SPUIREAN NA H-IOLAIRE

Iain MacLeòid

Airson Seònaid


[1]

1 Pàirce an Taobh an Iar

Bha stamag Alasdair a’ cur dragh air mar a bhitheadh i ’n ’n còmhnaidh nam bitheadh rud cudthromach sam bith ri aghaidh, no mus suidheadh e deuchainn ge bith cho dòchasach ’s a bha e air a bhith roimh làimh gun dèanadh e ’n gnothach. A-nise bha latha nan deuchainnean seachad oir chuir e crìoch air a chùrsa anns an oilthigh o chionn bhliadhna, ach le sùil a bhith aige ri dhol air beulaibh bòrd-sgrùdaidh a’ mhadainn ud fhèin bha na seann fhaireachdainnean air tilleadh.

Dhìrich e a dhruim ri cùl an t-suidheachain air an robh e anns a’ phàirce agus stad e de dhèanamh mas-fhìor gun robh e leughadh a’ phàipear-naidheachd. Bha uabhas dhroch naidheachdan ann co-dhiùdrugaichean, spreadhaidhean ’s a leithid sin. Thill a smaointean chun na coinneamh-sgrùdaidh ’s dh’fhiach e ri thoirt a chreidsinn air fhèin gun robh e coma co-dhiùbh gheibheadh e ’n obair gus nach fhaigheadh.

Thog e aodann ri teas na grèine. Air a chùlaibh bha uinneagan an Taigh Tasgaidh a’ deàrrsadh anns a’ ghrèin agus air a’ chnoc air taobh eile na h-aibhne bha togalaichean mòra an oilthigh a’ togail am bideanan os cionn a’ bhaile. Chan fhaiceadh duine ro mhath on taobh seo na togalaichean ùra air an cùlaibh a bha nas coltaiche ri bocsaichean mòra. Nuair a dhùin e shùilean bha fuaim na trabhaig air Rathad Dhun Breatainn a’ dol na b’ àirde.

Thug e sùil air uaireadair. Leth-uair an deaghaidh deich. Leth-uair eile mus bitheadh aige ri bhith air beulaibh a’ bhòrd-sgrùdaidh. Cha toireadh e ach deich mionaidean a’ coiseachd suas Sràid Sauchiehall dhan togalach oifisean far an robh oifis aigTaigh-Foillseachaidh Alba”.

Bha boireannach le pram a’ coiseachd seachad air an t-suidheachan aige ’s gille beag mu thrì bliadhna dh’ aois a’ ruith ri taobh is grèim aige air a’ phram. Chaill e grèim air a’ phram agus thuit e aig casan Alasdair. Thug an èigheach aige air falbh fuaim na trabhaig.

Thog Alasdair e agus shìn e dha mhàthair e ’s e fhathast a’ rànaich. Nuair a shuidh Alasdair a-rithis thug e ’n aire dhan duine a bha na sheasamh faisg air. Feumaidh gun robh e air a bhith an sin nuair a thuit an leanabh ach, a-rèir coltais, cha do mhothaich e thachair, ’s gu dearbh cha robh coltas air gun robh e mothachail air mòran dhe na bha tachairt timcheall air.

Tha e brèagha!” ars Alasdair ach cha do fhreagair an coigreach. Lean e air airson mionaid no dhà a’ coimhead thairis air an abhainn mar nach robh e faicinn càil agus nuair sin thionndaidh e air a shàil agus choisich e air falbh le ceum mall.

Thug e smaointinn air Alasdair. Bha aghaidh cho bàn agus coltas air gun do chaill e a dhòchas. Bha coltas caran loireach air an deise aige ged a bha e soilleir gun robh i daor gu leòr ga ceannach.


[2]

Cinnteach nach eil an duine bochd ceart anns an inntinn,” smaoinich Alasdair. “Ach ’s fheàrr dhòmhsa mo rathad a dhèanamh dhan àite.”

Bha e smaoineachadh air a’ bhòrd-sgrùdaidh nuair a choisich e mach às a’ phàirce a-staigh gu sràid Sauchiehall. Shaoil e gus an seo gum b’ fhiach an obair a dhol às a deaghaidh. Aig a’ char as lugha bheireadh i dha cothrom beagan airgid a dhèanamh gus am faigheadh e rudeigin eile. A-nise ’s am bòrd-sgrùdaidh ri aghaidh cha robh e cho cinnteach. Dòcha gum bu chòir dha bhith air fuireach anns an obair a bha aige anns a’ chompanaidh sanasan-reic gus am faigheadh e obair na bu chinntiche, ach cha robh e air a bhith dèanamh uabhasach math ann an sin agus nuair a phòs Oighrig cuideigin eile thionndaidh a h-uile càil caran searbh dha. “Ach, co-dhiù,” smaoinich e, “ ‘Cha dèan aithreachas mall bonn feuma’ .”

Agus bha an sanas a bha anns a’ phàipear inntinneach gu leòr:

Tha feum aig companaidh foillseachaidh air fireannaich no boireannaich òga, gu h-àraidh feadhainn aig a bheil teisteanas oilthigh. Tòisichidh an fheadhainn a bhios air an taghadh ann an roinn an reic agus bithidh cothrom aca a dhol air adhart gu na roinnean stiùiridh an deaghaidh sin, a-rèir an toil ’s an comasan fhèin.”

Sgrìobh e litir dhan t-seòladh a bha air a thoirt seachad agus fhuair e freagairt ag iarraidh air a dhol air beulaibh bòrd-sgrùdaidh ann an oifiseanTaigh-Foillseachadh Albaann anTogalach Levenfordaig aon uair deug anns a’ mhadainn.

Bha gathan na grèine cur dath an òir air an dust a bha air na cabhsairean ’s air na sràidean ’s bha e mar gun robh dathan nan sanasan rathaid a’ coimhead na bu shoilleire an deaghaidh uisge na maidne. Dh’fhairich Alasdair inntinn a’ togail beagan.

’S eTaigh-Osda Levenforda b’ àbhaist a bhith ann anTogalach Levenfordagus bha coltas air gun robh na bliadhnaichean a’ laighe air, ach bha coltas toirteil air aghaidh an togalaich fhathast ged a bha an taobh a-staigh dheth a-nise air a roinn eadar oifisean de gach seòrsa.

Bha an t-sreath phleitichean le ainmeannan nan oifisean orra coimhead caran annasach ri taobh an dorais stàtail. Dh’innis pleit ùr aig bonn na liosta do Alasdair gu robh an oifis aigTaigh-Foillseachaidh Albaair a’ cheathramh ùrlar.

Bha e follaiseach nach do chòrd e ris a’ bhodach bheag bhìodach a bha anns an lioft gun robh aige ri shùilean a thogail bho cholbh nan rèisean-each anns a’ phàipear-naidheachd, ach bha e deònach a dhleasdanas a dhèanamh ged nach do chòrd e ris ro mhath.

“ ‘Taigh-Foillseachaidh Alba, ’” ars Alasdair nuair a thòisich an lioft air èirigh gu cràmhanach.

“ ‘Taigh-Foillseachaidh Albaair do làimh dheis!” ars am bodach nuair a rànig iad an ceathramh ùrlar.

Dh’fhairich Alasdair samh peanta ùir. Bha dath soilleir liath air an trannsa agus air an doras air an robh an t-ainmTaigh-Foillseachaidh Alba”. Bha brat-ùrlair ùr a’ marbhadh fuaim nan casan aige.

Aon uair ’s gun robh e air a dhol tron doras choisich e null gu uinneig bhig air an


[3] robh am facalFeòrachadhagus bhrùth e am putan. Chaidh an uinneag a bhruthadh an dàrna taobh agus nochd aodann boireannaich le falt liath is speuclairean oirre mac samhail nam boireannach liath a chì duine anns na h-oifisean as fheàrr.

’S e MacRailt an t-ainm.....” thòisich Alasdair.

O, seadh,” ars ise agus rinn i fiamh-ghàire a dh’atharraich an t-aodann aice. “Tha sùil aig Mgr Diack, an t-Ard fhear-stiùiridh againn, ruibh. “Nam bitheadh sibh cho math agus suidhe mionaid, innsidh mi dha gu bheil sibh an seo.”

’S gann gun d’fhuair Alasdair suidhe anns an t-seuthar mhòr leathrach nuair a dh’fhosgail doras aig ceann eile an t-seòmair.

An tig sibh a-staigh, a Mhgr MhicRailt?” ars a’ bhan-rùnaire, “Chì Mgr Diack sibh a-nise.

titlePàirce an Taobh an Iar
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page