SEARMOIN VII.
SALM CXXX. 3.
A Thighearna, nan comharaichteadh leatsa lochdaidh, co O Thighearna, a sheasadh ann ad’ fhianuis.
’S iad ceartas agus tròcair na h-iomlaine sin do nadur Dhe, ris am bheil gnothuch againne gu h-àraidh mar pheacairean. ’S eigin, uime sin, do bheachd soilleir do na h-iomlainidh so, a bhi mar bhùn-steidh aig fior-dhiadhachd. Tha e soilleir gu bheil beachd, araon do cheartas agus do thròcair feumail, chum am peacair a thoirt gu aithreachas. ’S eigin dha a chionta agus a thruaighe fhaicin, maille ris an t-slighe air am fuigh e gu cinnteach, agus amhàin saorsa òn staid so. Tha am beachd ceudna feumail do ’n fhior-chriosduidh, fhad sa tha e na staid neo-iomlan
Ach ’s eigin ann an so a thoirt fainear, ged a tha mòran a’ labhairt mu na h-iomlaine so, gidheadh gu bheil an aireamh gann, a tha gu ceart ga’n tuigsin. Tha aig daoine an dara cuid, eolas neo-iomlan, no cinnteadh anmhunn do cheartas De, agus an lorg sin tha iad a’ deanamh tair air a thròcair. No air an làimh eile, tha iad ullamh gu beachd an-dàna ghabhail da thròcair choitchionn, agus ann an lorg sin gu tàir a dheanamh air a gheur-cheartas. Tha ni ’mhàin an dream sin a’ deanamh so, a tha gu tùr fuidh chumhachd a pheacaidh. Tha eadhon clann De fein ullamh, an dara cuid am beachd d’a mhòrachd, agus d’a naomhachd a chall, bu chòir am bròsnachadh chum seirbhis a thoirt dha le urram agus eagal diadhaidh, no le leigeil air dearmad aire thoirt d’a thròcair tha iad ullamh gu tuiteam ann an eagal diblidh leis am bheil iad a’ toirt eas-onoir do Dhia, agus a’ ciùradh an sìth fein.
Tha Daibhidh ’nar steidh-teagaisg a’ toirt beachd soilleir araon do cheartas, agus do thròcair Dhe. Tha cuid a’ saoilsin gu’n do sgriobh e ’n t-salm so, ’nuair a thuit e am peacadh mòr; agus cuid eile gu’n d’rinn e so, ’nuair a thugadh mòr-chunnart a pheacaidhean d’a chuimhne. Gun aire thoirt dà thròcair, se mo rùn beachd a thoirt dhuibh dà cheartas. Agus chum so a dheanamh, le coghnàdh Dhe, bheir mi oidhirp air
I. An ni a tha e ’g radh mu so a mhìneachadh.
II. A dhaighneachadh o fhocal De, agus o fhiosrachadh dhaoine.
III. Foghnadh iomchuidh a dheanamh.
I. Tha mi gus an ni sin a mhìneachadh, a tha e ’g radh mu cheartas De.
Ma chomharaicheas thusa, O Thignearna, peacadh co is urrain seasamh. Tha na briathra sa a’ cur an ceill, gu’n roibh aige mothuchadh domhain da pheacadh, agus dearbh-
Cha ruig mi leas innseadh, nach ’eil a cheist fheòraich, co a sheasas, a’ ciallachadh gu bheil teagamh sam bith sa chùis, no gu bheil neach re fhaotain as urrain an d’fheuchain so a sheasamh; ach ann an àite sin, tha
II. An fhirinn so a dhearbhadh o fhocal De, agus o fhiosrachadh dhaoine.
Agus feudaidh sinn ann an so a thoirt fainear, gu bheil so do ghnàth air a theagasg am focal De, agus do ghnàth air aidmheil leis an dream a bha iriosal aithreachail. Mar so tha Daibhidh, ’g radh na tionnsgain am breitheanas led’ sheirbhiseach, oir an ad’ làthair cha d’ theid neach ata beo fhìreanachadh. Air an doigh cheudna tha Job ag radh, tha fhios agam gur ann mar so gu firinneach ata, oir cionnus a bhios duine ceart am fianuis De? Ma ni e strìth ris, cha ’n urradh e freagradh a thoirt da airson aon am mìle; tha e glic an cridhe, ’s treun an neart, co riamh a chruadhaich e fein na aghaidh ’s a thug buaidh air? Bheir beachd soilleir do mhòrachd Dhe, do naomhachd a naduir, do leud, gloinne, agus nadur spioradeil a lagha an fhirinn so dh’ achaidh chum ar cridheachan, agus dearbhaidh ì cia truaillidh na creatuirean sinn. Bheir so oirn eughach maille re Job, feuch, ata mi truaillidh, creud a fhreagras mi? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul. Agus a-ris, chuala mi sgeul ort le èisdeachd na cluaise, ach a nis ata mo shuil gad fhaicinn. Uime sin, ’ta mi gabhail gràin dhiom fein, agus a’ deanamh aithreachais
I. Cia lionmhor dleasdanas a leig sibh air dearmad, a bu chòir dhuibh a chur an gniomh.
’Nar n’ agairt ann an leigeil air dleasdanais air dearmad, ’s eigin toiseach le mì thaingealachd, agus an di-chuimhn’ air Dia. Cia truaillidh sam bith a choguis, no cia mòr ata i air a dalladh le leith-bhreith, gidheadh ’s eigin aidmheil, gu bheil gach neach an comain ùghdair a bhith fear-coimhid a bheatha
Ach tha ni ’mhàin an dream sin, aig am bheil an coguisean gu tùr nan cadal, a’ leigeil an dleasdanais air dearmad, ach mar an ceudna a mhuintir aig am bheil tuille eolais. Cia lionmhor dleasdanas a leig sibhse air dearmad? An do mhothuich, agus an do chuir sibh an ceill taingealachd air son tiodhlacaidh do-aireamh Dhe, araon talmhaidh agus spioradeil dhuibh fein, agus d’ ar teaghlaichean? Cia mòr am mughadh eidir ar taingealachd
Mo thruaighe! a bhràithre ’s mòr mearrachd an dream sin a tha a’ saoilsin, nach ’eil mòr-chron am peacaidhean dearmaid. Cia mòr mealladh na ’m peacairean sin, a tha a’ saoilsin, nach ’eil e ceangailte orra seirbhis a thoirt do Dhia, agus a tha ga’n toilleachadh fein leis an leithsgeul bhochd so,
II. Thugaibh fainear cia tric a bhrist sibh lagh Dhe, an lagh a chaidh a sgriobhabh air bhur cridheachan, agus a tha air a thaisbeanadh ’na fhocal.
Mu’s aithne dhuibh farsuingeachd, agus nadur spioradeil an lagha so, ’s eigin dhuibh bhi deirbhte gu’n do bhrist sibh e gu minic ’nar smuaintidh, ’nar briathraibh, agus ’nar giùlan. Air
I. Cia lionmhor peacaidh bhur smuaintidh!
Cia lionmhor smuaintidh a ghabh, agus a dh’ altrum sibh ’n ar cridheachan, eas-onorach do Dhia, neo-thaingeil airson a thiodhlacaidh, agus neo-fhoighidneach fui’ bhuille
II. Thugaibh fainear peacaidh ar briathra.
Cha nè mo rùn ann an so mòran a radh, mu bhreugan, toibheum agus cùl-chaineadh; ged nach ’eil mòran a’ toirt fainear, gu bheil iad fein ciontach do na peacaidhean so, gidheadh tha iad ullamh ni ’s leòir gu radh, gu bheil iad coitchionn anns an t-saoghal. Ni mo a labhras mi mu bhriathra salach, ged
III. Thugaibh fainear peacaidhean bhur giùlan.
’S iad so gach gniomh aingidh leis am bheil sinn gu h-àraidh a’ toirt oilbheum do Dhia; gach gniomh mi-mheasarra, leis am bheil sinn gar ciùradh fein, agus gach gniomh ea-corach, carrach, foirneartach, leis am bheil sinn a ciùradh ar bràithre. Thugamaid fainear na peacaidhean sin gus am bheil sinn air ar buaireadh le’r n’ obair àraidh, no le’r n’ aois agus rùn inntin, no
III. Thugaibh fainear peacaidh ar nithe naomha.
’Seigin do’n fhear-aoraidh a ’s gloinne air talamh maitheanas iarruidh am peacaidhean a nithe naomha. Gun aire a thoirt do chealgoireachd, agus do eud fàlsail ann an aoradh, cia fad a tha sinn a’ teachd an deigh làimh, eadhon ’nuair a tha sinn a’ toirt aoirrip ar dleasdanas a chur an gniomh le caileigin do threimh-dhireas. O cia neo-chùramach, cia fuar sinn ann an aoradh Dhe! Cia lionmhor smuaintidh luaineach, diomhain agus saoghalta, a tha ’nar cridheachan, ’nuair a tha ar cuirp an tigh Dhe! Mu bheir sinn fainear glòir agus mòrachd Dhe, a tha cur aimeadachd, eadhon, a leith a naomh; an urrain sinn a radh gu’n d’ rinn sinn riamh ùrnaigh leis an urram spioraid bu chòir! Mu bheir sinn fainear irioslachd do labhairt De ann an gabhail suim d’a chreutairean, agus saibhreas do rannsachaidh a ghràis do pheacairean, an urrain sinn a radh, gu’n do mhothuich ar cridheachan riamh a ghràdh mar bu chòir.
Cia h-ainmic a dh’eisd sinn leis an aire, leis an urram, agus leis a ghràdh sin bu chòir re soisgeul na sìth! Cia h-ainmic a chuir sinn ann an gniomh ar dleasdanais d’ar bràithre,
III. Chum foghnàdh a dheanamh. Agus air
I. Cia mòr mealtaireachd a pheacaidh?
Cia iongantach doille inntin pheacairean? Cia so-dheanamh an ni aire a thoirt do na
II. Mar urrain an dream a ’s naomha seasamh am fianuis De, mar urrain feoil sam bith a bhi air fhireanachadh ’na làthair, cia eagalach staid na ’n daoine sinn, a tha ciontach do pheacaidhean mòra, air an antromachadh air iomadh doigh, agus air an cur gu minic an gniomh! Tha ’n dream so air uairibh a’ treigsin seirbhis De, an t-eagal gun duisg an coguisean ’nan aghaidh; ach ma tha a h-aon diu a làthair guidheam car tamuil an aire. An robh a h-aon agaibh ciontach do striopachas, adhaltranas, murta, mionnan, misg’ breugan, gaduidheachd; smuaintichibh le crith air na chuala sibh! Eisdibh air sgàth ar n’ anama, eisdibh air sgà siorruigheachd, eisdibh air sgà Criosd. O gu ’n d’ thugadh spiorad De an fhirinn dhachaidh chum bhur cridheachan, agus gu’n deanadh se i, beo agus cumhachdach, agus ni’s gèire no claidheamh da fhaoibhair. ’S furasda dhuibh anis na peacaidhean sinn a cheiltin air an deanadh daoine peanas, agus eadhon uaill a dheanamh as na peacaidhean sin, a ’s eigin do dhaoine a ghiùlan; ach eisdibh agus cuimhnichibh an da earran a leanas do fhocal De. Ata na n-uile nithe lomnochd agus
III. Ma se rùn Criosduigh sam bith a choguis a ghleidheadh maoth agus firinneach; ma se a rùn mothuchadh domhain a bhi aige d’ a chionta; ma se a rùn an dorus a dhruideadh an aghaidh uabhair, no fhogradh ma tha e air teachd asteach; ma se a rùn imeachd gu h-iriosal agus faicilleach, ’s còir ar beatha a chaitheamh mar ann am fianuis De, ’s còir sinn fein a shuidheachadh gu minic mar ann an làthair a chaithir-bhreitheanais. Is furasda an ni sinn fein fhireanachadh am fianuis dhaoine, nach urrain ach beag iarraidh, agus o ’m feud sinn mòran a cheiltin. Ach ’s cuidthromaiche agus ’s dorra gu mòr amharc suas chum an Dia sinn, a tha na shuidhe air righ-chaithir a naomhachd. Tha esan a rannsachadh nan airnean, agus a chridhe; tha ’n t-olc gràineil ’na bheachd. Mar so ’nuair a dh’ agair a chàirdean Job dhion se e fein gu dùineil, chum e ionracas gu daingean, agus cha do leig e uaithe e; ach co luath sa labhair Dia am meud a chumhachd
title | Searmoin VII |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |