14 Taigh na Bruaiche
Bha am Màidsear agus Stevenson a’ bruidheann. Bha Catrìona na suidhe anns an t-seuthar, a’ coimhead sìos gu tùirseach mar gun robh i ’n deaghaidh bhith caoineadh, ach nuair a thuirt am Màidsear rudeigin ri Stevenson ’s a rinn e gàire thog i a ceann gu pròiseil ’s choimhead i dìreach air thoiseach oirre.
Lìon cridhe Alasdair le gaol is fearg, fearg dha na brùidean a bha ga cumail is gaol dhan nighinn òig seo a bha cho treun ann an suidheachadh cho èiginneach.
“An e sin a’ las agad, Alasdair?” bha Aonghas a’ seanais na chluais. “Tha mi tuigsinn a-nise carson a tha thu dèanamh a leithid de strì air a son!”
Nuair sin dh’èirich cù mòr Ailsèiteanach a bha air a bhith na laighe air taobh eile beinge a’ Mhàidseir, choimhead e ’n rathad a bha Alasdair ’s Aonghas is thòisich e air comhartaich. Choimhead na daoine an aon rathad.
“Thìocais, tha fhios aige gu bheil sinn an seo!” arsa Aonghas. An uair sin, “Chan eil fhios aca gur e mise bha còmhla riut,” rinn e seanais ann an cabhaig. “Fiachaidh mi ri faighinn cuidhteas iad le ràdh gum faca mi poidsearan! Coinnich mi aig 11 Aite Lochabar a-nochd!”
Leis an sin dh’èirich Aonghas agus thòisich e air coiseachd a-null gu far an robh na daoine.
Bha an cù a’ comhartaich mar gun robh an cuthach air a-nise. Dh’èirich am Màidsear ’s rug e air choilear air ’s bha Stevenson air èirigh cuideachd.
Dh’fhan Alasdair na laighe air cùl nan craobhan ’s buille throm aig a chridhe. Chan fhaca Stevenson Aonghas còmhla ri-san, ach dè ma bha fear dhe na daoine a bha cuide ri Mullins anns an taigh, no nam faithnicheadh iad Aonghas bho na thuirt Mullins mu dheidhinn?
Chuir Stevenson a làmh na phòcaid ach phut am Màidsear e ’s thuirt e rudeigin ris agus dh’fhàs Stevenson na bu shocraiche.
Bha Aonghas a’ bruidheann ris a’ Mhàidsear agus a’ smèideadh suas an t-Allt. Chuala Alasdair na faclan, “Dà phoidsear beagan gu tuath anns na craobhan.. .”
Bha Alasdair air bhioran. An gabhadh iad am biadh? Bhitheadh e nàdarrach gu leòr gun innseadh seann gheamair coltach ri Aonghas dhaibh mu dheidhinn phoidsearan, gu h-àraidh ma bha e coimhead airson obair ach. ..
Thionndaidh am Màidsear gu Stevenson ’s e na bhoil.
“Tha e glè choltach gur e iadsan a th’ ann!” ars esan.
Chaidh iad uile ’s Aonghas còmhla riutha a-staigh dhan taigh, Stevenson a’ breith air gaoirdean Catrìona ’s toirt oirre coiseachd air thoiseach air. An ceann mionaid no dhà, thàinig Aonghas ’s am Màidsear agus Stevenson a-mach às an taigh. Bha gunnaichean aig an dithis mu dheireadh. Bha dithis fhear-gleidhidh còmhla riutha ’s gunnai
chean aca-san cuideachd. Bha iad a’ bruidheann ’s a’ crathadh an làmhan.
Mean air mhean dh’fhàs na guthan na b’ fhaide air falbh ’s bha Alasdair air fhàgail na laighe anns an fheur air beulaibh an taighe shàmhaich ’s a’ ghrian a’ deàrrsadh air an lianaidh.
Thug iad dithis dhe na fir-gleidhidh leotha. Bhitheadh iad ag iarraidh uimhir ’s b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha, ach an do dh’fhàg iad duine a chumail sùil air Catrìona? Co-dhiù dh’fheumadh esan a chuid a dhèanamh a-nise. Rinn Aonghas a chuid fhèin.
Thog e ’n gunna aig Aonghas agus chuir e air a ghualainn e. Bha e ’n dòchas, nam faiceadh duine sam bith e gu saoileadh iad gur e fear dhe na càirdean aig a’ Mhàidsear a bha ann an deaghaidh bhith mach a’ sealg, no gur e fear dhe na daoine aig Diack a bha ann.
Choisich e suas na steapaichean aig an doras aghaidh ’s thionndaidh e làmh an dorais. Bha e taingeil nuair a dh’ fhosgail an doras. Air a bheulaibh anns an talla bha staidhre mhòr fhiodha a’ dìreadh agus trannsaichean a’ falbh air a làimh cheàrr ’s air a làimh dheis. Cha robh fuaim a’ tighinn à àite sam bith, ach diog bhon chleoc mhòr ann an oisean na talla.
Càite an cuireadh iad Catrìona? ’S e bu dòcha gun robh i glaiste ann an seòmar-cadail air an ùrlar àrd, smaoinich e. Chaidh e suas an staidhre le sìnteagan fada ’s a’ bhrat a bha oirre a’ marbhadh fuaim sam bith a dhèanadh a chasan ’s aig mullach na staidhre bhuail e ann an cuideigin a bha air tighinn a-nuas an trannsa air a làimh cheàrr gun fhuaim sam bith a dhèanamh.
Bha am fear eile, seirbhiseach a-rèir mar a bha e air èideadh, na bu mhotha troimhe chèile na bha Alasdair fhèin. Rinn e sùilean mòra ’s dh’fhosgail a bheul. Thug seo barrachd misneachd do Alasdair.
“Tha mi duilich!” ars esan. “Dh’iarr Mgr Diack orm an nighean a thoirt air ais gu Taigh Ghlinn Riabhaich.”
“Ach thuirt am Màidsear Caimbeul gun robh aice ri bhith air a cumail an seo ’s nach fhaodadh i an seòmar ’s a bheil i fhàgail air adhbhar sam bith!” Thòisich e air ratreut a dhèanamh sìos an trannsa a’ dol a theicheadh.
Chunnaic Alasdair nach biodh e gu feum sam bith mas fhìor a dhèanamh tuilleadh. Rug e air an duine air coilear a sheacaid is bhrùth e dhruim gu cruaidh ri doras.
“Aon diog ’s gheibh thu peilear sa’ mhionach!” ars esan gu borb. Sheall e le fuath ann an sùilean an duine a bha fosgladh na bu mhotha leis an eagal. Bha Alasdair taingeil nach e fear dhe na brùidean aig Diack a bha ann.
“Càite a bheil an nighean?” ars esan, a’ bruthadh a’ ghunna ri amhaich an duine. Innis dhomh, neo gheibh thu e!”
Bua sùilean an duine a’ bolgadh a-mach às a cheann.. . ’s anail a’ tighinn gu tùchanach. “Dèan tròcair orm!” ars esan, “Dèan tròcair orm!”
“Seall dhomh càite a bheil i matà!” ars Alasdair, a’ breith air choilear air ’s ga phutadh air adhart.
Stad an duine aig doras na b’ fhaide sìos an trannsa.
“An sin!” thuirt e a’ comharrachadh doras ’s an iuchair san toll.
“Fosgail e!”
Le làimh a bha air chrith thionndaidh an duine an iuchair agus dh’fhosgail e an doras. Bha Catrìona na suidhe air an leabaidh ’s a làmhan fo smeagad. Nuair a thog i a ceann chunnaic e gun robh i air a bhith caoineadh.
Choimhead i le eagal ann an aodann an t-seirbhisich ’s an uair sin. ..
“O, Alasdair!” Dh’èirich i air a casan ’s deòir an aoibnneis a’ sruthadh sìos a h-aghaidh. “Bha dùil agam nach fhaicinn thu gu bràth tuilleadh!”
Bhrùth Alasdair an seirbhiseach a-staigh anns an oisean air taobh eile na leapa.
“Bithidh a h-uile càil ceart gu leòr, a thasgaidh!” ars esan. “Gheibh sinn a-mach à seo thu!”
A’ cumail a shùla air an duine dhùin e ’n doras air a chùlaibh.
“Cia meud duine eile a tha anns an taigh?” dh’fhoighnich e.
“Chan eil ach aon duine. Tha e gabhail biadh anns a’ chidsin. Cha chluinn e càil! Chan eil e ach air tòiseachadh!” thuirt an duine agus ruith anns a’ ghuth aige.
Chomharraich Alasdair an leabaidh dha.
“Laigh sìos an sin!” dh’òrdaich e.
Dh’fhàs aodann an duine geal.
“Chan eil thu dol gam mharbhadh!” ars esan ’s caoineadh sa’ ghuth aige.
“Chan eil, a ghlaoic, mura dèan thu fuaim!”
Laigh an seirbhiseach sìos gu h-umhail air a bheul fodha anns an leabaidh. Shrac Alasdair an còrd as a’ ghùn-sgeadachaidh aig Catrìona ’s cheangail e làmhan an duine air a chùlaibh. Chuidich Catrìona e a’ sracadh siotaichean na leapa airson a chasan a cheangal ’s glas-ghuib a chur air.
An uair sin rinn Alasdair seanais na chluais.
“Tha mi dol a shealltainn ris an fhear anns a’ chidsin!” ars esan. “Ma nì thu ’m fuaim as lugha tillidh mi ’s cuiridh mi às dhut!”
Sheas sùilean an duine a-mach agus chrath a cheann gu dian.
“Ceart!” thog Alasdair an gunna a-rithist ’s rug e air làimh air Catrìona.
“Càite a bheil an cidsin?” ars esan nuair a bha iad taobh a-muigh an dorais.
“Shìos an staidhre aig cùl an taighe.”
“Glè mhath! Bithidh e buailteach nach cluinn e sinn,” ars esan.
Choisich iad suas an trannsa agus sìos an staidhre air an corra biod a’ dèanamh cho beag fuaim ’s b’ urrainn dhaibh. Bha Alasdair ann am fiabhrais gun cluinneadh iad ceuman troma tighinn a-nuas an trannsa agus glaodh a’ comharrachadh gun deach am faicinn. Sìos, sìos ghabh iad. Bha an doras mòr leth-fhosgailte mar a dh’fhàg Alasdair e. Tarsainn air an talla. Ghabh iad timcheall an dorais. Rinn e dìosgail nuair a bha Alasdair ga dhùnadh a thug clisgeadh orra, ach, a-rèir coltais cha chuala duine iad.
Bha iad sìos na steapaichean a-nise. Chaidh iad timcheall air an lianaidh agus rinn iad air na preasan aig cliathaich an taighe ’s sùil aca fhathast ri èigheach a chluinntinn air an cùlaibh. An uair sin bha iad am-measg nan craobhan ’s grèim aca air a chèile,
lag leis an fhaochadh a bha iad a’ faireachadh.
Bha a sùilean a’ deàrrsadh ’s bha fiamh-ghàire air a bilean.
“Bha thu coimhead cho fiadhaich!” ars ise. “O, Alasdair! Tha mi cho toilichte d’ fhaicinn!”
“Tha mi uabhasach, uabhasach moiteil asad!” ars esan ga pògadh.
Bha iad ann an gaoirdeanan a chèile airson ùine ach cha b’ urrainn dhaibh dìochuimhneachadh fada an cunnart anns an robh iad.
“Feumaidh sinn dèanamh air an rathad mus till iad!” ars esan a’ breith air làimh oirre.
“Uisdean bochd!” ars ise.
“Bheil grèim aig Diack air fhathast?” ars Alasdair.
“Tha. Thuirt iad ris gun robh iad gam thoirt-sa air falbh ’s nan dèanadh e rud gòrach sam bith gum marbhadh iad mi! Ach tha e smaoineachadh gu bheil iad dol ga mharbhadh co-dhiù, nach eil mòran feum aig Diack air tuilleadh airson coltas brèagha chur air gnothaichean. Ghuidh Uisdean gu dùrachdach ormsa teicheadh nam faighinn cothrom. O, Alasdair rachamaid dhan phoilis airson gun caomhain sinn e!”
“ ’Sin e sin dìreach a nì sinn, a thasgaidh, a’ chiad chothrom a gheibh sinn!” ars Alasdair ach smaoinich e, “Feumaidh sinn a bhith faiceallach.”
A-nise bha iad a’ dol an aon rathad ris an t-slighe suas dhan Taigh Mhòr. Bhuaileadh iad a dh’aithghearr air an rathad dhan Ghearasdan.
“Fanaidh sinn am-measg nan craobhan cho fad ’s as urrainn dhuinn,” ars Alasdair ’s cumaidh sinn sùil a-mach airson lioft.”
Gu h-obann nochd dithis dhaoine ann an èideadh phoilis shìos beagan fodhpa.
“Na poilis!” dh’èigh Catrìona!
Ghabh i sìos dhan ionnsaigh ag èigheach ’s a’ crathadh a làmhan mus d’fhuair Alasdair stad a chur oirre.
Chrath na daoine air ais agus thòisich iad air ruith a dh’ ionnsaigh Catrìona.
Leig Alasdair tuiteam leis a’ ghunna agus ghabh e sìos às a deaghaidh. Nuair a fhuair e na b’ fhaisge oirre bha fhios aige gun robh e ceart eagal a bhith air. Bha fear dhe na daoine air a bhith aig a’ choinneimh aig Diack an oidhche roimh’n sin.
“O, feumaidh sibh ar cuideachadh!” bha Catrìona a’ ràdh nuair a ràinig i ’n dithis dhaoine. Thionndaidh i gu Alasdair airson gun innseadh e dè bha tachairt. Nuair a chunnaic i aghaidh thuig i gun robh rudeigin ceàrr. Choimhead i air ais air na daoine ’s dh’fhàs a h-aodann geal leis an eagal an uair a chunnaic i ’n daga a bha ann an làimh fear aca, fear àrd bàn le stais bhig a dh’aithnich Alasdair bhon oidhche roimhe. Bha snodha-gàire magail air.
“Tha eagal orm gun d’rinn thu mearachd, m’ eudail,” ars esan, “a’ cur cus earbsa ann an coltas duine!”
Na boil thionndaidh i gu Alasdair a-rithis.
“Seadh, a Chatrìona,” ars esan agus bha searbhachd anns a’ ghuth aige. Bha iad air a bhith cho faisg air saorsa. “ ’S e na daoine aig Diack a tha annta!”
title | Taigh na Bruaiche |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |