CAIB. XI.
AGUS bha’n talamh uile dh’aon teangaidh, agus na h-aon fhocail [chainnt. ] aig gach neach.
2 Agus ’nuair a bha iad air an turus o’n àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair, agus ghabh iad còmhnuidh ’an sin.
3 Agus thubhairt iad gach aon re chéile, Thigibh, deanamaid clacha creadha [bricks. Sasg.] , agus làn-loisgeamaid [deagh-loisgeamaid. ] iad: Agus bha chlach chreadha aca air son cloiche, agus bha làthach [làthach cosmhuil re pic, pic-thalmhainn. ] aca air son moirteir [ceangail. ] .
4 Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn féin baile, agus tùr, aig am bi mhullach a’ ruigheachd gu nèamh [aig am bi mhulach àrd anns an athar. ] , agus deanamaid dhuinn féin ainm, an t-eagal gu’n sgaoilear [sgapar. ] o chéile sinn air aghaidh na talmhainn uile.
5 Agus thàinig an Tighearn a nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile, agus an tùir, a thog clann nan daoine.
6 Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh
7 Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt ann an sin thar a chéile [air aimh-reidh. ] , chum as nach tuig iad cainnt a chéile.
8 Mar sin sgaoil an Tighearn iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad do thogail a’ bhaile.
9 Uime sin thugadh Babel mar ainm air, do bhrìgh ann an sin gu’n do chuir an Tighearna thar a’chéile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearn iad air aghaidh na talmhainn uile.
10 Is iad sin ginealaich Sheim: Bha Sem ceud bliadhna dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna ’n déigh na dìle.
11 Agus bha Sem beo, ’an déigh dha Arphacsad a ghintinn, cùig ceud bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
12 Agus bha Arphacsad beo, cùig bliadhna deug ’ar fhichead [thar a fichead. ] , agus ghin e Salah.
13 Agus bha Arphacsad beo, ’an déigh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus tri bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
14 Agus bha Salah beo deich bliadhna fichead, agus ghin e Eber.
15 Agus bha Salah beo ’an déigh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus tri bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
16 Agus bha Eber beo ceithir bliadhna deug ’ar fhichead, agus ghin e Peleg.
17 Agus bha Eber beo, ’an déigh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich bliadhna fichead; agus ghin e mic agus nigheana.
18 Agus bha Peleg beo deich bliadhna fichead; agus ghin e Reu.
19 Agus bha Peleg beo ’an déigh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
20 Agus bha Reu beo dà bhliadhna dheug ’ar fhichead; agus ghin e Serug.
21 Agus bha Reu beo ’an déigh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
22 Agus bha Serug beo deich bliadhna fichead; agus ghin e Nahor.
23 Agus bha Serug beo ’an déigh dha Nahor a ghintinn, dà cheud bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana.
24 Agus bha Nahor beo naoi bliadhna fichead; agus ghin e Terah.
25 Agus bha Nahor beo ’an déigh dha Terah a ghintinn, ceud agus naoi bliadhna deug, agus ghin e mic agus nigheana.
26 Agus bha Terah beo deich is tri fichead bliadhna; agus ghin e Abram, Nahor, agus Haran.
27 A nis is iad sin ginealaich Theraih: Ghin Terah Abram, Nahor, agus Haran; agus ghin Haran Lot.
28 Agus fhuair Haran bàs roimh Therah athair, ’san tìr anns an d’ rugadh e, ann an Ur nan Caldeanach.
29 Agus ghabh Abram agus Nahor mnài dhoibh féin: B’e
30 Ach bha Sarai neo-thorrach [seasg; aimrid. Eir.] ; cha robh duine cloinne aice.
31 Agus ghabh Terah Abram a mhac, agus Lot mac Harain mac a mhic, agus Sarai a bhan-chliamhuinn, bean Abraim a mhic; agus chaidh iad a mach maille riu a h-Ur nan Caldeanach, gu dol do thìr Chanaain: agus thàinig iad gu Haran, agus ghabh iad còmhnuidh ann an sin.
32 Agus b’iad lathan Theraih dà cheud agus cùig bliadhna: agus fhuair Terah bàs ann an Haran.
title | Caibideil XI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |