CAIB. XV.
’AN déigh nan nithe sin thàinig focal an Tighearna gu h-Abram ann an taisbeanadh [foillseachadh, sealladh. ] , ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: Is mise do sgiath, agus do dhuais ro-mhòr.
2 Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhé, ciod a bheir thu dhomh, is mi ’g imeachd [siubhal. ] gun chloinn, agus gur e Elieser so o Dhamascus fear-riaghlaidh [stiùbhard. ] mo thighe?
3 Agus thubhairt Abram, Feuch, dhomhsa cha d’thug thu sliochd [sìol, gineal. ] air bith: agus feuch, ’s e neach a rugadh a’m’ thigh a’s oighre orm.
4. Agus feuch, thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, ag ràdh, Cha bhi e so ’na oighre ort; ach esan a thig a mach a t’ innibh [a d’ leasraich. ] féin, bithidh se ’na oighre ort.
5 Agus thug e leis a mach e, agus thubhairt e, Amhairc a nis suas gu neamh, agus àireamh na reulta, ma’s urrainn thu’n àireamh: Agus thubhairt e ris, Mar so bithidh do shliochd.
6 Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas [fhìreantachd. ] .
7 Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearn a thug a mach thusa a h-Ur nan Caldeanach, a thoirt dhuit an fhearainn so, chum a shealbhachadh mar oighre.
8 Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhé, cia leis a bhios fios agam gu’n sealbhaich mi e?
9 Agus thubhairt e ris, Gabh dhomhsa agh thri bliadhna dh’aois, agus gabhar [gabhar bhainionn. ] thri bliadhna dh’aois, agus reithe thri bliadhna dh’aois, agus turtuir, agus columan òg.
10 Agus ghabh e dha féin iad sin uile, agus roinn e iad ’sa’ mheadhon, agus chuir e gach aon do na mìribh fa chomhair a leth-bhreac, ach cha do roinn e na h-eoin.
11 Agus ’nuair a thàinig an eunlaith a nuas air na cairbhibh [closaichibh. ] , dh’fhuadaich Abram air falbh iad.
12 Agus ’nuair a bha ghrian a’ dol fuidh [dol fodha. ] , thuit codal trom air Abram; agus feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.
13 Agus thubhairt e re h-Abram, Biodh fios gu cinnteach agad, gu’m bi do shliochd ’nan coigrich ann an dùthaich nach leo féin; agus ni iad seirbhis doibh, agus buinidh iad gu cruaidh [buinidh iad gu h-olc, sàraichidh, pianaidh. ] riu ceithir cheud bliadhna.
14 Agus mar an ceudna air a’ chinneach sin d’an dean iad seirbhis, bheir mise breth: agus ’na dhéigh sin thig iad a mach le maoin mhòir.
15 Agus théid thusa dh’ionnsuidh t’aithreachan ’an sìth; adhlaicear [tìodhlaicear. ] thu ’n deagh shean-aois.
16 Ach anns a’ cheathramh linn thig iad ’an so air an ais, oir cha’n ’eil aingidheachd nan Amorach fathast iomlan [fathast làn, air teachd fathast gu h-àird. ] .
17 Agus ’nuair a bha ghrian air dol fuidh, bha dorchadas ann; agus feuch, àmhuinn [fuirnis. ] dheataich agus leus teine [lòchran loisgeach no teinteach. ] a chaidh eadar na mìribh sin.
18 Air an là sin féin rinn an Tighearna coi’ -cheangal re h-Abram, ag ràdh, Do d’ shliochd-sa thug mi am fearann so, o abhuinn na h-Eiphit, gu nuig an abhuinn mhòr, abhuinn Euphrates:
19 Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich,
20 Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,
21 Agus na h-Amorich, agus na Canaanich, agus na Girgasaich, agus na Iebusaich.
title | Caibideil XV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |