaidh fein le creidimh agus le dochas;
feithibh air bhur Slànuighear,
aig a bhord,
agus guidhibh air e fein a nochdadh dhuibh an gràdh.
Gu’
n deonaiche Dia gu’
m bi gach h-
aon againn air ar neartachadh,
chum ath-
chuinge a Phublicanaich a chur suas ris,
gu h-
iriosal aithreachail,
agus gu treimh-
dhireach,
a Dhia,
dean tròcair ormsa ’
ta ’
m pheacach.