10 Caidreachas na h-Iolaire
Chaidh Alasdair a thoirt suas an staidhre gu seòmar air a’ chiad ùrlar. Bha dithis dhaoine mòra troma le aodannan dearga brùideil nan seasamh aig an doras fhads a bha na buill a’ dol a-staigh nan sreath.
Bha an seòmar seo caran nas lugha na ’m fear anns an robh a’ chuirm-chiùil air a bhith. Bha na ballachan àrd agus bha cùirtearan sgàrlaid ris na h-ùinneagan mòra. Bha na cùirtearan air an tarraing. Aig ceann shìos an t-seòmair bha àrd-ùrlar air an robh bòrd mòr trom le seuthraichean air a chùlaibh. Air a’ bhalla air cùlaibh a’ bhùird bha bratach mhòr sgàrlaid le suaicheantas na h-iolaire oirre ann an obair-ghrèis òir, suaicheantas a bha nise cur oillt air Alasdair oir bha fhios aige gur e samhladh a’ chòmhlain diabhlaidh aig Diack a bha ann.
Bha sreathan chathraichean air beulaibh an àird-ùrlair a bha letheach làn mar tha. Dh’ aithnich Alasdair nam measg cuid dhe na h-aodannan aig fir-stiùiridh “Taigh-Foillseachaidh Alba”. Bha feadhainn eile nach do dh’ aithnich e, coltach ri oifigich anns an arm nan giùlan.
Thug na fir-gleidhidh dhan t-sreath chùil e agus thug iad air suidhe eatorra. Cha robh e fada gus an robh an seòmar làn.
Smèid cuideigin dhan luchd-faire aig an doras agus chaidh na còmhlan mòra troma fiodha a dhùnadh. Dh’fhosgail doras air cùl an àird-ùrlair agus thàinig leth sheann duine liath le stais bhig a-mach.
“A dhaoin’ uaisle,” ars esan. “Seo ar ceannard!”
Shlaod na fir-gleidhidh Alasdair air a chasan agus dh’ èirich a h-uile neach eile anns an t-seòmar. Dh’ èirich èigh mhòr agus bualadh-bhasan bhon luchd-èisdeach fhads a bha Diack agus sianar eile tighinn a-mach air an àrd-ùrlar. Ghabh iad uile àite aig a’ bhòrd, triùir air gach taobh de Diack. Lean am fuaim molaidh airson greis mhath agus cha b’ urrainn do Alasdair gun an aire thoirt do dh’ aodannan cuid dhen luchd-èisdeachd. Thug na chunnaic e air a bhith faireachadh fuar.
Bha coltas orra gun robh iad a’ toirt trom-ghràdh agus ùmhlachd dhan fhear a bha air an àrd-ùrlar. Bha cuimhne aig Alasdair an aon choltas fhaicinn air aodannan nan Nazi ann am filmichean.
An deaghaidh dhan mholadh sgur nuair a shuidh an luchd èisdeachd a-rithist choisich Diack gu aghaidh an àird-ùrlair agus thòisich e air bruidheann.
“A Chàirdean, tha sibh uile nur buill de Chaidreachas Cumhachdach na h-Iolaire,” ars esan, “Tha fhios agaibh uile carson a tha sinn an seo. Cha mhòr nach eil an t-àm air teachd anns am bi sinn a’ gabhail sealbh air an dùthaich dhìblidh thruaillidh seo. Ath-nuadhachaidh sinne i le riaghladh nan daoine treun. Tha toil againn gu bhith mòr-dhalach!” Thog e dhòrn. “Chan eil feadhainn eile ann a tha airidh air riaghladh!”
Thainig torman ìseal, tùchanach bhon luchd-èisdeachd.
“Tha truaillidheachd agus dìblidheachd deamocratachd.. .thilg e mach am facal mar gum b’ e smugaid a bha ann.. .riaghladh na gràisge, air an saoghal a thoirt faisg air sgrios. Tha sinne cur às dha na claonairean ’s ghràisg dhìblidh le bhith gan cuideachadh ’s gam brosnachadh gu leigeil ruith le ’m mì-stuamachd. Tha sinn a’ frithealadh do ghràinealachd nan daoine truaillidh airson gun toir sinn latha an lèir-sgrios nas fhaisg’ air làimh! Tha sinn a’ reic puinnsean dha na treudan dubha airson gum bi iad aig ar casan nuair a thig an t-àm!
“Is sinne na daoine làidir. A seo a-mach ’s e sinne bhios a’ riaghladh le làimh làidir, fhallain agus smachdail. Tha na planaichean againn gu abachadh. Cluinnidh sibh a-nochd bho na fir-riaghlaidh ionadail air an àrd-ùrlar mu na planaichean deireannach againn. Bruthaidh sinn ar nàimhdean bho cheann gu ceann dhen rìoghachd. Thèid a h-uile neach a sheasas nar n-aghaidh a sgrios,”
Dh’ èirich an luchd-èisdeachd mar aon duine ag èigheach ’s a’ bualadh bhasan.
“Tha na càirdean againn sa’ phàrlamaid agus air na pàipearan-naidheachd deiseil gu ar cuideachadh. Cha mhòr nach eil an latha air teachd anns am bi an sprùidhleach daonda air a sguabadh air falbh mar mholl agus bithidh latha nan daoine treuna làidir-thoileach air teachd!”
A-rithis dh’èirich glaodh mòr bhon luchd-èisdeachd, ach cho luath ’s a thog Diack a làmh bha iad sàmhach a-rithis. Bha làn smachd aige air an luchd-èisdeachd.
“Ach an toiseach,” ars esan tha rud beag no dhà ri dèiligeadh ris, cnap-starra beag no dhà rin sguabadh às ar rathad.”
Feumaidh gun d’fhuair na fir-gleidhidh aig Alasdair comharradh air choreigin oir shlaod iad air a chasan e agus tharraing iad e ri aghaidh an t-sluaigh gus an robh e na sheasamh fon àrd-ùrlar air beulaibh Diack.
’S ann nuair sin a thuig Alasdair dè bha dol a thachairt dha. Bhathas a’ dol a dhèanamh ìobairt shamhlachail dheth. Bha a bhàs gu bhith na shamhladh air dè thachradh dhan h-uile neach a sheasadh an aghaidh Diack.
Bha aire air a bhith air a glacadh cho mòr le deas-bhriathrachd Diack ’s gun do dhìochuimhnich e cha mhòr an cunnart anns an robh e. Ged a bha e gu tur an aghaidh a h-uile nì a thuirt Diack bha rudeigin ann an guth ’s ann an aogais Diack a chuir fo gheasan e còmhla ri càch.
Dh’fhiach e ri coimhead suas air Diack ann an dòigh dhuineil a bheireadh dùlan dha ach bha na glùinean aige air chrith agus bha e faireachadh cho lag ri leanabh ann an grèim an luchd-gleidhidh.
“A Mhgr MhicRailt,” arsa Diack, “tha thu air tionndadh a-mach nad cheap-tuislich na bu mhotha na bheireadh d’ òige na do chomasan air duine sùil a bhith aige ris, ach cha chuir thu dragh oirnn nas fhaide. Gheibh thu mach,” thàinig dì-meas ann an guth Diack, “mar a rinn feadhainn eile, gu bheil spuirean na h-iolaire biorach eadhon dhan fheadhainn nach eil, cha mhòr, airidh air gun toireadh i aire dhaibh!”
Thog e ghuth.
“Tha Caidreachas na h-Iolaire air binn bàis a thoirt a-mach ort!”
’S ann nuair a chuala e na faclan sin a thàinig e staigh air Alasdair nach robh na glùinean aige a’ bualadh na chèile mar a bha iad ’s gun robh e comasach air seasamh gu duineil. Chuir a chomas-labhairt iongnadh air fhèin.
“Cha mharbh sibh gaol na saorsa!” dh’èigh e. Cha mharbh sibh e gu brath! Tha eachdraidh a’ dearbhadh sin. ’S e sibhse sgramh is salachar na h-eachdraidh! Bheireadh sibh gul air na h-ainglean ceart gu leòr!” Bha crith anns a’ ghuth aige ’s cha mhòr nach robh e caoineadh ach chaidh aige air smachd a chumail air fhèin.
Thòisich feadhainn dhen luchd-èisdeachd air èigheach, “Croch an salachar!” Ach thog Diack a làmh.
“Dòcha gu bheil e cheart cho math nach bi thu beò fada gu leòr airson faicinn cho faoin ’s a tha na beachdan agad! Tha lagh na coille ’s na machrach nas sine na beachdan nam feallsanach lag, meallta dham bheil thusa toirt creideas. Chan e gràisg mar a bha anns na Nazidhean a th’ annainn idir! ’S e daoine uasal a tha stiùireadh a’ chomainn seo, ’s tha na rùintean againn àrd agus uasal. Chosg sinn tìde gu leòr ort. Thoiribh air falbh e!” ars esan. “Bàsaichidh e màireach!”
Dh’èirich beuc ìseal tùchanach bhon luchd-èisdeachd a thug creathnachadh air Alasdair ge boil leis. Chaidh a tharraing a-mach às an t-seòmar ’s a thoirt suas an staidhre gu rùm beag air fìor mhullach an taighe.
title | Caidreachas na h-Iolaire |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |