8 A’ Chaileag-Fhrithealaidh Bheag
Ràinig Alasdair Inbhir Nis dà uair a thìde na b’ fhaide na bha dùil aige. Chaidil e gu math an oidhche roimhe sin leis an sgìos agus an strèin a bha air anns na lathaichean roimhe sine, ach anns a’ mhadainn shaoil e gu robh e gun tùr an oidhche roimhe a bhith smaoineachadh gun d’ rachadh aige-san air làmh-an-uachdar fhaighinn air leithid Diack, ’s gun aon nì air am b’ urrainn dha a’ chorrag a chur no innse dhan phoilis. Nam bitheadh fhios aig Diack dè bha e smaoineachadh bhitheadh e ann an cunnart uabhasach, ach cha robh dòigh aige air faighinn a-mach fhathast, mura.. .Dh’fhàs Alasdair fuar a’ smaoineachadh air. Dè nam biodh càirdean aig Diack air a’ phoilis? Chaidh e-fhèin dhan phoilis nuair a chuala e mu bhàs Dhonnchaidh MhicPhàil. Dè ma chaidh sin innse do Diack? Bha an Seàirdeant MacCoinnich gu math dìcheallach a’ dèanamh soilleir dha cho cugallach anns an inntinn ’s a bha Donnchadh. Agus chaochail MacPhàil am feasgar sin fhèin. Nam biodh teagamh aca ann-san bhiodh Catrìona ann am barrachd cunnart na bha i roimhe.
An deaghaidh dha dhol a-staigh anns a’ chàr airson togail air gu Inbhir Nis thàinig e staigh air gur dòcha gun deachaidh rudeigin a dhèanamh air a’ chàr air sgàth faighinn cuidhteas esan. Uill, b’ urrainn dha rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin co-dhiù. Thug e ’n càr timcheall dhan gharaids anns an robh a charaid, Teàrlach MacArtair, ag obair.
Chuir Teàrlach a-mach a cheann fon ramp far an robh e ’g obair.
“Tha thu ann, Alasdair!” ars esan ach nuair a chunnaic e aodann Alasdair, “Bheil dad ceàrr?” ars esan.
“Chan eil càil ceàrr ormsa, Theàrlaich,” ars Alasdair. “Ach am b’ urrainn dhut rudeigin a dhèanamh air mo shon? An urrainn dhut sùil a thoirt air a’ chàr fiach nach deachaidh buntainn ris?”
“Nì mise sin, ’ille”, arsa Teàrlach le aghaidh shòlaimte. “Ach nach bu chòir dhut a bhith dol dhan phoilis?”
Chrath Alasdair a cheann.
“Chan urrainn dhomh fhathast.”
An deaghaidh do Theàrlach sùil a thoirt air a’ chàr agus a ràdh nach robh càil ceàrr air tharraing Alasdair an dàrna taobh e.
“Mura cluinn thu bhuamsa an ceann trì latha,” ars esan, “theirig dhan phoilis. Can riutha gu bheil eagal ort gun do thachair rudeigin dhòmhsa agus gun robh eagal orm roimh cheannard na companaidh aig a bheil mi ’g obair Mgr Diack. Sgrìobh sìos na h-ainmean sin, ‘Diack’ agus “Taigh-Foillseachaidh Alba”. Can gun robh amharas orm gum b’ e esan bu choireach airson bàs Dhonnchaidh MacPhàil, fear-obrach aig a’ chompanaidh ann an Inbhir Nis, agus cuideachd airson Catrìona Ghrannd a tha càirdeach do fhear de cheannardan na companaidh a ghoid air falbh! Sgrìobhaidh mi-fhìn na h
ainmean sin dhut,” ars esan agus chuir e sìos air pìos pàipeir iad. Cha robh mòran dòchais aige gun tigeadh mòran às a seo ach bha fhios aige gur e duine earbsach a bha ann an Teàrlach agus gun coimhlionadh esan a chuid-san dhen ghnothach.
“An ainm an Aigh, Alasdair, nach tèid thu dhan phoilis?” arsa Teàrlach.
“Chan urrainn dhomh. Chan eil dearbhadh sam bith agam agus nan dèanainn-sa sin dòcha gum bitheadh dithis co-dhiù air am marbhadh! Ach tha thu ceart! Chan urrainn dhomh sabaid nan aghaidh leam fhìn. Mura fhaigh mi tuilleadh dearbhaidh an ceann latha no dhà, sgrìobhaidh mi gu prìomh-chonstabal Ghlaschu agus ball-Pàrlamaid Inbhir Nis. Ach gun an tuilleadh dearbhaidh chan eil cail as dòcha tachairt na gun saoil iad gu bheil mi às mo chiall agus bithidh an uair sin barrachd cothroim aig Diack ’s a chàirdean. ’S e rud e, Theàrlaich, gum faodar a h-uile càil a th’ ann a mhìneachadh air dhòigh eile. Dh’fhaodadh iad Catrìona a mharbhadh ’s dèanamh mas fhìor gun do chuir i às dhi fhèin. Tha loighne aca bhon dotair a’ ràdh gu bheil i claoidhte anns an inntinn!”
Nuair a ràinig e Inbhir Nis rinn e air Sràid an Aonaidh agus chaidh e staigh gu “Cafaidh Sheòrais” airson a dhol thairis na inntinn dè ’n ath cheum a bu chòir dha ghabhail agus airson smaoineachadh dè chuireadh e anns na litrichean aige gu prìomh-chonstabal Ghlaschu agus ball-pàrlamaid Inbhir Nis. Cha robh e ’g iarraidh aghaidh
Sheall e suas nuair a thàinig a’ chaileag-fhrithealaidh timcheall.
“Bu thoigh leam cupa cofaidh,” ars esan, ach bha i mar nach robh i ’g èisdeachd ris. Bha i sgrùdadh aodainn gu dian. ’S e boireannach beag mu leth-cheud bliadhna dh’aois a bha innte le falt ro bhàn airson a bhith nàdurrach.
“An e thusa bha bruidheann ri Mgr MacPhàil an latha chaidh mharbhadh?” ars ise.
Chlisg Alasdair agus shuidh e suas anns an t-seuthar.
“S mi!” ars esan. “Dè as aithne dhutsa mu dheidhinn?”
“Fan mionaid!” ars ise. “Gheibh mi ’n cofaidh agad.”
Thill i le cupa cofaidh agus brioscaidean. Aig an aon àm phut i bileag a-staigh na làimh.
“Dh’iarr Mgr MacPhàil orm a’ bhileag seo a thoirt dhut an latha chaidh mharbhadh,” ars ise. “Bha e ’n còmhnaidh tighinn a-staigh ann an seo air a rathad dhachaigh airson cupa cofaidh. ’S e duine laghach a bh’ ann,” ars ise. Dh’fhàs a h-aodann tùirseach.
“Dìreach mus do dh-fhalbh e ’n latha sin, nuair a bha mi sgioblachadh a’ bhùird ri thaobh thuirt e rium, ‘Gheibh thu bileag fo phillean an t-suidheachain agam, Eilidh. Gheibh mi air ais e ma thig mi air ais a-màireach. Mura tig mise air ais, thoir e dhan fhear òg ris an robh mi bruidheann an-diugh, Alasdair MacRailt. Na toir dha na polasmain idir e!’
“Chaidh agam air grèim fhaighinn air a’ bhileig gun duine gam fhaicinn dìreach mus do dhùin sinn airson an fheasgair. Tha mi cho toilichte gun tàinig thu. Cha robh mi cinnteach dè dhèanainn.”
Chuir Alasdair crìoch air a chofaidh agus chuir e a’ bhileag na phòcaid.
“Mòran taing airson na rinn sibh,” ars esan. “Dòcha gu bheil e nas cudthromaiche na tha sibh a’ saoilsinn.”
“Bha fhios agam nach bitheadh Mgr MacPhàil an sàs ann an droch rud sam bith!” ars ise, “agus gur feum gun robh adhbhar aige airson an nì a bha e dèanamh.”
“Bha sin aige,” ars Alasdair, “agus bha mise nam ghlaoic nach do ghabh mi barrachd suim dheth na bu tràithe! ’S e duine treun, misneachail a bha ann agus tha mi cinnteach gum bi cuimhne air fhathast airson an rud a rinn e!”
Chunnaic e gun robh na deòir na sùilean.
“Tha mi ’n dòchas gum bi,” ars ise, “ach cha toir sin air ais e.”
Cha do choimhead Alasdair air a’ bhileag gus an robh e anns an rùm aige anns an taigh-òsda ri taobh na h-aibhne.
Aon uair ’s gun robh an doras glaiste thug e mach a’ bhileag agus dh’fhosgail e i. Air an sgrìobhadh oirre bha na faclan.
“A’ sgrìobhadh seo ann an clòsaid na bùtha mus tèid mi dhachaigh. .. Thàinig Mullins air ais feasgar agus bha coinneamh anns an rùm-cùil. Chaidh agam air cluinntinn pàirt dhe na bha iad a’ ràdh le mo chluais a chur ris a’ ventilator anns an stòir-leabhraichean. A-rèir coltais tha iad dol a dh’fhiachainn ri gnothaichean a dhèanamh cho dona agus is urrainn dhaibh ann am Breatann airson gum bi cothrom aig riaghaltas dhen fhìor làimh dheis cumhachd a ghabhail leis an làimh làidir.. .Tha iad ceangailte ri drugaichean, spreadhaidhean ’s a leithid.. .Tha iad dol a chumail a-mach nach eil an riaghaltas Tòraidheach a tha againn an dràsda gu feum sam bith on ’s e deamocrataich a tha anns a’ chuid as motha dhiubh.. .Ach,” bha stràc fo seo, “Tha e coltach gu bheil càirdean aca san t-seirbhis dhìomhair agus anns a’ phoilis.. .Dol a dh’fhiachainn ri gàbhaidhean adhbharachadh anns an riaghaltas.. .Dol a chur na coire air na Nàiseantaich.. .eagal orra romhpa-san.. .”
Bha pìos eile mar gun robh e sgrìobhte an deaghaidh làimhe, “Tha mi smaoineachadh gu bheil teagamh aig Mullins annam.. .Choimhead e orm ann an dòigh gu math neònach feasgar an-diugh.. .Chan eil tìde agam airson a’ chòrr. Seall air na pàipearan-naidheachd.”
Dh’fhan Alasdair na shuidhe a’ sgrùdadh na bileig. Bha dearbhadh an seo, ach an creideadh iad e? Co-dhiù, dh’fheumadh e na litrichean aige a sgrìobhadh a-nise. Bha e ceart, a-rèir coltais, anns an teagamh a bha aige ann am poilis Inbhir Nis. Dh’fheumadh e earbs a chur ann am prìomh-chonstabal Ghlaschu. Agus na pàipearan? Bha e air a bhith ro thrang o chionn ghoirid airson mòran leughaidh a dhèanamh, ach chuimhnich e air pàirt dhe na sreathan-cinn dhan tug e ’n aire anns na pàipearan.. .rudan ceangailte ri drugaichean a-measg nan deugaich.. . ’s na daoine dubha, spreadhaidhean ann an Glaschu agus ann am bailtean Shasainn agus cuid de bhuill-pàrlamaid ag èigheach ag iarraidh riaghaltas smachdail.
Bha e soilleir gun robh e-fhèin ann an cunnart. Feumaidh gun robh iad amharasach mu dheidhinn ma dh’innis an Seàirdeant MacCoinnich dhaibh mun chòmhradh a bha aige ri MacPhàil agus ma bha fhios aca gun robh e cur cheistean mu bhàs MhicPhàil.
“Feumaidh mi pàipear-sgrìobhaidh fhaighinn!” thuirt e ris fhèin.
Bha e togail duilleagan paipear-sgrìobhaidh bho bhòrd ann an rùm-suidhe an taigh-òsda nuair a phut cuideigin a ghaoirdean. Chlisg Alasdair ann an leithid do dhòigh ’s gun do bhrùchd fallas a-mach air a mhalaidh. Leig e osna faochaidh às nuair a chunnaic e cò bh’ ann.. .Màiri Dhòmhnallach, bean Aonghais, an geamair, seann charaid athar.
“Thìocais, Alasdair! Nach tu tha sgèanach! Feumaidh gu bheil thu ri rud falchaidh air choreigin!” Rinn i gàire, ach choimhead i air le seòrsa de dh’ iongnadh.
“Tha mi duilich, a Mhàiri,” ars esan. “Tha fhios agam gu bheil mi gam ghiùlan fhìn caran coltach ri eucoireach, ach tha mi caran iomagaineach an dràsda agus tha an t-adhbhar agam!”
Nuair sin rug e air ghaoirdean air Màiri agus stiùir e null gu bòrd i. Bha e air cuimhneachadh càite an robh Aonghas, an duine aice, ag obair.
“An urrainn dhut càil sam bith innse dhomh mu Mhgr Diack, an t-uachdaran ùr ann an Gleann Riabhach?” ars esan. “Nach eil Aonghas na gheamair ann an sin fhathast?”
Chrath Màiri a ceann.
“Fhuair Aonghas a leabhraichean goirid an deaghaidh dhan duine sin an t-àite ghabhail air mhàl, agus a h-uile gin dhe na seann searbhantan còmhla ris. ’S e coigrich a tha anns na searbhantan ùra air fad agus ’s e daoine gu math àraidh a tha annta cuideachd. Cha thoigh leamsa an coltas idir.
“Airson Diack, chan eil fhios aig duine air mòran mu dheidhinn ach chan eil gaol sam bith aca air agus cha ghabhadh tu iongnadh leis an sin, ’s e an deaghaidh na seann searbhantan a sgiùrsadh air falbh!”
Uill, cha robh mòran an sin smaoinich Alasdair ach gur e na daoine aig Diack fhèin a bha anns na searbhantan air fad agus cinnteach gun robh sin na chomharradh gun robh rudeigin aige ri fhalach. Ach bha e fiachainn ri cuimhneachadh air rudeigin eile ceangailte ri Taigh Ghlinn Riabhaich.
Bhris Màiri a-staigh air a smaointean.
“Tha pàrtaidhean aige airson daoine mòra,” ars ise. ’S e ‘oidhcheannan ciùil’ a th’ aige orra.”
Sin agad e! smaoinich Alasdair. Bha cuimhne aige leughadh anns na pàipearan mu “na h-oidhcheannan ciùil” aig Diack. Ach thàinig rudeigin a-staigh air a chuir inntinn air tac eile. Bha an càr anns an robh Catrìona, air a bhith siubhal gu tuath, a-rèir Ailein. Carson nach do smaoinich e air roimhe! Bha Stevenson, fear dhen luchd-cuidich aig Diack, air a bhith còmhla rithe. Agus thuirt Fulton gun robh Diack gu bhith ann an Gleann Riabhach airson mìos!
Thionndaidh e ri Màiri is inntinn na breislich.
“A bheil Aonghas aig an taigh?”
“Tha,” ars ise. “Cha d’fhuair e obair ùr fhathast ’s cha do rinn e cus sireadh.” Rinn i gàire. “Tha e cur seachad mòran tide shuas aig an t-seann bhothan ann an Coire Mhadaidh. Tha cuimhne agad air an àite Alasdair. Tha sinn an deaghaidh gu leòr sithinn is bradain a bhith againn.”
Rinn Alasdair gàire. Bha Aonghas a’ toirt a-mach dìoghaltas air Diack na dhòigh fhèin.
Chuir Alasdair a làmh air a gualainn.
“Mhàiri, nam bitheadh sibh cho math ’s ràdh ri Alasdair coimhead a-mach air mo shon aig an t-seann chraoibh dharaich shuas air taobh a’ Ghlinn mu mheadhon latha a-màireach. Coinnichidh mi an sin e. Bithidh fhios aige fhèin air an àite tha mi ciallachadh.”
Bha e air inntinn a dhèanamh suas a dhol gu Gleann Riabhach a shireadh Catrìona agus ’s e duine math a bha ann an Aonghas airson a bhith làimh riut aig a leithid de dh’ àm.
“Nì mi sin, Alasdair, ach.. .”
“Chan urrainn dhomh an còrr a ràdh an dràsda, Mhàiri. Innsidh mi dhuibh a dh’ aithghearr dè tha tachairt. Bheil sibh dol dhachaigh a-nochd?”
“Tha, Alasdair. Tha mi ’n dòchas nach fhaigh thu ann an crois sam bith!”
“Na bitheadh dragh sam bith oirbh, a Mhàiri. Chì mi sibh an ceann latha no dhà.”
“Glè mhath ma tha,” arsa ise. “Seo Siùsaidh a’ tighinn. Bithidh sinn a’ tighinn an seo airson cofaidh nuair nach cosg sinn ar n-airgead uile!”
Air ais anns an rùm-cadail thug e sùil air na pàipearan-naidheachd a bha anns an t-seòmar-suidhe.
“UPRAID ANNS A’ PHARLAMAID”, leugh e. Bha cuid de bhuill-pàrlamaid ag èigheach airson cumhachdan làidir airson dèiligeadh ris an aimhreit shòisealta agus phoiliticeach anns an dùthaich air fad. Bha iad ag iarraidh barrachd chumhachdan an aghaidh stailcean, agus lagh an airm a chur an gnìomh ann an àiteachan.
Bhathas a’ gabhail dragh ann an iomadach àite cuideachd airson na bha de dhaoine òga ri drugaichean. Agus ghlac sreath-cinn eile a shùil.
“Mì-chiat eile air a chur an gnìomh leis na Nàiseantaich?” Bha iomradh air mar a chaidh ionad-tasgaidh uisge faisg air Dun Eideann a mhilleadh le stuth-spreadhaidh. Bha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a’ dol às àicheadh gu dian gun robh gnothach sam bith aca-san ris a’ ghnìomh uilc a chaidh a dhèanamh an sin no ris na gnìomhan uilc eile a ghabh àite o chionn ghoirid agus a bhathas a’ cur às an leth, ach bha feadhainn gu math àrd as a’ Phàrlamaid a’ cur teagamh anns na h-àichidhean aca.
Dh’fhairich Alasdair e-fhèin a’ fàs fuar fhads a bha e leughadh na cùnntasan sin agus bha nithean a’ sìor fhàs na bu shoilleire na inntinn. Bha e cinnteach gun robh “Taigh-Foillseachaidh Alba” ceangailte ri pàirt de na rudan sin air dhòigh air choreigin. ’S ann airson gun d’fhuair e mach cus a chaidh MacPhàil a mharbhadh.
Dè bu neo-chiontaich na lìon de bhùthainnean leabhraichean a’ breacadh na dùthcha. Agus anns gach tè bha fear-ionaid aca-san deiseil gu olc sam bith a rachadh òrdachadh a dhèanamh. Agus bha e-fhèin is Donnchadh ’s feadhainn eile dhen seòrsa ann airson sealladh brèagha, laghail a chur air a’ ghnothach.. .daoine beaga a dh’fhaodadh iad feum a dhèanamh dhiubh agus faighinn cuidhteas iad nuair a thogradh iad.
Cinnteach gun deach e-fhèin a chur gu tuath airson gum bitheadh e soirbh dhaibh faighinn cuidhteas e nuair a thogradh Diack. Dh’fhairich Alasdair a-rithis cho lag ’s
a bha e. Dh’fheumadh e na litrichean a sgrìobhadh a-nochd. Bha e faireachadh gun robh tìde ruith a-mach. Agus nuair sin dh’fhiachadh e ri Catrìona a lorg. Dè b’urrainn dhasan a dhèanamh an aghaidh uimhir? Ach bha aon nì na fhàbhar. Cha bhiodh sùil aig Diack, innleachdach, seòlta mar a bha e, ri Alasdair fhaighinn air steap an dorais aige fhèin. Ach bha Alasdair ceàrr anns a’ bharail sin.
Thàinig gnogadh chun an dorais.
Nuair a dh’fhosgail Alasdair an doras bha Stevenson na sheasamh an sin is fiamh-ghàire air aodann.
Bha iad air tighinn ga iarraidh. Choimhead e timcheall air gu sgèanach airson tiotan mus tàinig e ga ionnsaigh fhèin. Chunnaic e Mullins na sheasamh air cùlaibh Stevenson.
“A Mhgr MhicRailt!” arsa Stevenson. “Bha beagan tàire againn gad lorg! ’S math gun do sgrìobh thu d’ ainm ann an clàr-ainmean an taigh-òsda!”
Nach b’ e an glaoic e agus cho furasda ’s a rinn e gnothaichean dhaibh. Dè b’ urrainn dha dhèanamh nan aghaidh? Ach chùm an t-àrdan e o bhith sealltainn gun robh e faireachadh mar seo.
“Dè tha sibh ag iarraidh?” ars esan.
Rinn Stevenson fiamh-ghàire a-rithis.
“Thàinig sinn an seo le fiathachadh dhut,” ars esan.
“Chaidh a chur dhan taigh-loidsidh agad ann an Glaschu, ach feumaidh gun do dh’fhalbh thus mus tàinig e. Tha mi faicinn gun robh thu leughadh ‘An Albannaich’ .” Thog e am pàipear agus sheall e sanas do Alasdair.
“Oidhche Chiùil Eile gu bhith ann an Taigh Fear-foillseachaidh. Tha Mgr Eanraig Diack, am fear-foillseachadh ainmeil, dol a chumail tè-eile dhe na h-oidhcheannan-ciùil aige anns an taigh aige ann an Gleann Riabhach. Bithidh daoine ainmeil às an sgìreachd an làthair agus cuideachd manaidsearan is luchd-obrach às a’ chompanaidh aig Mgr Diack, ‘Taigh-Foillseachaidh Alba. ’”
“Gu sgeul goirid a dhèanamh dhen ghnothach,” arsa Stevenson. “Tha thusa air d’ fhiathachadh cuide ri càch. Cha leig thu leas dragh a ghabhail mu aodach freagarrach. ’S e oidhche neo-fhoirmeil a tha gu bhith againn.”
Cha robh Alasdair air a mhealladh idir. Bha fhios aige nan d’ rachadh e còmhla riutha gur ann na phrìosanach a bhitheadh e. Robh iad dol a chur às dha? Cha robh. Bhitheadh Diack ag iarraidh faighinn a-mach dè am fiosrachadh a bha aige agus co dhiubh a dh’innis e càil do dhuine sam bith. Bha e fiachainn ri sin a thoirt a chreidsinn air fhèin co-dhiù.
Dh’aom Alasdair a cheann.
“Tha sin math dhuibh,” ars esan, a’ dèanamh fiamh-ghàire gu h-ìoranta.
“Thig mi. Ma bheir sibh mionaid dhomh airson baga a phacaigeadh?”
Dh’ aithnich e gun tug na briathran sin faochadh dhan dithis anns an doras. Bha eagal air a bhith orra gun tigeadh orra a cho-èigneachadh a chum falbh leotha. Cinnteach gun robh uidheam deiseil aca nan robh an gnothach air tighinn gu sin, ach bhitheadh cunnart ann gum faiceadh cuideigin iad.
Shuidh Stevenson anns an àite-stiùiridh anns a’ chàr agus rinn Mullins soilleir do
Alasdair gum feumadh esan suidh ann an aghaidh a’ chàir ri taobh Stevenson. Shuidh Mullins fhèin anns a’ chùl far am b’ urrainn dha sùil a chumail air Alasdair. Cha robh iad a’ fàgail càil ann an làmhan an fhortain.
Bha Stevenson gu math comasach air draibheadh. Stiùir e ’n càr tro na sràidean cumhang a bha trang le carbadan dhen h-uile seòrsa mar a bhiodh iad an còmhnaidh as t-samhradh agus ann an ùine ghoirid bha iad a’ falbh gu h-ealamh sìos taobh Loch Nis.
Na shuidhe anns a’ chàr còmhla ris an dithis ud, cha robh Alasdair cho calma ’s a bha e air a bhith ann an Inbhir Nis. A h-uile turas a rachadh an càr na bu mhaille bha fallas a’ brùchdadh a-mach air a mhalaidh ’s eagal air gun robh iad dol a stad airson cur às dha. Bha e fiachainn gun leigeil leis an fhear a bha ri thaobh a chluinntinn mar a bha e tarraing analach na bu luaithe leis an eagal.
title | A’ Chaileag-Fhrithealaidh Bheag |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |