13 An Cadha Dorcha
Bha an glaodhaich a bha tighinn bho bhonn na beinne a’ dèanamh soilleir gun robh an fheadhainn a bha gu h-ìseal air bhoile le feirg is briseadh-dùil.
Thàinig ròpa le dul air a-nuas aghaidh na creige.
“Cuir do ghaoirdean anns an dul, Alasdair!” dh’èigh Aonghas. “Nuair sin cùm grèim air is obraich le do chasan fhads a tha mise gad tharraing!”
Shàth Alasdair a ghaoirdean tron dul. Dh’obraich e a chasan gu dìcheallach ri aghaidh na creige ga bhruthadh fhèin suas le cuideachadh Aonghais air an ròpa.
Fad na tìde bha an èigheach a’ leantainn bhon fheadhainn gu h-ìseal. Agus an uair sin bragail ghunnaichean. Bha iad a’ fiachainn ri amais air a-nise.
Suas, suas chaidh e gus an do rug Aonghas air coilear a sheacaid mu dheireadh agus tharraing e e le aon slaodadh thairis air a’ bhearradh. Dìreach an uair sin thug peilear an ad far ceann Aonghais is dh’fhàg e cheann maol a’ deàrrsadh ann an solas na grèine is iad le chèile nan laighe air an druim anns an fhraoch air mullach a’ Chùirn is am broilleach a’ plosgartaich leis an spàirn a bha orra.
Rinn Aonghas gàire ’s e plapadaich gualainn Alasdair.
“ ’S math dhomh fhìn ’s dhut fhèin nach eil iad ro mhath air a’ ghunna!” ars esan.
“Tha iad math gu leòr!” ars Alasdair, a’ coimhead na h-aide bhon àite san robh e na laighe. Bha e doirbh dha bruidheann fhathast leis an aonach a bha air ach dh’fhiach e ri gàire dhèanamh ri Aonghas a bha air a ghlùinean ri thaobh a-nise.
“ ’S mise bha toilichte sibhse fhaicinn, Aonghais,” chaidh aige air a ràdh.
“Uill uill, Alasdair,” ars Aonghas. “Tha thu cho math ri d’ athair air faighinn ann an croisean. Duine sàmhach a th’ ann, ach duine fiadhaich, fiadhaich nuair a thèid a thogail!”
Chuir e làmh air gualainn Alasdair a-rithis.
“Leig thusa d’ anail an sin greiseag ’s an uair sin feumaidh sinn togail oirnn. Bheir mise sùil air dè tha na droch creutairean gu h-ìseal a’ dèanamh. Faodaidh tusa sùil a chumail air ar caraid an seo. Chan e gur urrainn dha mòran a dhèanamh ’s e air a cheangal mar a tha e!”
Airson a’ chiad uair thug Alasdair an aire dhan fhear a bha na laighe ann am paiseanadh anns an fhraoch agus e air a cheangal gu teann. Thuig Alasdair a-nise carson nach tàinig creagan a-nuas air a cheann. Dh’aithnich e an duine. ’S e fear dhe na fir-gleidhidh a bha ann. Chuir Alasdair an ad aige air a’ ghunna aige is shìn e i gu cùramach a-mach thar a’ bhile. Ge bith dè a’ bharail a bha aige air sgil nan nàimhdean leis a’ ghunna cha robh e dol a thoirt cothrom sam bith dhaibh. Nuair sin choimhead e gu faiceallach thairis air a’ bhearradh.
An deaghaidh greiseag dh’èirich e ’s thàinig e nall gu far an robh Alasdair.
“Tha iad air falbh aig peilear am beatha airson fiachainn ri ar gearradh dheth aig beul a’ Choire!” ars esan.
Shuidh Alasdair suas. Bha e air tighinn ga ionnsaigh fhèin a-nise.
“Nì iad sin cuideachd, Aonghais!” ars esan. “ ’S tha feadhainn eile dhiubh sealg air feadh a’ Ghlinne cuideachd! Tha sibhse air sibh fhèin a chur ann an cunnart mòr air mo sgàth-sa a bharrachd air mo bheatha shàbhaladh!”
“Ist! Dhèanainn fada bharrachd airson mac d’ athar nam b’ urrainn dhomh!” arsa Aonghas. Tha fhios agam mu dheidhinn chàich, ach ma tha thusa deiseil airson falbh nì sinn an gnothach orra fhathast!”
Dh’èirich Alasdair gu math ciurramach air a chasan. Bha e mar gun robh goirteas anns a h-uile fèith a bha na chorp ’s bha buille aig a’ ghearradh a bha air a’ mhalaidh ach bha e toirt neart is misneachd dha gun robh Aonghas còmhla ris a-nise, nach robh e leis fhèin nas fhaide.
“Tha mise deiseil,” ars esan, “ach cuimhnichibh ’s e daoine cunnartach a tha annta, Aonghais.” “Thàinig mi-fhìn ’s d’ athair troimh ghàbhaidhean na bu mhiosa na seo ann an Cogadh Korea,” ars Aonghas. “ ’S cuimhnich thusa cuideachd nach e daoine bhuineas dhan dùthaich a tha anns an fheadhainn sin idir, ach feadhainn às a’ bhaile mhòr, agus guineach ’s gu bheil iad chan aithne dhaibh an sgìreachd seo cho math ruinne! Chan e nach fheum sinn a bhith faiceallach ’s uimhir dhiubh ann!”
“ ’S fheàrr dhuinn falbh ge ta.” Thog e gunna an fhir-ghleidhidh agus rinn e spealgan dheth an aghaidh creige. Nuair sin thog e air sìos a’ bhruthach agus Alasdair a’ leantainn na cheuman.
“Bha iad gu h-àrd air cliathaich a’ bhùla mhòir ris an canar Coire na Ciste. Bha badan chraobhan agus pìosan de choille-chuir air gach taobh dhen choire. Bha iad a-nise tighinn faisg air Allt na Ciste, sruthan a bha ruith tron choire gus an robh e coinneachadh na h-Aibhne Riabhaich aig beul a’ Choire.
Bha casan Aonghais, ged as e duine mòr a bha ann, a’ leum o bhacan gu bacan mar nach robh iad cha mhòr a’ buntainn ri talamh idir ’s Alasdair a’ dèanamh spàirn chruaidh airson cumail suas ris. Bha grian a’ mheadhon-latha a’ bualadh orra ’s bha chasan a’ faireachadh gu math rag ach chùm e air mar a b’fheàrr a b’ urrainn dha.
“Càite an tèid sinn seachad air an Allt?” dh’fhoighnich e de Aonghas.
“Sin rud nach eil sinn dol a dhèanamh!” arsa Aonghas. Bithidh sùil aca gun dèan sinn sin, gun tèid sinn thairis air an Allt a’ dèanamh air na beanntan aig ceann a’ Ghlinne. Tha cuimhne agad gu bheil bealach aig ceann a tuath a’Choire a bheir gu ceann a’ Ghlinne thu, ach ni sinne air bun a’ Choire!”
“Ach ’s cinnteach gu faic iad sinn ma ghabhas sinn an taobh sin!” arsa Alasdair.
“Chan fhaic ma gheibh sinn gu àite ’s aithne dhòmhsa!” arsa Aonghas.
Bha iad am-measg chraobhan a-nise far an robh e na b’ fhasa dhaibh fuireach am falach mura bitheadh cuideigin faisg air làimh orra, oir nam bitheadh bhiodh cunnart ann gun cluinnteadh iad a’ briseadh geug no meangan grod len casan.
Lean iad orra, Aonghas a’ gluasad mar Innseanach Dearg am-measg na coille ’s
Alasdair ga leantainn le ceum na bu chugallaiche.
Chuala iad èigheach a-nise.
Stad Aonghas ’s smèid e ri Alasdair an aon rud a dhèanamh.
“Bheil sibh a’ saoilsinn gum bu chòir dhuinn fuireach an seo am-measg nan craobhan gus a fàs e dòrcha?” ars Alasdair.
“Chan eil. Ghlacadh iad an seo sinn. Dh’fhaodadh gu bheil coin aca ’s tillidh iad nuair nach bi sgeul oirnn aig ceann shuas a’ Ghlinne. Bithidh solas ann fhathast nuair a ruigeas iad shuas.”
Bha grèim an cliathaich Alasdair ’s bha anail a’ tighinn gu math luath.
Chuala iad barrachd èigheach.
Thug Aonghas sùil air Alasdair ’s threòirich e null gu bad phreasan e.
“Gabhaidh sinn fois an seo airson greiseag bheag gus am faigh thu d’ anail air ais ’s gus am faic mise càite bheil iad.”
Chrath Alasdair a cheann ’s bha e dol a chumail air ach chuir Aonghas stad air.
“ ’S fheàrr dhut gun thu fhèin a shàrachadh cus,” arsa Aonghas. Dòcha gum feum sinn spàirn a dhèanamh fhathast!”
Fhads a bha Alasdair a’ leigeil analach shlèag Aonghas gu faiceallach air adhart is dhìrich e suas air creig mhòir a bha na seasamh am-measg nan craobhan agus às am faiceadh e tro na craobhan.
Thàinig glaodh eile bho àite-eigin fòdhpa. Bha i na b’ fhaisge na ’n èigheach a chuala iad roimhe. Dh’èirich Alasdair is eagal air gum faca iad Aonghas, ach thuig e bhon dòigh fhaiceallach anns an robh Aonghas a’ dèanamh a rathaid air ais nach robh seo ceart.
“Tha eagal orm gum feum sinn togail oirnn ’ille. Bithidh iad seo a dh’aithghearr. Tha iad sgaoilte am-measg nan craobhan air an taobh seo dhen Allt.”
Rug e air ghaoirdean air Alasdair.
Feumaidh sinn dèanamh air an Allt. ’S e an aon chothrom a tha againn!
“Ach chì iad sinn!”
“Chan fhaic ma nì thusa h-uile càil a dh’ iarras mise ort!”
Dhragh e gaoirdean Alasdair ann an dòigh gu math smachdail, dh’fhàg e ’n rathad a bha iad air a bhith leantainn ’s ghabh e dìreach sìos an leathad.
Bha buille ’n ceann Alasdair ’s cha mhòr nach robh e cur a-mach leis an sgìos. Mura b’ e làmh Aonghais ga tharraing tro na craobhan bha e air laighe sìos far an robh e. Bha e coma nise co-dhiù rachadh a ghlacadh gus nach d’ rachadh.
“ ’S fheàrr dhuibh m’ fhàgail, Aonghais!” ars esan. Faodaidh mi falach anns na craobhan.”
“An ainm an Aigh na dean gèill a-nise, ’ille! Cùm ort airson greiseag bheag!”
Chùm Alasdair air gu cugallach eadar pian is òrrais. Chuala iad èigheach a-rithis air an làimh dheis.
“Chan fhaca iad sinn idir!” arsa Aonghas tro ghiorrad analach. “Cha mhòr nach eil sinn aige!”
A-nise bha iad a’ dèanamh an rathaid tro phreasan is raineach sìos dhan Allt.
Dh’fhairich Alasdair fionnaireachd bheannaichte an uisge air a chasan nuair a leig iad iad fhèin sìos ann.
“Dìreach rud beag nas fhaide air adhart a-nise, Alasdair!” arsa Aonghas.
Cha robh Alasdair uabhasach mothachail air dè bha tachairt a-nise, ach leig e le Aonghas a tharraing suas air sgeilp cloiche ann am bruaich an Uillt ’s thug e ’n aire gun robh sgàil-bhrat de gheugan ’s de dhuilleagan os a chionn. Dh’aithnich e gun robh èigheach cha mhòr anns a h-uile àite timcheall orra.
“Cha robh ann ach gun deachaidh againn air!” Bha Aonghas a’ seanais na chluais. Bha fiamh-ghàire air an aghaidh aige ’s i donn leis a’ ghrèin. “Bithidh dùil aca nise bho nach fhaca iad sinn gu bheil sinn air dèanamh air ceann a’ Ghlinne. Cumaidh sin a’ dol iad airson dà uair a thìde co-dhiù.
“Dèan thusa beagan cadail, Alasdair. Cumaidh mise sùil a-mach ach tha sinn sàbhailte gu leòr an seo.” Cha mhòr nach robh Alasdair na chadal mus cuala e na faclan mu dheireadh.
Chaidh a dhùsgadh le Aonghas a’ crathadh a ghualainn gu socair.
“Dè cho fad ’s a bha mi nam chadal?” ars esan.
“Dà uair a thìde cha mhòr.” Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air na geugan os an cionn. Thug e sùil air uaireadair. Bha e leth-uair an deaghaidh trì. “Tha greis a-nise bho nach cuala mi èigheach,” arsa Aonghas.
Mhothaich Alasdair gun robh a chasan rùisgte ’s gun robh na stocainnean aige tiormachadh air gèig. Fhads a bha e cur air a stocainnean ’s a bhrògan dh’innis e do Aonghas beagan mu na h-innleachdan gràineil a fhuair e mach mun deidhinn.
Dh’èisd Aonghas ris gu foighidneach gus an robh e deiseil ’s an uair sin chuir e a làmh air gualainn Alasdair.
“Bha mi riamh a’ smaoineachadh gur e trusdair a bha ann an Diack!” ars esan, “ach cha do shaoil mi gun robh e cho fìor olc sin. Rinn thu glè mhath, Alasdair. ’S e gille treun a tha annad! Bithidh d’ athair moiteil asad.”
“Cha robh mi cho treun nuair a bha mi dèanamh guidhe airson mo bheatha aig mullach a’ Chùirn Dhuibh!” arsa Alasdair. “Bha eagal orm gun d’ rachadh mo mharbhadh! Tha fhathast!”
“ ’S e duine gun tùr air nach bitheadh an t-eagal sin!” arsa Aonghas. “ ’S iomadh duine calma chunnaic mise nach dèanadh cho math ’s a rinn thusa anns na lathaichean a chaidh seachad. Cha chan mi ach aon rud eile. Nam b’ e mo mhac-s’ thu bhithinn gu math pròiseil asad an-diugh!” Rinn e gàire. “Ged tha thu cho gòrach, gad fhaighinn fhèin ann an crois! Nise feumaidh sinn togail oirnn.” Dh’fhàs an t-aodann aige nas sòlaimte. “Chuala mi coin o chionn greis a’ dol suas ’s nuair nach fhaigh iad sinn tillidh iad.”
Dh’èirich Alasdair. Bha e faireachadh caran rag fhathast ach bha blàths timcheall air a chridhe leis an dòigh a bhruidhinn Aonghas ris.
“Ceart! Tha mi deiseil!” ars esan.
Chitheadh e gun robh an rathad dìomhair a’ leantainn pìos math ri bruaich an Uillt.
“An e sin an rathad a tha sinn dol a ghabhail, Aonghais?” ars esan. “Chan eil cuimhne agam air fhaicinn nuair a bha mi òg.”
“Sin ar rathad,” arsa Aonghas. “ ’S chan eil e na iongnadh nach fhaca thu e nuair a bha thu nad ghille beag oir tha an t-uisge gu math domhainn an seo far a bheil e gearradh tron chreig. ’S e ‘an Cadha Dorcha’ chanadh na seann daoine ris an rathad seo. Tha e leantainn ri bruaich an Uillt gus an tig e gu ceann faisg air an àite far a bheil Allt na Ciste ruith a-staigh anns an Abhainn Riabhaich ’s chan eil sin fada bhon Taigh Mhòr. Ach bha mi fhìn ’s tu fhèin fortanach an-diugh Alasdair, mas e ‘fortanach’ a chanadh tu ris! Nan robh uisge trom air a bhith ann o chionn latha no dhà bhitheadh an t-Allt air èirigh seachad air an rathad seo. Eiridh an t-uisge cho luath leis cho domhainn ’s a tha e. A-nise chan urrainn dhaibh tighinnn a-nuas anns an uisge oir tha e ro dhomhainn ’s tha na bruaichean ro chas airson streap a-nuas mura aithne dhaibh an t-àite far an tàinig sinne a-nuas.
“Cùm thusa faisg ormsa. Dèan a h-uile càil a chì thu mise dèanamh. Dh’fhaodadh gu bheil fir-gleidhidh aca air faire a-nise ma tha amharas aca gur ann air beul a’ Ghlinne tha sinn a’ dèanamh!”
Thog Aonghas an gunna air a ghualainn agus ghabh e sìos an Cadha na leth chrùban. Bha an sgàil-bhrat gheugan ro ìseal airson gum b’ urrainn dhaibh iad fhèin a dhìreachadh. Chùm iad orra airson beagan is leth-mhìle ’s na casan aca trusadh suas na duilleagan marbha bha air an t-slighe. Bha an t-uisge dèanamh cus fuaim airson gun cluinneadh duine seo. Bha na bruaichean na b’ fhaide o chèile a-nise far an robh an t-Allt a’ tighinn faisg air an Abhainn Riabhaich astar beag mus ruitheadh i staigh ann an Loch Riabhach shìos fon Taigh Mhòr. Cha robh iad fada ruigheachd a’ chomair.
Gu h-obann thog Aonghas a làmh.
“Laigh sìos!” ars esan fo anail ’s shad e e-fhèin na laighe. Rinn Alasdair an aon rud. Dìreach an uair sin chuala e einsean bàta.
Greiseag bheag an deaghaidh sin chuala iad bruidheann agus eadar friamhaichean craoibhe le cas Aonghais a’ dinneadh a chluais dheis chunnaic e bàta tighinn a-nuas na h-Aibhne le Mullins agus an dithis eile ann. Bha aodann Mullins dearg leis an teas ’s leis an fheirg. Chan eil teagamh nach do dh’fhairich e cuip teanga Diack, ’s dòcha gealltanas air rudeigin na bu mhiosa airson leigeil leis a’ phrìosanach aige teicheadh.
“Seall! Seall sin! Thàinig guth às a’ bhàta. “Tha rathad ri taobh na bruaiche!”
Ragaich corp Alasdair, ’s e saoilsinn gun deach am faicinn. Bha e air leum air a bhuinn mura b’ e gun do bhrùth cas Aonghais sìos e.
Bha a’ bhruaich fhathast ro chas airson leigeil leotha streap suas, ach bha fear dhe na daoine ag argumaid gum bu chòir dhaibh a dhol suas an t-Allt cho fad ’s a b’ urrainn dhaibh fiach am faiceadh iad na fògarraich.
Cha robh am fear eile airson seo idir.
“Cuimhnich gu bheil dithis dhiubh ann. Cuimhnich cuideachd dè dh’èirich do Lambert!”
“Bha mi smaoineachadh gun canadh tusa sin!” arsa Mullins a’ fanaid air. Ach tha
thu ceart! ’S fheàrr dhuinn tilleadh ’s tuilleadh dhaoine fhaighinn. Thuirt Diack gum feumtadh an glacadh ’s am marbhadh ge bith dè chosgadh e!”
Dh’fhairich Alasdair an t-eu-dòchas a’ greimeachadh air.
“Tha sinn air ar glacadh!” ars esan.
“Chan eil fhathast!” arsa Aonghas ged a bha aodann sòlaimte. “Nì sinn air taigh a’ Mhàidsear Chaimbeul. Tha taigh-samhraidh Taigh na Bruaiche aige beagan os cionn na bruaiche an seo.”
Dh’èirich Aonghas airson falbh, ach rug Alasdair air ghualainn air.
“ ’S e fear dhiubhsan a tha ann, Aonghais!” ars esan. “Chunnaic mi aig a’choinneimh e còmhla ri Diack!”
Dh’fhàs aghaidh Aonghais cùramach.
“Uill!” ars esan. “Am Màidsear cuideachd! Nach e ’m puinnsean a tha sgapte! Co-dhiù, chan eil dol às againn. Bithidh iad an seo a dh’ aithghearr le coin. Feumaidh sinn gabhail tron fhearann aige-san.”
Thòisich iad a’ dìreadh a’ bhruthaich eadar na craobhan beithe ’s na casan aca dol sìos anns an talamh bhog a bha làn còinnich. Air cùlaibh na coille bheithe bha callaid de chraobhan sgithich agus seachad air sin chitheadh Alasdair na h-uinneagan àrd aig an taigh.
Shlèag iad suas dhan challaid sgithich is choimhead iad trompa. Cha mhòr nach do dh’èigh Alasdair a-mach nuair a chunnaic e cò bha ann, agus tharraing e Aonghas sìos anns an fheur.
An sin nan suidhe air beinge anns a’ ghàrradh bha Cailean Stevenson agus am Màidsear agus mun coinneamh air seuthar-gàrraidh bha Catrìona.
title | An Cadha Dorcha |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |