[68]

17 An Guaillean a Chèile

Bha e soilleir gun robh sùil aig muinntir an Taighe Mhòir riutha. Nuair a stad abhans i dèanamh fuaim air aghreabhaill chitheadh Alasdair cuid dhe na fir-gleidhidh aig Diack nan seasamh timcheall air an lianaidh air beulaibh an Taighe Mhòir.

A-mach!” dhòrdaich Stevenson.

Nuair a thàinig Alasdair a-machs a chasan caran rag an deaghaidh bhith na chrùban anns abhan chunnaic en luchd-coimhid eile. Shuas air abhalconaidh os cionn an dorais mhòir bha Diack is fear dhen luchd-cuideachaidh air gach taobh dheth. Eadhon ann an deàrrsadh nan tuil-sholas chitheadh e gun robh coltas strèin is feirge air aodann Diack. Thàinig cnap-starra bho thaobh nach robh sùil aige ris agus cha robh seo acòrdadh ris idir. Uill, dhfhaodadh e bhith toilichte nise, smaoinich Alasdair.

Dhfhiach e ris fhèin a chumail dìreach. Cha robh eg iarraidh gum faiceadh Diacks a chuid thrusdairean gun robh an t-eagal air, ’s rug e air làimh air Catrìona airson an turas mu dheireadh smaoinich e.

Bithidh gaol agam ort gu bràth, a thasgaidh!” thuirt e rithe mus do shlaod na fir-gleidhidh air falbh i a dhionnsaigh an dorais.

Choimhead i air ais airs na deòir asruthadh sìos a h-aodann.

O, mo ghaol, mo ghaol!” Cha burrainn dhin còrr a ràdh.

Uill, MhicRailt, tha thu faicinn gum bu dìomhain do chiùird!”

Bhruidhinn Diack air a shocair agus le tàir ach bha fearg anns aghuth aige.

Nuair a choimhead e suas air Diack na sheasamh os an cionn.. .an duine seo a ghabh air fhèin gnothach a ghabhail ris abheatha aca-san agus beatha mhìltean de dhaoine eile cuideachd, agus a bha dol gan dealbh a-rèir a thoil fhèin, a bha dol ga dhèanamh fhèins a chuid chàirdean nam maighstirean air Alba is Sasainn dhèirich fearg chruaidh ann an cridhe Alasdair.

Sheall e air Diack airson mionaid gun bhruidheann. Thuig e gun robh càch afaireachadh dràma anns achòmhdhail seo eadar Diacks am fear a rinn gnothaichean cho doirbh dha. Bha a h-uile duine sàmhach nuair a sguir Diack a bhruidheann.

Chan eil fhios agam rinn thu mar a tha thu,” ars Alasdair. Dhfhairich e crith beag anns aghuth aiges bha en dòchas nach toireadh Diack an aire dha. “Cinnteach gun canadh dotairean-inntinn gu bheil thu dèanamh suas airson fàilingean air choreigin. Tha inntinn innleachdach agad, ceart gu leòr, ach chan eil thu ach mar leanabh a tha fìor olc is sgriosail. Chan eil annad aig acheann thall ach tràill beag dhan olc, ’s cha chreid mi gum bi guth ort anns na leabhraichean eachdraidh. Thàinig eadhon an fheadhainn a bainmeile dhe do sheòrsa gu crìch bhochd! Achs dòcha gum faigh thu àite anns an t-seòmar-uamhannan aig Madame Toussaud!”

Tha gu leòr an siud dhen chlamhan àrd-ghuthach!” arsa Diack. “Chosg sinn cus


[69]

tìde ris! Cumaibh oirbh! Seallaidh mi-fhìn ris aghnothach an turas seo!”

Amadain bhochd!” dhèigh Alasdair nuair a thòisich na fir-gleidhidh air a tharraing air falbh còmhla ri Aonghas. Thug e an aire do dhaoine dèanamh tholl le spaidean ann an oisean aghàrraidhs bhris e mach ann am fallas. Bha Diack dol a dhèanamh follaiseach dhan luchd-leanmhainn aige dhèireadh do dhfheadhainn a rachadh na aghaidh, ’s bha e deònach a bhith gabhail ealaimh ris achunnart gun tigeadh duine a choimhead air an son.

Bha Aonghas astrì gu cruaidh ris an fheadhainn a bha ga chumail.

Màiri, Màiri, mo bhean!” bha eg èigheach.

Tha i anns an taigh còmhla ris aMhdn-uasal Ghrannd,” arsa Stevenson. “Bheil thug iarraidh gum faiceadh i seo?”

Dhfhàs Aonghas sàmhach an uair sins thug na fir-gleidhidh a-null iad gu craoibh far an robh triùir no ceathrar dhe na fir-gleidhidh agus Mullins nam measg afeitheamh le gunnachan. “Sguad-losgaidh!” smaoinich Alasdair.

Chan urrainn dhuinn ach Màiris Catrìona fhàgail ann an làmhan an Tighearna,” thuirt e ri Aonghas, ach cha robh e faicinn dòigh air am fàgadh Diack iadsan beò nas motha.

Tha mi duilich gun tug mi seo thu, a charaid!” ars esan ri Aonghas.

Bha sinn sabaid an aghaidh an uilc,” arsa Aonghass e gu tur aige fhèin a-nise. “ ’S e bàs duineil tha sin!”

Fàgamaid sinn-fhìn ann an lamhan aChruithear, Alasdair!”

Cheangail na fir-gleidhidh an làmhans an casan.

Thog Diack a làmh.

Nuair a chuireas mise sìos mo làmh loisgidh sibh!” ars esan.

Thog na fir-gleidhidh an gunnaichean gun guaillean.

Gum bàsaicheadh ar nàimhdean uile.. .” bha Diack aràdh ach cha dfhuair e na bfhaide. Leig e sgiamhail às.

Bhris duine le gùn-sgeadachaidh air a-mach tron uinneig air cùlaibh Diack, shad e ghaoirdeanan timcheall air agus leum e leis thairis air abhalconaidh. Dhfhairich Alasdair an sgleog leis an tàinig iad a-nuas.

An uair sin bha e mar gun dfhuair deamhnan ifrinn a-mach.

Bha iad acluinntinn fuaim ghunnaichean agus èigheach dhaoine ceithir-thimcheall orra.

Chuir Stevenson a làmhan ri amhaichs a shùilean aseasamh a-mach às a cheann. Chunnaic Alasdair an fhuil abrùchdadh a-mach eadar na corragan aige. Thàinig èigh thachte bhuaithe agus thuit e. Theich an sguad-losgaidh uile ach Mullins. Chrom esan air aon ghlùns e coimhead timcheall.

Sìos, Alasdairdhèigh Aonghas agus thilg iad iad fhèin nan laighe air an talamh, ’s iad agabhail iongnaidh gun robh iad fhathast beò.

Os cionn a h-uile fuaim eile bha pìobaire cluich Spaidsearachd Chloinn Chaimbeuil”.

Bha muinntir Diack aruith air a h-uile rathad ach thionndaidh Mullins gu far an robh


[70]

Alasdair agus Aonghas nan laighe.

Tha e dol a chur às dhuinn!” smaoinich Alasdairs e strì gu dìomhain ris na ròpan a bha ga cheangal.

Thog Mullins an gunna.

Thàinig fear na ruith a dhionnsaigh Mullins agus loisg e air. Thuit Mullins air a bheul fodha air an talamh.

Bha an duine acromadh os cionn Alasdair a-nises e gearradh nan ròpan.

Clann nan Gaidheal an guaillean a chèile!” ars esans gàire air aodann.

Bha gàire air aodann Aonghais cuideachd.

“ ’S mi bha gabhail fadachd nach robh thu tighinn, a Thormoid!” ars esan. Thionndaidh Aonghas ri Alasdair fhads a bha Tormod agearradh nan cuibhrichean aige fhèin.

An t-Ard-Inspector Tormod Caimbeul!” ars esan.

Tha mi toilichte gun tàinig sinn ann an àm!” arsa Tormod, ach chan eil fhiosam an robh peilear ann cruaidh gu leòr airson a dhol tro chraiceann tiugh an fhir seo!” Rinn e sùil bheag ri Alasdair, ’s e cuideachadh Aonghais air a chasan.

Ruith Alasdair a-null gu far an robh Catrìona air a glùinean ri taobh an dithis a bha nan laighe air an talamh fon bhalconaidh.

Bha làmh aig polasman air a gualainn, ’s bha i caoineadh.

Chunnaic Alasdair gur en Granndach a bha na shìneadh ri taobh Diack.

Bheil e.. . ?” thòisich Alasdair.

Chrath am polasman a cheann.

Tha Mgr Grannd beò. Tha ghaoirdean briste. Sin uile. Tha Diack marbh. Bhuail a cheann air na clachan a tha ri oir nan leapannan fhlùraichean!”

Choimhead Alasdair sìos air far an robhn corp aig Diack na laighe gu truagh coltach ri dola air a briseadh. Bha e duilich a chreidsinn gum be seo am fear a sgap am puinnsean aige cho fads ’s a thàinig cho faisg air crìch a chur orra uile.

Chuir e làmhan mu ghuaillean Catrìonas air a shocair chuidich e air a casan i.

O, Alasdair!” Cha burrainn dhi bruidheann. Bha an còineadh a bha oirre leis an fhaochadh acreathnachadh a cuirp uile.

Tha h-uile càil ceart gu leòr a-nise, thasgaidh!” ars esan. “Than trom-laighe ud seachad!”

Chuir cuideigin a làmh air a ghaoirdean. ’S e an t-Ard-Inspector Caimbeul a bha ann.

Tha min dòchas nach eil thu ro sgìth, a bhalaich,” ars esan. “Bu thoigh leam gun tigeadh tu gu Glaschu còmhla rium a-nochd. Tha tòrr cheistean againn dhut!”

Rinn Alasdair gàire.

Sgìth!” arsa esan. “Dhèanainn cadal airson mìos, ach thig mi còmhla ruibh!”

Shin thu, laochain! Faodaidh tu cadal anns achàr.”

Ach Catrìona!” thòisich Alasdair.

Faodaidh i tighinn dhachaigh còmhla rium fhìns ri Aonghas!”

S e Màiri a bha bruidheann.

Chan eil mi tuigsinn fhathast co mu dheidhinn a tha an ùpraid gun tlachd seo, ach


[71]

faithnichidh mi gu bheil achaileag seo air a claoidh.”

Bithidh sin glan!” thuirt an Caimbeulach. “Chuir mi a dhiarraidh ambulance airson Mgr Grannd a thoirt dhan ospadal anns aGhearasdan. Bithidh e ceart gu leòr an sin a-nochd. ’S feumaidh sibh mo leisgeal a ghabhail. Bithidh geàrd air-san agus oirbh-se cuideachd gus a bheil sinn cinnteach gu bheil na trusdairean ud uile againn saphrìosan!”

Aon rud eile,” arsa Alasdair. “Feumaidh mi fònadh dhachaigh neo thèid mo mhàthair às a ciall ma chluinneas i mu dheidhinn seo!”

An deaghaidh làimhe anns achàr adol sìos gu Glaschu dhfhoighnich Alasdair dhen Ard-Inspector ciamar a fhuair e mach mu dhèidhinn Diacks a chuideachd.

Bha sùil air a bhith againn air Diack airson greis,” ars esan. “Bha fhios againn gun robh taobh aige ris na faisistich ach, a-rèir coltais, cha robh càil -laghail anns na gnothaichean airgid no na gnothaichean poiliticeach ris an robh e.

Nuair sin thug gille comasach ann an CID Ghlaschu an aire gun robh ceangal air choreigin eadar na h-àiteachan far an robh gnothach airgid aig Diack agus gnìomhairean -laghail dhe gach seòrsa a bha gabhail àite.

Dhinnis sinn seo dhan phoilis ann an Lunnainn ach chan èisdeadh iad ruinn. Bha càirdean aig Diack ann an ionadan àrdas bha iad ga dhìon. Cha chreid mi nach bi fear no dhà a tha gu math àrd an dràsda dol a thuiteam gu math ìseal ann an latha no dhà!

Co-dhiù, chuala mi gun do thog thusa teagamh mu dheidhinn bàs Dhonnchaidh MhicPhàil agus thog sin teagamh nam inntinn mu dheidhinn bàs aghille a bha anns an obair romhad. Bha mi air a bhith teagmhach mu dheidhinn an t-Seàirdeint MhicCoinnich airson greis mhath ged nach robh smaointinn aig mo liagh air sin. Nuair sin chaidh do charaid Teàrlach MacArtair leis an sgeulachd aige gu poilis Ghlaschu an s fhuair e èisdeachd na bfheàrr na bha sùil aige ris.

Bha sinn afiachainn ri grèim fhaighinn ort ach bha iad ceum air thoiseach oirnn fad an t-siubhail gus a-nochd. Nuair a chunnaic mi thu-fhèins Aonghas anns aGhearasdan thuig mi ciamar a bha cùisean adol. Chuir mi dhiarraidh sguad nan gunnaichean an uair sin, ach rinn mi mearachd. Bha barrachd dhiùbh-san ann na bha dùil agam. Bha eagal mo bheatha orm nach bitheamaid ann an àm. Ach taing don Fhreasdal chaidh againn air. Chluich sinn an t-seann chleas orra, alosgadh o gach taobh leis abheagan dhaoine a bha againn agus le Mìcheil air aphìob chuir sinn ruaig orra. Ach mura be thu-fhèin agus Aonghas cha robh an gnothach air tighinn gu ceann cho luath.

Cha robh annam-sa ach aghlaoic a thachair air achùis air iomrall!” ars Alasdair.

Gu dearbh chan e sin a bha annad. Chan eil fhios m milleadh a bha Diack air a dhèanamh nan robh e air faighinn leis mòran na bfhaide! Taing do Dhia gun do thionndaidh cùisean a-mach mar a rinn iad. Ach cia meud duine anns an rìoghachd a tha thu smaoineachadh a bha air a bhith cho seasmhach riutsa anns aghnothach?”

Tha e glè mhath dhuibhse sin a ràdh,” ars Alasdair, “ach bha adhbhar agamsa air a shon!”

Tha fhios agam mun las agad,” ars an Caimbeulach. “ ’S tu bha dìleas dhi agus, a-rèir coltais, tha i airidh air!”


[72]

Dhfhairich Alasdair an cadal afaighinn làmh-an-uachdair air.

Tha mi uabhasach sgìth!” ars esan.

S e an rud mu dheireadh air an robh e mothachail an Caimbeulach acur ruga mu ghlùinean.

titleAn Guaillean a Chèile
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page