CAIB. XIV.
AGUS tharladh ann an laithibh Amrapheil righ Shinair, Arioich righ Elasair, Chedorlaomeir righ Elaim, agus Thidail righ nan cinneach [fineacha, dùchanna. ] ;
2 Gu’n d’ rinn iad sin cogadh re Bera righ Shodoim, agus re Birsa righ Ghomorraih, Sinab righ Admaih, agus Semeber righ Sheboim, agus righ Bhela, eadhon Shoair.
3 Chaidh iad sin uil’ ann an co’ -bhoinn re chéile ann an gleann Shidim, a tha nis ’na fhairge shalainn.
4 Dà bhliadhna dheug rinn iad seirbhis do Chedorlaomer, agus anns an treas bliadhna deug rinn iad ceannairc [ar a mach. ] .
5 Agus anns a’ cheathramh bliadhna deug thàinig Cedorlaomer, agus na righrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Susimich ann an Ham, agus na h-Emimich ann an Sabheh Ciriataim,
6 Agus na Horich ’nan sliabh Seir, gu nuig El-paran [còmhnard Pharain. ] , a tha làimh ris an fhàsach.
7 Agus phill iad, agus thàinig iad gu Hen-mispat, eadhon Cades, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h-Amoraich, a bha chòmhnuidh ann an Haseson Tamar.
8 Agus chaidh righ Shodoim a mach, agus righ Ghomorraih agus righ Admaih, agus righ
9 Re Cedorlaomer righ Elaim, agus re Tidal righ nan cinneach, agus re h-Armaphel righ Shinair, agus re h-Arioch righ Elasair; ceithir righridh re cùig.
10 Agus bha gleann Shidim làn do shlochdaibh làthaich [pic-thalmhainn. ] ; agus theich righ Shodoim, agus righ Ghomorraih, agus thuit iad ’an sin; agus iadsan a mhair [iadsan a dh’fhàgadh. ] , theich iad do’n t-sliabh.
11 Agus thug iad leo uile mhaoin Shodoim agus Ghomorraih, agus am biadh uile, agus dh’imich iad rompa.
12 Agus thug iad leo Lot, mac bràthar Abraim (a bha chòmhnuidh ann an Sodom) agus a mhaoin, agus dh’imich iad.
13 Agus thàinig a h-aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t-Eabhruidheach, a bha chòmhnuidh ann an còmhnard Mhamre an Amoraich, bràthar Escoil, agus bràthar Aneir: agus bha iad sin ann an co’ -bhoinn re h-Abram.
14 Agus ’nuair a chual’ Abram gu’n do ghlacadh a bhràthair ’na phrìosanach, dh’armaich e sheirbhisich iunnsaichte [fhòghlumta. ] , a rugadh ’na thigh féin, tri cheud agus ochd-deug; agus lean e iad gu Dan.
15 Agus roinn se e féin ’nan aghaidh san oidhche, e féin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad [ruaig e, chaidh e’n tòir orra. ] gu Hoba, a ta air an làimh chli do Dhamascus.
16 Agus thug e air ais a’ mhaoin uile, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin; agus mar an ceudna na mnài agus an sluagh.
17 Agus chaidh righ Shodoim a mach ’na choinneamh, ’an déigh dha pilltinn o mharbhadh Chedorlaomeir, agus nan righ a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an righ.
18 Agus thug Melchisedec righ Shaleim a mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dé a’s ro-àirde.
19 Agus bheannaich se e, agus thubhairt e, Beannaichte gu’n robh Abram o’n Dia a’s ro-àirde, sealbhadair néimh agus na talmhainn.
20 Agus beannaichte gu’n robh an Dia a’s ro-àirde, a thug thairis do naimhde do d’ làimh. Agus thug e dha deachamh do gach ni.
21 Agus thubhairt righ Shodoim re h-Abram, Thoir dhomhsa na daoine [na h-anmanna. Eabh.] , agus gabh a’ mhaoin dhuit féin.
22 Agus thubhairt Abram re righ Shodoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearn, an Dia a’s ro-àirde, Sealbhadair néimh agus na talmhainn,
23 Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu h-éill bròige, agus nach gabh mi bheag a dh’aon ni a’s leatsa, chum as nach abair thu, Rinn mi Abram beartach?
24 Saor a mhàin o na dh’ith [Ach a mhàin na dh’ith. ] na h-òganaich, agus o chuibhrionn [chuid. ] nan daoin’, a chaidh maille rium, Aner, Escol, agus Mamre; gabhadh iadsan an cuibhrionn [an roinn fein. ] .
title | Caibideil XIV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |