CAIB. XII.
AGUS thubhairt an Tighearna re h-Abram, Rach [Imich, falbh. ] a mach a d’ dhùthaich, agus o d’ dhìslibh, agus a tigh t’athar, do’n tìr a nochdas [dh’fheuchas. ] mise dhuit.
2 Agus ni mi thu a’d’ chinneach mòr [ni mise fine mhòr dhìot. ] , agus beannaichidh mi thu, agus ni mi t’ainm mòr: agus bithidh tu a’d’ bheannachadh.
3 Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas tu, agus iadsan a mhallaicheas tu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaiche na talmhainn.
4 Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris, agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram cùig bliadhna deug is tri fichead a dh’aois ’nuair a chaidh e mach a Haran.
5 Agus ghabh Abram Sarai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad [chomhaich iad. ] , agus na h-anmanna fhuair iad ann an Haran, agus chaidh iad a mach gu dol do thìr Chanaain, agus thàinig iad do thìr Chanaain.
6 Agus chaidh Abram air aghaidh ’san fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard [darag. Eabh.] Mhoreih. Agus bha’n Canaanach ’an sin ’san tìr.
7 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin [thaisbean an Tighearn e féin; chuncas an Tighearna. Eabh.] do Abram, agus thubhairt e, Do d’ shliochd-sa bheir mise am fearann so: agus thog e ’n sin altair do’n Tighearn, a dh’fhoillsicheadh dha.
8 Agus chaidh e as sin gu sliabh air an taobh an ear do Bhetel, agus shuidhich e bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e ’n sin altair do’n Tighearn, agus ghairm e air ainm an Tighearna.
9 Agus dh’imich Abram, a’ sìr-dhol air aghaidh mu dheas [fa dheas, ’san àirde deas. ] .
10 Agus bha gorta ’san tìr: agus chaidh Abram sìos do’n Eiphit, gu bhi air chuairt ann an sin, do bhrìgh gu’n robh a’ ghorta mòr ’san tìr.
11 Agus ’nuair a bha e dlùth do dhol a stigh do’n Eiphit, thubhairt e re Sarai a bhean, Feuch a nis, tha fios agam gur bean mhaiseach [sgiamhach. ] thusa re amharc ort:
12 Uime sin, ’nuair a chi na h-Eiphitich thu, their iad, So a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beo.
13 Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, chum gu’n éirich
14 Agus ’nuair a thàinig Abram do’n Eiphit, chunnaic na h-Eiphitich a’ bhean, gu’n robh i ro-mhaiseach.
15 Chunnaic mar an ceudna ceannardan [maithean, prionnsuidh. ] Pharaoih i, agus mhol iad i do Pharaoh: agus thugadh a steach a’ bhean do thigh Pharaoih.
16 Agus bhuin e gu math re h-Abram air a sgàth-sa: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhirionn, agus òglaich, agus ban-oglaich, agus asail bhainionn, agus càmhail.
17 Agus bhuail an Tighearna Pharaoh agus a thigh le plàighibh mòra, air son Sharai mnà Abraim.
18 Agus ghairm [ghoir, ghlaodh. ] Pharaoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod so a rinn thu orm? c’ar son nach d’innis thu dhomh gu’m bi so do bhean?
19 C’ar son a thubhairt thu, ’Si mo phiuthar i? Mar sin dh’fheudainn a gabhail a’m’ ionnsuidh mar mhnaoi; a nis ma ta feuch do bhean, gabh i, agus bi ’g imeachd [imich romhad. ] .
20 Agus thug Pharaoh àithne d’a dhaoinibh m’a thimchioll; agus chuir iad air falbh e féin, agus a bhean, agus gach ni a bh’aige.
title | Caibideil XII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |