[60]

15 ‘Clinker’

Shuidh Catriona sìos anns an fhraoch agus leig i ruith le bròn. Bha i caoineadh mar nach sguireadh i. Ga faicinn mar sin dhìochuimhnich Alasdair an t-eagals an fhearg a bha air fhèin. Chuir fear dhe na daoine a làmhan fo h-achlaisean airson a togail.

Fàg i!” ars esan abruthadh an duine an dàrna taobh. Thog an duine a làmh airson a bhualadh ach chrath am fear eile, am fear bàn, a cheann.

Leig leis an dràsda!” ars esan.

Chuir Alasdair a ghaoirdean timcheall air guaillean Catrìona agus chuidich e i air a casan.

Tha gaol agam ort!” rinn e seanais na cluais.

Rug i air ghaoirdean air, afiachainn ri làmh an uachdair fhaighinn oirre fhèins mu dheireadh chaidh aice air sgur de chaoineadh.

Tha gu leòr an sin dheth!” arsa an duine beag, fear le aodann lachdann cruaidh. “Sìos an rathad leibh.”

Aa!” leig e sgairt às agus leig e tuiteam leis an daga às an làimh a bhuail achlach.

Bha Aonghas air aon ghlùin aig oir nan craobhan acuimseachadh aghunna air na polasmain.

Tha sibh marbh ma ghluaiseas sibh! Leig tuiteam leis an daga sin!” dhèigh e ris an fhear bhàn.

Tharraing Alasdair Catrìona an dàrna taobh.

Rinn am fear bàn doth, ’s an daga acuimseachadh air Catrìona.

“ ’S e geamair a tha ann! Tha e math air aghunna!” arsa Alasdair.

Leig am fear bàn tuiteam leis an daga.

Nise,” arsa Aonghas air a shocair. Coisichibh gu mionnsaigh!”

Rinn na fir sin.

Stadaibh a-nise!”

Choisich Aonghas gan ionnsaigh agus stad e pìos beag bhuapa.

Cuiribh dhìbh ur n-aodach ars esan. “Alasdair, tog na gunnaichean aca agus sad air falbh iad!”

Rinn Alasdair sin.

Nuair a bha na daoine rùisgte gun drathaisean thug Aonghas orra laighe sìos air am beul fodha san fhraochs dhiarr e air Alasdair na làmhans na casan aca cheangal. Dhfhiach Aonghas fhèin na snaimean airson dèanamh cinnteach.

Chan ann adeanamh -meas ort a tha mi idir, ’ille,” ars esan, “ach tha mise nas eòlaiche air an obair seo na thusa!”

Rinn e glasan-guib leis na neapacainnean acas chuir e orra iad.

Dhfhalamhaich Aonghas an gunna aige agus shad e pìos air falbh e.


[61]

Nise mach à seo sinn!” ars esan mus till càch.”

Threòirich e iad gu oir na coille, ’s leis achoille cumail fasgaidh orra thòisich iad air an rathad a dhèanamh gu deas.

An deaghaidh deich mionaidean anns an do chùm iad orra gu dian thionndaidh Aonghas ri Catrìona.

Bheil thug iarraidh danail a leigeil airson mionaid no dhà?”

Chan eil! Chan eil!”

Ged a bha giorrad analach air Catrìona smèid i ris cumail roimhe.

Nise bha iad adìreadh toman beag le bad chraobhan air a mhullach. Thilg Aonghas e fhèin sìos am-measg nan craobhan agus rinn iadsan an aon rud. Dìreach fòdhpa bha gàrradh cloiches air an taobh eile dheth bha rathad aGhearasdain. Chitheadh iad pìos math dhen rathad gu tuaths gu deas.

Nach bi iad acumail sùil air an rathad?” arsa Catrìona.

Bithidh duine no dhà aca air, achs e as buailtiche gu bheil iad ann an càr. Feumaidh sinn seans a ghabhail is fiachainn ri lioft fhaighinn bho bhan no làraidh. Tha aon nar fàbhar. Bithidh dùil aca fhathast gu bheil sinn ann an àiteigin nas fhaide tuath. “ ’S e sin mura dfhuair iad a-mach gun dfhuair thusa air falbh, a Chatrìona, aguss cinnteach nach bi sin fada nise.

Dhfhòn am Màidsear dhan Taigh Mhòr mus do dhfhalbh sinn gun dfhuaradh sgeul air an fheadhainn a bha iad alorg. Chuir iad mise air ais an deaghaidh dhomh sealltainn dhaibh an rathad ma bfhìor a ghabh sibh ach bithidhn cuthach orra nuair a thuigeas iad gun tug min car asda.

Cha mhòr nach robh mi agaibh nuair a chunnaic mi na polasmain’ ’s dhaithnich mi bhon doth a rinn Alasdair gun robh rudeigin ceàrr.”

Bha thu mìorbhaileach, Aonghais!” arsa Alasdair, ach bha coltas sòlaimte air aodann Aonghais.

Feumaidh mi fònadh gu Màiri,” ars esan agus ràdh rithe iarraidh air Sandaidh Beag a ruith a-staigh dhan Ghearasdan. Bithidh fios aig cuid de chàirdean Diack càite bheil mi fuireach!”

Thàinig na h-uimhir de chàraichean seachad agus bha iad afiachainn ri stad a chur air feadhainn a bha coimhead freagarrach ach bu dìomhain an ciùird oir bha an luchd-siubhail sgìth aig an àm seo bhliadhna de dhfheadhainn a bhitheadh asireadh lioft. Chaidh tuilleadh chàraichean seachad agus bha iad asìor ghabhail eagal gum bitheadh iad air an glacadh.

Mu dheireadh thàinig Catrìona a-nuas gu taobh an rathaid rin taobh.

Chan urrainn dhomh fuireach an sin nas fhaide!” ars ise agus cha do dhfhiach iad ri cur air ais. Rinn i gàire.

Dòcha gum faigh sibh lioft nas luaithe ri linn mise bhith seo!”

Mar thubhairt bfhìor. ’S e bhan mhòr a bha anns an ath charbad a thàinig. Nuair a bha i na bfhaisge orra thàinig e staigh orra nach fhaca iad riamh bhan dhen t-seòrsa seo. Cha burrainn do dhuine smaoineachadh air dath nach robh oirre. ’S ann a


[62]

shaoileadh duine gun deach a peantadh le fear a bha às a rian. Air a cliathaich ann an litrichean mòra dubha bha aon fhacal air a pheantadh, “CLINKER”.

Bha Alasdair agus Catrìona ag obrachadh an òrdagan gu dìcheallach nuair a thàinig abhan faisg orra agus stad i.

Bha falt fada dubh air an dràibhear agus stais fhada aslaodadh a-nuas air gach taobh dhe bheul. Tharraing e an doras air ais.

Leumaibh a-staigh!” ars esan, acomharrachadh cùl na bhan agus acoimhead air Catrìona ann an dòigh a bha sealltainn gun robh tlachd mhòr aige ann a bhith dèanamh acheart rud. Chuidich dithis bhalach eile a-staigh gun chùl iad. Bha an ceathramh fear na shuidhe ri taobh an dràibheir. Bha iad uile gu math òg. ’S gann gun robh falt idir air an dithis a bha anns achùl ach bha falt gu leòr air an fhear a bha ri taobh an dràibheir.

Ach bhan triùir eile coma co ris a bha iad coltach. Bha iad gu math taingeil alaighe sìos am-measg an iomadach seòrsa ionnsramaid-ciùil a bha anns achùl. Bha achuid bu mhotha dhiubh acoimhead mar gum bann airson am bualadh a bha iad.

Tha coltas oirbhse gun tàinig sibh air rathad gu math cursa!” arsa an dràibhear thairis air a ghualainn.

Thàinig sinn sin!” ars Alasdair. “Dhfhaodadh tu ràdh gun robh sinn adèanamh beagan poidseadh!” Sheall fear dhe na gillean eile air aodach Catrìonas thàinig fiamh-ghàire air aghaidh.

Bheil sibh dol a chluich anns abhaile?” dhfhoighnich Catrìona airson an cuspair còmhraidh atharrachadh.

Tha sinn sin, a luaidh, ann an talla abhaile a-nochd. ’S tha sin atoirt nam chuimhne,” thuirt am fear a fhreagair, ris an dràibhear, “ ’S fheàrr dhut beagan cabhaig a dhèanamh, Pete. Tha againn ri tòiseachadh aig leth-uair an deaghaidh seachd.

Thionndaidh e ris na coigrich.

Sin agaibh Phil ri taobh Pete,” ars esan. “ ’S e Smudge a tha air an duine bhrèagha ri ur taobh agus is mise Karl.”

Catrìona, Aonghas is Alasdair,” ars Alasdair agus tha sinn glè thaingeil airson an lioft.”

Cha tuirt Aonghas guth. Bha e coltach nach do thachair e ri feadhainn coltach ri muinntirClinkerriamh roimhe, ach a bharrachd air sin bha fhios aig Alasdair gun robh e iomgaineach mu Mhàires bha e-fhèin sin cuideachd. Mar bu luaithe gheibheadh iad gu fòns e a bfheàrr. Bha esan air aon rud sònraichte a chur roimhe, bha e dol a dhinnse na sgeulachd aige do aon duine anns abhaile anns an robh e cinnteach gum burrainn dha earbsa a chur.. .am Pròbhaist.

title‘Clinker’
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page