CAIB. X.
A NIS is iad sin ginealaich mhac Noaih; Sem, Ham, agus Iaphet: agus rugadh dhoibh mic ’an déigh na dìle.
2 Mic Iapheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.
3 Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus Riphat, agus Togarmah.
4. Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Cittim, agus Dodanim.
5 Leo sin roinneadh eileana nan cinneach ’nan tìribh féin, gach aon a réir a theangaidh, a réir an teaghlaichean, ’nan cinneachaibh [dùchannaibh. ] .
6 Agus mic Ham; Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canaan.
7 Agus mic Chuis; Seba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah, agus Sabtecha: agus mic Raamaih; Seba, agus Dedan.
8 Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhi cumhachdach ’san talamh.
9 Bha e ’na shealgair cumhachdach ’an làthair an Tighearna: Uime sin theirear, Amhuil mar Nimrod an sealgair cumhachdach ’an làthair an Tighearna.
10 Agus b’e toiseach a rìoghachd Babel, agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann an tìr Shinair.
11 As an tìr sin chaidh a mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah,
12 Agus Resen eadar Ninebheh agus Calah: is baile mòr sin.
13 Agus ghin Misraim Ludim, agus Anamim, agus Lehabim, agus Naphtuhim,
14. Agus Patrusim, agus Casluhim, (o ’n d’thàinig a mach Philistim) agus Caphtorim,
15 Agus ghin Canaan Sidon a cheud-ghin, agus Het,
16 Agus an Iebusach, agus an t-Amorach, agus an Girgasach.
17 Agus an t-Ibheach, agus an t-Harcach, agus an Sìneach,
18 Agus an t-Arbhadach, agus an Semarach, agus an t-Hamatach: agus ’na dhéigh sin sgaoileadh a mach teaghlaichean nan Canaanach.
19 Agus bha crìoch nan Canaanach o Shidon, mar a thig thu gu Gerar gu nuig Gadsa, mar a théid thu gu Sodom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim, gu nuig Lasa.
20 Is iad sin mic Ham, a réir an teaghlaichean, a réir an teanganna, ’nan tìribh, agus ’nan cinneachaibh.
21 Agus do Shem féin mar an ceudna, athair chloinn Ebeir uile, bràthair Iapheit bu shine, rugadh clann.
22 Clann Sheim; Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.
23 Agus clann Araim; Uds, agus Hul, agus Geter, agus Mas.
24 Agus ghin Arphacsad Salah, agus ghin Salah Eber.
25 Agus do h-Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm a h-aon diubh Peleg, oir ’na laithibh-san roinneadh an talamh; agus ainm a bhràthar, Ioctan.
26 Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hadsarmabhet, agus Ierah,
27 Agus Hadoram, agus Udsal, agus Diclah,
28 Agus Obal, agus Abimael, agus Seba,
29 Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain.
30 Agus bha’n àite-còmhnuidh o Mhesa, mar a théid thu gu Sephar, beinn ’san àird an ear.
31 Is iad sin mic Sheim, a réir an teaghlaichean, a réir an teanganna, ’nan tìribh, a réir an cinneacha.
32 Is iad sin teaghlaichean mhac Noaih, a réir an ginealacha, ’nan cinneachaibh: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh ’an déigh na dìle.
title | Caibideil X |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |