An apology is necessary for the following dedication; as I mentioned in the preface, it was not intended, being not personally acquainted with the amiable character I have chosen for my patroness, when this sermon was composed. But all, who have the pleasure to know her, will applaud my taste, and say, my choice was judiciously directed.
Do Bhaintighearna na Cour ann an Ceantire.
’N UAIR a sgriobh mi an t searmoin so dh’ fheadain iomradh a chluintin air ar ’n ainm ach cha robh m’ eolas aig dol n[?] is faide; o chionn beagan miosan, le mo shuillean is le mo chluasan fein chuala i[s] chunnaic mi comhara ni bu leor air fionaltachd ar dealbh, uime sin le m’ uille chridh thionndaigh mi mo shealladh oirbhse ma[?] aon a tha do rireadh ann an seilbh air subhailcean neo-chumanta, agus mar bhun’cha[?] dion do ’m oirp neo-fho’lumte: cha ’n ann amhain o ’n fhine mheasail, ainmeil o ’n d’ thainig sibh fein, no an teaghlach suairc ri[?] am bheil sibh ceanguilte, ach air son inmh[?] is mo na iad so a roghnuich mi sibh, air son soilleirachd inntin nach ’eil a leithid daonnan ra fhaicsin; snasmhorachd tuigse neo-chumanta, is air son ar deagh bheusan: Cha ’n ann o ’m bharail fein amhain a tha balla ai[r] cliu air na thogail, na tha mi gu h iomlan aig labhairt, ach o mhola’ is deagh iomra Ministeir air sgireachd fein, agus o shao[?] aontacha’ na ’n uile do ’n aithne sibh; Ge do bhiodh an t iomlan do asdar ar beatha air a leabhadh, ’s i mo bharail gun amh’ru[s] nach duisgeadh cuid no fosgla’ do ’n rannsacha’ trioblaid ’n ar brollach no nāire ’n a[?] gruaidh. Am maitheas cridhe anns an robh sibh daonnan co beartach tha dochus agam gu bi’ cuid dheth air a roinn riumsa cuideachd
D. CRAUFORD.
title | Do Bhaintighearna na Cour ann an Ceantire |
internal date | 1795.0 |
display date | 1795 |
publication date | 1795 |
level | |
parent text | Searmoin do Mhnai’ |