CEUD LEABHAR MHAOIS, D’ AN AINM GENESIS.
CAIB. I.
’SAN toiseach chruthaich Dia [an t-Uile-chumhachdach. ] na neamhan agus an talamh.
2 Agus bha’n talamh gun dealbh [gun chumadh, gun dreach. ] agus falamh [fàs; folamh. Eir.] ; agus bha dorchadas air [er. ] aghaidh na doimhne [an aigein. ] : agus bha Spiorad Dé a’ gluasad [a’ gur gu caomh. ] air aghaidh nan uisgeacha.
3 Agus thubhairt [thuirt; a dubhairt. Eir.] Dia, Biodh solus ann: agus bha solus ann.
4. Agus chunnaic [chonnairc. Eir.] Dia an solus, gu [go. Eir.] ’n robh [ro; raibh. Eir.] e math [maith. ] : agus chuir Dia dealachadh eadar an solus agus an dorchadas.
5 Agus dh’ainmich Dia an solus Là [ghoir Dia do’n t-solus Latha. ] , agus an dorchadas dh’ainmich e Oidhche: agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceud là.
6 Agus thubhairt Dia, Biodh athar [aidhear, iormoilt, speuran. ] ’am meadhon nan uisgeacha, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeacha.
7 Agus rinn Dia an t-athar, agus chuir e dealachadh eadar na h-uisgeachan a bha fuidh’n athar, agus na h-uisgeachan a bha os cionn [os ceann. ] an athair: agus bha e mar sin.
8 Agus dh’ainmich Dia an t-athar Neamh: agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn [do budh e an nòin agus an mhaidean. Eir.] an dara [darna. ] là.
9 Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h-uisgeachan a ta fuidh nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris am fearann tioram [an talamh tioram; an ùir thioram. ] : agus bha e mar sin.
10 Agus dh’ainmich Dia am fearann tioram Talamh, agus cruinneachadh nan uisgeacha dh’ainmich e Fairgeachan [maranna, cuanta. ] : agus chunnaic Dia gu’n robh e math.
11 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh-mheas a bheir a mach meas [a thilgeas meas, air am fàs meas. ] a réir a gnè [cineil, seòrta. ] , aig am bheil a sìol [fras, ros. ] innte féin air an talamh: agus bha e mar sin.
12 Agus thug an talamh mach feur, luibh a ghineas sìol a réir a gnè, agus craobh a bheir a mach meas, aig am bheil a sìol innte féin a réir a gnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math.
13 Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.
14. Agus thubhairt Dia, Biodh soluis [lòchrain. ] ann an speuraibh nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche, agus bitheadh iad air son chomharan [mar chomharthan. ] , agus air son aimsirean, agus air son lài [làethe. ] agus bhliadhnacha.
15 Agus biodh iad mar
16 Agus rinn Dia dà sholus mhòr, an solus a’s mò a riaghladh an latha [là, lò. ] , agus an solus a’s lugha a riaghladh na h-oidhche; agus na reulta [reannaga, rionnagan. ] .
17 Agus shuidhich Dia iad ann an speuraibh nèimh, a thoirt [a thabhairt. ] soluis air an talamh,
18 Agus a riaghladh ’san là, agus ’san oidhche [a riaghladh an latha agus na h-oidhche. ] , agus a chur dealachaidh eadar an solus agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu’n robh e math.
19 Agus b’ iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là.
20 Agus thubhairt Dia, Thugadh na h-uisgeachan a mach gu pailt an creutair gluasadach anns am bheil beatha [anam beo. Eabh.] , agus biodh eunlaith ag itealach’ [agus eunlaith a dh’itealaicheas. ] os cionn na talmhainn air aghaidh speura néimh [ann an speuraibh nèimh. ] .
21 Agus chruthaich Dia muca-mara [mìola. Eir.] mòra, agus gach uile chreutair beo a ghluaiseas, a thug [noch thugadar. Eir.] na h-uisgeachan a mach gu pailt a réir an gnè, agus gach eun iteagach [sgiathach, sgiathanach. ] a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math.
22 Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h-uisgeachan anns na fairgibh, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh.
23 Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an cùigeadh là.
24 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh amach an creutair beo a réir a ghnè, spréidh, agus gach ni a shnàigeas [chrùbas; shnaigheas, shnàmhas. Eir.] , agus beathaiche [fiadh-bheathaiche. ] na talmhainn a réir an gnè: agus bha e mar sin.
25 Agus rinn Dia beathaiche na talmhainn a réir an gnè, agus an spréidh a réir an gnè, agus gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math.
26. Agus thubhairt Dia, Deanamaid duine ’nar dealbh [ìomhaigh, cruth. ] féin, a réir ar coslais féin, agus biodh uachdranachd aca os cionn éisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur [nèimh, an athair. ] agus os cionn na spréidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh.
27 Agus chruthaich Dia an duine ’na dhealbh féin; ann an dealbh Dhé chruthaich se e: firionnach agus bainionach [fear agus bean, firionn agus boirionn. ] chruthaich e iad.
28 Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e; agus biodh uachdranachd agaibh os cionn éisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach ni beò a ghluaiseas air an talamh.
29. Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a ta air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns am bheil meas craoibh a ghineas sìol; dhuibhse bithidh e mar bhiadh [air son bìdh. ] .
30 Agus do uile
31. Agus chunnaic Dia gach a ni a rinn e, agus feuch, bha e ro mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an seathadh [seiseadh. Eir. ] là.
title | Caibideil I |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |