[120] SEARMOIN VII.
EABHR. IV. 16.
Thigeamaid uime sin le danachd gu righ-chaithir nan gras, chum gu faigh sinn trocair, agus gu’n amais sinn air gras chum cobhair ann an am feuma.
’S iomadh cuireadh càirdeil, agus earrail dhian, a tha Dia ’na fhreasdal, agus gu h-àraidh ’na fhocal a’ toirt dhuinn teachd gun dàil ’na ionnsuidh fein. Cuireadh is cairdeile, agus comhairle is fhearr, cha d’ fhuair sinn riamh, agus cha ’n fhuigh gu brath air talamh no am briathraibh steidh mo theagaisg. Am bheil cuireadh chum biadh a ghabhail, a’ toirt sòlas do ’n duine ocrach; am bheil chum deoch fhaotain do’n neach a tha paiteach; am bheil chum fois a mhealtuin, do ’n
[121] dream a tha sgìth;
am bheil chum slàinte a shealbhachadh dhoibh-
sin a tha tinn; ’
s mugha gu mòr an sòlas is còir dha a thoirt dhuinne,
gu bheil sinn a’
faotain cuirreadh teachd an ionnsuidh Dhe,
chum ’
s gu ’
m fuigh sinn tròcair agus gràs uaithe.
Tròcair fhaotain, ’
se so ar saorsa o dhiteadh,
ar dionadh o sgrios;
gràs fhaotain, ’
se so ar naomhachadh air talamh,
agus ar n’
ulluchadh fa chomhair neamh.
Teachd chum Dhe, ’
se so ar dleasdanas ar sochair ar sonas;
teachd chum tròcair agus gràs fhaotain, ’
si so ar n’
obair àraidh air talamh.
Air gach àm, ’
s còir dhuinn an cuirreadh so a ghabhail,
an obair so a dheanamh,
an dleasdanas so a chuir an gniomh,
tròcair agus gras De iarruidh le dùrachd. ’
S còir dhuinn so a dheanamh gu h-
àraidh air an àm,
ma se ar rùn comh-
dhàil shòlasach a chumail re Criosd aig a bhord.
Buidheachas gu’
n robh do Dhia,
gu bheil an cuirreadh so againn,
glacamaid i gu toileach taingeil.
Gar stiùradh san obair so,
le coghnadh Dhe,
fiosraicheamaid air
I. Ciod is còir dhuinn a dheanamh.
[122] Gach dleasdanas, a tha Dia ’g aithne da phobull, tha e gu soilleir a’ cur an ceill. Tha ’r dleasdanas àraidh air an àm, air fhoillseachadh gu riachdail ’nar steidh teagasg. Agus air
1. Tha e air àithne dhuinn teachd.
Tha so a’ cur an cuimhne dhuinn, gu bheil sinn do thaobh naduir, agus trìd a pheacaidh air seacharan o Dhia, agus o fhior-shonas. Chum sonas fhaotain, ’s eigin dhuinn pilltin o ’n pheacadh, agus teachd air ar n’ais a dh’ionnsuidh Dhe. ’Nuair a tha ar cuirp an aon àite, tha iad air an sgaradh o àite eile; agus chum an toirt a dh’ionnsuidh an àite, o ’m bheil iad air an sgaradh, tha e feumeil dhuinn gluasachd, no imeachd air mhogh àraidh. Ceart mar so, ’nuair a tha cumhachda agus aigneidh ar n’ anama suidhichte air cuspairean peacach talmhaidh, gan sgaradh o ’n pheacadh ga ’n toirt chum Dhe, ’s eigin d’ar n’ anama gluasachd o ’n aon, chum an aon eile. Tha eolas spioradail a’ toirt Dhia, agus a ghràis ’nar beachd, tha creidimh slàinteil a’ gabhail greim do’n t-sealladh
[123] so,
tha fior-
ghràdh gar toirt a dh’
ionnsuidh Chriosd,
agus a’
dlu-
cheangal ar n’
anama ris.
Tha Dia a’
toirt dhuinn a ghràis agus a spioraid,
chum na gràsa so oibreachadh annain,
agus ar toirt d’
a ionnsuidh fein.
Le coghnadh Dhe,
duisgibh ar n’
anama,
le eolas creidimh agus gràdh,
dluthuichibh ris,
agus thigibh d’
a ionnsuidh.
Tha e air àithne dhuinn ’
san
2. Teachd gu righ-chaithir nan gràs.
Mar is còir dhuinn, feitheamh air Dia, agus teachd d’a ionnsuidh, ’s còir gu h-àraidh far am bheil e ga nochdadh fein gu cairdeil dhuinn. Tha Dia le làthaireachd a’ lionadh gach àite, cha n’ urrain eadhon neamh nan neamh a chumail. Tha e ga h-àraidh an neamh na shuidhe air a righ-chaithir, mar athair, mar uachdaran, agus mar bhreitheamh an domhain gu leir. ’Nuair a pheacaich sinn an aghaidh Dhe, agus a bha sinn gun fhear-saoraidh a dhioladh ar cionta, nan d’ thigeamaid gu righ-chaithir ceartais De, cha b’ urrain dùil a bhi againn re ni sam bith, ach diteadh agus peanas. Ach buidheachas da ainm sheas ar slànuighear suas air ar son,
[124] phàigh e ar n’
ainmheach,
dhiol e ar cionta,
choisin e slàinte iomlan da phobull.
An lorg dha-
san a shlàinte a chriochnachadh,
shuidh an t-
athair air cathair nan gràs chum buntain gu cairdeil re dheisciobuil.
Tha àite-
tàmh air ainmeach cathair,
chum a mhoralachd a chur an ceill;
tha righ-
cathair,
chum a nochdadh gu bheil e a’
toirt a thiodhlacaibh gu fial agus pailt,
agus righ-
chathair nan gràs,
do bhrìgh gu bheil e gan toirt gu saor.
O na tha mòr-
fheum againne air tiodhlacaibh Dhe,
o nach urrain sinn an toilltin,
no an cosnadh, ’
sann gu righ-
cathair nan gràs is còir dhuinn teachd,
ma se bhur run soirbheas fhaotain.
Thigibh ma seadh a dh’
ionnsuidh Dhe,
thigibh gu righ-
chathair nan gràs,
cuiribh ar n’
uireasuibh an ceill,
agus bithibh taingeil gu bheil an comas agaibh.
Fiosraicheamid anis ’
san
II. Cionnas is còir dhuinn teachd.
Tha e air àithne dhuinn ’nar steidh-teagaisg, teachd le dànachd gu righ-chathair nan gràs. Tha da sheorsa do dhànachd ann, dànachd dhiadhaidh, agus dànachd pheacach.
[125] Tha dànachd pheacairean air a dheanamh ’suas do uabhar, do fhein-speis, do fhein-earbsa, cruas-cridhe, do ain-eolas air Dia, agus do aimeadachd. Tha ’n dànachd so gràineil am beachd Dhe, cha d’ thoir e sinn gu bràth d’a ionnsuidh, cha n’ fhuigh sinn leatha tiodhlacaibh spioradail uaithe. Tha dànachd dhiadhaidh a-ris air a dheanamh suas do eolas air tròcair agus maitheas Dhe, do chreidimh ann an iobairt iomlan Chriosd do dhearbh-bheachd da chairdeas, agus do làn-earbsa ann an Dia, gu’ n d’ thoir e tròcair agus gràs dhuinn. Tha an dànachd so a’ fogradh as ar n’ inntin eagal tràillidh, dì-misnich agus agairt coguis; tha e ga lionadh le urram agus eagal cloinne Dhe, tha e gar stiùradh chum eughach ris, Abba Athair. Tha ’n dànachd so ghnàth aig an dream sin, a tha deirbhte gu bheil Dia tròcaireach, grasmhor; no a bhlais gu bheil Criosd cairdeil math. B’ ann leis an dànachd so a chleachd Jacob o shean ris an aingeal, agus a fhuair e beannachadh uaithe. B’ ann leis an dànachd so, a bha a Bhaintreach ’san t-soisgeul dian sheasmhach, agus foighidneach na h-athchuinge re Criosd, agus
[126] leis an d’
fhuair i fa dheoigh soirbheas.
B’
ann leis an dànachd so,
a ghlaodh Pol na theinn tri uairean re Dia,
agus a fhuair e gràs agus neart uaithe.
Si ’
n dànachd dhiadhaidh so a bheir misneach d’
ar n’
inntin,
dùrachd d’
ar cridheachan,
an iarraidh Dhe,
agus a thogas suas ar n’
anama,
le tograidh dian,
agus le lan-
earbsa chum caithir nan gràs.
Ma se ar rùn onoir a thoirt do Dhia,
agus soirbheas fhaotain ann an obair ar n’
anama, ’
s còir dhuinn an dànachd so altrum le cùram.
Ach fiosraicheamid anis ’
san
III. C’ arson is còir dhuinn teachd gu caithir nan gràs.
Is math an ni dlùthachadh re Dia, ’s math teachd gu caithir nan gràs; ach ma se ar rùn soirbheas fhaotain, ’s còir fios a bhi againn air ar gnothuch araidh. Tha ar gnothuch chum caithir nan gràs air a chur an ceill ’nar steidh-teagaisg, ’s còir dhuinn teachd chum ’s gu ’m faigh sinn tròcair agus gun ruig sinn air gràs, agus gu’n dean sinn so chum cobhair ann an àm ar feime.
[127] Guidheam bhur ’n aire do na nithe so fa leith. Agus air
1. ’S còir dhuinn teachd chum ’s gu’m faigh sinn tròcair.
Do chreatair ciontach aingidh, air a dhìteadh gu cothromach, air a chlaoidh le eagal, air agairt gu geur le choguis, agus buailteach do sgrios, ’s mòr feum agus luach tròcair. ’S ann le tròcair Dhe, a tha sinn air ar deanamh rèidh ris trìd an t-slanuighear, a tha ar peacaidhean air an duthadh as, a tha e gabhail ruinn mar a chairdean, agus a builleachadh nithe feumail oirn. Tha feum againn ar tròcair Dhe, ni ’mhàin gar fireanachadh air tùs, ach mar an ceudna chum na peacaidhean sin a dhuthadh as o àm gu h-àm, da’m bheil sinn gach là ciontach, agus chum mothuchadh air maitheanas a thoirt dhuinn. Gun tròcair Dhe, tha ar staid cunnartach, brònach, bochd anis, agus bithidh i truagh gu siorruidh. ’S ann ann àm ar feime ’mhàin a mhothuicheas sinn luach na tròcair so. ’Nuair a chunnaic Belshasar an lamh-scriobhaidh air a bhalla, mar
[128] chomhara gu’
n robh sgrios a dlùthachadh ris; ’
nuair a bhuaill a choguis gu goirt Judas,
agus a chunnaic e a chunnart,
bheireadh iad le cheile mile saoghal airson tròcair Dhe. ’
Nuair a bha Balac righ Mhoab,
air a chlaoidh le eagal,
o mhothuchadh air a chionta,
thairg e gu toileach airson tròcair Dhe,
mile do mhilte reidhe,
no deich mile do aimhnichean olaidh no eadhon a cheud-
ghin mhic.
Cosmhuil riusan tha sinne ciontach,
tha mòr fheum againne air tròcair;
as eugmhais so tha sinn caillte.
Buidheachas do Dhia,
gu bheil e na shuidhe air caithir nan gràs,
gu bheil slighe nuadh agus bheo,
air a coisreagadh na ionnsuidh,
agus gu bheil comas againne teachd,
chum ’
s gu ’
m fuigh sinn tròcair.
Thigeamaid ma seadh le aigneidh a phobuill,
le creidimh,
le aithreachas,
agus le earbsa,
chum ’
s gu ’
m fuigh sinn an ni sin a tha co fheumail dhuinn,
eadhon tròcair Dhe a dhuthadh amach ar peacaidhean,
agus a thoirt teisteas dhuinn air a chairdeas.
Ach ’
s còir dhuinn teachd san
2. Chum ’s gu ’n ruig sinn air a ghràs.
[129] ’Se gràs, càirdeas De trìd an t-slànuighear, agus ’se so a tha soillseachadh ar n’ inntin a’ naomhachadh ar cridheachan, a’ neartachadh ar n’ anama, g’ar deanamh tarbhach ann an deadh oibre, agus g’ar n’ ulluchadh fa chomhair neamh. Tha ’m faigh Isaiah a’ teagasg gu bheil ar n’ aingidheachd gar sgaradh o Dhia, agus o ghràs, agus gu bheil ar peacaidhean a’ folach a ghnuis uainn. Trìd Chriosd mar ar slighe le coghnadh agus stiuradh an spioraid, ’s eigin dhuinn teachd air ar nais o shligh e a pheacaidh a chuid a chuid an ionnsuidh Dhe, gus an ruig sinn air a ghràs. Tha Dia le thròcair gar dusgadh o chodal a pheacaidh, agus gar deanamh rèidh ris fein; tha e nochdadh, agus a tairgse a ghràis, chum togradh ar n’ anama a tharruing amach na dheigh, agus gu misneach a thoirt dhuinn feitheamh air Dia na òrduighean chum greim fhaotain dheth. Tha gràs De feumail, ni ’mhàin g’ ar soillseachadh, g’ ar n’ iompuchadh, g’ ar naomhachadh, agus g’ ar neartachadh air tùs; ach mar an ceudna an deigh laimh chum solus, sòlas agus neart a thoirt dhuinn, anns gach dleasdanas, trioblaid agus buaireadh. Mar so ged a fhuair
[130] Peadar air tùs gràs,
gidheadh ’
nuair a dh’
iarr Satan a chriaradh mar chruithneachd,
rinn Criosd ùrnuigh air a shon,
agus thug e gràs a’
s ùr dha.
Agus ged a fhuair Pol gràs gu pailt,
gidheadh ’
nuair a bhuair teachdaire Shàtain e,
bha feum aige air tuille do ghràs Dhe fhaotain,
ghuidh e so le dùrachd,
agus fhuair e araon gràs agus neart.
Air gach àm tha mòr-
fheum againne air gràs De,
g’
ar stiuradh,
g’
ar neartachadh agus g’
ar dionadh. ’
S còir dhuinn ma seadh,
gu h-
ullamh earbsach agus taingeil,
dol gu caithir nan gràs,
trìd an t-
slànuighear,
chum ’
s gu ’
n ruig sinn air a ghràs so,
a tha co luachmhor,
agus co fheumail dhuinn.
Ach ’
s còir dhuinn ni ’
mhàin dol chum caithir nan gràs tròcair agus gràs iarraidh,
ach ’
s còir dol gu h-
àraidh ’
san
3. Chum cobhair ann an àm ar feime.
’Nuair a tha sinn a’ toirt oilbheum do Dhia, no gar truailleadh fein le peacadh àraidh; ’nuair a tha ar dleasdanais tuille ’s duilich, ar naimhde tuille ’s laidir, agus ar
[131] trioblaide tuille ’
s tròm air ar son, ’
se so àm ar feime, ’
s còir dhuinn le dùrachd cobhair iarruidh. ’
Nuair a tha sinn a’
tuiteam am peacadh sam bith,
se maitheanas a chobhair a tha feumail dhuinn,
agus chum na criche so ’
s còir dhuinn tròcair iarraidh. ’
Nuair a tha sinn truaillidh làg no brònach, ’
se gràs De a chobhair a tha coi-
fhreagradh re ’
r staid,
agus is còir dhuinn so a ghuidhe gu dian.
Chum cobhair gu ceart a dheanamh oirn an àm ar feime,
tha cuibhrionn àraidh do ghràs De feumail, ’
nuair a tha dleasdanais chruaidh againn re chur an gniomh,
a tha gar n’
ulluchadh chum feitheamh air Criosd,
aig a bhòrd,
tha ann an àm buaireadh,
ann an là trioblaid agus aig uair a bhàis.
Air na h-
amanaibh so, ’
s còir dhuinn an gràs sin iarruidh,
a tha feumail dhuinn,
agus a’
coi’ -
fhreagradh re ’
r staid.
Air an àm so, ’
s còir dhuinn gràs iarruidh,
chum ar nadur a ghlanadh,
ar n’
aithreachas a dheanamh na ’
s doimhne ar creidimh a neartachadh ar gràdh a lassadh suas ar n’
ulluchadh chum co-
dhàil a chumail re Criosd agus ar deanamh an deigh làimh umhal,
tairis dha. ’
S iad so ar dleasdanais àraidh,
[132] teachd le dànachd chum caithir nan gràs,
chum ’
s gum fuigh sinn tròcair agus gràs,
agus gum fuigh sinn so chum cobhair ann an àm ar feime.
G’
ar bròsnachadh chum na nithe so a dheanamh,
fiosraicheamid ’
sa
IV. Ciod a mhisneach a tha Dia a’ toirt dhuinn teachd mar so d’a ionnsuidh.
Cha ’n ’eil Dia a’ gairm neach sam bith chum cogaidh air a chostas fein. O na tha phobull ain-eolach annta fein, tha e ga ’n teagasg, agus o na tha iad anmhunn, tha e ga ’n neartachadh; tha e cuideachd a’ cur an ceill nan nithe sin a tha coi-fhreagairt chum misneach a thoirt dhoibh, chum an stiuradh agus am bròsnachadh na shlighe. ’S na rannaibh roimh ar steidh teagaisg, tha ’n t-Abstol againmeach nithe ’s còir misneach a thoirt dhuinn ann an teachd a dh’ ionnsuidh Dhe. Agus air
1. Tha àrd-shagairt mòr againn.
’Nuair a tha ’n t-Abstol ag innseadh, gu bheil Dia na shuidhe air righ-chaithir nan
[133] gràs,
is còir da so fa leith misneach a thoirt dhuinn teachd d’
a ionnsuidh.
Ach chum an tuille misnich a thoirt dhuinn,
tha e mar an ceudna air innseadh,
gu bheil àrd-
shagart mòr againn,
eadhon Iosa mac Dhe.
O na tha sinn truaillidh,
cha n’
urrain sinn teachd dhinn fein chum Dhe;
agus o na tha sinn ciontach,
cha n’
urrain sinn teachd gun charaid,
a dh’
ofraileas iobairt a dh’
iolas ar cionta,
agus a ni sinn rèidh re Dia.
Chum cionta a phobuill a dhioladh,
agus an rèite a dheanamh suas re Dia,
bha na h-
àird-
shagairt o shean ag ofrail na ’
n iobairtean a bha esan ag àithne.
Chum ar ciontaidh-
ne a thoirt air salbh,
agus ar deanamh ’
nar cairdean do Dhia,
tha àrd-
shagart mar tha Iosa,
slànuighear an t-
saoghail,
tha mac an De bheo.
Dh’
ofrail Criosd e fein mar iobairt,
bha an iobairt iomlan,
bha làn-
thaitneach do Dhia,
dhiol i ar cionta,
choisin e leatha tròcair agus gràs.
Anis o na tha Dia na shuidhe air caithir nan gràs,
agus o na tha àrd-
shagart mòr againn,
a tha toirt fainear ar leas,
agus a’
guidhe air ar son,
feudaidh pobull Chriosd,
a bhi deirbhte,
gu’
m fuigh iad tròcair agus
[134] gràs,
agus gach tiodhlacadh eile a tha feumail dhoibh.
Anns an
2. Chaidh ar n’ àrd-shagart a steach do na neamhaidh.
Tha ’n t-Abstol Pol a’ teagasg dhuinn, gu ’n d’ fhuiling Criosd; ni ’mhain airson ar n’ eas-aontais ach gu ’n d’ eirich e suas a-ris airson ar fireanachaidh. Ann an lorg obair a chriochnachadh, dh’ eirich e o na mairbh, chaidh e do neamh, shuidh e aig deis làimh an athar, fhuair e seilbh air glòir. Chaidh e do na neamhaidh chum àite-comhnuidh ulluchadh do phobull, chum na tiodhlacaibh a choisin e a bhuilleachadh orra, agus chum an spiorad a chuir anuas. Tha dol Chriosd do na neamhaidh gu riachdail a’ dearbhadh gu’n robh an t-athair làn-thoillichte leis, gu ’n do choisin e slàinte iomlan d’a phobull; agus tha bhi an neamh a’ dearbha, gu bheil e ghnàth a’ toirt fainear ar leas, agus ullamh gu slàinte a thoirt dhuinn. Tha ’n t-Abstol Pol a’ co-dhunadh, gu bheil Criosd comasach ar tearnadh chum na cuid is fhaide, do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eidir ghuidhe a
[135] dheanamh air ar son.
Ciod tuille is urrain sinn iarruidh,
gu misneach a thoirt dhuinn dol chum caithir nan gràs?
Tha againn Athair cairdeil caomh,
air a dheanamh rèidh ruinn ann an Criosd;
tha againn slànuighear a dhiol ar cionta,
a choisin dhuinn slainte,
a chaidh do na neamhaidh,
a tha toirt fainear ar leas,
agus a ghnàth a’
deanamh eidir-
ghuidh e air ar son.
Tha againn ann an so gach ni is urrain sinn iarraidh,
chum a dhearbhadh gu’
m fuigh pobull Chriosd,
tròcair,
gràs agus gach tiodhlacadh eile a tha feumail dhoibh.
Ach a-
ris ’
san
3. Tha co’ -fhulangas aig Criosd re ’r n’ anmhuinneachd.
’Se ’n caraid sin, da ’n aithne ar staid, as mugha ghnà a ghabhas truas ruinn, agus is ullamh a bheir coghnadh dhuinn. Mar dhearbhadh ma seadh gu bheil Criosd do ghnàth ullamh gu cobhair a dheanamh oirn, tha sinn a leughadh, gu’n do ghabh se air ar nadur, gu ’n robh e ’nar staid, gu’n d’ fhuiling e buaireadh, agus gu’n robh e anns na h-uile nithe cosmhuil re bhraithre. ’S aithne dha san gu
[136] math ar nadur,
ar staid,
ar n’
anmhuinneachd,
ar n’
uireasuibh;
gach namhaid a tha toirt ionnsuidh oirn,
gach buaireadh da ’
m bheil sinn buailteach,
gach dleasdanas a th’
againn re chur an gniomh,
agus gach trioblaid a tha teachd ’
nar caradh.
Agus mar is aithne dha ar staid,
tha aige,
mar ar caraid,
co’ -
fhulangas ruinn do ghnàth,
agus tha so ga’
bhròsnachadh,
chum cobhair a dheanamh oirn,
chum tiodhlacaidh feumail a thoirt dhuinn.
Tha eolas air ar staid,
tha cho’ -
fhulangas ruinn a’
deanamh a chridhe farsuing,
blàth,
a chùram mòr,
agus a làmh do ghnàth sinnte ga ’
r stiuradh,
ga ’
r dionadh,
agus ga ’
r beannachadh! ’
Solasach gu’
n amharus staid deisciobuil Chriosd,
tha ’
n t-
athair na shuidhe air caithir nan gràs,
ullamh chum gabhail riu;
tha Iosa,
an àrd-
shagart,
a dhiol an cionta,
air dol a steach do na neamhaidh oir an son,
chum an leas a thoirt fainear,
agus tha co’ -
fhulangas aige re ’
n anmhuinneachd.
Ma thig iad,
ma seadh an diugh le dànachd dhiadhaidh gu righ-
caithir na ’
n gràs,
gheibh iad gu cinnteach tròcair agus gràs,
neart agus sòlas,
agus gach ni eile a tha feumail dhoibh.
[137] Air dhuinn mar so briathra ar steidh-teagaisg a mhìneachadh, agus a nochdadh ciod a mhisneach a tha Criosd a’ toirt dhuinn teachd a dh’ ionnsuidh Dhe. Guidheam air peacairean aire a thoirt do na nithe so. Tha anama reusanta, neo-bhàsmhor agaibhse, tha iad air an lotadh gu tròm leis a pheacadh, tha mòr-fheum aca air tròcair agus gràs. Ach mo thruaighe, ged a tha sibh ciontach truaillidh, tha sibh a’ leigeil air dearmad o àm gu h-àm, teachd chum caithir nan gràs, a dh’ iarraidh tròcair agus gràs o Dhia. An e ar rùn bàsachadh ’nar peacaidhean, agus truaighe shiorruidh fhulang? Mur e ar rùn gun tachair so, na cailleadh là nan gràs, na cuiribh dàil ann an obair bhur n’ anama. Le bhi tuille is anmoch, chaidh an dorus a dhùnadh an aghaidh na ’m maighdeanna aimeadach; le dàil a chur chaill Felix sonas siorruidh. Air ghaol Dia, agus bhur n’ anama fein, ruigibh caithir nan gràs air ball, agus ’nuair a gheibh sibh tròcair agus gràs, gabhaidh Criosd ruibh aig a bhòrd, agus nochdaidh e a chairdeas dhuibh.
Do fhior-dheisciobuill Chriosd, òg agus
[138] sean,
làg agus laidir ann an creidimh, ’
s còir do bhriathra ar steidh-
teagaisg mòr-
mhisneach,
agus sòlas cridhe a thoirt.
An e bhur rùn sa an diu dlùthachadh re Dia,
feitheamh air Criosd,
tròcair agus gràs,
neart agus sòlas iarruidh le dùrachd?
Feuch tha bhur n’
athair neamhaidh na shuidhe air caithir nan gràs,
ullamh gu thiodhlacaibh a thoirt dhuibh.
Feuch,
ata Iosa bhur n’
àrd-
shagart mòr,
a dhiol bhur cionta,
anis anns na neamhaidh,
a’
toirt fainear bhur leas,
a’
deanamh eidir-
ghuidhe air bhur son,
agus a’
co’ -
fhulang maille ruibh anns gach trioblaid agus teinn.
Ge be ciod bhur staid, ’
s urrain esan a deanamh sòlasach;
ge be ciod bhur n’
uireasuibh, ’
s urrain esan an deanamh suas;
ge be ciod a tha a dhith oirbh,
tha esan toileach am builleachadh oirbh.
Thigibh ma seadh,
le dànachd dhachaidh,
thigibh chum righ-
chaithir nan gràs,
agus bòrd Chriosd,
le urram agus eagal cloinne Dhe,
le taingealachd agus làn-
earbsa,
agus gheibh sibh tròcair agus gràs,
neart agus sòlas.
Thigibh le aigneidh cloinne Dhe,
cuairtichibh altair Chriosd,
le creidimh,
le bròn agus le gràdh.
Feuch ata na h-
uile
[139] nithe ullamh,
thigibh le cridheachan fosgailte,
le làn-
earbsa,
agus nochdaidh Dia dhuibh a chairdeas,
buillichidh se a thiodhlacaibh gu pailt oirbh.
Gun deonaiche Dia so do gach h-
aon againn,
agus dha-
san gun robh a ghlòir.