[22]

CAIB. XIII.

AGUS chaidh Abram suas as an Eiphit, e féin, agus a bhean, agus gach ni a bhaige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas.

2 Agus bha Abram ro-shaibhir [ro-shaidhbhir, ro-bheartach. ] ann an spréidh, ann an airgiod, agus ann an òr.

3 Agus dhimich ena thurusaibh on taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu nuig an t-àite, anns an robh a bhùthan toiseach, eadar Betel agus Hai;

4 Gu àite na h-altarach a rinn en sin air tùs: agus ghairm Abram ann an sin air ainm an Tighearna.

5 Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dhimich maille re h-Abram, caoraich, agus crobh, agus bùthan [bùithean. ] .

6 Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan [an iomchar. ] gu còmhnuidh a ghabhail cuideachd; oir bham maoin mòr, agus cha burrainn [ionnas nach b’urradh. ] iad còmhnuidh ghabhail cuideachd [san aon àite. ] .

7 Agus bha comh-strieadar buachaillean [aodhairean. ] spréidh Abraim, agus buachaillean spréidh Lot: Agus bhan Canaanach agus am Periseachsan àm sin a chòmhnuidhsan tìr.

8 Agus thubhairt Abram re Lot, Na bitheadh, guidheam ort, comh-strieadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithre sinn.

9 Nacheil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tu dhionnsuidh na làimhe cli, ’an sin théid mise dhionnsuidh na làimhe deise; agus ma théid thu dhionnsuidh na làimhe deise, ’an sin gabhaidh mise dhionnsuidh na làimhe cli.

10 Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard


[23] Iordain uile, gun robh e gu léir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sodom agus Gomorrah, eadhon mar ghàradh an Tighearna, cosmhuil re talamh na h-Eiphit, mar a thig thu gu Soar.

11 Agus thagh Lot dha féin còmhnard Iordain uile; agus ghabh Lot a thurus on àird an ear, agus dhealaich na càirdean re chéile [dhealaicheadh iad gach fear o bhràthair. Eabh.] .

12 Ghabh Abram còmhnuidh ann an tìr Chanaain, agus ghabh Lot còmhnuidham bailtibh achòmhnaird, agus shuidhich e bhùth aig Sodom.

13 Ach bha daoine Shodoim aingidh, agusnam peacaich am fianais an Tighearna gu ro-mhòr.

14. Agus thubhairt an Tighearna re h-Abram, ’an déigh do Lot dealachadh ris, Tog a nis suas do shùilean, agus amhairc on aitanns am bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an aird an ear, agus an iar:

15 Oir am fearann uile a ta thu afaicinn, dhuitse bheir mi e, agus do dshliochd gu bràth.

16 Agus ni mise do shliochd-sa mar dhuslach na talmhainn; ionnas ma bhios en comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, ’an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.

17 Eirich, imich air feadh an fhearainnna fhad agusna leud, oir dhuitse bheir mi e.

18 Agus dhatharaich Abram a bhùth, agus thàinig e, agus ghabh e còmhnuidh ann an còmhnard Mhamre [aig daragaibh Mhamre. Eabh.] , a tha ann an Hebron; agus thog e’n sin altair do’n Tighearna.

titleCaibideil XIII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page