[35]

9 Oidhche Chiùil

S ann a dhfhairich Alasdair seòrsa de dhfhaochadh nuair a rinn an càr a rathad tron gheata thuraideachs a ghabh e suas dhan taigh mhòr. ’S e an t-eagal bu mhotha a bha air a-nise gum bitheadh iad air Catrìona a thoirt gu àite eile.

Bha tòrr chàraichean nan seasamh air achòmhnard ghreabhaill air beulaibh an taighe. Bha na h-uimhir de dhaoine air tighinn dhan oidhche-chiùil aig Mgr Diack.

Bhan taigh fhèin mar a bha cuimhne aige air fhaicinn bho òige ged nach robh e riamh roimhe na bhroinn, togalach mòr trì-lobhtach le similearan àrda ag èirigh suas air cùlaibh na rèilichean a bha ri oir mullach an taighe. Cha do shaoil e riamh gum bitheadh en taobh a-staigh dhe. Thàinig e staigh air gur dòcha gur e faighinn às a bu duilghe bhiodh.

Thionndaidh Stevenson ris, an deaghaidh dha an càr a stad aig doras beag ann an taobh an taighe. “Seallaidh mi dhut an seòmar agad.” Thug e Alasdair a-staigh air an doras seo agus chaidh an triùir aca suas staidhre aimhleathan. Chuala iad fuaim achiùil mus deach iad a-staigh air an doras. Dhaithnich Alasdair an ceòl aig Wagner. Thàinig iad a-mach air mullach na staidhre os cionn talla mhòr an taighe far an robhas ag èisdeachd ris acheòl.

Nuair sin leum a chridhe na chom. Aig mullach na staidhre mhòir a bha dol sìos chun na talla bha Catrìona agus bràthair a h-athar afeitheamh airson a dhol sìos dhan talla nuair a bhitheadh am pìos ciùil seachad.

Mus burrainn do dhuine stad a chur air ghabh e null dhan ionnsaigh. Nuair a chunnaic Catrìona e thàinig gàirdeachas anns an aghaidh aice agus rug i air ghaoirdean air aGhranndach.

Alasdair,” ars ise le aoibhneas adeàrrsadh anns na sùilean aice, agus shìn i an làmh eile dha, ach bha bròn na sùilean cuideachd.

Dhfhairich e seòrsa de phian nuair a chunnaic e cho bàns bha i. Cha tuirt e guth ach rug e air làimh oirres na deòir na shùilean.

Stad mionaid!”

Bha Stevenson na sheasamh air a chùlaibh, ’s a làmh air gualainn Alasdair.

Cha leig mi leas innse dhut,” ars esan, “gum bitheadh do chàirdean ann an cunnart nan dèanadh tu rud gòrach sam bith!”

Cha robh e dèanamh mas fhìor nas fhaide.

Rinn Alasdair gàire.

tha thu smaoineachadh a thagad? Seumas Bond?”

Bha seòrsa de nàire air Stevenson.

Tha feadhainn air a bheil an t-eagal buailteach air rudan gòrach a dhèanamh!” ars esan.

Cha leig thu leas eagal a bhith on gun cuir mise mo chàirdean ann an cunnart!”


[36]

ars esan. “Chan eil mig iarraidh ach bruidheann riutha.”

Cuimhnich gu bheil sinne cumail sùla ort fad an t-siubhail agus gu bheil an taigh air a chuartachadh le luchd-faire!” arsa Stevenson.

Rug Alasdair air ghaoirdean air Catrìona air an taobh eile bhon aGhranndach agus thòisich iad air a dhol sìos an staidhre.

Choimhead e timcheall na talla. An siuds an seo chitheadh e na daoine aig Diack. Bha e furasda am faithneachadh bhon dòigh anns an robh iad acumail sùla air a h-uile càil.

Tha thu tuigsinn?” arsa Stevenson na chluais.

Cha do dhfhiach iad ri dealachadh a chur eadar e-fhèin is Catrìona an dràsda, ach bha fhios aca nach burrainn dha càil a dhèanamh co-dhiù.

nan leumadh e air bòrd a-measg an t-sluaigh a bha anns an t-seòmar mhòrs gun èigheadh e, “ ’S e mortair agus faisisteach a tha ann an Diack! Tha e às a rian! Tha e fiachainn ris an dùthaich seo sgrios! Tha mi-fhìns mo chàirdean ann an cunnart ar beatha!” thachradh.

Cha thachradh ach gum bitheadh daoine crathadh an cinn gu tùirseach airson a bhith faicinn duine cho òg ris cho troimhe chèile san inntinn. ’S cha bhiodh fada gus am bitheadh e air a ghiùlan suas an staidhre mas fhìor a dhfheitheamh gus an tigeadh muinntir an ospadail thinneis ga iarraidh.

Tha mi duilich dfhaicinn an seo, a bhalaich!” thuirt an Granndach ris. “Dhfhiach mi ri rabhadh a thoirt dhut!”

Thug Alasdair an aire ged a bha aodann aGhranndaich fhathast bàn nach robh na sùilean aige cho marbhs cho eu-dòchasachs a bha iad na turasan eile a chunnaic e e. Bha na sùilean a bha coimhead air a-nise ciùin agus seasmhach.

Bfheàrr leam a bhith seo nan àite sam bith eile air thalamh!” ars Alasdair. “Agus co-dhiù cha dfhuair iad làmh-an-uachdair oirnn buileach fhathast!”

Rug Catrìona air ghaoirdean orra le chèile. Bha na deòir anns na sùilean aice. “Tha sinn còmhla co-dhiù!” ars ise. “Ach o, Alasdair, a thasgaidh, tha mi duilich gur ann an seo a tha e!” Choimhead i air aGhranndach is dhaithnich Alasdair gun robh rudeigin sònraichte acur dragh oirre.

Bha crìoch air acheòl airson greis gus am faigheadh daoine biadh agus deoch a ghabhail agus mar sin fhuair iad cothrom bruidheann agus daoine adùmhlachadh timcheall orra.

Bhruidheann an Granndach a-rithis.

Bha mi lag, gun spionnadh,” ars esan. “Bha còir agam air rudeigin a dhèanamh na bu tràithe. Cha toir mi maitheanas dhomh fhìn gu bràth airson sin. Bha a leithid de dheagal orm air sgàth Catrìona aon uairs gun do thuig mi bha iad ris,” ars esan. ’S thug iad oirre tighinn còmhla rium an seo.”

Chaidh sibhse imfhilleadh anns aghnothach seo ri linns gun robh sibh afiachainn ri mise a dhìon,” ars ise. Cha leig mi leibh sibh fhèin a mharbhadh! ’S e sin a thachradh nam marbhadh sibh Diack airson aire dhaoine tharraing! ’S e sin a tha em beachd a


[37]

dhèanamh!” ars ise ri Alasdair ann an guth briste. “Cha robh fhios air a bhith agamsa air mura robh e air iarraidh orm ruith a-mach às an talla cho luaths a bheireadh e ionnsaigh air Diack!”

Chunnaic Alasdair Diack na sheasamh abruidheann ri Pròbhaist Inbhir Nis. Thug Diack sùil a-null far an robh iad, choimhead e airson tiotans nuair sin thionndaidh e air falbh, ach dhfhairich Alasdair e-fhèin afàs fuar fo bhuaidh nan sùilean cruaidh ud.

Ach bha fhios aig Alasdair a-nise carson a bha aodann aGhranndaich air fàs nas duineile. Shlìob an Granndach làmh Catrìona.

Cha leig thu leas dragh a bhith ort eudail,” ars esan. Cha dèan mi càil a-nochd co-dhiù agus tha fhios agad fhèin nach eil a chridhe agam a leithid de rud a dhèanamh!”

Rug Alasdair air mhuilcheann air aGhranndach.

Air do bheatha na dèan càil ann an cabhaig!” ars esan. “Tha càirdean agamsa air an taobh a-muigh. Ma gheibh mise brath gan ionnsaigh dòcha gum buinnig sinn fhathast. A bharrachd air sin,” ars Alasdair, “dòcha gun drachadh daoine neo-chiontach a mharbhadh!”

Chunnaic Alasdair a-nise an teagamh ann an sùilean aGhranndaich. Cha robh e nise cinnteach dhèanadh e.

Thoir dhòmhsa cothrom mus fhiach thus càil!” ars Alasdair gu dùrachdach.

Choimhead an Granndach air agus am pian air ais anns an aodann aige.

Glè mhath,” ars esan. “Ach cha chreid mi gu bheil fhios agad co ris a tha thu dèiligeadh. Ach air eagal gun tachair càil dhomh feumaidh mi fiachainn ri innse dhut tha tachairt.”

Bha an còmhlan-ciùil air tilleadhs bha na daoine asuidhe a-rithis airson èisdeachd. Thug Alasdair an aire gun robh Stevenson agus Mullins nan seasamh faisg air. Bha iad deiseil nam fiachadh e ri rud sam bith a dhèanamh.

Thug en aire do thrì chathraichean air taobh deas na talla ach beagan air falbh bho na h-aoighean eile agus stiùir e Catrìona agus an Granndach gan ionnsaigh. Chuir an Granndach Catrìona anns an àite a bfhaisge air an t-sluagh. Chaidh e fhèin anns amheadhon le Alasdair air an taobh eile dheth. Nuair a shuidh iad thàinig e staigh air Alasdair nach e rud gealltanach sam bith a bha ann nach do dhfhiach an nàimhdean rin tearbadh bho chèile. ’S a bharrachd air sin bha feum air choreigin aig Diack air aGhranndach agus mar sin air Catrìona. Ach e-fhéin?

Thòisich an còmhlan-ciùil air cluich. Leis mar a bha iad nan suidhe burrainn dhan Ghranndach seanais ris gun dragh a chur air na daoine eile, astad an dràsdas a-rithist nuair a bhan còmhlan-ciùil adèanamh cus fuaim airson Alasdair a bhith ga chluinntinn.

Bha mi còmhla ri Diack anns achogadh ann an Korea: gu dearbh, shàbhail mi a bheatha. Bha dùil agam gun robh e nam chomain gu mòr airson seo ach thàinig mi gu bhith tuigsinn nach robh e ach acumail a-staigh orm airson gun robh fhios aige gum bitheadh achompanaidh agam feumail dha.

Tha e coimhead sìos gu mòr air daoine cumanta agus tha gràin uabhasach aige air deamocratachd. Dhfhiach e ri toirt orm gabhail ann am buidheann ùr a bha e cur air


[38]

chois. ’S e na Deamocrataich Ur a bha aige orra achs e faisistich a bha annta. ’S e faighinn a-staigh dhan Phàrtaidh Tòraidheach agus pàrtaidhean eile am prìomh rud a bha fa-near dhaibh. Cha chuala mi mòran bhuaithe an deaghaidh dhomh tilleadh do Alba gus an do cheannaichTaigh-Foillseachaidh Albaachompanaidh agam. Dhiarr e orm màite a chumail air abhòrd. Ged a bha amharas orm gun robh e ri cùiltearachd air choreigin bha dùil agam gum burrainn dhomh cumail a-mach às na gnothaichean poiliticeach aige. ’S e glaoic a bha annam. Cha do thuig mi cho maths a chaidh leis anns na h-innleachdan aige.

Nuair a fhuair mi mach ri linn mearachd a rinn cuideigin gun robhas adèanamh feum dhen chompanaidh againn airson drugaichean a sgaoileadh ghabh min dòigh cheàrr. Chaidh mi gu Diack fhèin agus dhinnis mi seo dha. Rinn e mas fhìor gun do chuir seo uabhas airs gun toireadh e-fhèin na poilis a-staigh anns aghnothach. Nuair a dhfhoighnich mi dheth mun ghnothach thuirt e rium gun robh na poilis ag obair ann an dòigh falachaidh airson na h-eucoirich a ghlacadh. ’S ann an deaghaidh làimhe a fhuair mi mach gur e breugan a bha seo. Nuair sin thuirt e rium gun robh an t-ainm agamsa air liost dìomhair aca mar bhall dhen bhuidheann aige agus cuideachd gum marbhadh iad Catrìona nan dèanainn càil às an rathad. Dhinnis e dhomh cuideachd gun robh càirdean aige air aphoiliss gun cluinneadh e nan innsinn càil.

Tha càirdean aige anns na h-ionadan as àirde anns an rioghachd, buill-pàrlamaid nam measg agus tha mi smaoineachadh gu bheil feadhainn sna seirbhisean dìomhair air a thaobh cuideachd. Bha fhios agam nach e mas-fhìor a bha aca nuair a mharbh iad am fear a bha anns an obair romhad-sa agus gun dèanadh iad an rud a bha iad amaoidheadh air Catrìona.”

Chaidh aig aGhranndach air tuilleadh innse do Alasdair mus robh an ceòl seachad. Bha Diacks a chàirdean aig an robh làmh ann an iomadach companaidh agus buidheann afiachainn ri sluagh Bhreatainn a thruailleadh agus ìsleachadh ann am moraltachds an dòigh-beatha. Bha iad afiachainn ri dubh is geal a chur an aghaidh a chèile. Nuair a bhitheadh nithean dona gu leòr dhiarradh iad riaghaltas-aonaichte agus nuair sin lagh-airm, ach cha bhitheadh an seo ach ceum air an rathad. Dhfhiachadh na càirdean aig Diack a bha àrd anns an arm an uair sin ri coup detat a thoirt gu buil. Bha iad aràdh nach mòr nach do thachair a leithid roimhe nuair a thàinig air Eideard an t-ochdamh an righ-chathrach a thoirt suas. Bha iad dhen bheachd gum bitheadh luchd-malairt na dùthcha coma fhads a bhitheadh riaghaltas smachdail aca.

Ghluais Diack a phrìomh-àite gu Alba o chionn ghoirid on bha dùil aige gum bitheadh barrachd cothrom aige na h-innleachdan aige a chur an gnìomh às an sin gun iad a bhith air am faighinn a-mach.

Bha mi smaoineachadh an toiseach gun robh e cho mòr às a rian nach tachradh dhe seo,” arsan Granndach. “Ach a-nise chan eil mi cho cinnteach!”

Bha Diack cuideachd afiachainn ri droch ainm a thoirt dhan Phàrtaidh Nàiseanta oir bha eagal air leis cho làidirs a bha sluagh na h-Alba afaireachadh dìleas dhan dùthchas aca fhèin.


[39]

Bha Alasdair asìor ghabhail uabhais mar bu mhotha bha e cluinntinn dhen sgeulachd aig aGhranndach. Bha fhios aige nise bha an Granndach air a bhith ciallachadh nuair a thuirt e nach robh Alasdair atuigsinn bha ri aghaidh.

Stad an ceòl agus bha am bas-bhualadh a lean greis mhath na chomharradh gun robh achuirm-chiùil seachad. Choisich Diack suas gu far an robh an còmhlan-ciùil. Bha taidh-bogha dhearg air agus siogàr aige na làimh. Bha e coimhead coltach ri fìor dhuine-uasal aig an taigh a-measg a chàirdean.

Dhfhairich Alasdair eagal agus dhfhairich e lag, ach aig an aon àm dhfhairich e fuath uabhasach airson Diack. Seo an duine a bha dol a bhruthadhs a smachdachadh a cho-chreutairean, dol a thoirt orra am beatha a chur seachad ann an dòigh a dhòrdaicheadh esan, dòigh a bhitheadh a chum feum Diack agus a chàirdean. “Cha ghèill mi idir!” smaoinich e. “Cha ghèill mi gu bràth!”

Rinn Diack òraid eirmseach, spòrsail, chomasach atoirt taing dhan chòmhlan-ciùil airson cluich agus dha na h-aoighean aige airson tighinn. Thuirt e cuideachd gum bitheadh coinneamh aig fir-stiùiridhTaigh-Foillseachaidh Albaan deaghaidh làimhe. “Gu -fhortanach,” ars esan tha aig fir-gnothaich mar a tha sinne cur-seachad agus obair a bhith aca an lùib a chèile.” Dhaom e a cheann dhan luchd-èisdeachd agus a- measg tuilleadh bualadh-bhasan thill e gu àite a-measg an t-sluaigh.

Nuair a dhèirich Alasdair chunnaic e dithis dhaoine air a chùlaibh le aodannan orra a bha dèanamh soilleir nach e gaol air ceòl clasaiceach a dhfhàg an siud iad.

Rug fear aca air ghaoirdean air.

Rathad seo!” ars esan.

Cha robh teagamh sam bith gur e òrdan a bha seo agus nach e cuireadh. Cha robh iad dol a thoirt cothrom dha an taigh fhàgail còmhla ris na h-aoighean a bha dòrtadh a-mach às an taighs adol a-staigh anns na càraichean aca afàgail beannachd aig Diack a bha na sheasamh aig an doras acrathadh làmhans abeiceadh.

Thionndaidh Catrìona ga ionnsaighs bha a h-aodann geal le iomagain.

Na gabh dragh mum dheidhinn-sa,” ars esan, acur fiamh-ghàire air aodann.

Bha an Granndach na sheasamh ga choimhead. Dhaom Alasdair a cheann ga ionnsaigh mar gun robh e ràdh, “Bithidh cuimhne agam air na thuirt sibh!”

Dhfhàg e iad le chèile nan seasamh acoimhead air afalbh. Bha fhios aige gun robh iad asmaoineachadh an aon rud ris fhèin. “Eil fhios am faic sinn a chèile tuilleadh?”

titleOidhche Chiùil
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page