[47]

12 An Càrn Dubh

Cha robh e air dhol fada nuair a dhèigh Mullins às a dheaghaidh.

Aon rud eile, MhicRailt, bithidh fear dhe na càirdean againne gad fheitheamh air amhullach. Tha e air an rathad suas an taobh eile an dràsda fhèin, an taobh as fhasa, ’s bidh tìde gu leòr aige a bhith shuas romhad ma thèid agad air amhullach a ruigheachd. ’S e duine caran cursa na dhòigh a tha ann agus tha brògan mòra air! Dòcha gum bitheadh e na bfhasa dhut nan sadadh tu thu fhèin sìos bho àirde cheud, no trì cheud troigh can!”

Thàinig na deòir gu sùilean Alasdairs e tionndadh air falbh. Nach e bha gòrach a bhith smaoineachadh gum fàgadh iad an dol às a bu lugha aige. Leig Mullins leis dòchas faoin altram cho fad ’s b’ urrainn dha. Ach dhfhàs aodann dùr a-rithist. ’S e nach sadadh e fhèin sìos. Cha robh e deiseil fhathast. Ach cha robh Mullins deiseil dhe-san na bu mhotha.

Bheir sinn do bheannachdan do Chatrìona!” dhèigh e. Rinn càch gàire.

Cha do thionndaidh Alasdair idir ach bha an fheargs am bròn ga thachdadh.

Ged nach robh e eòlach air streap bheanntan bha a ghaoirdeanan làidir. Bha e math air streap anns an sgoil agus bha cuideachd a mhàthar à Hiort, feadhainn aig an robh am beatha gu tric an crochadh air cho maths bha iad air streap.

Ged nach do thuig e e aig an àm, bha am magadhs am beumadh aig Mullins air a chuideachadh gu mòr.

Salachar!” thuirt e ris fhèin. “Seallaidh mise dhaibh!” Bha leithid de dhfheirg airs gun do dhìochuimhnich e gu ìre an cunnart anns an robh e ach cha do mhair seo ach greis agus mar a bàirde chaidh es ann bu mhotha thuig en gàbhadh anns an robh e.

Dhfhiach e gun a bhith smaoineachadh air an fhear a bha dèanamh a rathaid suas taobh eile na beinnes dhfhiach e gun a bhith smaoineachadh cuideachd air Mullins agus a chàirdean afeitheamh aig bonn na beinne gus an tuiteadh a chorp briste am-measg nan creagan. Os cionn a h-uile càil dhfhiach e gun a bhith coimhead sìos air eagal gun cailleadh e mhisneachds gun ragaicheadh e ri aghaidh na creige.

Bha e fiachainn ri inntinn a chumail air an ath sgor, an ath eag air an cuireadh e cas no làmh. Cha robh an t-eagal air cho mòrs a bhitheadh e mura be gun robh e air a bhith ri aghaidh bàis cho fada. ’S ann bha blàths na creige na chomhartachd dha an taca ris na madaidhean ann an riochd daonnda a bha ga fheitheamh gu h-ìosals gu h-àrd. Thàinig e staigh air gur feum gu robh e air an treas cuid dhen astar dhan mhullach a shreap.

Bhris pìos cloiche fo choiss shleamhnaich e astar beag sìos an aghaidh mus deach aige air grèim fhaighinn a-rithists am fallas adalladh a shùilean. Dhfhan e far an


[48]

robh e airson greiseag. ’S aodann an taca ris achreig.

Brag! Dhfhairich e achreag asgoltadh fo chasans aig an aon àm chuala e brag aghunna. Bha an fheadhainn a bha fodha cur seachad na tìde le bhith losgadh air achreig.

Le eagal peileir eile ga ghreasad shlaod e e-fhèin suas cho luaths a burrainn dha. Dhfhiach e ri thoirt na chuimhne fhèin gun robh Diack air òrdachadh gun robh aige ri bàsachadh le tuiteam gun làrach peileir airs nach biodh a chridhe aca dhol na aghaidh, ach mura cuimsicheadh iad ceart. Pìos air falbh chuala e gunnachan alosgadh.. .Diacks a chàirdean. bheireadh an aire do dhfhuaim peileir no dhà eile?

Bha a làmhan air an gearradhs fuil atighinn asda, ’s na h-ìghnean aige briste achs gann gun tug en aire dhaibh. Nuair a stadadh e airson tiotan cha chluinneadh e ach an aonach a bha anail adèanamh.

Brag! Bhuail peilear achreag dìreach os a chionns chaidh a dhalladh le frois de dhusts de chlachan beaga. Dhfhairich e clach ga bhualadh anns amhalaidhs an fhuil asruthadh sìos aghaidh. Bha eagal air an toiseach gur e cuideigin a shad achlach air bhon mhullach, ach chuimhnich e gun cuala e brag aghunnas bha fhios aige gur e peilear a bu choireach.

Ghabh e staigh gun robh e caoineadh le eagals le feirg.

Brag! Thàinig peilear eile air a làimh cheàrr, ’s an uair sin a dhà eile goirid an deaghaidh a chèile. Feumaidh gun robh iad agabhail eagail gun deach aige air streap cho àrd gun tuiteams gun robh am fear gu h-àrd cho fada gun tighinn. Dhèirich dòchas mòr na chridhe, ach aig an aon àm bha barrachd eagail air gun tuiteadh es e cho faisg air amhullach. Mar a bfhaisge bha e tighinn air amhullach cuideachd bha iomagain uabhasach air gun nochdadh ceann duine thar abhearraidh.

Brag! Dhfhairich e achreag adol na pìosan far an robh a chas dheass chaill e grèim. Dhfhalbh an eag bheag air an robh a chas an sàs. Nuair a thòisich e air slaidhdeadh sìos sgrìob e le chorragan uairs uair ri aghaidh na creige ach bha e sìor fhalbh.

Aa!” dhèigh e, ’s chual e buaidh-chaithream ag èirigh bhon fheadhainn a bha gu h-ìseal. Lean e air aslaidhdeadh sìos aghaidh na creige a dhionnsaigh pìos na bu chaise dìreach fodha far an robh fhios aige gun tuiteadh e far taobh na beinne. Nuair sin dhfhairich e tarraing air achrios aiges thàinig e gu stad. Dhfhan e an sin airson mionaid no dhàs eagal air gluasad. Bha an crios aige an sàs ann an cnap creige air choreigin.

An deaghaidh greiseig sguir an tùchan analach a bha air, cha robh buillean a chridhe cho fìor luath is chitheadh e na bfheàrr on chaidh aige air pàirt dhen fhallas a chrathadh far aodainn.

Beag air bheag shìn e mach a làmh dheas geàrrte is brùite mar a bha i a dhionnsaigh sgoltadh beag anns achreig. Aig an aon àm dhfhiach e ri chorp a ghluasad dhan taobh dheas is eagal a bheatha air gum falbhadh an crios aige far achnaips gun drachadh e leis. Bha e faireachadh nach robh a ghaoirdean fada gu leòr airson an sgoltadh a ruigheachd, ach le spàirn chruaidh chaidh aige air a chorragan fhaighinn an sàs anns an sgoltadh. Bha e sgrìobadh le chois cheàrr ach chan fhaigheadh e grèim. Bha e na


[49]

bfhortanaiche leis achois dheiss chaidh aige air e-fhèin a shlaodadh suas. Lean e air mean air mhean asìor ghluasad an àirde.

Bha e tighinn faisg air abhearradh a-nises bha eg altram dòchas gun stàth nach deach aig an fhear eile airson adhbhar air choreigin am mullach a ruigheachd.

Nuair sin leig e ràn às le eagal is briseadh-dùil.

Nochd ceann duine thar bile abhearraidh.

Bha spiorad Alasdair briste.

Leig suas mi!” dhèigh e. “An ainm Dhè leig suas mi!”

Na gabh thusa dragh, ’ille. Bithidh tu bhos an seo ann an tiotan!”

Cha mhòr nach do leig Alasdair às a ghrèim air achreig leis aghàirdeachas uabhasach a lìon a chridhe.

Bha e coimhead ann an aodann Aonghais Dhòmhnallaich.

titleAn Càrn Dubh
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page