SEARMOIN DO MHNAI’
CHUAIDH A SGRIOBHADH ANN SA BHLIADHNA 1795.
LE D. CRAUFORD, Min’.
’S Fear-cuidich Minisdeir Chille-moire ann an Arrain.
“IN VIRTUTE DECUS.”
ANN AN SUBHAILCEAN THA MAIS.
Air na cuir chum dealbh leubhaidh le SEUMAS GILLIES, Fear-reic.
Leabhraichean ann Glas-gho, 1795.
Focal no dha do luchd amhairc.
MA tha ni sa bith ann is an t searmoin so, airidh air toirt fa’near, cha ’n eagal nach faic an luchd leabhaidh iad fein e luath gu leor, is mar bheil, cha bhiodh ann mo mholadh-sa air a chuid is fearr ach bun’char fochaid. Coigreich cha ghabh iad mo bhriathra’sa mar fhirinn iomlan, no mar riaghailt cheart freagarrach do ’m barail fein. Bha mi aig amhairc mu’m thimchioll air son urra ainmeil; te eigin a dheanamh a h ainm cliutach air a lughad dion a thoirt do ’m oirp neo’ fho’lumte, agus lainneir thaitneach a sgaoileadh air gach laimh; smuainteich mi ’ris nach lughaid gu ’n abradh luchd fanoid nach robh tuillidh dreach na cuideachd ach an t ainm fo’ainteach a bha na toiseach, leis a sin chuir mi romham mar robh ri teachd am cho’ail ach mi-chliu an lorg mo shaothair, gu b’ fhearr leam fein fhu’lang, no idir tairgse a roinn ri neach a bha neo’ chiontach, is nach robh air mhodh sa bith ga thoilltin; feadaidh ē bith gu ’n abair feodhain eile; “is ioma fear gaelic snasmhor aig am bheil uirigiol fionalta, cainnt dheas, agus conaltradh, sgiolta tha gu mor na’s iomchuidhe air son a leithid so na tha thusa:” ris an t seorse so cha ’n abair mi gu bheil iad mi-mho’eil na mearrachdach, aontaichidh mi leo anns an fhirinn, oir tha chuis gun amh’rus mar sin: Ge do tha i air an doigh so, cha’n e, iadsan is mo tuigse
title | Focal no dha do luchd amhairc |
internal date | 1795.0 |
display date | 1795 |
publication date | 1795 |
level | |
parent text | Searmoin do Mhnai’ |