[26]

CAIB. XVI.

A NIS cha d’rug Sarai bean Abraim clann da; agus bha ban-oglach Eiphiteach aice, dam bainm Hagar.

2 Agus thubhairt Sarai re h-Abram, Feuch a nis, chum an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a steach, guidheam ort, a dhionnsuidh mo bhan-oglaich; theagamh [feudaidh e bhi. ] gum fuigh mi clann leatha-sa. Agus dhéisd Abram re guth Sharai.

3 Agus ghabh Sarai bean Abraim, Hagar abhan-Eiphiteach, a ban-oglach féin, ’an déigh do Abram còmhnuidh ghabhail deich bliadhnann an tìr Chanaain, agus thug si i da fear Abram, gu bhi aige mar mhnaoi.

4 Agus chaidh esan a steach gu Hagar, agus dhfhàs i torrach: agusnuair a chunnaic i gun dfhàs i torrach, bha a ban-mhaighstir tàireilna sùilibh:

5 Agus thubhairt Sarai re h-Abram, Biodh mea-coir ortsa: thug mi mo bhan-oglach do duchd [asgail. ] ; agusnuair a chunnaic i gun dfhàs i torrach, bha mise tàireilna sùilibh: Gun dthugadh an Tighearna breth eadar misagus thusa.

6 Ach thubhairt Abram re Sarai, Feuch, a ta do bhan-oglach adlàimh féin, dean ria mar is àill leat [mar is math leat, mar a chìthear dhuit. ] . Agus an uair a bhuin Sarai gu cruaidh ria, theich i o gnùis.

7 Agus fhuair aingeal an Tighearn i làimh re tobar uisgesan fhàsach, làimh ris an tobarsan t-slighe gu Sur.

8 Agus thubhairt e, A Hagair, a bhan-oglaich Sharai, cia as a thàinig thu, agus càite tha thu dol? Agus thubhairt ise, Tha mi teicheadh o ghnùis Sharai mo bhan-mhaighstir.

9 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Pill a dhionnsuidh do bhan-mhaighstir, agus ùmhlaich thu féin fa làimh.

10 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e thaobh lìonmhoireachd.

11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air, do bhrìgun déisd an Tighearna re tan-shocair [re d’ thriobloid. ] .

12 Agus bithidh ena dhuine fiadhaich; bithidh a làmhan aghaidh gach duine, agus làmh gach duinena aghaidh-san: agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh se còmhnuidh.

13 Agus ghoir i ainm an Tighearn a labhair ria, Thusa Dhe a tag am fhaicinn; oir thubhairt i, An e gun robh agams’


[27] ann an so mar an ceudna sùil ris an Ti sin a ta ’gam fhaicinn?

14. Uime sin ghoir i do’n tobar, Beer-la-hai-roi; feuch, a ta e eadar Cades agus Bered.

15 Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar ainm air a mhac, a rug Hagar.

16 Agus bha Abram ceithir fichead agus bliadhna dh’aois, ’nuair a rug Hagar Ismael do Abram.

titleCaibideil XVI
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page