[27]

CAIB. XVII.

AGUS ’nuair a bha Abram ceithir fichead agus naoi bliadhna deug a dhaois; dhfhoillsich an Tighearn e féin da, agus thubhairt e ris, Is misen Dia uile-chumhachdach; gluais thusa amfhianais, agus bi iomlan [foirfe, diongmhalta. ] .

2 Agus ni mi mo choi’ -cheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi thu gu h-anbarrach.

3 Agus thuit Abram air eudan [aodainn; aghaidh. ] ; agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh,

4 Do mthaobh-sa [air mo shon-sa. ] , feuch, a ta mo choi’ -cheangal riut-sa, agus bithidh tu atathair mhòrain chinneach [fhineacha. ] :

5 Agus nin toirear a so a mach Abram mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad mar ainm; oir rinn mi thu atathair mhòrain chinneach.

6 Agus ni mi thu ro-shìolmhar, agus ni mi dhìot cinnich, agus thig righrean a mach asad.

7 Agus daingnichidh mi mo choi’ -cheangal eadar misagus thusa, agus do shliochd addhéigh, ’nan ginealachaibh, mar choi’ -cheangal siorruidh, gu bhi mDhia dhuitse, agus do dshliochd addhéigh.

8 Agus bheir mi dhuitse, agus do dshliochd addhéigh, am fearann anns am bheil thu adchoigreach [fearann do chuairt. ] , tìr Chanaain uile, mar sheilbh shiorruidh; agus bithidh mise amDhia dhoibh.

9 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, Coimhididh tu uime sin mo choi’ -cheangal, thu féin, agus do shliochd addhéigh, ’nan ginealachaibh.

10 So mo choi’ -cheangal a choimheadas [ghleidheas. ] sibh eadar mise agus sibhse, agus do shliochd addhéigh; Gun timchioll-ghearrar gach leanabh micnar measg.

11 Agus timchioll-ghearraidh sibh feoil bhur roimh-chroicinn [roi’-chraicinn. ] , agus bithidh ena chomharachoi’ -cheangail eadar mise agus sibhse.

12 Agus am macnar measg a bhios ochd lathan a dhaois, timchioll-ghearrar e, gach leanabh micnar ginealachaibh, esan a bheirearsan tigh, no cheannchar le h-airgiod o choigreach air bith, nacheil do dshliochd-sa.

13 Timchioll-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear adthigh, agus esan a cheannchar le tairgiod: agus bithidh mo choi’ -cheangalnar feoil-sa mar choi’ -cheangal siorruidh.

14. Agus an leanabh mic neo-thimchioll-ghearrta, aig nach timchioll-ghearrar feoil a roimh-chroicinn, gearrar an t-anam


[28] sin a mach o shluagh: bhris e mo choi’-cheangal.

15 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, A thaobh Sharai do mhnà, cha toir thu Sarai mar ainm oirre [orra; uirre Eir.] , oir is e Sarah a h-ainm.

16 Agus beannaichidh misi, agus bheir mi dhuit mar an ceudna mac uaithe [uaipe. ] : seadh, beannaichidh mi i, agus bithidh ina màthair chinneach; thig [bithidh. ] righrean phoibleach [shlògh. ] uaithe.

17 ’An sin thuit Abraham air aghaidh, agus rinn e gàire; agus thubhairt ena chridhe, Am beirear mac dha-san a ta ceud bliadhna dhaois? Agus am beir Sarah, a ta deich agus ceithir fichead bliadhna dhaois, mac?

18 Agus thubhairt Abraham re Dia, O gu maireadh Ismael beo atfhianais!

19 Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sarah mac dhuit; agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choi’ -cheangal ris mar choi’ -cheangal siorruidh, agus ra shliochdna dhéigh.

20 Agus a thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus ni mi sìolmhar e, agus cuiridh min lìonmhoireachd e gu h-anbarrach. cheannard deug ginidh se, agus ni mi ena chinneach mòr.

21 Ach mo choi’ -cheangal daingnichidh mi re h-Isaac, a bheireas Sàrah dhuitsan àm so anns an ath bhliadhna.

22 Agus sguir e bhi labhairt ris [bhi cainnt ris, còmhradh ris. ] ; agus chaidh Dia suas o Abraham.

23 Agus ghabh Abraham Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadhna thigh, agus iadsan uile a cheannchadh le airgiod-san, gach firionnach ameasg dhaoine tighe Abrahaim; agus thimchioll-ghearr e feoil an roimh-chroicinn anns acheart sin féin, mar a thubhairt Dia ris.

24 Agus bha Abraham ceithir fichead agus naoi bliadhna deug a dh’ aois, ’nuair a thimchioll-ghearradh dha feoil a roimh-chroicinn.

25 Agus bha Ismael a mhac tri bliadhna deug a dhaois, ’nuair a thimchioll-ghearradh dha feoil a roimh-chroicinn.

26 Anns acheart sin féin thimchioll-ghearradh Abraham, agus Ismael a mhac.

27 Agus thimchioll-ghearradh maille ris uile dhaoina thighe, a rugadhna thigh, agus iadsan a cheannchadh le h-airgiod o mhac coigrich [o choigreach. ] .

titleCaibideil XVII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page