[140] SEARMOIN VIII.
ROMH. XIV. 8.
Oir ma ’s beo dhuinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn beo: agus ma ’s bas duinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn a’ basachadh: uime sin ma ’s beatha no bas dhuinn, is leis an Tighearn sinn.
Anns an rann an lorg ar steidh teagaisg, tha an t-Abstol a’ cur an ceill, co e an Tighearna, mù bheil e a’ labhairt anns na briathraibh so. Chum na criche so, ars’ esan, fhuair Criosd bàs, agus dh’ eirich è, agus dh’ ath-bheothaicheadh è, chum gum bitheadh è ’na Thighearna air na beothaibh, agus air na marbhaibh. ’S esan an righ a shuidhich Dia air a shliabh naomha Sion, agus a dh’ orduich è chum a bhi na cheann as gach uile
[141] nithe d’
a Eaglais.
Oir mar a tha an t-
Abstol so fein a’
scriobhadh chum na ’
m Philippianach,
mu ìsleachadh agus mu umhlachd gu bàs,
eadhon bàs na croiche,
air an aobhar sin,
ars’
esan,
dh’
àrdaich Dia e gu ro-
àrd,
agus thug se dha ainm oscionn gach uile ainm,
chum do ainm Iosa,
gu’
n lùbadh gach uile ghlùn do nithibh ata air talamh,
agus do nithibh,
ata fui ’
n talamh;
agus gu’
n aidicheadh gach teanga gur e Iosa Criosd an Tighearna,
chum glòir Dhe an Athar.
Tha sinn uile a’
cur an ceill gu bheil sinn a’
creidsin na firinn so,
tha eadhon ar n’
ainm a’
ciallachadh gu bheil sinn ag aidmheil Chriosd mar ar maighistir.
Ach ’
se ’
n ni sin a mhàin,
mu bheil an t-
Abstol a’
labhairt ’
nar steidh-
teagaisg a dhearbhas so gu soilleir,
cinnteach;
ann an sinn tha neach da ’
m b’
aithne gu math,
ciod is brigh do Criosduigheachd,
mar so a’
labhairt ann an ainm gach uile fhior-
chreidmhich;
Oir ma ’
s beo dhuinn,
is ann do’
n Tighearn a tha sinn beo:
agus ma’
s bàs duinn,
is ann do’
n Tighearn a tha sinn a’
bàsachadh:
uime sin ma ’
s beatha no bàs dhuinn,
is leis an Tighearn sinn.
Ann an labhairt o na briathraibh so, ’
se mo rùn,
[142] le coghnadh Dhe fhiosrachadh air
I. Ciod e a bhi beo do’n Tighearna. ’San
II. So a ghnàthachadh mar thomhas no riaghailt, g’ ar cuideachadh chum breith a’ thoirt air ar staid spioradail fein.
Agus fiosraicheamid air
I. Ciod e bhi beo do’n Tighearna.
Tha na nithe a leanas gu soilleir fillte an so. Air
1. Gu bheil sinn a’ deanamh fèum da thoil. mar riaghailt stiuraidh ar giùlain.
Thaic Dia ruinn talanna àraidh, agus tha e ’g àithne dhuinn am fèum is fhearr is urrain sinn a dheanamh dhiu, chum na criche sin gus an deachadh am builleachadh oirn. Is sinn a sheirbhisich, agus tha obair againn r’a dheanamh, do’n èigin dhuinn cunntas a thoirt dha-san fa dheoigh. Cha ’n ’eil e air fhagail g’ ar toil fein, ciod an t-serbhis a chuireas sinn an gniomh, ach ’s eigin dhuinn
[143] air sin chum seoladh fhaotain,
ag radh maille re Pol, ’
nuair a thuit e gu làr,
a Thighearna,
ciod is aill leat mi a dheanamh.
Agus cha leòir e,
gu bheil sinn a’
deanamh nan nithe sin a tha Dia ’
g àithne,
m’
ar ’
eil sinn ga ’
n deanamh do bhrì gu bheil e ga ’
n àithne.
Tha aitheanta Dhe a’
coi-
fhreagradh a chum leas dhaoine fa leith,
co mhath ’
s gach commun a chur air aghaidh,
as gu bheil an dream sin a tha eas-
umhal am mòran,
air an sgàth fein a’
toirt umhlachd an cuid do nithibh.
Ach cha ne so bhi beo do’
n Tighearna, ’
s iadsan amhàin a tha beo dha a tha beachdachadh air ùghdaras,
a tha deanamh gach ni a tha e ’
g àithne,
mar ghniomh umhlachd toileach,
cridheil,
mar earran do’
n t-
seirbhis a tha dligheach dha. ’
San
2. ’Se bhi beo do’n Tighearna aodhirip a thoirt do ghnà esan a thoilleachadh anns gach ni.
Cha ruig mi leas innseadh dhuibh, gu bheil sinn gu luath a’ toirt speis do iomadh ni a tha ciùrail d’ar n’ anamaibh, agus
[144] a tha air an dìteadh le làgh Dhe.
Tha so a’
deanamh iomadh earran d’
ar dleasdanas,
co mhi-
thaitneach do’
n fheoil,
is gu bheil e air a choimeas le ’
r slànuighear,
ri làmh dheas a spionadh asainn.
Cha gheilleadh neach sam bith da so,
agus gu h-
àraidh cha deanadh e fein e,
mar bitheadh è gu h-
àraidh feumail chum a chuid eile d’
a chorp a thearnadh.
Tha nithe triobloideach,
neo-
thaitneach eile ann an lorg cuid eile d’
ar dleasdanais a chur an gniomh.
Mar so feudaidh iad di-
meas,
fuath agus geur-
leanmhuinn an t-
saoghail aingidh so a tharruing oirn.
Anis mu dh’
eisdeas sinn re ’
r nadur truaillidh fein,
na re comhairle an t-
saoghail aingidh bithidh sinn air ar stiùradh,
chum ar dleasnais a leigeil air dearmad,
no eadhon chum na nithe sin,
a tha calg dhireach nan aghaidh a dheanamh.
Cha n’
urrain ni sam bith,
ach gnàth-
rùn an Tighearna a thoilleachadh,
na dleasdanais sin a dheanamh taitneach,
leis am bheil sinn gar n’
aicheadh fein.
Ach ma tha an rùn so air a shuidheachadh gu domhain so chridhe ni e na ceumanaibh as gairbhe d’
ar dleasdanas reidh.
Le dùrachd agus eadhon gu toileach,
toisichidh sinn re ’
r
[145] n’
obair;
cha diùlt sinn seirbhis sam bith cia ciùrail,
cia cruaidh i,
mu tha è deirbhte,
gu’
m fuigh sinn le so gean-
math ar maighistir.
Mar so bha na ceud Chriosduighean beo do’
n Tighearna.
Bha e na ni ro bheag na ’
m beachd so gu’
n d’
thugadh daoine breith orra,
be so an dichioll,
co dhiu a bha iad a làthair no air choigrich,
gu’
n gabhadh am maighistir riu.
Mar so labhair,
mar so ghiùlain ’
s iad iad fein,
ni h-
ann mar dhream a bha toilleachadh dhaoine,
ach Dia a tha rannsachadh cridheachan a chreatuirean,
agus a bheir do gach neach fa dheoigh do reir an gniomhara. ’
San
3. ’Se bhi beo do’n Tighearna, a ghlòir a bhi againn ’nar beachd anns gach ni ata sinn a’ deanamh.
Labhair Pol mar fhior-Chriosduigh, agus le ùghdaras, a bhuineadh do Abstol ’nuair a sgriobh e mar so chum luchd-aiteachaidh Philippi. Phil. I. 12—21. Mu tha sinn beo do ’n Tighearna, cha n’ iarr sinn nithe mora air ar son fein. Se so a bhitheas againn gu h-àraidh mar chùram gu’m bi an Tighearna air
[146] àrdachadh ann’
s na h-
uile nithe leinn,
le’
r giùlan ann ar beatha na le’
r bas.
Ge be ciod an staid shaoghalta a tha a ghliocas a taghadh dhuinn,
bithidh sinn toillichte leis an staid,
sin,
agus bheir sinn aoirrip onoir a thoirt dhasan,
le dleasdanais na staid sin a chur an gniomh le cùram.
Ged ’
a tha an oifig as dìblidh na theaghlach againn,
ni sinn gu tòileach obair na h-
oifig so,
gun fharmad a ghabhaìl riu-
san a tha air an suidheachadh an staid is airde;
an àite farmad a ghabhail,
ni sinn gàirdeachas, ’
nuair a bheir sinn fainear an dùrachd agns an soirbheas.
Ma tha an Tighearna a’
faotain deadh sheirbhis ma mòran d’
a obair deanta,
tha so g ’
ar toilleachadh,
ge be ciod na lamha,
leis am bheil an obair air a deanamh.
An ni a bhuineas d’
ar staid fein,
ni sinn gu toileach,
agus guidhidh sinn air Dia tomhas mòr da ghràs a thoirt do ’
n dream,
aig am bheil obair is mugha agus is onoraiche r’
a dheanamh.
4. Se bhi beo do’n Tighearna, sinn fein a thoirt thairis gu tur dha, agus a bheannachadh, air gach àm, ann an là trioblaid, co
[147] mhath is soirbheis, ’
nuair a tha e toirt uainn,
co mhath sa builleachadh oirn.
Bu mhath a dh’ fhoghlum an t-Abstol an ni so, mar a tha e fein a’ cur an ceill Phil. IV. 12. Tha sinn a’ deanamh ceannairc an aghaidh an Tighearna, ma tha sinn re monmhor, ged a tha ’r staid triobloideach cruaidh. Ciod a th’ againn, nach d’ fhuair sinn uaithe? Agus nach feud esan gu cothromach an ni as miann leis a dheanamh le chuid fein. An deigh do Dhaibhidh beachdachadh air na neamhadh, obair meura Dhe, air a Ghealaich, agus air na reulta, a dh’ òrduich e, tha e mar so a’ labhairt; creud e an duine, gu bheil thu cuimhneachail air? no mac an duine gu’m fiosraicheadh leat e? Oir dhealbh thu e beagan ni ’s ìsle no na h-Aingil, agus chrùn thu e le glòir agus onoir. Tha e ann an so a’ molladh maitheas Dhe; an toirt do’n duine na cheud chruthachadh, inbhe co àrd’ ameasg oibre moradh agus lionmhor. Tha caileigin do atharrachadh am briathraibh Dhaibhidh san Salm. XLIV. 3. far am bheil e a’ labhairt mu chairdeas De do ’n
[148] duine ’
na staid thruaillidh.
A Thighearna ars’
esan,
ciod e an duine,
gu bheil thu gabhail eolais air?
no mac an duine,
gu bheil thu ga thoirt fainear?
Tha ’
n duine cosmhuil re diomhanas;
tha a laithe mar sgàile a tha dol thairis.
Ach tha mi deirbhte gu’
n aidich sibh,
gu bheil Job a’
labhairt eadhon air mhogh is riachdaile na so ’
nuair a tha e ’
g radh,
Job VII.
17.
18. —
creud e an duine,
gu ’
n àrduicheadh tu e?
no mac an duine gu ’
n suidhicheadh tu do chridhe air?
agus gu ’
n d’
thigeadh tu gach madain ga fhaicin,
agus gach mionaid ga dhearbhadh?
Tha Daibhidh an labhairt mu mhaitheas De,
g’
ainmeach so an duine a chuimhneachadh,
agus eolas a ghabhail air.
Ach ann an labhairt mu chronnachadh agus triobloid,
tha Job ’
g ainmeach eadhon so Dia a dh’
àrdachadh an duine,
agus a chridhe a shuidheachadh air.
Bha e na aobhar iongantais aige,
gu’
n d’
thugadh Dia aire co mhòr do chreatuir peacach;
gu’
n islicheadh se e fein co mòr is chum fàs na leigh dha;
gun rachadh e eadhon ga fhaicin gach madain chum leughas spioradail a thoirt dha,
gu’
n claoidheadh se eadhon a
[149] chorp chum leas anama.
Gabhaidh gach fior-
chreidmheach am beachd do gach ni a tha teachd na charaibh am freasdal De,
ged a tha iad triobloideach goirt.
Air dha bhi deirbhte’
gur aithne do Dhia ni’
s fhearr no dhasan ciod a tha math air a shon pogaidh se an t-
slat,
agus cuiridh se failte air gach trioblaid;
agus ged a tha an cupan searbh neo-
thaitneach da nadur,
ged a tha an sean duine a miannachadh gu’
n d’
theid e seachad air,
gidheadh teagaisgidh gràs De e chum aontachadh,
agus chum a radh re Athair maille re Criosd;
ni h-
i mo thoill-
se ach do thoill-
se gu’
n robh deanta.
Aon uair eile
5. ’Se bhi beo do’n Tighearna, sinn fein a thoirt thairis air mhogh co iomlan dha, is nach ’eil sinn ’nar beachd fein idir beo, ach fhad sa tha sinn a’ toirt seirbhis dha-san, agus a’ nochdadh a chliu.
Se so reir mo bheachd, fior-sheadh briathraibh an Abstoil. Cha b’ fhiu ni sam bith na bheachd, a bhi air ainmeach beatha, nach robh a’ coi’ -fhreagradh chum na criche gus an robh beatha air a builleachadh. Thomhais
[150] e aimsir,
ni h-
ann le laithibh,
le miosaibh,
no le bliadhnaibh,
ach leis an t-
seirbhis a rinn e o àm gu h-
àm da mhaighistir caomh,
agus leis an umhlachd a thug se dha.
Gach earran d’
a ùine nach robh mar so air an caitheadh,
cha robh mar bheatha idir ’
na bheachd,
mheas e so mar ni diomhain,
cosmhuil ris na h-
uairibh a tha sinn a’
caitheadh ann an codal,
ni is e iomhaigh a bhàis.
Is fhearr leis an fhior-
chriosduigh aon là ann an cuirtibh Dhe,
no mile ann an àite sam bith eile;
agus maille re Daibhidh is fhearr leis a bhi na dhorsair an tigh an Tighearna,
no comhnuidh a ghabhail am pailliunibh na h-
aingidheachd.
Mar so nochd mi ciod a bhi beo do’
n Tighearna.
Cha leig ar n’
ùine dhomh labhairt mu’
n dara ni a chuir mi romham.
Deanamaid foghnàdh aith-ghearra o na chaidh a radh.
Nochd mi dhuibh ciod a bhi beo do’n Tighearna, agus tha e ceangailte oirn air iomadh doigh ar beatha mar so a chaitheadh. Tha eadhon còir agus ceartas ag iarraidh so. Mar a tha an t-Abstol a’ teagasg, cha leinn
[151] fein idir sinn,
ach cheannachadh sinn le luach uime sinn, ’
s còir dhuinn glòir a thoirt do Dhia ’
nar cuirp agus ’
nar spioraid is le Dia.
Mar chreatuirean a fhuair am bith o Dhia, ’
s còir dhuinn a ghràdhachadh le ’
r n’
uile chridhe agus seirbhis,
fhad ’
s as urrain sinn a thoirt dha.
Ach le ghràs slàinteil thug e sinn fuidh cheangal nuadh,
fuidh cheangal is neartmhoire agus is cairdeile chum seirbhis a thoirt dha. ’
Nuair a sgrios sinn sinn fein,
agus a bha sinn buailteach do thoradh uamhunn a chorruich,
gu’
n sùil a ghabhadh truas ruinn,
gu’
n làmh a dheanadh cobhair oirn,
ann an sin ghabh esan truas ruinn,
agus dh’
oibrich a ghairdean treun,
slàinte dhuinn.
Thug esan an àithne chairdeil so,
saor iad o dhol sios do’
n t-
slochd oir fhuair mise eiric air an son.
Agus ann an coi’ -
lionadh na h-
aimsir,
ar Tighearna Iosa Criosd,
an t-
Uan sin,
a chaidh a mharbhadh ann an rùn De,
roimh leagadh bunadh an t-
saoghail,
nochd esan e fein ’
nar nadur,
agus le prìs luachmhor fhola,
shaor e sinn o làimh ceartais,
agus choisinn e slàinte iomlan agus shiorruidh dhuinn.
Cionnas ma seadh is urrain sinn a bhi leasg ’
na sheirbhis,
no umhlachd a
[152] dhiùltadh do h-
aon da àitheanta. ’
San air sgàth a thoilteanais a tha sinn idir beo,
agus am meas sinn e na ni cruaidh,
a bhi air ar stiuradh leisin ’
nar beatha.
Gu cinnteach cha ’
n ’
eil ni is cothromaich na so,
gu’
m bitheadh còir aige-
san oirn a shaor sinn le fhuil,
agus gun d’
thugadh an dream sin a tha air an saoradh iad fein gu tur thairis do sheirbhis an slànuighear.
Thugamid-
ne fainear an ceangal so,
na diùltamaid a chòir do Chriosd,
ach ann am briathraibh an Abstol abraidh agus deanadh gach h-
aon againn.
Ma ’
s beo dhuinn &c.