[21]

6 Fear na Deise Loirich

Cha robh atharrachadh sam bith air an oifis ann an Glaschu nuair a chaidh e staigh feasgar an ath latha an deaghaidh a thurais à Inbhir Nis. ’S gann gun creideadh e gun do ghabh na rudan a thachair an àite.

Chaidh e staigh gu stèisean poilis abhaile an deaghaidh do Mullins innse dha mu bhàs Dhonnchaidh a dhiarraidh fiosrachaidh mun bhàs. Chaidh innse dha gun do thuit MacPhàil far achabhsair air an robh sluagh dùmhail air beulaibh làraidh ann an Sràid an Acadamaidh agus nach burrainn dhan làraidh stad. Bhathas dhen bheachd gun deach e ann an laigse leis an teas o nach robh a chridhe ro làidir.

“ ’S cha robh teagamh sam bith anns aghnothach?” ars Alasdair.

Ciamar?” ars an t-oifigeach.

Chan ann le droch rùn duine sam bith a thachair e?”

Chan ann, mura urrainn dhuibh fhèin càil ùr sam bith innse dhuinn a thaobh sin!”

Rinn Alasdair doth. Nuair sin dhfhairich e cho faoins a bha an rud a bha e dol a ràdhs gun do chrath e a cheann.

Rinn an t-oifigeach sgrùdadh geur air aodann.

An e caraid dhuibh-se a bhann, a Mhgr MhicRailt? ”ars esan.

Cha do chuir mise eòlas air gun diugh fhèin, ach bu thoigh leam e.”

Tha fhios agam gum faod gnothach mar seo a bhith na bhuille, ach thèid min urras nach do dhfhairich e càil. Tha mi smaoineachadh gur e an rud as fheàrr as urrainn dhuibh-se a dhèanamh a dhol dhachaigh agus cadal math fhaighinn.”

Be sin rud nach dfhuair Alasdair. Bha e tionndadh na thuirt MacPhàil ris an latha roimhe sin na inntinn agus mar bu mhotha bha e smaoineachadh airs ann bu choltaiche ris an fhìrinn a bha e dol. Bha MacPhàil a-rèir coltais, buailteach air leigeil ruith le mhac-meanmainn, ach air a shon sin bha inntinn Alasdair anshocrach. Chuimhnich e air an rabhadh a thug fear na deise loirich dha achiad latha bha e anns an oifis agus an sealladh a fhuair e air anns achàr còmhla ri Diack agus Stevenson. Agus cuideachd bha chuid as motha dhen fheadhainn a bha ag obair aigTaigh-Foillseachaidh Albacaran neònach. Fhuair e cadal mu dheireadh mu chòig uairean achse cadal bruailleanach a bha ann agus cha robh sannt sam bith aige air èirigh nuair a chaidh an alàrum dheth aig leth-uair an deaghaidh seachd.

Bha e faireachadh gu math sìos anns an inntinn mu dheidhinn fhèin agus an obair. Bha e coltach nach burrainn dha faighinn air adhart le mòran dhe na daoine bhag obair aig achompanaidh ach feadhainn mar a bha Ailean Moireach agus MacPhàil, feadhainn a fhuair an aon seòrsa togail no an aon seòrsa foghlaim ris fhèin. Bha e gabhail eagal gun robh inntinn gu math neo-sheasmhach aiges nach robh e cho comasachs a bu chòir dha a bhith airson a rathad a dhèanamh anns an t-saoghal.


[22]

Thòisich an neul a bha air inntinn air togail nuair a smaoinich e air Catrìona. Bha aghrian adeàrrsadh nuair a thòisich an càr air amhonadh os cionn Inbhir Nis a dhìreadh, ’s bha dathan na mòintich, gorms buidhes donn, atoirt togail dha.

An deaghaidh dhol a-staigh dhan oifis rinn Alasdair air an rùm aig Mgr Fulton airson cùnntasan nam manaidsearan agus a chùnntas fhèin a thoirt seachad.

Tha iad sin adol dìreach gu Mgr Diack,” arsa Fulton nuair a fhuair e iad.

An robh cuairt mhath agad?”

Bha ach chuir bàs Mhgr MhicPhàil sgleò air aghnothach.”

Chuala mi mu dheidhinn sin,” arsa Fulton. “Gnothach brònach ged is e duine caran ait a bha ann!”

Rinn Alasdair toileachas cuideach ri aghaidh shunndaich Ailein Mhoirich.

Uill, ’ille, tha thu coimhead caran sgìth! A bheil dad ceàrr?”

Dìreach sgìos, Ailein. Chì mi rithis thu.”

Bha e seachd uaireans e air a rathad a choinneachadh Catrìona mus do dhfhairich Alasdair gu làn aige fhèin a-rithis.

Fhuair e briseadh-dùil na bu mhotha na bha còir aige nuair a chunnaic e nach robh i anns achafaidh roimhe ged a chaidh aige air àite fhaighinn dhan chàrs an cafaidh a ruigheachd còig mionaidean roimhn àm. Dhfhan e gu -fhoighidneach airson còig mionaidean fichead eile mus do chuir e roimhe fònadh gu dachaigh Catrìona.

Bha clag na fòna adol airson greis mus do fhreagair guth fireannaich e.

Seadh!” ars an guth.

Eil fhios am burrainn dhomh bruidheann ri Catrìona?” ars Alasdair.

Tha, tha eagal orm gu bheil Catrìona air falbh air saor-làithean.”

Ach gheall i mo choinneachadh a-nochd! Tha mi cinnteach nach leigeadh i sìos mi anns an dòigh sin!”

Cha.. .cha robh i gu math!”

Chan eil i gu math! An e rud dona a tha ann!”

Dhfhairich Alasdair a chridhe bualadh gu làidir.

Chan e. Faodaidh tu fònadh nuair a thilleas i.”

Cuin?”

O, an ceann mìos.”

S fheàrr dhomh innse dhuibh thannam.. . .” thòisich Alasdair ach bha am fear eile air afòn a chur sìos.

Nuair a thàinig e mach às abhocsa-fòna agus a cheann na bhoil chuimhnich Alasdair cho toilichtes a bha e an turas mu dheireadh a bha e fònadh gu Catrìona.

Cha burrainn dha chreidsinn gun leigeadh i sìos e. An robh an duine air a bhith dèanamh mar a dhiarr i air? Dhfhairich Alasdair nàire airson seo a smaoineachadh nuair a chuimhnich e cho blàth laghachs a bha i air afòn an oidhche roimhe sin. Agus bha an guth air afòn cho fanns cho marbh. Bha rudeigin ceàrr. Choisich e timcheall airson greiss gun fhios aige, cha mhòr, bha e dèanamh. Nuair sin rinn e suas inntinn.


[23]

Thèid mi a dhionnsaigh an taighe aice airson faighinn a-mach tha ceàrr,” thuirt e ris fhèin.

Cha burrainn dha smaoineachadh air a dhol air ais dhan taigh loidsidh aige agus inntinn anns an staid san robh i.

Cha robh e fada ruigheachd an taigh aig Catrìona. Ruith e suas na steapaichean agus bhrùth e putan achluig.

Bha e feitheamh, shaoil e airson ùine mhòr agus nuair sin bhrùth em putan a-rithis.

An deaghaidh sin chuala e doras afosgladh am broinn an taighe agus ceum atighinn chun an dorais aghaidh.

Dhfhosgail an doras.

Uill, tha thug iarraidh?” dhfhoighnich an duine a dhfhosgail e.

Na sùilean marbhs an deise loireach liath. Dhaithnich Alasdair anns abhad e ged nach robh ad air an turas seo. ’S e an duine a chunnaic e anns aphàirce a bha ann, an duine a thug an rabhadh neònach ud dha, an duine a chunnaic e anns achàr còmhla ri Diacks Stevenson.

titleFear na Deise Loirich
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page