16 Clann nan Gaidheal
Nuair a ràinig iad an Gearasdan bha còmhlan phìobairean a’ mèarrsadh sìos na Sràid Aird ’s sluagh mòr a’ dòmhlachadh a’ chabhsair. Cha robh cuimhne air a bhith aig Alasdair gur e Latha nan Geamachan a bha ann. Bha coltas cho annasach air a’ bhan ’s gun do tharraing i aire an t-sluaigh na bu mhotha na dh’ iarradh Alasdair ’s a chàirdean ach bha iadsan am falach anns a’ chùl. A-rèir coltais cha robh sgeul air muinntir Diack agus shaoil e nach tigeadh e staigh orra gum bitheadh a dh’ aghaidh aca-san tighinn a-staigh dhan Ghearasdan ann an carbad cho follaiseach. Chaidh iad timcheall a’ bhaile ’s an uair sin thionndaidh iad a-staigh gu Sguèir nan Camshronach agus stad iad ri taobh talla a’ bhaile. Bha cead aca seo a dhèanamh on bha ‘Clinker’ gu bhith cluich aig an dannsa an oidhche sin.
“Cha chreid mi gu faic mòran dhaoine sibh a’ tighinn a-mach an seo!” arsa Phil. “Ma gheibh sibh air falbh bhon fheadhainn a tha ’n tòir oirbh seo trì ticeadan airson an dannsa!” Rinn e gàire. “Dòcha gun innis sibh dhuinn uaireigin dè seòrsa cron a rinn sibh!” Thug iad taing dha na balaich ’s chaidh iad timcheall cùl na talla airson comhairle a chèile ghabhail.
“Thèid sinne choimhead air a’ Phròbhaist fhads a tha sibhse fònadh gu Màiri,” ars Alasdair.
“Glè mhath,” arsa Aonghas, “agus faodaidh sinn coinneachadh aig taigh Chaluim aig aon-deug Aite Lochabar an deaghaidh làimhe.”
Rug Alasdair air làimh air Catrìona agus chaidh iad suas an rathad lùbach a bha aca ri choiseachd gu taigh a’ Phròbhaist. Bha sràidean-cùil a’ bhaile gu math sàmhach ’s cha robh iad fada ruigheachd an taighe.
Bha cridhe Alasdair a’ dol na bu luaithe ’s e bruthadh putan a’ chluig aig an doras. An creideadh am Pròbhaist e? Feumaidh e sin a dhèanamh, smaoinich e ’s e diùltadh smaoineachadh air a’ chaochladh. Feumaidh gun robh fhios aig muinntir Diack a-nise gun d’fhuair iad a-mach às a’ Ghleann. Dòcha gun robh iad a’ tighinn nan cabhaig dhan bhaile an dràsda fhèin mura robh iad ann mar thà.
Dh’fhosgail an doras agus bha boireannach liath nach b’ aithne dha na seasamh an sin.
“Eil fhios am faod mi am Pròbhaist fhaicinn?” dh’fhoighnich Alasdair.
“Tha mi duilich, ach tha am Pròbhaist agus a’ Bhean-phòsda Chamshron air falbh,” ars ise. “Bha aige ri falbh gu coinneimh ann an Inbhir Nis an deaghaidh dha na Geamachan fhosgladh ’s cha bhi e air ais gus an deaghaidh deich uairean. ’S e màthair na mnatha aige a th’ annamsa. An urrainn dhomh càil a dhèanamh air ur son?”
“An can sibh ris,” ars Alasdair gun robh Alasdair MacRailt an seo air gnothach fìor chudthromach ’s gun till mi fhathast?”
“Nì mi sin gu dearbh,” ars ise ’s i coimhead gu dùrachdach na aodann. “An tig sibh
a-staigh an dràsda ’s nì mi cupa tea no cofaidh?”
“Tha sin glè mhath dhuibh ach chan eil tìde againn.” Chaidh aig Alasdair air fiamh-ghàire dhèanamh. ’S an uair sin thàinig rudeigin a-staigh air ’s choimhead e air Catrìona. Thuig i dè bha dol tro inntinn.
Chrath i ceann. “Cha tèid, Alasdair. Tha mise fuireach còmhla riut!” ars ise ’s chunnaic e nach biodh e gu feum sam bith fiachainn ri toirt oirre a h-inntinn atharrachadh.
“Bithidh sinn fada nur comain mi nì sibh mar a thuirt mi,” ars Alasdair. “Beannachd leibh an dràsda.”
Rug e air làimh air Catrìona a-rithis.
“Tha tìde ruith a-mach oirnn!” ars esan. “Chan urrainn dhuinn càil a dhèanamh ach a dhol gu aon-deug Aite Lochabar agus fuireach an sin gus an till am Pròbhaist. Cumaidh sinn ris na sràidean-cùil. Dòcha gum bi iad air na prìomh-shràidean a-nise!”
Bha ciaradh an fheasgair a’ tighinn air agus chuala iad fuaim hò-rò-gheallaidh a’ tighinn o thalla a’ bhaile agus an t-Sràid Aird.
Air dòigh bha sàmhchair nan sràidean gan dèanamh na bu ghealtaiche. Bha iad dol a thionndadh a-staigh gu Rathad Bhictoria nuair a thug rudeigin air Alasdair stad agus coimhead timcheall. Dh’fhàisg e làmh Catrìona. Bha dithis dhe na daoine aig Diack a’ tighinn a-nuas Rathad Bhictoria.
“Tha iad an seo!” rinn e seanais chruaidh. “Air d’ fhaicill! Air ais an rathad a thàinig sinn!”
Fhads a bha iad a’ ruith sìos Sràid na h-Eaglaise bha sùil aca a h-uile mionaid gun cluinneadh iad èigheach a’ dèanamh soilleir gun deach am faicinn. Aig a h-uile oisean bha Alasdair ga bhruthadh fhèin ris a’ bhalla agus a’ coimhead timcheall ann am fiabhrais gum faiceadh e na daoine aig Diack a’ ruith airson an gearradh dheth. Shaoil iad gun robh na casan aca dèanamh fuaim uabhasach air a’ chabhsair.
“Feumaidh sinn faighinn am-measg sluaigh!” ars Alasdair. “Nì sinn air talla a’ bhaile. Chan urrainn dhaibh buntainn ruinn ’s daoine eile timcheall.”
Ruith iad sìos Rathad Alma cho luath ’s b’ urrainn dhaibh a’ cur eagal a beatha air caillich bhochd a bha muigh air chuairt leis a’chù aice. Nuair sin chaidh iad sìos am frith-rathad a bha treòireachadh gu talla a’ bhaile.
Bha sguèir nan Camshronach làn dhaoine ach dh’ aithnich Alasdair fear dhe na daoine aig Diack na sheasamh air a’ chabhsair a deas air an Sguèir. Bha e coimhead sìos an t-Sràid Ard. Rinn iad air doras ann an taobh na talla shìos fòdhpa. Bha dà stiùbhart nan seasamh an sin a’ cumail air ais còmhlan de dheugaich. Sheall Alasdair dhaibh na ticeidean a thug Phil dha agus leig na stiùbhartan leotha bruthadh a-staigh.
Bha e am beachd a dhol sìos an trannsa gu cùl na stèids airson e-fhèin a dhèanamh aithnichte do mhuinntir ‘Clinker’ ach bha treud dhe na fans aca am beachd a’ cheart rud a dhèanamh. Bha stiùbhartan gam bruthadh air ais a dh’ ionnsaigh na talla.
“Thallaibh staigh air ais!” bha iad ag èigheach. “Chì sibh na balaich a-rithis!”
Chaidh Alasdair agus Catrìona a bhruthadh a-staigh dhan talla còmhla ri càch.
Bha an talla loma-làn. Shuas air an stèids bha an càirdean à ‘Clinker’ an sàs ann an
òran. Bha Pete agus Smudge aig cùl na stèids a’ cluich na giotàraichean aca gu duineil agus a’ dèanamh eacarsaich ’s leum a chuireadh iongnadh air each fiadhaich. Bha Karl na shuidhe aig taobh na stèids ’s na h-uimhir de dh’ ionnstramaidean bualaidh air a bheulaibh ’s e gan slaiseadh gu h-eagalach le dà bhiora-droma. Ach ’s ann air Phil a bha sùilean an t-sluaigh.
Bha e na sheasamh aig beulaibh na stèids is grèim cho teann aige air a’ mhiocrofòn a bha e cumail ri bheul gun robh cùl nan rùdan aige a’ nochdadh geal. Bha e luasganaich bho thaobh gu taobh ’s a’ seinn mar dhuine ann an neul. Bha coltas fad-às air na sùilean aige. Bha an gluasad a bha e dèanamh a’ toirt air an fhalt aige a bhith crathadh mu cheann.
Air an ùrlar bha sluagh, a’ chuid bu mhotha dhiubh òg, a’ gluasad o thaobh gu taobh fo bhuaidh a’ chiùil, na gaoirdeanan aca a’ crathadh ’s na cinn aca ag aomadh. Cha robh na casan aca a’ gluasad mòran idir. Cha robh annta-san ach fòcas airson gluasad timcheall orra.
Ràinig an ceòl àirde uabhasach agus an uair sin thàinig an t-òran gu crìch am-measg èigheach is bualadh bhasan a lean greis mhòr.
Chrath an ceathrar a bha air an stèids ris an t-sluagh agus dh’fhàg iad an stèids ’s na fans aca fhathast ag èigheach.
Thàinig còmhlan-ciùil eile a-mach air an stèids a-nise, feadhainn le seacaidean tartain orra. Bha bocsaichean-ciùil aig dithis aca-san, shuidh fear aca aig a’ phiàno ach bha an treas fear a’ cur pàirt dhe na h-innealan bualaidh aig Karl gu feum. Thòisich iad air port-dhùbailte a chluich.
’S e dannsairean a bu shine a bha tighinn air an ùrlar a-nise. Fhads a bha e coimhead nan dannsairean thug Alasdair an aire do fhear na bu shine na a’ chuid bu mhotha dhe na dannsairean ’s aodann air a dhubhadh leis a’ ghrèin.
“An e fear de mhuinntir Diack a tha ann?” thuirt e ris fhèin. ’S e teicheadh a-mach às an talla a’ chiad rud a thàinig a-staigh air. Ach mhùch e an smaoin sin. Ged a b’ e fear dhe na daoine aig Diack a bhiodh ann, bha iad na bu shàbhailte far an robh iad am-measg an t-sluaigh.
Thug e sùil air uaireadair. Bha e naodh uairean. Cha bhitheadh Aonghas air gabhail fadachd gam feitheamh fhathast. An uair sin sheall e null rathad doras an talla a-rithis. Bha Aonghas na sheasamh an sin a’ coimhead an rathaid a bha iad. Bhiodh an coltas a bha air aodann Aonghais air innse dha gun robh rudeigin ceàrr ged nach biodh e air an fhear a bha air a chùlaibh fhaicinn idir. An sin anns an doras air cùlaibh Aonghais bha Cailean Stevenson.
Leig Alasdair às làmh Catrìona agus choisich e timcheall na talla a dh’ ionnsaigh Aonghais a’ bualadh air an rathad ann am pàirt dhe na dannsairean a bha leum mun cuairt, ach dh’fhairich e an làmh aice dol anns an làimh aige-san a-rithis.
“Dè tha cèarr, Aonghais?” dh’fhoighnich e, ach bha fhios aige dè ’m freagairt a gheibheadh e.
“Tha Màiri aca!” ars Aonghas ann an guth tùchanach. “Tha iad a’ ràdh gum marbh iad i mura tèid sinn air ais còmhla riutha!”
“Faodaidh Catrìona fuireach?” ars Alasdair.
“Feumaidh ise tighinn cuideachd!” arsa Stevenson.
“Thig mi!” arsa Catrìona.
Thionndaidh Stevenson agus thòisich e air a dhol a-mach às an talla ’s Aonghas air a chùlaibh le càch gan leantainn. Bha Alasdair mar gun robh e gun fhaireachadh anns a’ bhodhaig ’s anns an inntinn aige. Bha e faireachadh a leithid de dh’ eu-dòchas ’s gun robh e cha mhòr a’ toirt faochaidh dha nach b’ urrainn dhan spiorad aige a dhol nas doimhne. Bha e mar nach b’ urrainn do dhuine beò an gnothaich a dhèanamh air Diack, gun robh cumhachdan neo-thalmhaidh aige ga dhèanamh na bu làidire na duine sam bith eile. Cha robh feum sam bith ann an bhith strì na b’ fhaide. Bha Catrìona coiseachd faisg air ’s grèim aice air a ghaoirdean le a dà làimh.
Dìreach nuair a bha iad a’ ruigheachd doras mòr na talla bhuail cuideigin ann an Alasdair ann an dòigh a thug air smaoineachadh gun robh an deoch air. Troimhe chèile ’s gun robh e dh’aithnich e fear an aodainn dhuinn a chunnaic e roimhe.
B’ fheudar do Alasdair a chumail air a chasan airson greiseag, ’s anns a’ ghreiseig sin,
“Càite bheil sibh a’ dol,” arsa an duine.
“Taigh Ghlinn Riabhaich! ars Alasdair ann an guth ìseal. “Innis do chuideigin!” Ach cha robh mòran dòchais aige gun innseadh. Aig an doras phut fear dhe na daoine aig Diack dhan dàrna taobh an duine ’s thàinig e gu stad ’s a dhruim ris a’ bhalla.
Dh’èigh e às deaghaidh Alasdair.
“Clann nan Gaidheal an guaillean a chèile! !”
Bha e cho coltach ri rud dh’èigheadh duine Gaidhealach ’s an deoch air ’s nach tug Alasdair an aire nach robh a’ bhruidheann aige a-nise mabach no manntach idir.
Bha bhan mhòr gam feitheamh leis an einsean air ghluasad. Nuair a chunnaic Alasdair i dh’fhairich e gun robh iad ga-rìribh air an latha chall. ’S i an aon tè thug dhan Chàrn Dhubh anns a’ mhadainn e. Dè rinn e on uair sin ach Aonghas agus Màiri agus Catrìona, gu h-àraidh, Aonghas is Màiri, a tharraing a-staigh ann an gnothach a chosgadh gu daor dhaibh?
Chaidh an cur a-staigh ann an cùl na bhan. Bha Alasdair agus Catrìona nan suidhe mu choinneamh Aonghais le Stevenson agus fear-gleidhidh eile eatorra agus doras-cùil na bhan. Cha tuirt Alasdair càil. Bha e coimhead air thoiseach air ’s a spiorad air a mùchadh gu tur.
Dh’fhàisg Catrìona a ghaoirdean.
“Tha sinn còmhla co-dhiù, a thasgaidh!” ars ise.
Ghabh e iongnadh cho treun ’s a bha i ’s dh’fhairich e nàire. Chuir e làmh air uachdar na làimhe aice-se air a ghaoirdean.
“Tha mi duilich, Aonghais!” ars esan. “ ’S e mise thug seo oribh!”
Thog Aonghas a cheann.
“Tha e ceart gu leòr, a bhalaich!” ars esan. “Rinn thusa a h-uile càil ceart. ’S e, ’s e dìreach gur e Màire a th’ ann!” Chrom a cheann a-rithist.
Agus an uair sin chuimhnich Alasdair air rudeigin. Chuimhnich e nach robh guth
fear an aodainn dhuinn, mabach nuair a dh’èigh e ris.
Shìn e a làmh a-null gu Aonghas mar gun robh e fiachainn ri comhartachd a thoirt dha.
“Aonghais,” rinn e seanais, “Chunnaic mise fear anns an talla a dh’èigh rium, ‘Clann nan Gaidheal an guaillean a chèile! ’”
“Co ris a bha e coltach?” dh’fhoighnich Aonghas.
“Aodann donn. Sùilean gorma.”
Dhùisg seòrsa de dhòchas ann an aodann Aonghais.
“Tormod Caimbeul!” ars esa. “Tha e ’n còmhnaidh a’ ràdh sin agus.. .”
“Jones! Cuir stad air bruidheann nam prìosanach!” arsa Stevenson.
Ghluais am fear-gleidhidh a-null gu far an robh Alasdair ’s bhuail e gu cruaidh anns an aodann e le làimh fhosgailte.
“Thrusdair!” dh’èigh Alasdair ris ’s e air a thogail.
“Alasdair!” Leig Catrìona sgairt aisde ’s Alasdair fiachainn ri èirigh ’s an duine togail a làimh a-rithis.
“Suidh sìos, Alasdair!” arsa Aonghas ann an guth socair. Bha smachd anns a’ ghuth aige ’s bha e air athharrachadh. Bha barrachd dòchais ann. Ach cha robh mòran dòchais aig Alasdair ’s an t-aodann brùite aige ri taobh na bhan. Ged rachadh Tormod Caimbeul dhan phoilis cinnteach nach toireadh iad èisdeachd dha. Bha Diack ro làidir air an son. Rinn e ’n gnothach orra, ’s nam b’ e càirdean Diack a bha anns a’phoilis rachadh esan a dhìth cuideachd. Bha na deòir a’ ruith sìos aghaidh ann an dorchadas na bhan. Cha b’ urrainn dha ach a bhith ’g ùrnaigh ris fhèin, “A Dhè, cuidich sinn! a Dhè, cuidich sinn!”
Cha robh air fhàgail de sholas anns an adhar ach aon srianag air falbh san taobh an iar nuair a chaidh iad tron gheata thurraideach aig Taigh Ghlinn Riabhaich ’s a ghreas a’ bhan suas dhan taigh mhòr.
title | Clann nan Gaidheal |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |