11 Sgàil a’ Bhàis
Feumaidh gum b’ e rùm searbhanta bha ann uaireigin, smaoinich e, ’s e gabhail iongnadh gun robh e comasach air smaoineachadh air a leithid de rud. Bha uinneag bheag shuas air a’ bhalla agus chitheadh e gun robh tàirgnean-sgriubha ga cumail dùinte. Cha robh dòigh air faighinn às.
Cha robh àirneis eile anns an rùm ach leabaidh ris a’ bhalla a bha mu choinneamh an dorais agus peile ann an oisean. Shuidh e air an leabaidh is dh’fhiach e ri smaointean a chur an òrdan.
Bha h-uile càil a bha ann coltach ri rudeigin a chitheadh e ann am film. Bha e doirbh dha a ghabhail a-staigh gur e seo, a-rèir coltais, an oidhche mu dheireadh aige air thalamh.
Thàinig e staigh air uaireannan anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, eil fhios co ris a bhiodh e coltach nam biodh binn bàis air a thoirt a-mach air duine. Leugh e iomraidhean air bàs Mhontròis is bàs a nàmhaid, MacCailein Mòr, is bàs Sir Walter Raleigh is feadhainn eile ’s ghabh e iongnadh cho treun ’s a bha iad ri aghaidh bàis. A-nise, ’s e-fhèin anns an aon suidheachadh, bha e smaoineachadh gur dòcha gum b’ e bu choireach, gu ìre co-dhiù, cho rag ’s a bha an inntinn air a bhith gabhail a-staigh dè bha tachairt. Bha e mar gun robh a h-uile càil a bha ann a’ tachairt do chuideigin eile.
Ach an deaghaidh dha laighe sìos air an leabaidh dh’atharraich an suidheachadh seo. Bha e aognaidh anns an rùm bheag agus bha e faireachadh gu math bochd, dìblidh, a’ tarraing a sheacaid timcheall air. Bha aghaidh Catrìona a’ tighinn na inntinn agus na sùilean donn aice làn de thruas air a shon agus thug an smaoin nach fhaiceadh e gu bràth tuilleadh i ’s nach bitheadh beatha aca còmhla air na deòir a bhith sruthadh sìos aodann. Smaoinich e air athair ’s a mhàthair ’s air mar a bhitheadh e faireachadh samh na mònadh nuair a bhiodh e tighinn faisg air an taigh agus sguab tonnan na dòrainne thairis air ’s bha e na chrùban anns an leabaidh a’ briseadh a chridhe caoineadh ’s gun e dèanamh oidhirp sam bith air na deòir a mhùchadh.
Cha robh fhios aige dè cho fada ’s a bha e mar seo ach thàinig e staigh air, “Dè nam faiceadh Diack mi mar seo?” Shuidh e suas, chuir e chasan sìos taobh na leapa agus thiormaich e aodann.
“Cha ghèill mi idir!” thuirt e ris fhèin. “Nì mi sabaid chun na crìche.” Cha leigeadh e leis na deamhnan ud a chur gu bàs mar ghealtaire. Thàinig earrann às a’ Bhioball a-staigh air, “agus roghnaich Dia nithean anmhainn an t-saoghail chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach”, agus chuimhnich e far an cuala e feallsanachd a bha gu tur an aghaidh na feallsanachd aig Diack ’s a sheòrsa.. .anns an eaglais. ’S iomadh rud a chuala e anns an eaglais nach robh e dol leis ach aig bun a h-uile rud bha an smaoin “is gràdh Dia”.
Chaidh Alasdair air a ghlùinean agus thòisich e air ùrnaigh a dhèanamh. Beag air bheag thàinig fois is sìth air inntinn ’s air aignidhean. An deaghaidh greis shreap e staigh anns an leabaidh a-rithis ’s e faireachadh gun robh e air a chlaoidh gu tur. Rug an cadal air mus d’ rinn e e-fhèin dìreach anns an leabaidh.
Airson greiseag bheag an deaghaidh dha dùsgadh cha robh cuimhne aige càite an robh e ’s solas na maidne a’ deàrrsadh a-staigh air an uinneig. Nuair sin thàinig e ga ionnsaigh fhèin agus dh’èirich e air casan a bha gu math cugallach.
’S gann gun robh e air a chois nuair a chuala e cuideigin tighinn a dh’ ionnsaigh an dorais.
“Dhia, cuidich mi!” ars esan.
Dh’fhosgail an doras agus bha Mullins agus dithis eile nan seasamh an sin. Chuir Mullins a làmh na phòcaid agus fiamh-ghàire air aghaidh. Dh’fhairich Alasdair am fallas a’ ruith sìos cùl a chasan. Rinn e ùrnaigh airson neart ’s a chorp mar gum bitheadh a’ fiachainn ri tarraing a-staigh air fhèin ’s e ga bhruthadh fhèin ris a’ bhalla.
Nuair sin bhruidheann Mullins.
“Ciamar a tha thu ’n diugh, a Mhgr MhicRailt?” agus tharraing e làmh às a phocaid.
“Tha m’ uair air tighinn!” smaoinich Alasdair. Tharraing e anail ’s dh’fhiach e gun sgriach a leigeil às. Nuair sin chunnaic e dè bha ann an làimh Mullins. Cha mhòr nach do thòisich e air caoineadh leis an fhaochadh a dh’fhairich e. ’S e inneal-bearraidh fiasaig a bha aig Mullins.
Bha fhios aig Alasdair gur feum gun do dh’fhàs aodann bàn. Shìn e mach a làmh ’s cha b’ urrainn dha stad a chur air a chrith a bha innte. Thòisich e air fàs fiadhaich. Bha Mullins a’ dèiligeadh ris mar chat le luch.
Ach dh’fhalbh am plìon far aghaidh Mullins.
“Thoir dhìot bun na fiasaig!” dh’òrdaich e ann an dòigh bhorb.
Thòisich Alasdair air e fhèin a bhearradh. Bha e taingeil gum b’ urrainn dha a bhith bruthadh an inneil ri aodann airson stad a chur air a’ chrith a bha na làimh.
“Tha thu uabhasach treun am-measg do chàirdean, Mullins!” ars esan.
Sheall Mullins air gu dùr.
“Chì sinn cò bhios treun a dh’ aithghearr!” ars esan. Thug e sgàthan stàilinn a-mach às a phòcaid agus shad e air an leabaidh e. Nuair sin dhùin e an doras le brag air a chùlaibh agus dh’fhalbh iad.
Lean Alasdair air ga bhearradh fhèin gun cus aire aige dè bha e dèanamh fhads a bha e fiachainn ri dhèanamh a-mach dè bha na nàimhdean aige dol a dhèanamh ris.
Bha aon nì soilleir. Bha iad dol a dh’ fhiachainn ri dhèanamh-mach gur e tubaist a bha anns a’ bhàs aige neo cha bhitheadh iad a’ gabhail dragh mun choltas aige.
Dh’fhairich e ceuman a-rithist a’ tighinn a dh’ ionnsaigh an dorais. Dh’fhosgail an doras. Bha fear dhe na fir-gleidhidh na sheasamh an sin.
Dè mheudachd a th’ anns na brògan agad?” ars esan.
“Naodh,” ars Alasdair.
Thuirt an duine rudeigin ri fear a bha air a chùlaibh agus nuair sin shad e paidhir
bhrògan streapa air an leabaidh agus còmhla riutha briogais glùine, stocainnean, agus geansaidh.
“Cuir sin ort!” dh’òrdaich e.
Feumaidh gun robh iad dol ga thoirt a-mach. Dh’èirich spiorad Alasdair. Dh’fhairich e dòchas na chridhe co-dhiù bha sin reusanta dha gus nach robh. Aig an aon àm ghabh e iongnadh gun robh iad a’ dol dhan dragh seo airson cur às dha. Chuimhnich e air rudeigin a chuala e mu na Nazidhean a bha, a-rèir coltais, fìor mu na daoine seo cuideachd. A dh’aindeoin cho innleachdach ’s a bha iad air dòigh, agus cho math air a h-uile inneal ùr a thigeadh am follais a chur gu feum, bha seòrsa de sgoltadh mì-reusanta anns an inntinn aca. Cha robh anns an fheallsanachd aca a dh’aindeoin cho reusanta ’s a dh’fhiachadh iad ri dhèanamh ach plaosg tana os ceann doimheachd bhorb, bhrùideil, mhì-reusanta. Bha Diack cho àrdanach dol air ais gu saoghal lagh na coille ’s na machrach. Bha e dìochuimhneachadh nach robh mòran gnothaich aig an t-saoghal sin ri reusan.
Ma bha iad-san dol a dhèanamh seòrsa de ìobairt de dhuine dh’fheumadh e bhith soilleir, co-dhiù dhaibh fhèin, gun robh e na ìobairt. Is a bharrachd air sin cò chuireadh uibhreachd air daoine òga bhith air am marbhadh air na beanntan.
Ach ge bith dè a b’ adhbhar dhan chothrom seo a bha iad a’ toirt dha, dhèanadh e feum dheth. Shìn e mach a chasan ’s thug e stadhadh air fhèin. Bha na fèithean aige caran rag an deaghaidh dha bhith na chrùban anns an leabaidh ’s dh’fheumadh e bhith deiseil airson an cothrom a bu lugha a ghabhail.
Dh’fhosgail an doras a-rithis. Bha Mullins na sheasamh an siud ’s an dithis eile cuide ris, fear àrd caol dorcha le fiasaig agus fear beag ruadh. Chum Mullins a làmh dheas ann am pòcaid an anoraic aige ach ghluais e i na phòcaid ach cha robh an teagamh a bu lugha aig Alasdair gun robh gunna innte.
“Mach à sin leat!” arsa Mullins.
A dh’aindeoin nan smaointean a chaidh troimh inntinn mu dheidhinn nan daoine aig an robh e na phrìosanach, bha Alasdair a’ faireachadh gaoir ann an craiceann a dhroma fhads a bha e coiseachd a-mach às an taigh agus Mullins air a’ chùlaibh. Bha fhios aige gun còrdadh e glè mhath ri Mullins peilear a chur ann. Bha e dhen bheachd nach robh mòran feallsanachd de sheòrsa sam bith aig Mullins. Cha robh ann am Mullins ach fear dhe na trusdairean a bhios a’ gabhail cothrom dhen h-uile siostam borb airson na droch rùintean aca fhèin a thoirt gu buil agus bha seo air dòigh a’ dèanamh Mullins nas cunnartaiche na càch. Ach bha eagal air roimh Diack.
An uair a thàinig e mach air an doras aghaidh chaidh land rover le pàirt de chàirdean Diack ann seachad air beulaibh an taighe. Thuig Alasdair an gnothach a-nise. Bha rudeigin dol a dh’èirigh dha le tubaist gunna.
Cha robh mòran tìde aige air smaoineachadh air seo mus tàinig càr mòr eile agus chaidh a bhruthadh a-staigh ann leis na fir-gleidhidh. Shuidh fear dhiubh air gach taobh dheth agus Mullins ann an aghaidh a’ chàir còmhla ris an dràibhear. Nuair a thòisich an càr a-rithist cha robh ach aon smaoin ann an inntinn Alasdair. Ge bith dè thachradh
thàrradh e às. Chan fhanadh e gus an cuireadh iad an gunna ris coltach ri cù air an robh an cuthach. Dòcha gur e sin a cheart rud a bha dhìth air na fir-gleidhidh ach cha robh cothrom air.
Thàinig an càr gu snaim anns an rathad agus ghabh an dràibhear an rathad gu tuath a’ dèanamh air an Aonach Sgorach.
Thionndaidh Mullins agus shìn e cuairteag ròpa do Alasdair.
“Cuir sin mud mheadhon!” ars esan.
“Airson gun cuir sibhse ’n gunna rium coltach ri cù air am bitheadh an cuthach!” ars Alasdair.
“Cò thuirt rud sam bith mun ghunna a chur riut!” arsa Mullins. Chuir e làmh air a’ ghunna bha air a ghlùinean. “Dòcha ma dh’fhiachas tu ri teicheadh no ma dhiùltas tu streap!”
Sin e. Bha fhios aca nach b’ e streap idir fear dhe na cur-seachadan aige. Dh’innis e-fhèin sin do Mhullins uaireigin, ach bha fhios aig Mullins gum bitheadh e coiseachd am measg nam beann agus nan tuiteadh e bhitheadh daoine smaoineachadh gur ann a thòisich e air cur-seachad na bu chunnartaiche agus gun do dhìoghail e air.
Rinn Mullins gàire.
“Tha thu dol a shreap a’ Chùirn Dhuibh!” ars esan.
Chitheadh Alasdair tro uinneig a’ chàir an Carn Dubh a’ sàthadh a chinn suas dha na sgòthan. Bha an Carn Dubh na phàirt dhen challaid bheanntan ris an can daoine an t-Aonach Sgorach, druim fhada a bha na bhalla dìon do Choire na Ciste air an taobh deas. B’ e an Carn an aon dòigh air faighinn a-staigh dhan choire air an taobh an iar-dheas. Bha aghaidh nam beanntan eile nas caise. Ach thàinig rudeigin a-staigh air a mhùch an t-eagal beagan. Bha an t-seann chraobh dharaich far an tuirt e gun coinnicheadh e Aonghas Dòmhnallach air an taobh eile de Choire na Ciste. Dòcha gun cumadh e còmhdhail ri Aonghas fhathast ged a bhitheadh e latha air dheireadh.
Airson a’ chairteal na h-uarach mu dheireadh bha an càr a’ leum ’s a’ bocadaich suas rathad starbhach fhads a bha ’n dràibhear a’ maoidheadh ’s a’ guidheachan, ach a-nise thàinig am frith-rathad gu crìch aig bun a’ Chùirn agus bhrùth na fir-gleidhidh Alasdair a-mach às a’ chàr.
Thug e sùil air na h-aodannan cruaidh, brùideil a bha timcheall air ach cha robh tròcair sam bith a’ nochdadh ann an gin aca.
Smèid Mullins a dh’ ionnsaigh a’ Chùirn. Bha an t-aodann aige gu math cas air an taobh seo.
“Tog ort!” ars esan. “An dàrna cuid nì thu streap, no bheir sinn ort coimhead mar gun do rinn thu streap! Agus creid mise, tha e nas glice dhut fiachainn ri streap!”
Cha robh an teagamh a bu lugha aig Alasdair às a sin. Thionndaidh e ’s thòisich e air a rathad a dhèanamh am-measg nan creagan mòra a bha nan laighe aig bonn na beinne.
title | Sgàil a’ Bhàis |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |