[88]

SEARMOIN VI.

1. PEAD. II. 25.

Oir bha sibh mar chaoraich adol air seacharan; ach philleadh sibh a nis chum Buachaille agus Easbuig bhur n’ anama.

SI irioslachd araon neart agus maise an anama; si so an sgeudachadh as fhearr co mhathsan sgeudachadh is àluinne. ’Sonadh an duine air am bheil eagal an Tighearna ghnà; ach an ti a chruaidheachas a chridhe tuitidh se an droch-bheart; oir tha Dia acur an aghaidh nan uaibhreach, agus atoirt gràis dhoibh-sin ata iriosal. Co luathsa thuirt Daibhi, cha dtheid mo ghluasad am feasd, air ball mhothuich e mugha mor na staid, agus bha aobhar aige na briathra brònach


[89] so a labhairt, dhfholaich thu do ghnùis, agus bha mi fuithriobloid.

S iomadh meadhon a ghnàthaich Dia anns gach linn da Eaglais, chum uabhar fhogradh a cridheachan dhaoine, agus chum an irioslachd-inntin sin a ghineamhuin annta, a bhuineas do chreatairean peacach. Be so a bhaige gu soilleirna bheachd le orduighean an t-sean tiomnaidh. Bha iobradh an uain-chaisg, maille re fheum mar shamhladh air iobairt Chriosd, gu h-àraidh ateagasg dhoibh araon irioslachd-inntin agus taingealachd. “Agus tarlaidh, arsa Maois, le àithne Dhenuair a their bhur clann ruibh, ciod is brigh don t-seirbhis so? their sibhse, is i caisg an Tighearna, a chaidh thairis air tighean clann Israeil, ’nuair a bhuail e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean-ne.” Air an doigh cheudna, ’nuair a thug iad an ceud thoradh mar ofrail don Tighearna, feisd eile a bhaca gach bliadhna, choisrig iad so leis na briathraith a leanas. Bu Shirianach, a bha ullamh chum bàs fhaghail, a bathair dhamh, agus chaidh e sios don Eiphte, agus ghabh e cuairt


[90] ann an sin le beagan, agus dhfhas iad nan rioghachd mòr, cumhachdach agus làn do phobull. Agus bhuin na h-Eiphitich gu h-olc ruinn agus chlaoidh iad sinn, agus rinn iad tràillean dhinn. Agusnuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna Dia ar naithreacha, dheisd an Tighearna rer guth, agus dhamhairc e air ar truaighe, agus air ar saothair, agus air ar foirneart. Agus thug an Tighearna mach sinn as an Eiphit le làimh threun, agus le gairdean sinnte mach, agus le mòr-uamhunn, agus le comharaibh, agus le miorbhuilibh. Agus thug e sinn chum an aite so, agus thug e dhuinn an talamh so, eadhon talamh a tha làn do bhainne agus mil. Agus nise feuch thug mi ceud thoradh na talmhuin, a bhuillich thusa, o Thighearna, orm.

Mar so thog Dia suas a shean phobull, chum seirbhis a thoirt dha le urram, agus chum gairdeachas a dheanamh le crith na làthair. Bhan offraile-buidheachais, co mhath re niobairtean airson peacaidh acur an cuimhne dhoibh, cia diblidh an ceud staid agus cia mòr an tràilleachd on do shaor Dia


[91] iad. Bha eadhon gach gniomh aoraidh ateagasg dhoibh aradh maille re Daibhi, co mise, o Thighearna Dhia, no ciod e mo thigh, gun do thug thu am fad so mi air maghaidh.

Tha orduighean an t-soisgeil san tiomnadh-nuadh acur an ceill nan nithe ceudna agus eadhon air mhogh nas riachdaile. Tha caisg an t-soisgeil acur an cuimhne ar saorsa o thràilleachd spioradail, air an robh saorsa nan Judhachmhàin na shamhladh lag.

Anns na nithe lionmhor, cràiteach sin a dhfhuiling Criosd, chum ar saoradh, chi sinn nimhàin saibhreas do-rannsachaidh a ghràidh, ach mar an ceudna cia mòr mi-thoilteanas a pheacaidh, agus cia uamhunn an truaighe, gus an do thuit sinn ler seacharan. ’Nuair ma seadh, a tha sinn adeanamh uaill ann an slàinte, mhòr Criosd, tha so acur an cuimhne dhuinn an staid bhrònach, bhochd anns an dfhuair a thròcair sinn, chum stad a chur air gach smuainteadh àrd, agus gar co’ -eigneachadh chum cliu na tha sinn asealbhachadh, no ris am bheil


[92] dùil againn a thoirt do shaor-ghràs Demhàin. Gar stiùradh chum so a dheanamh, rinn mi roghain do bhriathra ar steidh-teagaisg: “Oir bha sibh mar chaoraich adol air seacharan; ach philleadh sibh a nis chum Buachaille agus Easbuig bhur nanama.” Tha na briathra so acur an ceill da staid air am bheil mugha mòrCiod a bha sibh aon uair a thaobh naduir agus ciod a tha sibh a nis trìd gràis. Guidheam oirbh air

I. Beachd a ghabhail dar ceud staid, ’nuair a bha sibh, mar chaoraich, adol air seacharan.

Mar dhearbhadh gu bheil an comhad so gu maith acoi’ -fhreagradh chum staid nadureil dhaoine a chur an ceill, tha e gu minic air a ghnàthachadh ann am focal De. Cha ne mo rùn an cos-las a tha eidir peacairean agus caoirich a tha dol air seacharan, anns gach ni a nochdadh, ach a mhàin ann an cuid do na nithe is riachdaile. Agus air

I. Tha caoraich, a tha treigsin an deadh


[93] fheoir, agus a tha adol air seacharan don fhàsaich thirim lom, anochdadh dhuinn gu riachdail, comhara bochduin, iom-cheist agus calldach dochais. Nise, mar so tha gach duine, ’na staid nadureil, ’s iad a chuibhrionn diomhanas agus buaireas spioraid; tha e mar dhuine, a tha re aisling agus feuch tha eg itheadh, ach tha e mosgladh, agus tha anam folamh. Air dha a dhochas a chall sgach ni a rinn e, tha e dol o àite gu h-àite, ghnà afeoraich le cùram, co a nochdas dhomhsa maith? Tha ni folamh an taobh astigh dheth nach urrain an saoghal a lionadh; ann an lorg gach ulluchaidh, a tha e deanamh air a son, tha an fheoil ghnàg eigheach thoir, thoir; agus cosmhuil ris an teine, no ris an uaigh, chan eil e air àm sam bithgradhs leòir e. Tha na creatuirean uile dha-san mar a bha na plaosgan don mhac strothail, tha car mionaid adeanamh cobhair, ach chan eil gun amharus ga bheathachadh, tha eg itheadh dhiu ach tha acras air fhathasd, agus tha anam fann, tha e bàsachadh dhìth lòin. San

II. Tha an comhad acur an ceill staid a


[94] tha làn do chunnart, co mhaths do bhochduin.

Slionmhor naimhde nan caorach, agus chan eil creatuirean ann aig am bheil nas lugha do ghliocas gam mealladh, no do neart chum seasamh nan aghaidh. ’Sann o chùram a bhuachaile a than tearuinteachd asruthadh; agus mu tha iad ga fhàgail, than naimhde air ball gàn glacadh. Cia riachdail, mo thruaighe, a than comhad ann an so acur an ceill staid pheacairean. Than naimhde spioradeil araon lionmhor agus cumhachdach; tha ceilg na nathair, agus neart an leomhain gu fann acur an ceill an ceilg agus an neart-sa. Ach ged is iad so an ceilg agus an neart, gidheadh tha an-dànadas agus fein-earbsa pheacairean co mhòr, as gu bheil iad adol o àm gu h-àm gun eagal chum an àiteacha’ -comhnuidh, agus eadhon aruidh chum na liontaidh a chaidh a leagail chum an sgrios. San

III. Ged a tha creatairean eile co mhath re caoraich, ullamh chum dol air seacharan, gidheadh, feudaidh sinn gu firinneach a radh


[95] mun deimhin, nach eil creatuirean sam bith ann, aig am bheil nas lugha do thùr, ann an amas air an t-slighe on deachadh iad air seacharan. Chi sinn ann an so cia lag aimeadach an duine thaobh naduir, agus cia ea-comasach e, an sonas agus a ghlòir-sin, a chaill e a chosnadh. Leis na briathra a ghnàthaich e, tha e coslach, gum be rùn an Abstoil, gun dthugamaid gu h-àraidh fainear an ni so. Chan eil egràdh, phill sibh, ach philleadh sibh, se sin chaidh ar niompachadh, chaidh a thoirt oirbh pilltin An ni a thuirt ar Slànuighear re dheisciobuil, feudaidh e radh re creidmhich anns gach linn da Eaglais, cha sibhse a thagh mise, achs mise a thagh sibhse. Is e Dia a thag oibreachadh annain araon an toil agus an gniomh, da ghean-math fein. Le gràsta sinn air ar tearnadh agus so ni h-ann uainn fein, is è tiodhlacadh Dhe e. Tha Criosd fein ateagasg an ni so air mhogh ro-riachdail, ’nuair a tha egradh, cha nurrain neach air bith teachd amionnsuidhs, mur tearruing an t-athair a chuir uaithe mise e. Anns na nithe so uile than comhad gu maith a coi-fhreagradh. Ach ann sa


[96]

IV. Tha aon ni ann anns nach eil è acoi-fhreagradh.

Nuair a tha caoradh adol air seacharan, tha a maighistir agabhail truas riaan àita bhi fuichorruich na h-aghaidh. Tha e beachdachadh orra, ni h-ann mar chreatoir ciontach, ach aimeadach; agus uime sin tha è ga h-iarruidh le cùram, agusnuair a tha è ga faotain, an àite peanas a dheanamh orra, tha è ga h-altrum gu caomh, agus ga toirt dh achaidh le aoibhneas. Ach mo thruaighe! ann an dol air seacharan o Dhia, tha sinne ciontach do gach lochd, is urrain ar deanamh fuathach, gràineilna bheachd. Shruth a cheannairc so, ni h-ann o anmhuinneachd, ach o làn-toil an duine, ’si so ar cionta, eadhon ceannairc uaibhreach, cheann-laidir, ceannairc a tha air a dùthadh leis a mhi-thaingealachd is -ceannairc gun aobhar an aghaidh athair ar spioraid, agus fear cumaidh ar cuirp an aghaidh an Dia sin, anns am bheil ar bith, ùghdair càirdeil nan tiodhlaca prìseil sin, a tha sinne gu h-aingidh a gnàthachadh, mar airm chogaidh na aghaidh.


[97]

Si so cionta pheacairean neo-atharraichte. Ach cia sonadh an dream muìm feudar a radh, mar sin gun amharus bha sibhse, ach tha sibh air ar nionnlad, air ar naomhachadh, agus air ar fireanachadh an ainm an Tighearna Iosa, agus le spiorad ar Dia-ne. Tha so acur an cuimhne dhamhsan

II. A nochdadh ciod ar staid trìd gràis philleadh sibh chum buachaill agus Easbuig bhur nanama.

Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin, a thainig o neamh gu talamh, a dharruidh agus a thearnadh an ni sin a bha caillte. Chum an ti sin, a bha ann an corruich ruibh airson bhur seacharain, gidheadh a dhofrail iobairt air bhur son, agus a dhiol bhur cionta le fhùil phrìseil fein. Chaidh Criosd a leonadh airson bhur neas-aontais, a bhruthadh airson bhur cionta, chum tre chreachda gum bitheadh sibhse air bhur slànuchadh. ’Se so am buachaille math a leag sios anam airson nan caorach; neach, a rinneadh na pheacadh, ged nach baithne dha peacadh


[98] chum gum bitheamaid-ne air ar deanamhnar fireantachd Dhe ann-san; neach a dhfhuiling am firean airson nan neo-fhìrean chum gun dthugadh e sinne dhionnsuidh Dhe,; le dochas daingean agus le dànadas cloinne, gum fuigh sinn tròcair agus gràs chum cobhair ann an àm ar feuma.

Tha sibh air bhur pilleadh a dhionnsuidh an ti sin, a ghiùlain nimhàin bhur trioblaide, ach a thug buaidh air bhur naimhde, mar cheann a phobuill. Na phearsa fein chuir e as an armachd uachdranachda agus cumhachda; agus tha a shoirbheas mar gheall, gum fuigh sibhse buaidh iomlan orra fa dheoigh. Feudaidh iad ionnsuidh a thoirt oirbh, ach cha nurrain iad bhur ciùradh, oir le fuil an uain gheibh sibh buaidh. Ann an ùine ghrad bruthaidh Dia na sìth Satan fuiur cosaibh, agus cuiridh se oran nuadhnur beul, ’nise ta slàinte agus neart, agus rioghachd ar De-ne, agus cumhachd Chriosd air teachd oir thilgeadh sios fear-casaid ar bràithre, a bha gan casaid ann an làthair ar De-ne a agus a dhoidhche.


[99]

Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin, a ghabhas ann an deigh so cùram àraidh dhibh, agus a dhionas sibh mar dhream a cheannaich e le fhuil fein. Air a bhuachaille so Israeil, air an Easbuig, air an fhear-coimhead so anama, cha naom codal no suain air àm sam bith! ’S minic a dhoibrich e saorsa dhuibh ann àm bhur feum, ’nuair a bha sibh gu mi-thaingeil adeanamh tàir air, agus ga dhiùltadh. ’S tric roimhe so a dhion e sibh, mum baithne dhuibh a chairdeas, mùn diarr sibh a choghnà; ach anis tha shùil do ghnath oirbh, tha chluas do ghnàth fosgailte dar glaodh, tha ghairdeana siorruidh do ghnàth muncuairt duibh; agus uime sin feudaidh sibh gu dàna a radh; ’s en Tighearna mo sholus agus mo shlàinte, co a chuireas eagal orm? ’Sen Tighearna neart mo bheatha, co a chuireas faitcheas fum? Feuch, ’se Dia mo shlàinte; ni mi earbsa, agus cha bhi mi fuieagal; ’sen Tighearna Jehohba mo neart agus mòran, agus tha e air fàs dhamh na shlàinte.

Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin


[100] a tha ni mhàin uile-chumhachdach gar dìonadh o chunnart, ach mar an ceudna iomlan an truacantas chum co-fhulang maille ruibhnar teinn, agus chum sòlas a thoirt dhuibhnar triobloidibh. Tha esan macanta agus tròcaireach, foighidneach agus iriosal, tha e ational nan uan le làimh, agus gan iomchar na uchd, agus treoirichidh se gu mìn iadsan anns am bheil uain. Tha e gabhail truas ren anmhuinneachd, tha e toirt maitheanas dhoibhnan seachrainibh; tha e gan caomhnadhnuair a tha iad fann, agus afeitheamh orra, ’nuair a tha iad fuidh eàcail; agus ni, nach urrain leigh sam bith eile a dheanamh, tha e toirt neartnuair a tha iad fann, agus slàinte, ’nuair a tha iad fuieàcail; tha e ni mhàin atoirt dhoibh lon ach mar an ceudna rùn a ghabhail; tha e ga bheannachadh, agus atoirt eifeachd dha chum am beathachadh.

Ciod tuille a their sinn? Tha am buachaille agus an t-Easbuig anama so do ghnàth agabhail cùram dhiu eadhon gu bàs. Agus chan eil e gan treigsin air an àm uamhunn so, ach tha e adol a steach maille riu don


[101] ghleann domhuin, dorchadh, tha e le luirg gan cumail suas, agus mar sin tha e toirt sòlas dhoibh le bata a neart, as gu bheil iad ag imeachd trìd a ghlinn gu duineil, gun eagal uilc sam bith a bhith orra, do bhrì gu bheil esan maille riu. ’S lionmhor aireamh an dream sin do na naoimh a fhuair mòr-onoir air an doigh so. Neartaich Criosd eadhon cuid a bha trìd eagal a bhàis re am beatha uile fuidhaorsa, chum buaidh a thoirt air Righ nam fiamh, ’n àm mionaide deireannach agus chum a radh maille re Pol, o bhàis càit am bheil do ghath! o uaigh, càit am bheil do bhuaigh? No mu tha sgàile an anmoich co thiugh, is nach urrain iad an làmh sin fhaicin, a tha gàn cumail suas, gidheadh meudaichidh an sgàile so an iongantas, an taingealachd, agus an aoibhneas, ’nuair aig ceann eile a ghlinne a sgapas an deadh bhuachaille air falbh e, agus a sheasas e nan làthair na uile ghlòir; ’nuair a chuireas e gu cairdeil fàilte orra, agus a bheir se iad suas chum achaidhean tarbhach a Chanaan neamhaidh; ann an sin mar a tha e air a radh ann an leabhar Taisbean Eoin, cha bhi ocras orra tuille, no tart nis , cha mhò a
[102] luidheas a ghrian orra, no teas air bith. Oir beathaichidhn t-uan atam meadhon na righ-chaithreach iad, agus treòraichidh se iad gu tobraichibh do uisge na beatha. Mar so nochd mi bhur staid thaobh naduir, agus trìd gràis. Mar fhoghnadh òn iomlan, se mo rùn anis a nochdadh, cionnas is còir dhuibh feitheamh air Criosd. Agus air

I. ’S còir feitheamh air le mòr irioslachd.

Se so an sgeudachadh is fhearr a tha coi-fhreagradh rer staid, co dhiu a tha sinn agabhail beachd dhinn fein, mar dhream a thuit, no tha air ar togail; mar pheacairean no mar naoimh. An dfhuair sinn maitheanas; aon uair bha sinn air ar dìteadh. Am bheil sinn air ar naomhachadh? Aon uair bha sinn neo-ghlan. An dfhuaradh sinn? aon uair bha sinn caillte. Am bheil sinn beo? Uine bheag roimhe so bha sinn marbh; agus tha sinn fhathasd beo le gràs De; ’sesan a dhath-bheothaich sinn, agus ni h-e sinn fein; ’s eisean a tha cuir dealachadh oirn, agus chan eil ni againn ach na fhuair sinn uaithe. Cha deachaidh uabhar


[103] ma seadh, gu cinnteach a dheanamh airson an duine. San

II. ’S còir feitheamh air Criosd le taingealachd agus teas-ghràdh.

S còir dhuinn cliu a thoirt don athair, nach do chaomhain a mhac fein, ach a thug thairis è mòr iobairt air ar soin-ne. ’S còir cliù a thoirt do Chriosd, nach do chaomhain e fein, ach air dha cruth seirbhisich a ghabhail air, striochd e do ocras agus tart, do fhaire agus sgios, do dhi meas agus cràdh, agus eadhon don bhàs, agus don uaigh, chum tre thoilteanas a bhàis, gum bitheamaid-ne beo gu siorruidh. ’S còir cliu a thoirt do spiorad nan uile ghràs, a tha gar dlù-cheangal re Criosd, a tha acuir rer nanama an t-slàinte a choisin esan, a thag ath-nuadhachadh ar naduir truaillidh, agus gar deanamh iomchuidh fa chomhair oighreachd nan naomh san t-solus. Cia math a tha an laoidh mhollaidh sin aco-fhreagradh re cuimhneachadh bàis Chriosd; a sheinn armailte neamhnuair a thug iad sgeul air a bhreith, glòir do Dhias na h-àrdaibh air


[104] talamh sìth, deadh-gheann do chlann nan daoine.

III. ’S còir feitheamh air Criosd le bròn airson ar peacaidh, agus le rùn naomha gun oilbheum nis a thoirt dha.

Am bheil Criosd air a nochdadh aig a bhòrd, air a chèusadh fa chomhair ar sùl? Agus an urrain sinn amharc airsan a lot sinn, gun bhròn a dheanamh airson nam peacaidhean sin, a bha mar mhathair-aobhair fhulangais? ’S còir do gach fear-communnaich treimh-dhireach a radh, ciod an gnothuch tuille a thagam-sa re iodholaibh? An ni nach aithne dhomh e, a Thighearna, teagaisg thusa dhomh, agus mar a rinn peacadh, cha dean mi so nis . Ann sa

IV. ’S còir do mhothuchadh darn an-mhuinneachd fein, agus dar feum air coghnàdh Chriosd, a bhi ghnàth maille ris an rùnso.

Eadhonnuair a tha sinn air ar pilltinn chum Easbuig ar nanama, mu tha Criosd


[105] gar treigsin tha sinn air ball atuisleachadh, agus atuiteam. Tha an làmh, a thug sinn air ar nais, ’nuair a bha sinn adol air seacharan, do ghnàth feumail gar cumail suas, agus gar treòruchadh air ar naghaidh san t-slighe, gus an ruig sinn talamh a gheallaidh. As meugmhaisse, arsa Criosd re fhior-dheisciobuil, cha nurradh sibh ni sam bith a dheanamh. An ni a tha daoine atoiseach le fein-earbsa, tha so gu minic acriochnachadh le masladh. Thuirt Peadar le uaill re mhaighistir, ged a threigeas iad uile thu, cha treig, mise, gidheadh threig esean nimhàin e, ach le mionnan agus mallachadh dhaicheadh se gum baithne dha riamh e. An neach a tha cuir earbsa na chridhe feins amadan e. Feuch, arsam faigh, an t-anam a tha air a thogail suas, chan eil e treimh-dhireach. Cia feumail ma seadh a chomhairle, an ti a tha saoilsin gu bheil e aseasamh, thugadh e fainear nach tuit se. Maille re so sa

V. ’S còir làn-earbsa a chur ann an cumhachd agus ann am firinn Criosd.

Ged a thuirt Pol nach burrain e eadhon deadh smuain a smuainteachadh as eugmhais


[106] coghnàdh Dhe; gidheadh thuirt an neach ceudna gu h-ullamh, trìd Criosd a tha gam neartachadh, ’s urrain mi gach ni a dheanamh. Am buachaille math sin a fhuair sinnnuair a bha sinn air seacharan, ’s urrain e ar treòruchadh ann an slighe na fireantachd; agus ni e so air sgàth ainme fein. ’S iad so a gheallannadh càirdeil do gach neach a tha air a philleadh na ionnsuidh, ’s leòir mo ghràs-sa dhuit. Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na bi fuidh gheilt, oirs mise do Dhia, neartaichidh mise thu, agus bheir mi dhuit coghnàdh, agus cumaidh mi suas thu le deas làimh mfhìreantachd.

S iad so na h-aigneidh is còir dhuinn altrum, agusse so an rùn anama, leis an còir dhuinn feitheamh air Dia ar Slanuighear. Leis na n-aigneidh, agus leis an rùn so, ma seadh, cuairticheamaid altair naomha, a guidhe gum bi an fheisd so, le bheannachadh, air a dheanamh eifeachdach chum ar creidimh a neartachadh, chum ar gràdh a lasadh suas, agus chum ar dochas a bheothachadh. Guidheamaid, leis an làn a gheibh sinn, gu


[107]m bi sinn air ar neartachadh chum dol air ar naghaidhn ar slighe trìd fàsach an t-saoghail so, gus an ruig sinn talamh na sìth; far am faic sinn, aghaidh re h-aghaidh buachaill agus Easbuig ar nanama, agus far mun cuairt do Righ-chaithir Dhe agus an uain, an seinn sinn gu siorruidh maille ris na Naoimh, dha-san a ghràdhaich sinn, agus a dhionnlaid sinn o ar peacaibh na fhuil fein, agus a rinn righridh dhinn agus sagarta do Dhia, agus do Athair-san; dha-san gu roibh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

titleSearmoin VI
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page