CAIB. XVIII.
AGUS dh’fhoillsich an Tighearn e féin da ann an còmhnard Mhamre [aig daragaibh Mhamre. ] , agus e ’na shuidhe ’an dorus a’ bhùtha ann an teas an là.
2 Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha triuir dhaoin’ a’ seasamh làimh ris; agus ’nuair a chunnaic e iad, ruidh e ’nan coinneamh o dhorus a’ bhùtha, agus chrom se e féin gu làr.
3 Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shùilibh [a’t’ fhianais. ] , gui dheam
4 Thugar ’an so, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnailibh [nighibh. ] bhur casan [cosa. ] , agus leigibh bhur n-anail fuidh ’n chraoibh.
5 Agus bheir mise ’n so greim arain, agus neartaichibh bhur cridhe; ’an déigh sin imichidh sibh romhaibh, oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsuidh bhur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dean eadhon mar a thubhairt thu.
6 Agus ghreas Abraham [rinn Abraham cabhag. ] do’n bhùth a dh’ionnsuidh Sharaih, agus thubhairt e, Dean cabhag [deifrich. ] , taoisinn [fuin. ] tri miosairean do mhìn phlùr, agus dean arain [breacagan. ] air leachd an teinteinn [leachd an teallaich. ] .
7 Agus ruidh Abraham a dh’ionnsuidh a’ chruidh [do’n bhuar. ] , agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e dh’òganach e, agus rinn e deifir [cabhag. ] g’a dheasachadh.
8 Agus ghabh e im agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaobh iad; agus sheas e làimh riu fuidh ’n chraoibh, agus dh’ith iad.
9 Agus thubhairt iad ris, C’àit’ am bheil Sarah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth.
10 Agus thubhairt e, Gu cinnteach pillidh mi t’ionnsuidh a réir àm [aimsir. ] na beatha; agus feuch, bithidh mac aig Sarah do bhean. Agus chuala Sarah sin ann an dorus a’ bhùtha, a bha air a chùl.
11 A nis bha Abraham agus Sarah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois: agus sguir Sarah a bhi réir dòigh nam ban.
12 Uime sin rinn Sàrah gàire innte féin, ag ràdh, ’An déigh dhomhsa fàs aosda, am bi subhachas [toil-inntinn. ] agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?
13 Agus thubhairt an Tighearna re h-Abraham, C’ar son a rinn Sarah gàire, ag ràdh, ’N e gu’m beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhar?
14 Am bheil ni air bith do-dheanta [cruaidh. ] do’n Tighearna? ’San àm shuidhichte pillidh mi a’t’ ionnsuidh, a réir àm na beatha, agus bithidh mac aig Sarah.
15 ’An sin dh’àicheun [dh’àicheadh, dh’ob; sheun. Eir.] Sarah, ag ràdh, Cha d’ rinn mi gàire: oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Ni h-eadh, oir rinn thu gàire.
16 Agus dh’éirich na daoin’ as sin, agus dh’amhairc iad rathad Shodoim [gu Sodom. ] : agus chaidh Abraham maille riu g’an cur air an t-slighe [a thoirt coimhideachd dhoibh. ] .
17 Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abraham an ni sin a ta mi gus a dheanamh;
18 Agus gu’m fàs Abraham gu cinnteach ’na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gu’m beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn?
19 Oir is aithne dhomh e, gu’n d’thoir e [gu’n toir. ] àithne d’a chloinn, agus d’a theaghlach ’na dhéigh, agus gleidhidh iadsan slighe an
20 Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrì’ gu bheil glaodh Shodoim agus Ghomorraih mòr, agus do bhrì’ gu bheil am peacadh air an-tromachadh gu h-anbarrach [gu mòr. ] ;
21 Théid mi sìos a nis, agus chi mi ma rinn iad gu léir [d’a rìreadh. ] a réir a’ ghlaoidh, a thàinig a’m’ ionnsuidh; agus mar do rinn, bithidh fios agam.
22 Agus thionndaidh na daoin’ an aghaidh as sin, agus ghabh iad an t-slighe gu Sodom: ach sheas Abraham fathast ’an làthair an Tighearna.
23 Agus thàinig Abraham am fagus [am fogus. ] , agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t-ionracan [am firean. ] maille ris an aingidh [maille ris a’ chiontach. ] ?
24 Ma’s e’s gu bheil leth-cheud ionracan ’an taobh a stigh do’n bhaile, an sgrios thu mar an ceudna, agus nach caomhain thu’n t-àit’ air son an leth-cheud ionracan a ta ann.
25 Gu ma fada robh e uats’ a dheanamh air an dòigh so, an t-ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh, ionnas gu’m bi ’n t-ionracan mar an t-aingidh: Gu ma fada robh sin uatsa. Nach dean Breitheamh na talmhainn uile ceartas?
26 Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sodom leth-cheud ionracan ’an taobh a stigh do’n bhaile, ’an sin caomhnaidh mi ’n t-àit’ uile air an sgàth-san [air an son-san. ] .
27 Agus fhreagair Abraham, agus thubhairt e, Feuch a nis, ghabh mi orm féin labhairt re m’ Thighearna [ris an Tighearna. ] , agus gun annam ach duslach agus luaithre [luath. ] .
28 Ma’s e’s gu’m bi cùigear [cùignear, còignear. ] a dh’uireasbhuidh air an leth-cheud ionracan, an sgrios thu’m baile uile air son easbhuidh [dìth. ] chùigir? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e, ma gheibh mi’n sin cùig [còig. ] agus dà fhichead.
29 Agus labhair e ris a rìs, agus thubhairt e, Ma’s e ’s gu’m faighear [fuighear. ] ’an sin dà fhichead? Agus thubhairt e, Cha dean mi e air sgàth dhà fhichead.
30 Agus thubhairt e ris, Oh! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Ma’s e ’s gu’m faighear ann an sin deich ’ar fhichead? Agus thubhairt e, Cha dean mi e, ma gheibh mi ’n sin deich ’ar fhichead.
31 Agus thubhairt e, Feuch a nis, ghabh mi orm féin labhairt re m’ Thighearna: Ma’s e ’s gu’m faighear fichead ’an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air son fhichead.
32 Agus thubhairt e, Oh! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi mhàin an aon uair so: Ma’s e ’s gu’m faighear deichnear ’an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth dheichnear.
33 Agus dh’imich an Tighearna roimhe, ’nuair a sguir e do labhairt re h-Abraham:
title | Caibideil XVIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |