[5]

Leabhar focail ghlic Sholaimh. Caib. xiv. 1.

BEAN ghlic togaidh i a tigh, ach an amid bu mhiann le mhilleadh le na laimh-aibh.

Se dleasdanas fir theagaisg beachd a ghabhail air giulan gach seorsa, air mnaibh air uairbh co maith ri fir, diomhaireachd a chridhe a thoirt fanear, ’sa rannsachadh le cuid do churam chums gu biodh ē comasach air a leughadh a thaisbeanadh ann an dathannan iomchuidh fein. Cad nacheil mo thuigse nom eolas freagarach don ghniomh dheacaire, oir gu cinnteach tha duilleagan folachaidh a chridhe cruaidh ran tuigsin, tha barrachd foghlumsa chuaidh luidheasachadh ormsa ro fheumail chum am brigh chuir ann an sealladh taitneach, ’s chum buannachd an luchd eisdeachd, cad nach tig moirp air mhodh sa bith air aghaidh le neart mo rūinn uair a tha mi aig tairgse subhailce a thoirt chum seallidh, no fhoillseachaidh na sgeudachadh fionalta fein; agus dubhailce a rusgadh da foill, le na leigin fhaicsin ann a dealbh diblidh, fuidh mhithlachds mi mhaise; uallach saraichte ra ghiulan, gidheadh


[6] tha mo thogradh aig innseadh, nam biodh mo shoilleirachd na biomlain no mo pheann nis snasmhoire gum biodh iad ullamh chum mo thoil fhoilseachadh leis an umhlachd cheudna.

Bean ghlic togaidh i tigh, tha na briathra so co maiseach annta fein, air nan cean-gal co dreachail ra cheile as gu nann a dheanamh eidirdheallachadh sam bith am maise lughdachadh, ann an aite cur ram fionaltachd. Bhidh searmonachadh air mnaibh tha ra rireadh nan creideas don aidmheil, nan aobhar gairdeachais aig an duiche, cairdean, ’s luchd eolas, air son an deadh ghiulans fonnmhuireachd am beathaidh, ca do tha a leithid so a chleachduin a nis na ni nuadh ma rannasachas sinn na sgriobhtairean le bheag idir do thairt fanear, cha dtheid sinn fada air bhurnaghaidh nuair a chi sinn coduchagh gu leors bunnachar air son teagaisg mar so: amhaircibh air an Litir chum na Romhanaich, caib. xvi. 1. Molam dhuibh, Phebe air Piuthair, neach tha na searbhanta don Eaglais ta ann an Cenchrea, chums gu gabhadh sibh ria san Tighearna mars cubhaidh do naoimh, ’s gu deanadh sibh cuideachadh le anns gach gnothach sonnruightes am biodh feum aice air bhur toirt fanear, oir rinn i fein cuideachadh le moran, agus leam sa fos, cuiribh failt air Persis nochs ionmhuin leamsa ra rireadh oir shaothridh i gu ro mhor ana nithe cliutach. Lūcas caib. xxi. 30. Na biodh gealtachd ortsa a[?]


[7] Mhaire, oir fhuair thu caoimhneas maille ri Dia, Dhainmisich mi na nithe so a leigeadh fhaicsin a meas a bha air mnaibh, bannoil ciuin, meassara, fonmhor, ann an suidheachadh nan sgriobtairean; agus chan ann an sin amhain ach mar an gceudna ans gach ionad, Duiche, no cearna do dhuiche, far am bheil an seorsa, saoidheil urramach ra fhaicsin, chan eil cusboir sa chruitheachd a theid air thoiseachd, no ra shamhlachadh ri bean mhoghar, cheannsuighte, riaghailteach dhiadhaidh, tha i gun amhrus ann am meas aig Dia, ann an tlachd aig daoine, na honoir da creideamh, na cliu da hainm, na huaill da cairdeans na deadh eisimpleir sa choimhearsnachd ma tim-choill.

A Bhean ghlic togaidh i Tigh. Man toisich i air gnothach sam bith sonnruighte, no cudthromach, gluaisidh i air bunnachar cinnteach sabhailte, cha toir i ceum, no leum, bairigh, no amidach, cha chuir i laimh gu hobain ri gniomh gun sult amhaircidh i thallsa bhos, roimpas na deigh smuainteachaidh i car tumuill barrachdsa labhrus i, le foighidin, ciuineass tuigse, ceasnachaidh i brigh, ’s buannachd gach rioch thig an sealladh le toirt fanears cnuasachd; feuchaidh i cia na subhailcean tha nan cuideachd, co dhius mo tha do threimhdhireas, no sgail bhreige ann an ceangul riu; ’m am fregair i an canmhuin, man eisd, i an guth; no man smuaintigh i gluasachd na


[8]n cuideachd, ann an sin, nuair a chi i le rannsachadh anns gach sealladh agus fosgladh, gu bheil a sonnas fein soilleir gu leoir ra leughadh, anns ghniomh a tha na rūn, cha bhi moil urra nis faide, no cunart aig dusgadh gealtachd, tha lan thoil a cridhe , tha togradh gu huillidh beo, cha mhain chum toiseachadh air a chusboir tha aig beathachadh a miann, ach mar an gceudna chuir crioch aluinn: thaitneach air a ghnothach ainmeil a tha i gabhail ann an laimh, tha breathnacha na mna glic so airigh air toirt fanear, tha i gu folachaidh aig reusonachadh ria fein mum bheil i aig foillseachadh a togra do neach sam bith, toiseachduin air ni nach eil daith-oil chaneil a lithid so a ghniomh aig brath ach intin bhairigh, a tha daonan air na leanmhuin le achasan daor; inntreadh air gniomh nach eil mo storas, no mo Thuigse iomuchudh air shon, chaneil ann ach leth obair a bhios air na fhagail mar chomhartha soilleir air amideachd, ’s na bhunchar fanoid do luchd an rathaid; ach a bhean ghlic so charruich i amharus gach cunart air falbh, man dfhuair aon neach sgeul no fios a h oirp, chauidh i steach gu huaigneach na seomar, dhfheuch i air thus an tsuim a chosdadh an tiomlan, man do labhair i ri luchd oibre, man do cheannuich i ni sa bith no man do leag i am bunchar, chunt i rist a cuid airgid fein, bhan ceum so tearuinte, theich an sin gach doilles
[9] gealtachd le deithfir air falbh, chunnaic [?] gu raibh pailteas aice chum a h obair a ghiulan air aghaidh gun mhoran moill, thoisich i leis an tuigse, bhan gniomh na sealladh gu soilleir aig lorgaireachd, bha [?] firinneach, furachair, faicileach, bunailteach na gnothach; cusboirean faoin di-measoil, cha do ghreimich air a h inntin, cha dintir i leo ann an connadal, ’s cha daom anns an tomhass lughah aigne on a chuis churamach, gus an dthug i an t iomlan gu crioch onorach; ’n uair a chunnaic i gu robh an dealbh taitneach, cha do cheil i an sin a rūn, gun dail bham fod-seilbh guh eallamh soilleir air na chomharacha; an cruth gu daithoil, freagrarach ra fhaicsin, ’s am bunchar air a leagail le gliocas, bha aon phonc airighte an sin air na bhuidhin, thoisich an obair le coslas maith, leis sin cha robh soirbheachadh agoil air mhodh sa bith, a bhean cheillidh so cha do stad a saothair uile leis so bha i fein air uairibh aig toirt suil fhurachair air an obair, curamach chum na clachans am fiodh a bhi reir a cheile reidh fionalta donn aon seorta. Faic a bhean ghlic so aig teachd gu laitheil a dhfheuchain a luchd oibre, cluinnibh a briathra suairce, oir tha i gu tric gan cur air am mothacha le earrail laidir gun failneachadh sa bith bhi nan saothair, aig innseadh dhoibh iad a thoirt an aire do bhrigh gun robh obair gach neach ra dhfheuchain gu mionaidach, agus gu cinnteach
[10] ra dearbhadh, mam faigh aon do an luchd oibhre an tuarasdal; fhuair iad fios air an cunart ann an am, chums nach biodh cuis mhonbhair arist aig aon neach, chuals chunnaic iad gu soilleir na nithe ris an robh iad ri earbsa, leis sin ghabhadh an tiomlan dhiubh aig an robh duil ri luigheachd, mothachas curam, nach biodh faillneachadh sa bith nan saothair, cha bu ghiomh air eigin a bhan so idir, bha dath gach foill, ubraid, ’s buairidh air na am fogar on togail, treimhdhireas agus reite gan giulan air aghaidh o thoiseachd gu deiradh; ann an sin than luchd oibre a faotin an tuarasdail le meas, nuair tha an saothair air na dearbha sa fionaltachd soilleir ra fhaicsin, anois feadaidh sin innseadh co ris an cosmhuil an te so, co ach risean anns na sgriobtairean a thog a thigh, chlaidhaich gu domhain ma thiomchioll, sa leag gu seolta tearuinte am bunchar air a charruig, le cladairts driuch dhats bhruchd na huisgeachan, dhamhairc na neoil ann an a trusgan gruam-ach, on ciurineachadh dubhlidh bhrist a ghaoth laidir man sgaoil le srian gun riaghailt bhuail an stoirm le cloidheamh taruingte, man guairt gun iochd no samhlachuidh trocair, ach bha an oirp dhioghaltach gu h iomlan an diomhanas, chuaidh am bunchar a leagail le saothairs faicills cha ne sin amhain, ach bha chuid eile don togail da reir, uime sin sheas i gu daingean bunailteach
[11] gun chrathadh gun aomadh; measarrachd, treimhdhireass foighidins litir mholaidh shonruighte na subhailcean so, ’s comhartha soilleir iad air cridhe maith, air inntin ghlan fhoirfidh, ’s iad fior bhunchar a chreideamh chriosduidh, ’s iad na clachan, ’s am fiodh bheir snasmhorachds mais don togail cha nemhain gu bheil iad ra rireadh feimoil bhi aig oirpeachadh an cur an geill gu laitheil anns gach am agus aite ach mar an ceudna fuilghnidh iad leugadh gun ghiorrag, seallidh iad annsgach rannsachadhs eolas le gnuis shuilbhir, le sgeudachadh ainmeil cliuteach nach caith air falbh, le bliadhna no dha, ach a mhaireas ann an inmhe feadh laithean na beatha. An tigh a tha air na Thogail leis na buaidhean oirdheirce so, feadar a radh gun amhrus gu bheil e air na chur ra cheile le tuigse, air na dhaingneachadh le gliocas. Se Criosta cloch chinn na oisin ann an togal nan sgriobtaireans sona ise agus sin gu siorruidh tha ah earbsa air bhunchar so; oir chan fhailnigh, ’s chan aom ē ann an la na deuchain, chaneil fianuis sa bith co iomlan, a dhfhoillseachadh mais gniomh-raibh neo chumanta cosmhuill ris na deagh bhuaidhean, a tha nan cuideachd; ’s luchd friothalamh firinneach iad, nach faighear a dhiteadh, no thilgean sios le reusonachadh, sa bith mearachdach, gradh, firinns foighdin, ’s iadh so na suibhailcean a tha toirt urram d’
[12] on togail, leis am bheil i air na ceangal ra cheile, air a roghnachadh, ’s air a dearbhadh.

Bha Criosta agus Eaglais mar aon chorp, bha i na teampuill, coisreagte dhasan, le fior chordadhs lan saor thoill dhaidmhich e i mar bhunchar iomlan fionalta a thlachd gun cheilg; mar tha e air na fhoillseachadh araon leis na Faidhean, ’s na h Abstoil dhfhulling ē cuid a sharuchadh chum ise a chrunadh le coran graidh, ’s le trocair chaoimh, chum a h inmhe fhoillseachadh, ’s cliu mheudachadh; bha ī gu cumanta na chuimhne, maiseach na shealladh, mar litir sgroibhte na bhrollach, air na, faicsins air na leughadh leis na h uile dhaoine, cha bē an ceangal so idir am bunchar a chauidh leagail air a ghaineamh, a chaill a mheas ann an cladairt na stoirm; bha cliu an luchd oibre ann so air na fhoillseachadh leis an iomlaineachd a bha soilleir ra fhaicsin; cha do chaill ī dreach le ceasnachadh, thanig an gniomh, ’s an tam, o dhorchadas gu solus, anns an dfhuair an creideamh fior fallain beatha, agus freumhachadh; oir gach meadhon adhridh, thanig a riamh air thoiseachd air a chreideamh chriosduigh, bha neo-iomlanachd no mithlachd eigin gan leanmhuin bha aig tarruing mi-mhais mhor nan deigh, ach fa dheiradh dheirigh grian na firinn ann anm machair, no cumhachd nan sgriobtairean, agus sin le mais shoilleirs neart do, dhiultadh; a bhi uair sa bith aig smuainteachadh


[13] obair a dhaindeoin a chuir air aghaidh, chan eil ann air a chuids fear ach oirp bhairigh, tha gu soilleir aig brath aineolas air an tsaoghals air gne chinne daoine, oir an riaghail non rūn nach faigh thu bhuidhin le saor thoil, cha bidh i tlachdmhor no cinnteach, chanemhain gum bi an gniomh gun dreach a thoiseachar air le anchothrom, ach cha bhi earbsa annsa bhunchar do bhriogh nacheil treimhdhireas a cur a lamh amach, aig togail a guth no seolamh chum cuideachadh, ach annsa cho-chomun bhan so bha cruth gach aimhreite, coslas cunarts buairidh air nan giulan on eolas, air na am fogairt o shealladh, ann an so dhamhairc firinn dhealrach le misneach na gnuis, bhrist i gu min o cheile neoil ghruamach neo aoibhneach an dorchadais, na h oidhchagus an aineolas, bhan la aig teachd a steach le ciuineass urram, ubraid air na glacail le easlainte, aig call a luth sa treissa sgail bhreige gu trom air na sgeudachadh le geasragan faon, aig teichidh gu grad air falbh le naire agus dimeas; gun robh an tiomlan do gluasachd a mhic taitneach le ATHAIR tha so soilleir gu leor ra leubhadh? Ann bheile na neoile aig sgaoileadh o cheile? “An bheil an spiorad aig teachd anuas airsan an riochd colmain air na leanmhuin leis a ghuth cheolmhor! se so mo mhac gradhach anns am bheil mo mhor thoil. Amhuil mar bha gradh an ATHAIR,” da mhac, bha speis
[14] Chriosdda Eaglais, cha bi sheirc idir ginealach na foill, dealbh [Obain no obuin. ] obain maimine no dha, no comhairla luchd eolais, ach cruth fionalta air na ghairm gu bith le ughdarras an ATHAR air a bhuanachadh le na bheannachadh, agus sin co fallains gu robh gach neach air an iompachadh, ach amhain an fheodhain a chur rompa nach carrachadh mirbhuile sa bith an neo-chreideamh, nach biodh iad air am maothchadh na airanaomadh le dealbh air bith cia taitneach na oirdheirc, ach iad san uile leis nach dimeasoil bhi gam faicsin fuidh na bhratuich, ga aidmheachadh no ga leanmhuin, a ghabhas gu cridheil pairt threimhdhireach le teachdaire na firinn cha chomhnuidh iad so ann am bron no neo-sholas, cha nan air bunchar gluganach than sonas air na thogal, ’s ni mo chaitheas e air falbh gu neo-ni le na chleachduin. “Tha bearteas agus onoir bhuan ana tigh an fhireain, ach ann an teachd a steach nan ciontaich tha moran buaireadh agus trioblaid:” Tha Dia gu cinnteach fada uathsan a chlaonas lesaobh chreideamh, thionndas cul an cinn le tailceas air aitheanta sa ni lōng bhriste don coinseas; ach guth a chridhe ghlan cluinnidh ē gu h eallamh, ’s tha shlainte, sa shoirbheachadh, daonan, aig laimh le beannachadh.

Se Criosdan Dorus leis am faigh iadsan a leannas ris ra rireadh, ’s bhios air an roghnachadh leis seilbh air sonas siorruidh. ’Se an spiorad naomha am fear


[15] treoiruigh aig am bheil cumhachd, buaidh, ’s saoirse na chuideachd: ’S eisean a sgaoileas air falbh gu heifhachdach ceō gach doilles dorchadaiss mar an ceudna dhfhosglas cluas na h eisdeachd, a dhfhuasglas glais an tosd on bheul; aig foghlum na h inntin chum roghnachadh, ’s na teanga chum labhairt; cia feumail do gach neach amhairc gu trics le curam? co an casan annsam bheil e aig gluasachd; chan urra cridhe sa bith bhi na ionad comhnuidh aig treimhdhireas, agus ann san am cheudna aig beathachadh, no aig altrum foill, subhailce agus dubhailce, cha chomhnuidh iad ann an creideas le cheile, ’s ni mo bhios ceangal seirceil, caomh, no buan gu brath ea-torra; ciuineass stribh tha iad daonan nan coigrich, ’s ni mo a gheibhear iad aig cinneachduin araon ann san aon bhrollach, chan ionnan slighe ghabhar gu duich - cairdeis agus aimhreite; chan i an aon ghrian a tha aig riaghlachadh an cursa, no aig toirt dealbh dan toradh, tha clann Dhia gu h soilleir air am faicsin leis na fianuisean tha nan cuideachd, agus gu h eallamh air an aithneachadh le storas inmhach an cridheachan, oir an gliocass an tuigse tha Dia ga thoirt dhuinn tha iad ciuin siothchainteach, lan do dheagh bhuaidhean uime sin iadsan uile tha aig rūnachadh le treimhdhireas bhi nan onoir dan creideamh, ’s nan luchd compairtich do
[16] chairdeas Dhia; ni iad dichill chum an oighreachd bhi don t seorse chinnteach, nach faighear a reic a mhalairt no lughdachadh, le milleadh iomairt sa bith; iadsan tha an seilbh air na subhailcean sonnruighte so, tha cliu agus meas aig leanmhuin ann cochomun cha chromadh cinn an cuideachd, chaneil an ceum cuntartach no dimeasoil ra ghluasachd, cha duisg an comhairlsmuainte chraiteach thrōm an tuchd, ’s chan at na deoir ann do shuile uair sa bith len seola thabhairt fanear.

Dhfhosgail Criosda chridhesa run gu h iomlan do fhior ghradh, an fhirinn gun cheilgs an t seirc gun a leithid, leis an dtainig am fior chreideamh gu h eifhachdach chum solus, chan atharuich na buaidhean grasmhor leis an robh ē air a dhearbhadh, agus sin le coaontachadhs aidmheil an luchd amhairc, an trusgan a dhoidhche, no la, ni mo thionndas iad an cruth no n onoir le fuaim guth gach buaireadh; uime sin a bhean chriona chiuin tha aig miannuchadh greim a chumail don tsaoirse, leis an do cheannuich Criosd, dhith saoirse, ’ a run gun bhi tuille air na cuibhreachudh le cuing na daoirse; si canmhuin a beatha sa giulain gu laitheiln tra bha mi mo leanabh labhair & ghluais mi reir blath mo bhliadhnidh, ach an uair a ruig mi foirfeachd na mna thilg mi air falbh nithe leanbuidh, agus anois se mo run bhi cinnteach, seasmhach am aidmheil.


[17]

Anns an dara Litir dhionsuidh na n Cor. Caib. xi. 2. Bheir sin fanear beagan do bhriathribh an abstoil ann am mais fein phos mi thu ri aon fhear chums gu taisbeanain thu mar mhaighdein ghlan gheamnuidh do Chriosd.” Tiodhlaca suarach a thairgse do urra ainmeil chaneil ann an so ach coslas soilleir air dimeas, bhan tiomlan do chaithe beatha Chriosda air na chomharacha co mor le neo-chionta, le grinneas, beusan, le glainnid inntin, ’s gach meanglan sonnruighte eile do shubhailce, oir bha uile ghniomhara do sheorsa taghte anns gach riochds fosgla: a chonaltradh co taitneach air na sgioladh do gach samhlacha truailleachd agus sin co iomlan is nach robh feum air tuillidh fianuisean a dhinseadh co, è, non gniomh air an dthainig ē. Ghabh uile bhuaidhean slighe co neo-chumanta (cruaidh rafaotin do mhoran, ’s air bheagan tathaigh le tuillidh sa choir do luchd aidmheil fein) leis sin chan eil e ach reusonta ra smuainteacha ise bha ra phosaidh gu robh ē gun amhrus iomchuidh guth deagh chlius onoir air a lughad a bhi air a taoibh, agus ann tiomlan da beatha bhi sgeudaichte le suairceass a reir righail na firinn: Chaneil sin ri breathnacha gun e modh non toilein bhiodh an saoghal sugach aig amhairc a shon anns a mhaighdein roghnaichte bhiodh iad aig taisbeanadh do ghaisgeach an Ducha. Cha bhiodh


[18] an t aon seol foghlum freagarrach do reusonacha fallain, no ceart ra leanmhuin; bha e ro iomchuidh a h inntin, a giulans a [Blas no togradh. ] blas, bhiair an oibhreacha gu dreachoils air na n snasadh gu curamach a reir a ghrinneis a bha ra fhaicsin anns an neach air son an deachaidhroghnacha; ise bha ra ceanguil ri Criosd a chan eil sin ri saoiltin gu robh e idir feimeil i bhiair na togail suas ann am foghlum Cuirt: gnathacha gach Rioghachd, no ri asdar a dheanamh dhfhaicsin moran don t saoghal, ach gu h iomlan iomchuidh i bhieolach air maitheas cridhe fior mhais shubhailce, maille ri tlachd don fhirinn. Thug an t ATHAIR cumhachd don mhac bhina cheann air Eaglais, uime sin bha edleasdanach ise bhiceanguilt, risean chum an t iomlan don obair bhi freagarrach daithoil. Anna foilseachadh a mais; measg gach cosmhalachd fionalta chum a buaidheansa sgeimh a thaisbeanadh; tha i air na samhlacha ri Cathairs ri Tigh dhia (uime sin treimhdhireas, ciuineas, ’s tuigse, a tha ann an aon fhocal nam fianuisean oirdheirc agus na ’n [Codach no comh’ dachuidh. ] codach soilleir air cridhe glan) ’s iad mar an ceudnfior mhais a chreideamh Chriosuidh. ’S clachans fiodh taghta feimeil iad, iomchuidh air son togail sa bith; chan ēmhain gu fulaing iad
[19] amharc orra gun diteadh ach mairidh iad buan gun chaithe le snasmhorachd dhreachail nach dean aimsir a chlaoidh no mhilleadh. Chan fhaigh thu an do sheilbh ni sa bith neo-chumanta ann sa bheatha so fein, as eugmhais beagan saothair, ma tha nithe aimsireil tha neo-chinnteach agus buailteach do iomad tubaist, aig gairm gu latheil air aire agus curam, cia mor nis iomlainedhuisgeas na nithe tha ri maireachdain gu siorruidh; aigne na mna choir shaoidheil air an toir? Chum a creideamh a leagail air carruig dhaingean na firinn, gheibh bean na ceille co-fhurtachds cuidheachadh nis leoir anns na sgriobtairean, chum a fagail cinnteach gun leisgeal ann am bunchar a dochuis: mar chithear gu soilleir annsa, 1 Litir dhionnsuidh nan Cor. caib. 3. 10 rann. “oir chan fhaighear tuillidh aon bhunchar eile a leagail ach sin a chuaidh cheanna dhaingneachadh, se Criosdam fior bhunchar, agus ma thogas aon neach air or, airgoid, clocha riomhach, fiodh, feur, na cuinleain, biodh obair an iomlan air na deanamh solleir, oir taisbeinidh deuchain agus dearbadh saothair gach neach, oir theid fhoillseachadh le teinne, taisbeinidh so cia an seorse tha innte; iadsan a chomhnuicheas an obairs nach bidh na h aobhar di-meas don bhunchar gheibh iad an cliu, ’s an tuarasdal, agus theid an ainm a chumail beo air chuimhne le urram
[20] agus speis; ach mu dhfhailneachas an obair mu tha car fiar iogan, mearrachd no neo cheangal innte, muigh no stigh air mhodhs nach comhnuich i air a bhunchar gun diteadh, mu bhitheas i na mi-mhais don chuid eile, sin a tha neo iomlan tha e ra thilgin sios, ’s caillidh iad luach an saothair; marn ceudntha ē ro iomchuidh bhi gu tric aig ceasnachadh asdar na beatha, aig leubhadh gach fosgladh le faicills toirt fanear, agus far am bheil samhlachach di-measoil sa bith ra fhaicsin, than ann aimhreite ris a chuid bheusach riaghailteach don giulan chan emhain gu bheil e gun dail ra dhiteadh, gun mhoill ra thilgidh a sealladh, gun tuillidh daimh a thaisbeineadh ri bheag don t seorse, ach tha gach cusboir [Agoil no amh’rusach. ] agoil ra ’n dearbhadh, ma ’n eisd sibh tuillidh ra n guth no man tairg sibh falbh nan cuideachd; chan eil fios aig an iomlan air an t solas tha ceangailte ri togail shnasmhor na beatha; subhailce agus measarrachd, air an giulan air aghaidh le mais reir ughdaras, onoir, ’s deadh thuigse air reusoin, than asdar daonan aig criochnachadh ann an sonas: tha m fear amhairc aig earralachadh gach coslas foil a sheachnadh, a chuid mheadhonachs uachdair a bhireir a bhunchair, seadh gum bignathachadhs gluasachd gach neach, dhaon seorse, taitneach, measail.


[21]

Tha fionaltachd beatha na bean thuigseach, mheasarra, stuama maille ri fallaineachd a creideamh, air na shamlachadh ri or, airgiod, ’s clocha buadhoil, leis an robh aite comhnuidh air Dia air na thogail mar chi sibh gu solleir anns, an 21 caib. do leabhar an fhoilseachuidh man coinne so tha feur cuinnleins drabhag nach seas deuchain sa bith, ’s chan eil ach faoineais bhi aig tairgse togail air a leithid a bhunchar. ’Si maidin na beatha an taon aimsir eifhachdach air son oibre; ise than sin aig dichuimhneacha, no aig cur dail anns gach ni feimeil ra thoirt fanear gus an dthig geamhradh a laithean, ann am bharailse chan eil ach ni bairigh dhith bhiaig smuuaineacha ruigheachd air subhailcan ainmeil. Ise tha aig amharc air cusboirean caochladach an tsaohgilse mar a Dia. Ann an la a slaintes a treis a tha aig fulang don caoimhneas a cridhe a ghoid na n deighs aig tabhairt tlachd don gnuis s mo na eisempleir, comhairle, no suil afear-saoruidh, Diomhaneas a roghain, ’s caill a pris thig iad so na codhail la eigin ann an dreach fein. Ise tha gu h aidhearach eatrom, aig dol amach chum an t faoghail gun amharc no smuaintigh air an fhoils na h innleachdan tha gu trics gu folachaidh gan gnathacha, mar tha fiosrachadh laitheil gu bliadhnoil aig taisbeanadh. Cha chreid in seol tha sligheadairans slaitearan ga chleachduin a lughdacha a cliusa h onoir agus sin


[22] le na h aomadh o shlighe measarrachds subhailc, tha iad gu h obain ga treorachadh ach mo thruaighe caite: chan ann a thachairt air Dia no ann an ceum a lagh, ach chum bron agus masladh. Cha Chudtromaich i gufead aon sleamhnacha mearrachdach a fagail fosgailte do thrioblaudean lionmhor anns a chud eile do beatha; cia luaimneach bunchar gach aoibhneas talmhaidh aig nacheil ach dubhailce, diomhaneass amideachd mar an luchd iuil? Smuaintidh dhurachdach air faoineas agus neo chinnteach a beatha tha so iomchuidh feimeil a dhisleachadh uabhar; eifhachdach chum toirt uirra-se thag intreadh gu h og aineolach air an t saoghal a cluas aomadh ann an am gu leasacha na h inntins dhfhoglum slighe dhiadhachd is ghliocais. Feadaidh ē bith ise tha slan tearuinte, nach toir i ach beagan creideas don fhirinn so, ach leabhar anns nacheil dealbh foills nach treoraich am feast chum seachrain; tha e soilleir do na h uillidh a thionndas an suilean air a chill, air leabaidh na h easlainte, aig beul na h uaighe: tha sluagh solas mealtach an sin, aig gabhail an ceud leigeil le beannachds iomlan buan. Nam biodh ciurin na h uaigh air a chur seachad, mais, ’s beathalachd, tuigse, ’s foghlum, air a lughad an taite far an robh iad aon uair aig gabhail tamh, ach anois air a ghlasadh gu cinnteach ann tosd mairreanach. Cia na smuainte
[23] dhusgadh an seallas an t aite? nach ben conaltradhs an comhairle nam buirin iad labhairt na achasan thoirt seachad, thusa tha maiseach na di-chuimhnich thu fein faic a chrioch gus an dthig thu, ’s chum am bheil thu gu laitheil aig deifrachadh. Thusa tha beartach na h earb as do storas oir chaneil feum annn uair tha n t anams an corp dol a dhealachadh ra cheile, tha gach cuid don t sealladh gu laidir aig earralach neo-bhasmhorachd a bhuidhin le cursa subhailceach beatha am feadh, is tha laithean na saothair aig maireachdain. ’M bheil an dealbh taitneach thanois co-mor aig beathachadh air tlachd, ri buanachduin gu maiseach cinnteach gun teicheadh am feast o shealladh? ’M bheil a ghnuis sgiamhach far am bheil riochd an t suairceis aig labhairt snasmhorachd a cruth ri seasamh daonan mar sin gun tachairt am feast air claoidh? nacheil na gruaidhean lionta ran dreach tuillidh atharracha? ’M bheil am brollachs seirceil a bha na sheomar tearuinte do air sgeul run daonan ri maireachduin mar sin? Cha n eil feim codachadh air na nithe so oir tha fianuisean nis leoir ra fhaicsin anns gach aite thoirt dearbha air an fhirinn so; maighdean ann a ceud intreadh air an t saoghal tha aice sealla taitneach air moran solasaibh, ’s thad so ann a barrail air nan sgarachduin o gach cumasg neo-thaitneach a thairgeas teachd chum sealladh, tha aoibhneas ri eirigh
[24] gu trics gu laitheil air thoiseach air a ceum, tha na creagan tharis air nafaicsin ann an asdar na beatha gu h iomlan air nam folach, tha ghrian aig dealradh uirre as eugmhais neoil, gach coslas ceannsachadh is cruadail aig criochnacha leis a cheum dheifrach thosaich a fhuair i gu h inmhe na mna, tha dochas air na dhusgadh le iomad dealbh measoil anns an aimsir a tha chum teachd, tha i ri eirigh chum sealladh ainmeil le buaidhean do iomad seorse, tha mais ri moran do luchd iongantais is speis a dhusgadhs a tharruing na deigh, tha teaghlach sa beartas ra togail chum onoir agus cliu, ’s iad so gu h iomlan bunchar a sonaiss an casan cinnteach anns am bheil i ri gluasachd? amhaircidh bean na ceilles a ghliocais air an t seorse thogail so mar chusboir bairighs gu h iomlan neo-chinnteach. Ach ise tha canmhuin a beatha aig deana dimeas air geamnuidheachds measarrachd, chanemhain gu bheil a gluasachd na amghar dhith fein, aig dusgadh bron agus bunchar aithreachais anns gach sealladh, ach tha droch aiceachd [Aiceachd no beusneachadh, ] mar dhreisan a mhimhaiseachass a reubas, trusgan an dream a bhios aig lorgaireachd a cuideachd, do bhri nach in eisemplairs fionalta a chi iad no na briathras fearrsas taitneich a chluinneas iad na conltradh An togail nach robh iomlan innte fein ged sheas i car tamuil, gidheadh cha do mhair i buan: chunnaic am fear amhairc a fali-
[25] ’s sgaoil e air falbh ceo gach aineolaiss dorchadais, thaisbein e buaidhean agus buanachd an t seorse fhionalta, thaghte, chauidh fhaotinn iomlan nuair a bha e air a dhearbha, ’s a chuid a bhair a chaochla dhiteadh, sa chuir air cul. Bhiaig deanatailceas air riaghlean air creideamhs na nithe fionalta anns am bheil air sonas amhain aig co-sheasamh feadaidh guanag is an guanaires luchd fanoid a shaoiltin gu bheil inmhe ann an cleachduin mar so, ach co iadsan a dhamhairceas air anns an riochd sin, co ach amideans amadain gun ghras gun tuigse? uime sin a bhean ghlic cha ghuth gaisgeach le idir briathraibh don t seorse; ’s cha sheal i le speis no toirt fanear orrasan a thisbeanas an runs lugha chum mid-hreach a tharruing air bunchar gach nis fiu ra rireadh aguss airidh air fior-mheas sa bheatha so. Ann an cridhe na te so tha gach subhailc inmhach air nan sochradh fein mar air cathair, uime sin thar a ceann ceillidh guth an neo-shoirbheachidh agus soighde na h aimsir imichidh iad seachad gun chiurram. Sonna a seirbheisich, a clann, sa coimhearsnaich, ach tha chuids fearr aguss mo don t sonus air na dheanamh cinnteach da fear, bioduidh, giulan mar leabhar fosgailte daonan na shealla, ’s air ach caibideal no ran a dhamhairceas e cha leubh e ach canmhuin na ceills an t suarceis, agus sin tha aig seola chum beannacha air faicil daonan le tuigse,
[26] ach amhrusach ma neo-iomlanachd eig[?] innte fein, amhaircidh i air mar chleachduin nis maisichs niss mo buannachd, bh[?] aig smachdacha gach samhlacha suarrach [?] chi i na conaltradh, no na gluasachd fein, n[?] bhiaig ceasnacha le mirun no suil mhaslach failneacha feodhain eile, le toirt gu ceillidh fanear gu bheil truacantas ann an ach’asa[n] Dhias nan sgriobtairean nacheil ai[r] clann nan daoine gu minic da cheile. Innsidh i dhuit gu tuigseach nacheil ach beagan foghlum feimeil chum ruigheachd air an eolas a tha eallamh chum cronnacha, ach an t subhailc dhusgeas eud air a lughad tha bhuannachd so na cuideachd, gun claoi [?] luath no mall cloinn a chulchainidhs gu fag im buille gun luth. Mar so feuchaidh Dia gach togail, agus sin a bhios air na fhaotain slan reidh gun mhearrachd, mairidh e mar sins chum clius onoir an luchd oibre. Creideamh glan fallan, deagh chaitheamh beatha air an taisbeineadh gu laitheils gu soilleir, le firinn, foighidin ciuineas, ’s saoeilachd, ’s subhailcean ainmeil iad so, fionalta mar tham bunchar, aguss sonna ise gu cinnteach a tha a tigh air a thogail do sheorse co riomhach. Cha ghlan uisge air falbh an dealbh, cha loisg e le teas greine, cha tuit e le gaillean geamhruidh, no le stoirm sa bith, so an togail a gheibh buaidh air aimsirs air bliandhnuidh, nach caith, ’s nach crion air falbh le dfheuchain, air an amhairc Dia fein le tlachd, ’s a bhios ann
[27] an urram aig gach duine coir. A bhean righailteach choir cheillidh, tha aig ruineachadh ra rireadh bhi ann an caoimhneas Dhia, tha i na cunbhail suass na creideas da teaghleach, leis a sin chan fhead i gun a bhi taitneach leisean tha na ughdar e fein air gach ni maith agus iomlan. Ceusnachaidh i so gu tric cia am bunchar tha gabhail comhnuidh na cridhe an or, airgiod, ’s clocha buadhoil, na tha aig ciallachadh, bannalachd, giulean beusach sao [?]eil, fonnmhor; saor o fharmads droch run: Than taobh eile machoinne so aig ciallachadh amideachds baoibhilachd, cainnt shuarrach gun sult, mianuibh truaillidh, aig leanmhuin breugan, ’s gach seorse do chleachduin mhichreideas ach mar sin, cha bhis cha robh an togail so buan no maiseach, chaneil ann ach feur, ’s cuinnlein nach seas le urram ann an la a cheas[n]achaidh. Dathanan cealguch tha iad gu tric aig brath na mi-mhais tha gu folachaidh aig comhnuidh fuidhn trusgan suarach: chan eil seoltachd sa bith cosmhuil ri bhira rireadh mar bu mhaith le neach sealtuin, oir sgeudachadh na foill chan fhaighear a chaithe fada gus am bi e air thoirt fanear; anns gach riochds sealladh am feuch thu air, tha e dimeasoil, agus eisin dan leir gu soilleir smuaintigh dhiomhair a chridhe, co maith ri gniomhara follasach na beatha, gun amhrus tha e na ni dana uair sa bith tairgse teachd le
[28] sgeudachadh co truallidh na lathair, tha buaidhean ainmeil daonan aig cumbhail cairdeas ri gliocas, cha nemhain gu bheil tearuinteachd na h aite tamh fein, ach chan urra foill ach ro annabh buadh fhaotain air fior chiuineass tuigse, oir chi suil na ceills na foighdin gu soilleir aiseach, sgail dhulaidh dhorcha dhubhailces cha bhi i air na h aomadh, no air a lubadh, le na conaltradh, na ceum.

Cridhe na bean shaoieil cha charuich le giorac na gealtachd, beul na firin, cha chlaoidh droch run, ’s cha tilg a bonn. A bhean fhonnmhor cheillidh, gheibh thu in diugh far an robh in de gu ciuin bannail, chan ann le aghaidh ur, ach daonan leis an aon sgeudachadh; bithidh an t iomlan do ghiulan na mna glic co fhad iss tige le, na leigeas neo-iomlanachd a naduir dhith, a cordadhs air na righlachadh le umhlachd do lagh Dhia, ’s dhaoine, ’s bu dimeasaill gu deanamh i gniomh bhiodh na thilgeasuas da cairdean; a bheiradh air na deoir āt nan suilean, no dhuisgadh deirgaid nan gruaidhean; ann an duiche na sgriobtairean togaidh bean na ceille a ceann le meas is inmhe, le eagal cha charruichs chan aom a dochas, ged dheireas air uairibh neoil dhorcha air thoiseach urra gidheadh sgaoilidh tuigse an driuch air falbh ann an cabhaig, pronnaidh [An driuch no am fearg, ] foighdin an luth ’s an treis,


[29] ’s le naire bheir i orra imeachd gu diblidh a sealladh; feadaidh fuaim na dfheuchain a guth a leigeil ma sgaoil, ach cha nan chum buaidh; an te a tha aig gabhail firinn is grinneas mar a luchd iuil, tha meadhon fuasglaidh daonan aig laimh, air taobh an treimhdhireich tha ceartas aig seasamh gu h uchdmhors ge dthig air uairibh beagan saruchaidh, ann an co-ail na mna shuairce, gidheadh oibreichidh gach dfheuchain dhith sichaintagus solas, mar oighreachd chinnteach nach caith air falbh, ach tha ri maireachduin ri uine, agus sin le ceangal buan nach gabh sgaoileadh. ’Si bean na firinn, na reite is na foighdin, a bhios ann an tlachd aig Dia, a chluinneas ē guth, ’sa sheasas e gu dileas ra taobh, ’s dan toir e furtachd & fuasgladh ’nuair a cruadail sa gearrain, a bhean a tha gu h eifhachdach air a stiuradh le seola Dhias aobhar gairdeachais a beatha sa bas, cha nemhain gu bheil i fein aluinn, ach fagaidh i mar an ceudngach cusboir ma tim-chioll ann an sgeudachadh nis taitneich; bithidh i faicilleach air a giulan, cumaidh i srian ra teanguidh, taghaidh i a focails cha bhii idir ullamh a dhusgadh fearg na coimhearsnach. Cha bhii eallamh a mheudachano leudachafann sgeul a mhiruin na chulchainidh, cha bhii na h urrain aig a bhreigs ni bhios tlachd aice dhiubhsan a bhitheas. Chan fhosgail i suil le farmad, is cha neil i gu h eacorach aig sanntacha cuid a coimhearsnich;
[30] far am bheil gach subhailc, oirdheirc phriseil mar so aig fas gu soilleirs gu daingean a gabhail freimh taisbeinidh an torradh ri uine ghairid an dreach, cha neil feim fianuisean a measg a luchd ruin, no coimhearsnaich, aig bean na ceille a chomhdach co an teaghlach no chuideach dam buin i oir chan ann an cridhe tioram bochd tartmhor do bhios mais cosmhuil ri subhailcean na te so aig cinneachduin no aig togail cinn; “fosglaidh a bhean ghlic a beul le tuigse, si teanga lagh a chaoimhnais; tha suairceas a glaodhach air thoiseach urra,” tha grinneas aig teachd le tuigse o beul, a toirt meas & urram da guth & da connadal. Searmoin a fhallain caithe beatha, ’s comhairle na mna chiuin, shaoidheil, fhoistineach. “Si slighe, slighe an t solais, a ceum ceum a ghliocais; si craobh na beatha dhasan a gheibh greim urra, ’s sona gun amhrus an ti aig am bheil i na sheilbh, bidh i na solas da anam, na cearcal seirc ma mhuineal; ’s lochrann taitneach a comhairle, ’s beannacha gun amhrus a seola, ’s solus dealrach a laghse hachasan slighe na slainte.” Eisan bheir creideas da briathara, gluaisidh e gu sabhailte, ’s cha sleamhnuichs chanaom a cheum. Tha bhean mhoghar, bheusach aig buanacha annn urram, le coir cheart mealaidh i onoir agus cliu. Bidh gach beul fosgailte le anail chairdeil, aig labhairt air a mais, gach suil aig gabhail beachd air a giulan, a miannacha a
[31] h eisempleir a leanmhuin, air cuimhne fhada mairidh ainm na te so, agus nis fearr na so, gheibh i ceangal air beannachanach criochnaich maille ra Dia. Deagh ghiulan geamnuidh, riaghailteach, diadhaidh, is porson measoil buan gu cinteach na nithe so, ’s cha toir buaireadh na amhar air falbh an toradh nan cliu, cha mhill is cha lughdaich an chothrom an dreach; gheibh na subhailcean so lamh an uachdar air bas is air uaigh, ’s bidh iad nan luchd iuil, aoibhneach aig an te bhios gu firineach gan cleachduin, chum a stiuradh gu tearuinte gu h ionad comhnuidh reidh. A Bhean ghrasmhor buanaichidh i ann an onoir, is bheir i fear gu creideas, ach an struitheir is an amaid tha i na di-meas da h ainm, se ceum na droch mhna an t slighe chum amhair, sa sealladh an casan sios gu seomra truaillidh na triobloid. Than t abstol aig taisbeineadhn uair a tha e aig cur suas air cliu na mnabhannail, a bhios aig oibreachadh a h inntin gu gneailgus achothrom is fearr, a bheir aire da gnothaichean fein, aig nacheil tlachd ann a bhiaig comharachaaig rannsacha’, no aig losgadh a beil ann am failneachano gniomhara a coimharsnaich; aig nacheil speis do ghuainalais, no ruiteas, a stadas gu foistneach aig an tigh, aig oirpeachaa teaghlach a riaghlacha gu faicilleach, toirt fa’ -near gach ni a chumail ann an dreach, agus ordugh gleusda. Tha e aig toirt achasan mar an ceudna dhoibhsan
[32] a tha leisg, luntach, aig leigeil seachad gu masanach gach ni anns am bheil foghnadh, agus freagarrach chum maith an tighe, a bhios aig cur seachad an aimsir gun churam gun ghleidhadh a dol air chēilidh gu tric o thigh gu tigh, cha neil so aig taisbeineadh ach cusboir gun mheas, cha chomhara e air gliocas, ni mo tha e na eisempleir airidh air toirt fainear, no leanmhuin. Ach bean a chridhe ghlans na h inntin inmhach chialtach, tha i so gu laitheil aig caithe blath agus beannachaa Dia; ’s ann an tlachd aig gach neach a chi a giulan. Chan ura thu comharais fearr fhaotain air fearran beartach, no deugh thoradh; mar an ceudnas an a reir nan subhailcean a chi thu aig leanmhuin no ann an cocheangal ri aidmheil sa bith bheir thu bairail air fhallaineachd. Tha beartas agus storas an t saoghail so gu laitheil buailteach do iomad tubaisd is caochla; cha toir iad furtachd no fuasgladh seachad air aon mhodh o ghath lot mhor bais, ’s cha neil ionta ach caraid gun eifheachd ann an la bhreitheanais, no ann an lathair Dhia; ach tha beartas na mnaghneeil, cheillidh, neo chumanta, agus leis sin cha neil a phris furasta a thaisbeineadh gu h iomlan, cha neil i fosgailte no buailteach do mhilleadh iomairt sa bith. Subhailce agus tuigse, gu cinnteach, is iad so an storas as fionalta agus is buaine, ’s urra aon te fhaotain na seilbh, uime sin a bhean cheillidh, cha nemhain gun toir i
[33] sgeudachadh snasmhor do dhuilbhireachd na beatha, gun tionndaidhi neoil gach gruaim gu solus dealrach araon dhith fein agus da fear, ach tha i mar an ceudna na cuideachadh laidir ann am maith siorruidh ann anama, thogail gu tearuinte air carruig shabhailte an t solais agus na buaidh. Far am faic thu lānain than inntin san caithe beatha anns gach cuid agus gniomh gu h iomlan aig cordadh le cheile, gun bhuaireadh gun ghriobhag, gan giulan fein gu ciuin, reidh, foistineach, foighidneach, anns gach cuis agus dfheuchain.

Far am bheil na buaidhean oirdhirce, measoil so ran toirt fanear is feimeil gu tric ran cuir an geill, ann a seirc a sichainte, ’s co-cheangal mar so, tha laimh is beannachadh Dhia soilleir ra leubhadh is ra fhaicsin gu h aimseireil; ’s far am bheil eisin na fhear cuidich, chan fhead sonus idir bhi na coigreach don aite, no don teaghlach sin; ’s mor a bhuannachd dhoibh feins cha bhie idir na aobhar turse don luchd amhairc: oir is boidheach agus maiseach an sealladh bhiaig faicsin gradh agus seirc le dealbh chaomh aig fagail an samhlachagu laitheil ann an teaghlach a bheannachaidh, ’s cha neil cosamhlachd neamh air thalamh ann an cruth sa bith co iomlan; ’s chan ann aig mnai phosda amhain tha aire ri bhiair an giulan is an conaltra, ach aig nighinean og mar an ceudna. Tha raoghain aca ra dheanamh, ’s an creideas ra sheasamh,


[34] asamh, agus cuis bhrosdnachaidhs iomlane aguss monan nithe so, beannacha is cuideachadh Dhia; ran cosnadhs ra ’[n] coimhead; is cha neil na tiodhailce ainmeil so ram mealtuin air slighe sa bitheile ach trid faicill, gliocas, agus giulan suairce bannoil. Cailleadh nighin aon uair a deagh ainm (na tuighibh mi ann an so aig labhairt air te tha aig fulang fuidh theanga mhiruin nuair nacheil i ga thoilltin, chaneil an so ach spidag air a trusgan a chaitheas leis fein air falbh ri uine ghairid, ma tha foighidin nis leoir aice a ghiulansann tha mi aig labhairt tim-chioll na te tha do rireadh aig toiltin maslaidh;) tha i mar gu faicte gloinne uineig air na bhriste, ’sa mheud dicheal is aghabhas tu chan uira thun dreach ceudna chur air gu brath tuillidh. Simplidheachd, diomhaineas [?] amaideach, agus sgeudachadh neosgiamhach iad so gun amhrus, agus iadsan tha gun churam ga chaitheamh chan urra iad gun toirt fainear le caill la eigin an truailleachd tha lubte gu folachaidh fuidh gach faime: Bhicaoineil suilbhir ris gach neach, ach mar an ceudna faicillachs am fior chairdeas le ro bheagan, ’s comhairle so thaair na fholum o fhiosrachaair an t saoghal, bhi ro fheumail, ’s air na leanmhuin le cuid a churam. Tuigse dhealrach, is eolas ainmeil, feadaidh na buaidhean so cosmhuil re reul dhriolanach iongantas agus soilse dhusga re tamuil beag; ach ma tha maitheas
[35] cridhe air asdar fad on cho-chomun tha na tiodhlaic so aig gach te thann an seilbh orra nis mo nan aobhar tursa no nan cusboir farmaid. Simhaise gheibh do rireadh creideas o Dhia, ionracas is glainnid beatha, maille ri ulachd riaghailteach da [l?]agh: cha ’ne ’mhain gu bheil eiseimpleir na te so ciatfach ra leanmhuin, tha do rireadh faicilleach, glic, ach cha bhiach ro [b?]heaghan da gniomhara a chriochnaicheas [i]?dir ann an aithreachas. Maise gnuis agus deisead pearsa, feadaidh na nithe so cuid do neart thoirt air uaireadh do mhoran bairigh, oir nighin sgiamhach mun bheil tuigse agus faicill aice da reir. Tha e ro chuntartach gum bia maise na carruig tuislidh, agus ann an aite luchd iongantais, is aobhar eagail gur h ann a thig masladh agus di-meas na codhail, Feadaidh uabhar udaras a tharruing gu ionnsuidh fein, ’s misneach a ghabhail air iasachd o teaghlach measail, ’s o cairdean foghainnteach, ach ge dbhiodh [f?]uil te aig agairt daimh ri moralachd, seadh rioghalachd fein, cha dean so suas cail measarrachd agus tuigse; tha iomad te thair na breith gu h inmheach aig faotuin ainm nach bu chreideasach idir le bean shubhailceach, ’sa bith bhiga chaitheamh no ga ghiulan. ’S ge nacheil a bhean choir chēillidh air cuimhe gu tric ann an eachdraidh na rioghachd, is na Ducha, cha rig i leas mulad a ghabhail dheth so. Si mais na h inntin amhain is airidh air urram
[36] is toirt fanear, is air nach amhairc Dia am feast le di-meas; ’s gu cinnteach tha mhalairt is fearr aic-se a bhuidhneas a chaoineas. Iorisleachd, breith air na dusgadh, ’s air na cumail beo le subhailce, tuigse agus saoieilachd, than inmhe so mile uair nas airidh air cliu no iadsan a tha nam Bain-tighearnan a reir am beartais, no gaisgealachd am paranta: dan eigin a bhiaig deanamh suas an uaisle, ’s a meas, le bhiaig fosgladh, aig rannsachadhs aig spuinlin tuamaibh na marbh air son deaainm.

Am fosgladh onorach sin a chridhe, is na gnuis a tha na choigreach air foill, an lamh chinnteach, a chumas greim don treimhdhireas giulain sin nacheil ra leigeil mu sgaoil air son riochd gun fheum, is nach crion a mheas no dhreach le na chleachduin: somhain na nithe a choisneas urram, ’sa dhfhuilingeas suil cheasnachaidh na firin gun ghealtachd. ’S iad gliocas agus subhailce amhain a bheir seachad cliu thoilteanach, a shocraicheas i air bunchar cinteach; a bheir pris dhiann suilean a chuid thuigseach don chinneadh daoine; oir iadsan as lugha toirt fanear chan urra iad gun aire is urram thoirt dhoibh sin thair nan sgeudachadh co-inmheach.” Ri beagan aimsir tha neach air a dheanamh eolach toilichte le suieachadh na h aghaidh, ach mi-mhais na h inntins achasan buan so nacheil idir furasta bhiann an reite ria.


[37]

Le amharc gu foighidneach air duilleag na dha do leabhar sa bith; feadaidh tu ann an cuid mhor barail chinnteach fhaotain air an iomlan; amhuil so nuair a chi thu bean cheillidh, aig deanamh saothair gu laitheil chum gach ni cliuteach oibreachadh le torra, aig runachadh a dleasnas a chur an gniomh do Dhia reir riaghail a coguis, agus leis na meadhana sin a shaoileas i thoillicheas eisin: Ni dimeas air gach coslas foill, gach focal agus gniomh truaillidh: oir cainnt gun bhlas cha ghabh ni sa bith a leasgeal. Tha briathra gun tlachd daonnan aig brath call ruigse; leis an fhiosrachadh so tha bhean ghrinn aig oirpeachale curam gu riaghluich firinn agus measarrachd a chuid as mo da conaltradh. Tha focail an cumantas taghte, agus fuidh sgeudachadh fionalta, is iadsan a chuireas ag ann na sgeul cha ruig iad a leas a smuainteachadh gun tairg i neoil an amhruis a charachale mionnan: dheanamh i dimeas orra; is an a bhiodh aig amhairc air a shon is chan islachadh i i fein co truaillidh, ’s gun tairgidh i, idir a leithid. ’S ged chluinneas i fann sgeul tim-chioll urra fein cha toisich i air connspoid, no buaireadh; bheir i gu ceillidh cluas bhodhar don nuaidheachd, is leigidh i tuiteam dhegun mheorachadh sios gu huaidh na dichuin. Comhnuichidh i so gu tearuinte o gach canain aig nacheil ceol sa bith na guth, ach gairm gu neo-gheamnuidheachd, oir tha fionaltachd a


[38] h inntin gu h iomlan na coigreach do namhaid co dioghaltach da sonas. Cia measail taitneach sealladh beatha na te so, gach cruth da gluasachd air an amhairc thu than leabhadh aig taisbeineadh dealbh fionalta chum lorgaireachd air urram agus speis.

An cridhe dhatas le truacantas air son amghar feodhain eile, a ghnuis anns am bheil seirc gu tric ra fhaicsin aig subhailcean sonnruighte mar so cha bu choir do dheoir na tuirsa bhi idir nan luchd eolais, no deirgid na trioblaid fosgladh air a mais’. A cudthrom a dhor cha cheannuich en te so, oir tha luach gu fior os ceann clocha buadhoil, agus chaneil gach ni a dhainmeachas tu idir ra shamhlachadh ria; ’s feist bhuan a cuideachd, is a conaltradh a bheir fionaltachd do gach cusboir ma timchioll, tha cainnt, sa giulan gun doinean, aig toirt achasan seachad nas mo na briathra. ’S iad na subhailc so, is cha ne beulanachd gheur, ghuineach, no droch ghne a h ainm chum buaidh. A bhean cheillidh cha dean i gu brath do dhfheodhain eile an ni nach bu mhaith le dheanamh dhith fein; so an riaghail leis am meoghraich, is an tomhais i h uile ghniomhara sonnruighte: than te so co beartach ann am firinn, ciuineas, agus gach comhara eile maiseach, is nach fair-ainm a radh gu bheil i cosmhuil ris a ghrein gu laitheil cinnteach, soilleir; cha chriochnuich i so am feast ann an speis agus tlachd an luchd-amhairc a choimhead


[39] gun seargadh no failneachadh, cosmhuil ri fosgladh an ros duisgaidh i fāileadh cumhraidh taitneach ma timchioll. ’S i h annail annail na seirc, a briathra torradh na ceille: bidh a run, sa conaltradh don aon seorsa, cha labhair a beul uair sa bith ach coslas na firinn an uair nacheil foill aig gabhail tamh na cridhe, cha ne sgeudachadh na baoibh a trusgan, no mirun faobhar a teanga; chan ann le cabhag, no giorrag a theid a focail a chur mu sgaoil. Innsidh snasmhoirachd an tuigse iomlanachd an aite far an dfhuair iad an altrum; tha fios aig bean na ceille gur priseil guth na firinn, ’s gu creideasach a coslas: uime sin canain an t suarceas, labhruidh a h uile ghniomhara co maith ra teangaidh: amhaircidh i air an fhirinn daonan ann an sealladh urramach, nacheil idir ra gnathuchamar chusboir bairigh, no mar chuis amaideach, cha cheol le ach a seinn, ’s cha run le ach a comhairle; samhlachadh cuilbheartan agus bhreug, ge dbhios iad air an taisbeinadh ann an dathanan seolta, air nam foillseachadh le briathra sgiolta, cha tarruing i dluth dan cuideachd, is chan eisd i ran guth, cha rūnaich i gluasachds an t slighe, far am bheil an fhirinn air a dimeasachadh. Ra h eolas cha dealaich i air son soirbheachadha no aiseachas, ma thuiteas dhith uair sa bith le sugrano neochuram a h ughdarras a dhichuimhneacha’, cha bhin āire urra a failneachadh aidmheacha, no lorg-
[40] aireachd arist air son a chruth fhionalta. Cia i an duich, āl, no cearna don t saoghal, anns an robh subhailc, measarrachd, is maisolachd mar so fuidh dhi’ -meas. Is gann a tha ni sa bith co chreagach ra fhaotain is gu seas e mach fada an aghaidh faoielachd agus foighidin. “Chaneil teanga’ ’n fhoghlum feimeil a dhfhoillseachadh cliu na mna aig am bheil ciuineas na gnuis, ann a conaltradh gliocas; suarceas ann a giulan, ann a beatha subhailce, agus ann a geamhnuidheachd treidhireas. Na buaidhean so air nan cruna le ceill is deagh ghne, mairidh iad beo nas faide na aghaidh thlachdmhor agus claoidh, naduir, ’s aois fagaidh iad neo-fhaicsinach, chan eil boichid sa bith anns am bheil fior mhais, ach taobh a stigh na h inntin riaghailteach; ciuineas agus grinneas, is fior mhais iad so dreachalachd beusan, is conaltradh, tha iad moran nas airidh air cliu na snasmhoirachd pearsa agus aghaidh mhaiseach. Ise tha ann an seilbh orra tha i air a fagail iomchuidh air a teaghlach a riaghlacha[?] gu ceart chum a bhina h eiseimpleir airidh air toirt fanear, araon da cloinn agus da luchd eolais: is iad so amhain [?] a dhfhagas mnaiciatfach, ’s a choisnea[s] dhoibh an tiodul is fearr chum cridhe agus gradh an dream ris am bheil iad ceanguilt.” Eisean a tha co sona ann [?] oirp, air an damais ann a bhean phosda
[41] fior bhan-charaid, dam fead e bhrollach fhosgladh gu tearuinte, am fear air an do thachair so, chodhail e mor shonas; gu cinnteach tha reuson aige cliu thoirt do Dhia, thug le laimh shaibhir a lionmhoireachd a storais dhasan beartas buan, ainmeil do rireadh, agus oighreachd shonnruighte. Tha fior chairdeas mar gu faicte corp air na roinn is nach dean suas reite sa bith gus an tachair e air a bhloidh fein. Cia taitneach seirceil a labhras, sa dhamhairceas sin air an dream dam bheil fior speis againn? Tha sin eidmhor man soirbheachadh, mothachaidh sin dealbh an t solais agus iomlaineachd aig Dusgan ar cridhe, gach uair a chluinneas sinn an ainm far am bheil an cliu ga mheudacha’. Cordadh agus ceangal caomh e roghain agus lan saor thoil anns gach cuids pairt, tha so ro fheimeil chum sonas lanain sa bith fhagail iomlan buan. Uime sin nuair tha reite soilleir ra leabhadh ann an teaghlach; Sean agus og ann an carthanachd le cheile, aig oirpeachadh gu treimhdhireach sonas iomlain a chur air aghaidh gu buil cheart. Cha nemhain gu robhn tigh air a thogail le tuigse, ach bidh e air a Riaghlacha’, is air a dhaingneachagu laitheil, le beannacha’. Is taitneach do rireadh an sealladh bhiaig faicsin teaghlach ann an ceangal caomh, seirceil, aig labhairt na firinn, agus daonan ann an sichainte eatorra fein. Far am bheil cuideachadh is caoimhneas Dhia, air
[42] na Dhearbhabidh e air na fhaicsin, oir iadsan a tha fuidh a sheoladh, sa tha aig runachaan treoracha ann an slighen dleasanais, cha chuir sgāil air bith folach air a mhaitheas uathsan: Ciod a chuireas smuairein, na buaireadh air bean na foighidin, is an t suairceis, cha dthig aon ni am feast leis am bii air na carrachano air na h aomadh, no leis an claoidheir i gu mor, “ach cuimhnis iomradh maith a chaoich biair a bhan-fhirean choiroir tha aice cultaice tearuinte ann an la na stoirm, a bheir seachad gach ni maith ra mhealtuin, do bhrigu bheil i grasmhor faicilleach agus co thromach gun gho; oir aig diadhachd tha gealla cinnteach air a bheatha thanois ann, co mhaith ris an t sonas a tha ri maireachduin gu siorruidh. Beannaichidh Dia saothair an teaghlaich a ghluaiseas ann a shlighe, aig am bheil tlachd do gach ni riaghailteach, mar chi sibh san 128 sailm, ’s aoibhneach gach neach a ghradhaicheas an tighearna, le cridhe glan gun cheilg; ’sa stiuras an ceumana do reir a lagh, oir bidh an aite taimh tearuinte, is ithidh iad gu sabhailt do thoradh an saothair. “Bithidh a bhean cheillidh mar chrann fion torach an taobh stigh da teaghlach, sa clann mar chrann ola tiomchioll a buird gu laitheil: mar so biaidh i air na beannachaa ghradhaicheas Dia, cuimhnichidh eisan i ann an Sion, chi i maith a teaghlaich, agus laithean fada; ’s clann
[43] a cloinne sonas sioruidh ann an Israel.” Ceannart sa bith togail, chan emhain gu bheil an t aite aige ra roghnacha’, ach mar an ceudnna nithe tha iomchuidh chum na h oibre. Tha cumhachd aig na nithe tha neo-thaitneach ran cur am feim a dhiulta’ ’s mar an ceudna a ghlacail sin tha iomlan freagarach, uime sin nuair a tha feodhain don aon run agus tograaig deanamh suas an eolais ra cheile, aig beathachaseirc, is gach deagh ghnathachaeile. So gun amhrus an tigh tha aig labhairt gliocass an daingneach, is chan fhailnich am bunachar gu brath; tha buannachd mhor do bhean sa bith ann a bhi ceanguilte ri duine coir diadhaidh: O bhunachar cofionalta taitneach tha cuid mhor da sonass a bheatha so, agus gu siorruidh gun amhrus aig eirigh. Uime sin chan eil achuinge sa bith a bu choir bhini bu durachdaich, no ceum beatha thaig lorgaireachd breathnacha is toirt fanears mo, no sin thaig treorucha chum posaidh; do bhri gu bheil cuid mhor dan sonas an so, is gu siorruidh an earbsa ri roghain dhaithoil; feadaidh luchd eolais air uairibh an am barail bhi air nam mealladh ach chan ann air an doigh so idir tha sealla Dhia, cha neil e fosgailte do mhearachd sa bith, tha e gu h iomlan os cionn foill, na fhianuis air uile asdar na beatha; chi e le aon sealla deagh bhuaidhean gach neach; nuair tha eisan aig cuir a laimh ris a ghnothach, chan fhead an sonas a bhi idir ann an
[44] cuntart. Iadsan tha aig deanamh an dichill a thoileachale giulan saoieil riaghailteach, ’s an aon t slighe eifhachdach maille ri cairdeas Chriosd’ , chum a chaoineas a dheanamh cinnteach, gun amhrus sa bith tha iad so taitneach na shuileans tha curam aige mun soirbheachaagus sonas, ach iadsan a theid air an aghaidh gun seoladh a shireadh air Dia no ghabhail, no lorgaireachd a dheanaair gne, no deagh bheusan cusboir an speis, feadaidh h aon do sheorse obain, mar so criochnachataitneach gu leoir, ach tha cuid chuntart anns an oirp, ’s chaneil e daonan aig tachairt gum bidh sonas air a mhealtuin le meadhon co deifireach, uime sin cha smuaintich baoidir do neach sa bith amhairc le ceill air son an leithid fein, an t aon is dluithe thig ran gne, is leis an saoiladh iad an sonas a bhi cinnteach, cia sa bith a thigs an t slighe. Tha fios aig Dia air maith a chlaoine fein, an seorse fionalta so bha gu cumanta aig lorgaireachd a thoil; tha e reusonta dhuinne a smuainteachagun amhairc e orra le tlachd; oir nuair a chi e cridheachan tha aig taisbeineadh samhlachadh anmhuin air fein, ach laidir air a cheile; thaig deanamh ionracais, onoir agus seirc bunchar an carthanachd. Than gradh do cheile aig teachd chum inmhe agus neart, agus sinn is mo o mhais deagh ghiulan no air son cusboir sa bith eile, ubraid, no amghar cha dthig iad so gu tric am feuchain le failt’
[45] neo-fhreagarach dan sonas is gach cruadail a than aghaidh aca ra thoirt air, chan eil e ach aig samhlachaceona maidin; a tha aig deanadeifir roghnuis na greine chum teiche gu grad o shealla. Leabhaidh bean ghlic daoine co maith ri leabhraichea[n] is bi’ a tuigse air a taisbeineadh gu soilleir [?] na roghain dhiubh araon: innsidh luchd eolais fionaltachd a blas agus a bhuannachd a leannas a saothair. Na h ainmeanan urramach thair nan cumail beo air chuimhne air son lionmhorachd an subhailcean; maille ris a chruth snasmhor sin bheir achasan seachad gun chaint thrasda, tha ra fhaicsin chan ann an leabhraichean diomhain ach amhain anns an fheodhain thaghte airichte, far am bheil riaghailtean diadhaidh gu tric ra fhaicsin, is tabhachdach ra mheoracha; mar an ceudna tha eolas, eachdraidh air Rioghachd ro fheimeil, cha nemhain gu fag rannsachamar so cruth maiseach na dheigh, gu meudaich e tuigse agus soilleirachd; na te bhios gu chleachduin, gun cuidich e a cridhe fagail, gneoil, trocaireach, ach mar an ceudna cruinnichidh i storas air son conaltradh agus caitheamh aimsir a bhios na bhunchar, cuid mhor do thoileachas inntin dhith fein, sa dhfhagas i ro mheasoil aig a luchd eolais. ’S ongheibh an creideamh fein mais o chaitheamh beatha na mna cheillidh choir, uime sin gach neach aig am bheil speis do gach ni snasmhor, measarra, ni iad gairdeachas
[46] na cuideachd is cha struitheadh leo an uine a chaitheas iad na sealla, cha ne fasan na h aimsir a diadhachd air a ghnathachamhain air shon cuis shonnruichte, no air am airichte chan ann chum suiridh air cliu gun tlachd, no chur air aghaidh no chruinneachaocar saoghalta; le run gu mor nas fionalta, tha cusboir urramach a leanmhuin air na ghairm gu beatha, chum slainte shiorruidha h anma dheanamh cinnteach; is oibreachadh air gach doigh gus a chothrom is fearr, chan emhain gu bheil i aig mothacha cumhachd an spioraid is an fhior chreideamh, ach tha cānain a gluasachd aig labhairt am brigu laitheil, agus sin ann a h uile ghniomhara; a Creud cha do thog i o chliu a ducha le comhairle a luchd eolais; cha do chuir i a lamh ra creideamh gu baireadh obainn le cabhaig; no run gun cheasnacha, chan ann do bhrigu robh e na chleachduin aig a parantaibh, ’s a coimhearsnaich, ach le fein-rannsach a thug i gu ceillidh fanear, le na riaghailtean urramach a leanmhuin gu bheil a sonas ann so is gu siorruidh soilleir ra leabhadh: uime sin ghlac i e le cnuasachd dhiomhair air a mhais, agus le lan saor-thoil; cha bhi gniomh sa bith feimeil, iongantach, no ainmeil air na thoirt gu buil a dhaon leum, nis lugha gu mor a bhios na nithe cudthromach sin a mhaireas gu siorruidh air nan criochnachale run amhain as cugmhuis dichill agus curam. Bhi
[47] smuainteacha neach sa bith iompacha’, on chreideamh anns am bheil eisean, no ise, aon uair air an daingneachaas eugmhuis an lan run fein, cha neil ann an so ach gniomh faoin, leanbuidh, oir cha bhico’ -cheangal buan no treimhdhireach gu brath aig gabhail freumh taitneach, gu h airighte ann an nithe a bhuineas do chreideamh as eugmhuis fior chorda cridheil gu h iomlan o roghain; Bhi aig tairgse inntin neach sa bith a shiachano aomadh on aidmheil a thad fein gu toileach ga leanmhuin, le brosdnachano comhairle dhaindeoin, chan eil ann ach rūn mearrachdach is fior mhullach na h amaideachd: nuair nach urra thu iompaidh chur air an tuigse le reusonachadh soilleir no buannachd do bharailse fhagail freagarach dan tografein: Bhiaig smuainteacha an smachdachale anchothrom, chan eil ann so ach truailleachd gun amhrus, is tha gach oirp don t seorsa aig amhairc ann an dathanna gun tlachd, agus di-measoil ann an suilean Dhia, oir chaneil e air mhodh sa bith aig corda ra lagh, no ann an rēite ri ni sa bith maith no creideasach; ach an te tha air na daingneachaanns a chreideamh, leis a bhuannachd a tha i fein aig faicsin na lorg, tha i so na maisann sa choimhearsnachd ma timchioll, na cuis fharmaid do gach neach a chi a gluasachd, na solus latha na teaghlagh, fuidh churam Dhia, is chithear daonan coslas a bheannachaidh aig dealradh air a gnuis.


[48]

Chan eil a giulan feadh na seachduin am an riaghlachaa teaghlaich nis neo’ -chumanta no ciatfach; nuair tha i aig dol chum teambull Dhia dia-donuich tha i aig teachd a dhionsuidh na h Eaglais, ach chan ann a dhamharc uaithe, no chums gum biodh i fein air na faicsin le feodhain eile, no shealtuin air fasan ūr, no lorgaireachd sgeultaibh na ducha, a dhfhiosruchatiomchill slainte cairdean, a dhiarruidh fear-ealain, no thagradh ain-fhiachano ghabhail airgiod iasaid, ach an toir air cusboir is fionalta agus is moairidh air tlachd agus toirt fanear no h aon do na nithe suarrach so: tha i teachd a lorgaireachd beannachaa Dia, dhfhoillseachadh a taingealachd, a phaidheadhris a h umhlachd, agus sin le fonn suighichte diadhaidh; riaghailteachd a giulan, is ciuinneas a h inntin: am feadh, ’sa tha i ann an sin comaith is anns gach am agus aite eile tha gu fosgailte aig labhairt inmhe a dealbh is aig foillseachadh a maise.

Tha i aig amharc air an eaglais mar aite coisrighte chum seirbheis Dhia a thoirt fanear, ’s a chur air aghaidh, uime sin thig i an dlus don ionad urramach so le fonn suighichte ceillidh, is chan ann idir leis a chluicheachd baireadh, no amaideach a bhuineas do thigh-aidheir no sugradh, no le faoineas agus gaireachdaich a cur failt agus furrain air a luchd eolais; uime sin biodh i air a comharachaa measg a chothionail leis a


[49] cheill agus grinneas a tha i daonan aig taisbeanadh is chan ann le h aon sa bith tha na choigreach do fhior dhiadhachd. Cia sa bith mar bhitheas an t searmoin labhruidh i urra le modhalachd, is taisbeinidh i le faicill agus grinneas gu bheil i nis mo na bean chriosduidh no bhi ealamh chum a teangaleigeil mo reir le neothuigse chomharacha faillneacha an fhir labhairt. Fuilingidh barail creideamh na te so ceasnachadh ann diomhair comaiths gu follaisach ann an lathair an t saoghail, chan eil an cruth ceart aig cosheasamh idir ann an sgleo air an taobh amuigh ann a bhi aig catheadh clogaide na foill no cleoca na naomhachd air amanan airighte. Ann an neoil dhorcha dhulaidh air a mhalaidh, ann an turadan no suil fhiar, no ann an samhlacha ochan no osna, mar gu bidh na nithe neo-snasmhor so na meadhon eifachdach chum slainte; uime sin tha briogh a creideamh aig cosheasamh anns an riaghail shoilleir shonnruighte so, tlachd do cheartas, trocair a ghradhacha, ’s gluasachd gu h umhal iorsil le na Dia.

Cha bhii aig leagail lion air son cliu fhollaisach, ’s an uair a mholas tu i air son gniomhs airidh air toirt fanear le tosd no ciuineas taisbeinidh i nach eil tlachd aice bhi’ ’g eisdeachd nuaidheachd a mheadaichas fein-speis no bhitheas aig amharc no gluasachd ann an ceum sodail gun fheim. Anns gach aite an seall i tha i gabhail


[50] barrachd curam a dhfholach no dhfhoill seachadh a subhailcean fein: cha bhii uair sa bith aig amhairc na deigh a dhfheuchain am bheil suil an iongantais aig gabhail beachd air a ceum no aig ceasnachadh a dreach. Cha bhisliochd na teanga cheillidh air a comharacha ann an sgeultain breugach mearrachdach; cha nemhain gu bheil na dubhailcean so nan coigreich da brollach fein achs fuathach le gach coslas a chi i dhiubh ann am feodhain eile: ’s gu brath chan fhosgail in dorus do luchd asdair co-suarach. Subhailce, treimhdhireass measarrachds iad na clochans am fiodh nach feudar a dhiteadh, ’s am bunchar bu mhiannach le Criosda leagail ann an cridhe na te a roghnaicheas e dha fein, a gheibh coir air a bheannacha sa chomhnaicheas maille ris gu siorruidh. A chloch do dhiult na chlochairean tha i nois na cloch chinn anns an oisein, ach na cloch thuislidh do phairt, ’s na carruig oilbheum do fheodhain eile, agus iadsan uile thogas urra cha bhiaobhar nāire aca gu brath, bidh iad mar, chlochan beo ann an tigh spiordadailt, nan cloinn bheannuighte air nan cuir man sgaoil le saoirse, nach feadar tuillidh a chuibhreach le cuing na daorse.

Thaisbein sinn cheanna cia mar bha bhean ghlic ra tigh a thogail, agus cuid do na nithe feimeil a bha freagarach air son a ghniomh shonnruighte, chum gach dealbh


[51] truaillidh a charrachas fionaltachd na h oibre thoirt chum sealladh taitneach; leannaidh sinn beagan nis faide fathasd air a buaidhean measail: aig bean a ghrinneas, ata suighichte na ceill chaneil feim teanga filidh no bard a thaisbeanadh a cliu no giulain; air a son labhruidh a deagh chaithe beatha fein gu laidir fallain anns gach aite anns an taisbein i h eudan: cha bhi gnadan na h adhartan san oiche, no doinean aig riaghlacha gnothaichean a teaghlaich. Cha chomharaich thu uair sa bith beum a teanga aig leon no aig lot gu sgaiteach aon neach a thig san t slighe, chan e cliu na di-moladh an t sluaigh air son am bheil i aig osnaich ach toil a coinnseis fein beannachadh a Dia an ni tha i runacha fhaotain na seilbh, ’s e lan thogra inntin ghlan a chumail suas am fiaghnuis Dhia, ’s dhaoine, se miann an sgeudacha a muigh sa stigh bhidon aon seorse, leis a sin chan eil eagal rannsacha no ceasnacha uirre uair sa bith; thig i so gu ciuin ceillidh le na gniomhraibh chum an t soluis a dhearbhadh a h oibresa dhfhaotain a duais: ’s coma le an dorchadas do bhrinacheil a deanadas air a chur an gniomh gu h olc no mi-thlachd mhor: cha nemhain gu bheil a gnothaichean aimsireil air an dealbh gu tuigseach, (oir cha bhii ri milleadh no cur a mugha ach ann am measarrachd, is riaghail cheart) ach mar an ceudnle faicill bheir i fanear na nithe tha tabhachdach chum maith a h
[52] anma chur air aghaidhs a thogail air bunchar cinnteach nach faillneich, nuair a dhosglas i suil sa mhaidin bheir i le urram buidheachas do Dhia air son socair na h oidhche, guidhidh i bheannacha gu durachdach urra feins air gach ni na seilbh, iarruidh i chuideacha chum a dion fad an latha o thuisle, o chomhra baoth no amaideach, o bheathacha droch runs o chuir an geill ni sa bith a bhios air a leanmhuin le masladh no aithreachas, mairidh snasmhorachd na te so air cuimhne shiorruidh, eiridh ghrian uirre gu suilbhire le gairdeachas, sona a companach, ’s aoibhneach a ginneil, bidh iad aig eirigh ann am meass creideas, saoruidh Dia i o bhuaireadh, stiuraidh e ceum gu tearuinte seachad air gach ceap tuislidh no claoi’; a bhean chiuin cheillidh tha i daonan fuidh churam, leis a sin chan fhead i gun bhieolach air gach ni tha taitneach, agus na coigreach air ubraids buaireadh; uime sin cha ruig neach sa bith a leas bhiaig lorgaireachd na te so ann an compairt no comhairle nan daoi: “Ann an slighe fhiar nam peacach baoth chan fhaic thu a ceum, ’s cha chluin thu a guth, ni mos si cathair fanoid luchd an spors; a togra no tlachd;” ach slighe ghlan na fireantachd riaghail a ruins miann a cridhe; eiridh sonas a solas don te so anns gach cuis amhrusach. Tha cuireadh nan scriobtuirean fial, se so an canuin, a thairg Criosd air slanuigh-fhear do luchd a chridhe
[53] ghlan; thoir fhurail do ghrass slainte do mhnaibh co mhaith ri fir; Ise a dhimicheas o dhaorse sa thogas teampul do Chriosdna cridhe, bidh i air na foillseacha le comharan uains gheibh i sabhailte gu h aite comhnuidh an Triath. Air clu inntin an nuaidheachd so tha minois aig fiosruch cia dhi bhan-ghaisgeachn ar measg nach gluais ann an slighe na babilon sa tha toileach cul chuir ris gach seorse peacaich: co an te dhfhag daoirse spioradails nach dean ceangal ris na h Amoritich; aig am bheil a h aghaidh air fearran a gheallidh: ise bhitheas, ’s tha, Dia les air a taoibh chan aobhar eagail dhith, “oir as eugmhuis gu tog e fein an tigh, thad aig saothrachadh anna diomhaineas, a tha ri togail, mun dions mar coimhid eisean am baile, tha faicills neart an luchd faire gun eifhachd; ’s faoin bhiaig eirich mochs a luidh an-moch oir riaghlachaidh eisean gach cuis mar chi e fein iomchuidh;” cha biodh ach ro bheagan as eugmhais aite comhnuidh taitneach, nan deanadh run amhain paidheadh air son cosdus na togail: nam faighte sonas siorruidh bhuidhins dol gu h ionad tamh air Dia gun saothair chaneil ag nach biodh gu leoir do chuideachd ra fhaicsin an sin. Mar biodh gu bheil eidirdhealachadh mor eadir subhailc agus dubhailc, ’s an criochs an aite tamh neo-chosmhuil ra cheile, co bheiradh na h urrad do sharacha dhith fein ann an cogudh an aghaidh
[54] cruth gach peacaidhs iomaleannan buaireadh: mar biodh gu bheil crun gairdeachaiss sonas siorruidh air na ghealtuins air na dheanamh cinnteach don te ghiulaineass a thachras air cruadail na beatha le foighidins ciuineas; no co bhiodh aig an t saothair an aghaidh thoirt air amghar sa bith. Chaneil ach ro bheagan a roghnaichabhi aig gleachd ri buaireadhs saracha, mar biodh gu bheil sonas neo chriochnuichtes sichainte nach crions nach caith le aimsir na uine, air na dheanacinnteach do shubhailc’ ’s deagh chaithe beatha; ach tha truaileachds amghar aig leanmhuin cloinn na h easumlachds cha bhicuid no pairt aca do thigh na firinn non t solais. Dathanan fionalta air an tarruing air grund dorcha, cha lughdaich e an buaidhean fein air mhodh sa bith; nuair tha cusboir tlachdmhor maiseach air a shamlachadh ri dealbh dimeasoil suarach bithidh a dreach an sin ni soilleir ra fhaicsin.

Bean ghlic toghaidh i tigh, ach bu mhiannach leis an amaid a mhilleadh le na lamhaibh. Thanig sinn anois air arn aghaidh chum beagan a labhairt air an amaid; agus o nacheil i fein no h aiceachd ran roghnacha cha chaith sinn moran do airn uine na cuideachd; chan eil anns an te chaill a reuson ach uireasach bochd tha air na comharacha le smachd Dhia, ’s leis sinn cha bhuin an t ainm dhith, ach sin amaid ra rireadh ann am bharailse ise nach ceannsaich


[55] ni sa bith diadhaidh, no taitneach, a dhfhag comhearsnachd naire, a threig ughdarras shubhailce, a chaill a meas sa creideas ise tha a giulan aig deanafochaid air gach dealbh geamnuidh, fionalta, riaghailteach. Ann an diomhaineas bhitheas tu aig amharc air son suarceis, toradh ceill no banalachd on te aig am bheil firinn, ’s measarrachds gach ni cliuteach eile ann an tailceass dimeas. Ise tha baoibheil guannach, cha nemhain gu mill i cuid fein, ach bu mhiannach le ea-coir dhaoine eile dheanamar an ceudn’. Bhi aig saoltin gach deagh shubhailce bheir i o luchd eolais, gun cuir e ra mais’, no o mhearrachd an giulain gum bidh a porsan fein do chliu air na riaghlacha’, se so do gach run, a mianns truaille, oir tha e ann an aimhreite shoilleir ri sior chreideamh, agus maitheas croidhe. An te nach gabh comhairle no achsan, nach iarr cuideacha Dhia, no sheoladh, nach feuch le curam, no tuigse air ni sa bith a their no ni i aig cumail coimhearsnaichs luchd eolais ann an ubraid roimhe cheile; aig dusgadhs aig sgaoileadh buairidh anns gach aiten gluais i, gun srian ra teangaidh no ra giulan, na coigreach do gach ni tha banail, no choisneadh fior speis. Chaneil aon neach aig am bheil tuigse chumanta nach seachnadh a ceum, ’s a cuideachd co-fhad, ’sa burradh iad; oir si crioch nan aitheanta daonnachd le croidhe glan, ma than amaid air an doigh
[56] so co dimeasail, suarrach ann an sealladh gach cuideachd shaoidheil choir, chaneil ni sa bith a ghabhas leith-sgeul, no ni suas call deagh bheusan. Ge do bhitheadh gnuis aig te co maiseach ri aingeal ma tha giulan ann an cumantas aig labhairt fuath air gach ni urramach riaghailteach, ann an ceangal ri gne dhuilbhir, tionndaih i ann an uine ghairid na cusboir gun tlachd, ’s ni mo ni beartas no fuil uasal ainmeil call nan subhailcean so a lionadh; no dheanasuas. ’S cruth gun chreideas an amaid anns gach rannsacha, chaneil briogh na conaltradh no mais na giulan, ’s leis a sin cha lean sin nis faide air a meorachadh, ’s gun amhrus baoibhneach an ni nam faigheadh gach neach co-aiseach dealacha ri cuideachd gach aon don t seorse, ’sa gheibh sinne air ceud a ghabhail dhiths an am.

S iad ciuineas, gliocas, ’s tuigse, no ann am briathra aithgheardeagh chaithe beatha am porsons buaine fhuair aon te riamh, cha chaill iad ann an cliu no an dreach a shamhradh no gheamhradh, le easlainte no aois cha tuit iad le gaillein, cha chrion iad le teas, cha mheataich le fuachd, ach mairidh iad gu sgiamhach snasmhor, le mais ur gach mioss bliadhnas feadh laithean a beatha gu h iomlan. Beusan fionalta, so an sgeudacha dreachail nach caill a mhais le na chaithe cosmhuil ri do thrusgan, ach a sgaras o cheile gach neoil dheuchain le gathanadealrach gun smal. Bean ghlic togaidh


[57] i tigh; cha nemhain (mar thuairt mi cheana) gun coisrig i do Dhia i fein nuair a dhfhosglas i suil sa mhaidin, ach mar an ceudnnuair a chriochnaicheas i obair an latha; ann an uaigneas no ann an diomhaireachd a croidhe fein, meorachidh i maitheass curam a Dia; bheir i le taingealachd buidheachas dha air son a dions a coimhid o gach tubaisd fhollasachs ceap tuislidh diomhair. Feuchaidh i gu foistineach cia maith chuir in gniomh non geill, ’n drinn i ceum mearrachdach, non dubhairt i ni sa bith maslach, ’n dthug i oirp air oilbheum a thoirt do aon neach an smuaintigh, guth, no gniomh; ’n robh conaltradh sa cuideachd air an tagha, an robh gach uair don latha nam fianuisean ann an lamh an uachdar fhaotain air guth gach sodails buairidh thanig ann an sealladh, ma se so an teisteis tha coinnseassa gniomhara aig taisbeineadh, le barantas feadaidh i radh gu robh h aimsir gu ceart air a builleachadh, ma thuiteas dhith uair sa bith a chaochla so a leabhadh a thoirt fanear, ma gheibh i mach faillneachadh no choslas, guidhidh i gu durachdach chum seasamh le neart nis iomlaine ann an aghaidh gach samlacha don t seorse cheudnthig tuillidh na lathair, Diultaidh i le di-meas gach tairgse bhios aig bagairt a neo-chionta aomadh no lughdacha, ’s cumaidh bean a chridhe mhaith suas gu misneachail an treimhdhireas sin nach biodh air a dhiteadh
[58] eadh no air a thionndadh le foill no mearrachd. Biodh cainnts guidhe na mna chiuin cheillidh cosmhuil ri briathran duine ainmeil a thuirto Dhia ceudaich dhamh cliu onorach ceart, no na h aidmhich dhamh idir fuaim urraim.” ’S mor a chuis mhisneich coinnseas glan a thoirt an aghaidh air siorruidheachd leis oir ise aig am bheil an t suil amhairc sin air an taobh stigh, a rannsaichas sa chi nis mionaidich no breathnachudh dhaoine, aig innseadh gun e lagh a Dia cusboir iomlan a speis; gu cinnteach chan fhead a dochus a bhimealta, ni modha bhios a creideamh gun luigheachd; dhfhag i gu fada rioghachd an dorchadais san eagail, oir cia chuireas gealtachd uirre tha fuidh smeide gnuis a cruitheoir fuidh shealladh a shuil, nach robh idir toileach a diadhachd a chrochadh air riochd truaillidh: ni motha blath a creideamh aig co sheasamh ann an geasrogan gun fheim no sgail breige air an taobh amuigh ach anns a chuid loinneal fhionalta air an taobh a stigh, an nan gloinnid neo chionta, ’s maiseileachd na beatha.

N uair theid bean na ceill ann an cuideachd cuiridh i gu daingean faicilleach glais air a billidh, roghnachaidh i briathras chan fhosgail i beul gu h obain no gun toirt fanear, ni moa labhras im focal a bu mhiannach leriste a ghairm air ais; nuair a bhitheas i cluinntin a luchd eolais aig labhairt air faillneachadh feodhain eile, cha


[59] dichuimhneich i idir an am fiosruich dhith fein am bheil a bheag don t seorse cheudnaig leanmhuin riumsa; ma bheir a meoghair ga cuimhne an samhlachas lugha se achasan a coinseais dhith san am: biodh ad thosd, na tairg intreadh ann an co chomun le luchd a bheum chuil, ’s mur an urra thu focal trocaireach chur as leith an neach tha aig fullaing binn dhitidh, na h aontaich idir le guth a mhaslaidh, gu ma fearr leat gu mor oirp a thoirt air aigne na cuideachd a thionnda air falbh chum cusboir sonnruighte airidh air toirt fanear, no eachdraidh neo chionteach eile. Leis a so cha nemhain feadaidh e bith gu bheil thu aig dion neach tha saor on ni air am bheil iad aig labhairt gu neo-chothromach ach mothachaidh thu gun amhrus buannachd as eugmhais call aig leanmhuin gach cleachduin don t seorse cheudn’.

Mar so a thogas a bhean ghlic a creideas co maith ra tigh: than t ainm bean aluinn gu mearachdach, ’s gu neo reusonta air na thoirt seachad oir na buaidhean tha aig deanamh suas na fior dhreach, thad gu soilleir aig co sheasamh ann an tuigses eolas gne mhin, mhoghar, giulan ciuin, riaghailteach, fonnmhor, geamnuidh, faicilleach toirt fanearach. Ise aig am bheil a mhais so na seilbh, tha i measail aig Dias daoine, ’s mairidh h ainm ann an cuimhne a luchd eolaisn diaigh dhith fein an saogal so fhagail. A bhean a stiuras a ceum gu taitneach,


[60] a reir lagh na saoirse, a threigeas le misneach do chrathadh coslas gach buairidh, a cheasnaichas, gu banail foistineach guths briogh gach cusboir, ’s gach cruth nacheil aig caitheamh achs gail nam breug, cha ghabh i nan cuideachs chan eisd in comhairle, ach diultaidh i riu gu turs le dimeas bheir i aithne dhoibh teichadh as a sealladh. Bidh daingneach na te so bunailteach, se tearmun carruic na seircs na sichainte, biodh a grian gu dealrach aig soillseachadh, ’s chan urra na droch dhaoine smal a chuir air a mais, no gniomhara a dhite; a tigh cha tuit, ’s chan aomse Dia a fear coimhid, ’s a sgail air a laimh dheis gu buan,” bidh i air a dion a dhoidhch agus a latha, ’s air a treoracha gu sabhailte o aon cheum grais gu ceum eile gus am bidh i fadheireadh air a socracha ann an sonas nach criochnuich, am bheil feim air tuillidh briathra, nach eil nis leor anns na thuirt mi cheanna, a dhusgadh togra nach fheadar a dhite? ann am brollach gach bean am eisdeachd chum cairdeas Dhia a chosnadh, meass cliu gach duine coir? faic fear aig fullang cuid mhor da bheatha triobloids deuchain, ’se aig faotuin ma dheireadh ann a sheilbh bean chiuin, mhoghar, bhannail, cheillidh; Bhiodh fhu-langtais sa chaill air an tionndadh gu buannachds gairdeachas, a dhaon uair air an di-chuimhneachadh ann an sonas; Ged nach eil co throm aig ainm anns an am air
[61] dleasanais an fhir fhoillseacha, gidheadh labhraidh sinn focal na dha ris anns an dol seachad. Tha e ro iomchuidh dha tachairt air a mhnaoi le seirc is foighidin, gun bhi ullamh chum lasadh ann am feirg no dioghaltas, ughdarras a bhi daonnan air a choimasg le trocair is gnealachd, a faillneacha, chur gu ceillidh, is gu folachaidh, le tuigse na sealla fein, a cronachadh le ciuineas leo fein, gun a mearrachd fhoillseacha mar oran do gach neach mun cuairt. Tha briathra an Abstoil iomchuidh ran toirt fanear, mar chi sibh ann an leabhar nan, Eph. Caib. xxii. 23. “A mhnaiumhlachaibh sibh fein dor fir mar don Tighearna, oir se am fear ceann na mna mar se Criosd ceann na h Eaglais,” ’s mar bhan gradh a thaisbein eisean fionalta tha e iomchuidh don fhear samhlacha don t seorse cheudna chur an geill dhithse, oirs coir dhoibh am mnaia ghradhacha mar an cuirp fein, uime sin eisean a bheir speis da bhean tha tlachd aige dhefein. Tha coducha eile air so ann an leabhar nan. Collos. Caib. iii. 10. “Fhearagraidhaichibh air mnaiis na bithibh searbh nan aghaidh, no ealamh chum am brosnacha gu feirg:” chan fheud am posadh gun amhrus gun bhidh na bheannachadh an uair a bhios seirc is reidheolachd air gach taobh, uime sin sen giulan beusach banail am fior bheartas, agus an storas is buaine is urra aon te fhaotain na seilbh.

Moralachd, no amaideachd chan fhaigh


[62] iad uair sa bith ughdarras o ghiulan, na mna glic tha fios aice gur gairid a mhaireas ardan, is gur suarrach an osag thinnis no thriobloid bheir claoidh da gnuis gun tairbh, a thilgeas i sios gun luth gun neart is a sgaoileas a bunchar gu h aithiseach o cheile. Gruaim no drochmhuna cha ne a sgeudacha, cha tuig i guth a mhi-thlachd is cha ghluais i gu brath le cuideachd co di-measail; chan eisd i ri tnuth no farmad, is cha bhiodh iad idir aice nan luchd ruin no taithe; se fear na te so dhfheadas a radh gun amhrus, “gun gun do thuit a lion ann an aite aoibhneach is gun dfhuair e oighreachd bhrēagh nach gann,” ged tha cuideachd ro thaitneach chum buanacha leidhe air arn aghaidh gidheadh tha an t am againn anois an tiomlan a chriochnacha. On mhineacha chuaidh a dheanacheanna air ar teagaisg; thug mi oirp air mais na mnaghlic a thaisbeineadh ann a sgeudacha fionalta fein, is nam b urra mo thuigse tuillidh ceartais dheanaria, cha b obair chailte leam an gniomh, ach anois cuiridh sinn crioch air an iomlan le briathra aithgheara freagarach do na chuaidh cheanna a radh. Sēud riomhach na mor luach, bidh meas aig nas leor air aite sa bith far am faic iad a bheag da leithid; mar an ceudna nam biodh gach uile bhean iomlan oirdheirc cha bhiodh idir na h urrad do dhiongantas oirnn an uair a chithamid a h aon don t seorse; ach chan ann aig ceann a
[63] h uile mile gheibhear coslas na te so, [?] anns gach baile. Ach cia sa bith air a[n?] tachair i is sona chrannchar agus is buan a bheannachadh: cha nemhain gu bheil i saoidheil ciuin, gun tlachd do mhiosguinn no culchāineadh i fein, ach ged a chluineas i uair sa bith fann sgeul timchioll a fir, no cloinne, ma ses gu bheil e gun bhunchar ceart, is gun duisg e bheag do bhuaireadh na teaghlach, is ann a bheir i achasan don luchd innsidh, is chan fhoillsich idir an ni a chual i, is ni bhios tlachd aice uair sa bith bhi ga mheoracha.

Tha i so na beannacha anns gach aite far am bheil i ra faotainn; cha bhi curam a Dia, no cairdeas an duine choir dhith idir nan coigrich. A bhean ghlic ni i gnothaichean ann an ām, cha chuir i dāil gus am māireach anns an ni bu choir dhith dheanaan diu’. Leis a sin chan fhead a duais no meas bhiann an cunthart; bidh ainglibh aig campucha timchioll air a h aite tamh chum a treoracha gu sabhailt ann an ceum a sonais. Isenach do thog a h anam ri diomhaineas, nach amhairce, is nach gluaiseadh ann an slighe fhiar nan ciontach, gheibh i so gu h ionad tamh a Dia, agus socraichidh i ann a aite naomha.” Si Cānain na foighidin fosgladh a beil, is a caithe beatha sgathan na tuigse, chan ann le buaireadh [Cur-iomchair. ] no criomchaig dhfhosglas i suil sa mhaidin a ghluaises i na teaghlach, no chriochnaich-

[64]
[65]
titleLeabhar focail ghlic Sholaimh. Caib. xiv. 1.
internal date1795.0
display date1795
publication date1795
level
parent textSearmoin do Mhnai’
<< please select a word
<< please select a page