18 Deireadh Gnothaich
Seachdain an deaghaidh sin bha Alasdair còmhla ri Catrìona ’s an Granndach na sheasamh anns an oifis fhalaimh aig “Taigh-Foillseachaidh Alba”.
Bha mòran rudan air tachairt bhon chaidh e Ghlashcu còmhla ris an Ard-Inspector Caimbeul. An deaghaidh uair a thìde no dhà de chadal fhaighinn ann an taigh-òsda chaidh a cheasnachadh le poilis Ghlaschu agus am feasgar sin fhèin chaidh a chur air plèan gu Lunnainn far an do choinnich e ri oifigearan à Roinn na Dachaigh agus Gàrradh Alba.
Anns na lathaichean an deaghaidh sin chaidh iomadach duine cudthromach, nam measg feadhainn gu math àrd anns an arm agus anns an t-seirbhis shìobhalta a chur an làimh. Chaidh iarraidh air na pàipearan-naidheachd gun chus othail a dhèanamh mun chùis airson math dìon na rìoghachd, ach bha feadhainn aca dhen bharail gun robhas a’ fiachainn ri mì-chùram agus neo-èifeachd, a bharrachd air ainmean cuid dhe na daoine mòra a bha ceangailte ris a’ ghnothach, a chumail am falach, agus ged nach tàinig an sgeulachd uile a-mach fhuair Alasdair a-mach gu robh ainm fhèin gu math iomraiteach anns an dùthaich. Fhuair e e-fhèin a’ bruidheann air an rèidio ’s air telebhisean agus fhuair e mach cuideachd nach robh e ro dhiùid roimh na daoine mòra a thachair ris ann an Lunnainn. Bha na thàinig e troimhe air a dhèanamh na bu chinntiche às fhèin na bha e roimhe sin.
Ach fad na tìde bha fadachd air gus am faigheadh e air ais dhan taobh tuath ’s gu Catrìona. Dh’fhòn e ga h-ionnsaigh às an taigh-òsda aige ann an Lunnainn. Bha i nise air ais còmhla ri bràthair a h-athar ann an Glaschu.
“Hallo, thasgaidh!” ars esan.
“Hallo, Alasdair. Bha an guth aice blàtha agus càirdeil. “Is math a bhith bruidheann riut.” Ach an uair sin thàinig an deamhain air ais anns a’ ghuth aice.
“Tha mi faireachadh gu math mòr asam fhìn a bhith bruidheann ri fear cho ainmeil ’s e còmhnaidh am-measg boireannaich bhrèagha Lunnainn! ars ise.
“ ’S e ’n rud e,” ars Alasdair, “nach eil a thùr agam a nì feum dhe na cothroman. Bha mi cho gòrach ’s gun do ghabh mi nòisean de dh’ aon tè bhig ann an Glaschu ’s tha sin gam chumail o chàch.”
Rinn i gàire. “S mise tha toilichte sin a chluinntinn!” ars ise. “Cuine a tha mi dol gad fhaicinn a-rithist?”
“An ath-oidhche, tha mi ’n dòchas,” ars esan.
Bha Catrìona aig port-adhair Ghlaschu ga choinneachadh am feasgar an deaghaidh sin. Bha a bilean ’s a craiceann blàth.
“O, Alasdair, tha mi cho toilichte d’ fhaicinn.” Leig i osna thoileachais aisde ’s dh’fhàisg i na làmhan aige. An uair sin rinn i gàire.
“Tha mi ’n dòchas gum bi barrachd is uair a thìde no dhà againn còmhla ri chèile
an turas seo!”
Tharraing Alasdair nas tinne ri ghualainn i.
“Cha leig mi le duine do thoirt bhuam a-nise” ars esan. “Feumaidh tu tighinn còmhla rium dhan Eilean a dh’ aithghearr a choinneachadh ri mo phàrantan. Dh’fhòn mi gu mo mhàthair an raoir agus tha i air bhioran airson d’fhaicinn!”
“Bu thoigh leam sin! ’S tha fhios agam nach cuir e càil air Uisdean a bhith air fhàgail leis fhein a-nise!”
“Ciamar a tha e?” ars Alasdair.
“Gu math nas fheàrr! Tha e air cur roimhe gu daingeann gu feum thu fuireach còmhla ruinn fhads a tha thu ann an Glaschu ’s mar sin chan urrainn dhut teicheadh orm!” Rinn i gàire a-rithist. Nuair sin thuirt i. “Chaidh a mholadh leis a’ phoilis airson na beatha agad fhèin ’s aig Aonghas a shàbhaladh ach cha ghabh e ri sin idir. Tha e ràdh gur e choire-san a tha ann gun d’fhuair sibh sibh fhèin anns a’ chunnart anns an robh sibh!”
“Chan eil sin ceart!” ars Alasdair. “Rinn e dhìcheall airson rabhadh a thoirt dhomh! ’S tusa bu choireach gun robh mise air mo tharraing a-staigh anns a’ ghnothach, agus tha mi toilichte airson sin!”
Bha Uisdean Grannd fhathast a’ coimhead bàn ’s bha ghaoirdean air a ceangal suas ach rug e air làimh air Alasdair ann an dòigh air leth càirdeil.
“Tha mi uabhasach toilichte tachairt riut a-rithist, a bhalaich!” ars esan. “Cha dhèan mi sgeulachd fhada dheth, ach mura b’ e cho treun ’s cho seasmhach ’s a bha thusa bha gnothaichean air a dhol gu math fada ceàrr dhuinne ’s do iomadach duine eile cuideachd!”
“Mura b’ e sibhse, Mhgr Ghrannd,” ars Alasdair, “bhithinn fhèin agus Aonghas marbh!”
“Uill, tha mi toilichte gun deach agam air rudeigin feumail a dhèanamh!” Airson a’ chiad uair chunnaic Alasdair lasadh dhen deamhain anns na sùilean aige ’s chunnaic e cho coltach ’s a bha e-fhèin is Catrìona ri chèile. “Tha mi cinnteach gun aontaicheadh Catrìona gur e rud feumail a bha sin! Agus a-nise, ’ille cha chùm sinn nas fhaide bho do bhiadh thu. Tha a h-uile càil deiseil aig Catrìona. Feumaidh gu bheil an t-acras mòr ort!”
An deaghaidh na dìnnearach ’s iad a’ gabhail an cofaidh, thionndaidh Catrìona ris a’ Ghranndach.
“An innis mi do Alasdair dè bha sibh a’ cur romhaibh, no am fàg mi agaibhse ri innse e?”
“ ’S fheàrr dhut fhèin innse dha,” ars esan le fiamh-ghàire.
Thionndaidh Catrìona ri Alasdair.
“Bu thoigh le Uisdean gun d’ rachadh tu còmhla ris anns a’ chompanaidh ùr a tha e dol a thòiseachadh an àite ‘Taigh-Foillseachaidh Alba’. Dè chanadh tu ri sin, Alasdair?”
“Dè chanadh duine sam bith ris? tha mi fada nur comain, a Mhgr Ghrannd. Tha mi
’n dòchas gum bi mi gu feum dhuibh.”
“Tha fhios agam gum bi thu sin, Alasdair, ’s tha mi smaoineachadh gum bu chòir dhut a-nise m’ ainm fhìn a thoirt orm agus ’s e sin ‘Uisdean’! A bharrachd air sin, ’s e fìor dhroch thòiseachadh a fhuair thu ann am foillseachadh leabhraichean, obair cho tlachdmhor ’s a tha air thalamh, ’s tha mi smaoineachadh gun còrd i riut!”
“Còrdaidh gu dearbh!” ars Alasdair.
Greiseag an deaghaidh sin thuirt Catrìona.
“Bha fhios agam gun do dhìochuimhnich mi rudeigin! Dh’fhòn mi gu Màiri Dhòmhnallach an raoir ’s bha i ’g innse dhomh gu bheil Aonghas air a bhith air rèidio ’s air telebhisean na h-uiread a thursan a-nise ’s gu bheil e còrdadh glan ris!
“Tha e dol a dhèanamh sreath phrògraman mu obair nàdair air an rèidio!”
Rinn Alasdair gàire. “ ’S e Aonghas am balach! Feumaidh sinn tadhal orra air ar rathad air ais on Eilean.”
An uair a bha iad nan seasamh anns an oifis fhalaimh an ath latha dh’fhosgail an doras agus thàinig Mgr Fulton a-staigh. Bha e coimhead cho gruamach ’s a bha e riamh.
“O, ’s e sibhse th’ ann, a Mhgr Ghrannd is a’ Mhdn-uasal Ghrannd ’s Mgr MacRailt. Tha e math duine ’s aithne dhut fhaicinn. Tha an t-àite cho sàmhach a-nise on dh’fhalbh na poilis le uimhir dhen luchd-obrach!”
“Na gabhadh sibhse dragh dheth!” ars Uisdean. “Tha sinn dol a thòiseachadh a-rithist agus bu mhath leinn nam fanadh sibhse còmhla ruinn!”
Thàinig beothachadh ann an aodann Fulton.
“Mòran taing dhuibh, a Mhgr Ghrannd,” ars esan. “Nì mi mo dhìcheall ur cuideachadh anns a h-uile dòigh as urrainn dhomh!”
“Tha fhios agam air sin, a Mhgr Fulton.” Bha dòchas anns a’ ghuth aig Uisdean. “Cha bhi sinn fada faighinn na companaidh air a casan a-rithist!”
Chaidh Alasdair agus Catrìona a-staigh gu fear dhe na rumannan beaga.
“Uill, a thasgaidh,” ars esan rithe. “Tha Uisdean ceart gu leòr a-nise.”
“Tha sinn le chèile ceart gu leòr a-nise, m’ eudail, agus ’s tusa ’s coireach airson sin!”
Dh’fhairich Alasdair blàths mu chridhe ’s e coimhead sìos oirre. Bha spot de dhust air a gruaidh a thàinig à àiteigin.
Shuath e le naipicinn e.
“Dè tha ceàrr?” ars ise.
Rinn e gàire.
“Chan eil ach leisgeul airson buntainn riut.”
“Bheil fhios agad” ars esan a’ cur a làmhan air a guaillean, “tha thu dol an Eilean a-màireach a choinneachadh ri mo phàrantan ’s cha tuirt thu fhathast co-dhiù phòsas tu mi gus nach pòs!”
“Cha do chuir thu cheist orm!”
“Am pòs thu mi, ghaol mo chridhe?” ars esan.
Bha gàire air a h-aghaidh ’s bha na sùilean aice blàth.
“Tha mi uabhasach toilichte gun do dh’iarr thu orm do phòsadh, Alasdair,” thuirt
i, “oir b’ fheàrr leam sin a dhèanamh na rud sam bith eile air thalamh!”
Cha tuirt Alasdair càil ach tharraing e g’ a ionnsaigh fhèin i ’s phòg e ’n t-àite air a gruaidh far an robh an spot dubh air a bhith.
title | Deireadh Gnothaich |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |