[31]

CAIB. XIX.

AGUS thàinig aingeal do Shodom ’san fheasgar, agus bha Lot ’na shuidhe ann an geata Shodoim: agus ’nuair a chunnaic Lot iad, dhéirich e suasnan coinneamh, agus chrom se e féin air aghaidh gu làr [le aghaidh ris an làr. ] .

2 Agus thubhairt e, Feuch a nis, mo thighearnan, tionndadhaibh a steach [teannaibh a steach. ] , guidheam oirbh, do thigh bhur seirbhisich, agus fanaibh na h-oidhche, agus ionnailibh bhur casan, agus éiridh sibh gu moch, agus théid sibh air bhur turus [slighe. Eabh.] . Agus thubhairt iad, Ni h-eadh, ach fanaidh sinn air an t-sràid na h-oidhche.

3 Agus choi’ -éignich e iad, agus thionndaidh iad da ionnsuidh, agus chaidh iad a steach da thigh: agus rinn e cuirm [cuilm, féisd. ] dhoibh, agus dheasaich e aran neo-ghoirtichte [neo-gheuraichte, gun bheirm, gun laibhin. ] , agus dhith iad.

4 Ach mun deachaidh iad a luidhe, chuairtich [dh’iadh. ] daoine abhaile an tigh, eadhon daoine Shodoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach cearna.

5 Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, Càitam bheil na daoina thàinig ationnsuidh an nochd? Thoir a mach iad dar n-ionnsuidh, chum as gun aithnich sinn iad.

6 Agus chaidh Lot a mach dan ionnsuidh air an dorus, agus dhruid en dorusna dhéigh,

7 Agus thubhairt e, Na deanaibh, guidheam oirbh, mo bhràithre, gnìomh cho olc.

8 Feuch a nis, tha agam dithis nigheana do nach baithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a mach dar n-ionnsuidh, agus deanaibh riu mar is àill leibh [mar is math leibh. ] : a mhàin air na daoinibh so na deanaibh abheag, oir is ann a chum na crìche so a thàinig iad fuidh sgàile mo thighe-se.

9 Agus thubhairt iadsan, Seas air tais. Agus thubhairt iad a rìs, Thàinig am fear sona aonar air chuairt, agus is àill leis a bhina bhreitheamh: A nis buinidh sinne riutsa nis miosa na riu-san. Agus rinn iad éigin [spairn. ] mhòr air an duine, eadhon air Lot, agus thàinig iad am fagus a bhriseadh an doruis.

10 Ach chuir na daoina mach an làmh, agus thug iad Lot a steach dan ionnsuidh don tigh, agus dhùin [dhruid. ] iad an dorus.

11 Agus bhuail iad na daoin’, a bha aig dorus an tighe, le doille, eadar bheag agus mhòr [o’n bheag gus a’mhòr. Eabh.] ; ionnas [air chor agus. ] gu’n do sgìthich iad iad féin ag iarraidh an doruis.

12 Agus thubhairt na daoine re Lot, Co tuilleadh a thagadan so? Do chliamhuin, agus do mhic, agus do nigheana, agus ge be ni a ta agadsabhaile, thoir a mach iad as an àite so:

13 Oir tha sinne gus an t-àite so a sgrios, do bhrìgu bheil an glaodh air fàs mòran làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne ga sgrios [g’an sgrios. ] .

14 Agus chaidh Lot a mach, agus labhair e r’a chleamhnaibh,


[32] a phòs a nigheanan [a ghabh a nigheana. ] , agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a mach as an àite so, oir than Tighearna gus am baile so a sgrios: Ach bha e mar neach a bha re fanoid ann an sùilibh a chleamhna.

15 Agusnuair a dhéirich amhadainn, ann an sin ghreas na h-aingil Lot, ag ràdh, Eirich, gabh do bhean, agus do dhithis nighean a tan so, an t-eagal gun sgriosar thu ann an aingidheachd abhaile.

16 Agus, ’nuair a bha e deanamh moille, ’an sin rug na daoinair làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air don Tighearna bhi tròcaireach dha: agus thug iad a mach e, agus chuir iad en taobh a muigh don bhaile.

17 Agusnuair a thug iad a mach iad, thubhairt e, Teich air son tanma; na seall addhéigh, agus na stadsachòmnard uile [na fan ’sa’ chònard idir. ] : teich don t-sliabh, an t-eagal gu millear thu.

18 Agus thubhairt Lot riu, Oh! ni h-ann mar sin, mo thighearna.

19 Feuch a nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean adshùilibh, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhomhsa le manam a theasairginn: agus chan urrainn mise dol as don t-sliabh, an t-eagal gun dthig [gu’m beir. ] olc éigin orm, agus gum faigh mi bàs.

20 Feuch a nis, tham baile ud am fagus gu teicheadh da ionnsuidh, agus e beag: leigear dhomh a nis teicheadhan sud, (nach beag e?) agus bithidh manam beo.

21 Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh mi re tathchuingesan ni so mar an ceudna, nach sgrios mim baile so, mun do labhair thu.

22 Greas ort, teichan sud, oir chan urrainn mi ni air bith a dheanamh gus an dthéid thun sud: uime sin thugadh Soar mar ainm air abhaile.

23 Bha ghrian air éirigh air an talamh, ’nuair a chaidh Lot a steach do Shoar.

24An sin thug an Tighearn air pronnasc agus teine frasadh air Sodom agus air Gomorrah a nuas on Tighearna as na néamhan.

25 Agus sgrios e na bailte sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd-àiteachaidh nam bailtean, agus na dhfhàs air an talamh.

26 Ach sheall a bheanna déigh o chùlaobh, agus dhfhàs ina carradh [pillar. sasg.] salainn.

27 Agus chaidh Abraham suas mochsamhadainn don àite anns an do sheas en làthair an Tighearna.

28 Agus sheall e air Sodom agus Gomorrah, agus air fearann achòmhnaird uile [air aghaidh Shodoim agus Ghomorraih, agus air aghaidh fearainn a’ chònaird uile. ] , agus chunnaic e, agus feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn [fuirnis. ] .

29 Agusnuair a sgrios Dia bailtean achòmhnaird, ’an sin chuimhnich Dia air Abraham, agus chuir e mach Lot a meadon an léir-sgrios, ’nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lotna chòmhnuidh.


[33]

30 Agus chaidh Lot suas a Soar, agus ghabh e còmhnuidhsan t-sliabh, agus a dhithis nighean maille ris; oir bha eagal air còmhnuidh ghabhail ann an Soar: agus ghabh e còmhnuidh ann an uaimh, e féin agus a dhithis nighean.

31 Agus thubhairt an bu shine ris an a bòige, Tha ar n-athair sean, agus chaneil fear air an talamh gu teachd a steach dar n-ionnsuidh a réir gnàtha [cleachda, cor, modh. ] na talmhainn uile.

32 Thig, thugamaid air ar n-athair fìon òl, agus luidheamaid maille ris, chum as gun gléidh sinn sliochd [sìol. ] o ar n-athair.

33 Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin: agus chaidh an bu shine steach, agus luidh [laidh. ] i maille ra h-athair; agus cha do mhothaich enuair a luidh i sìos, nonuair a dhéirich i.

34 Agus air an la-màireach [air a’ mhàireach. ] thubhairt an bu shine ris an a bòige, Feuch, luidh misen reidhr [an reir, an raoir. ] maille re mathair; thugamaid air fìon òl an nochd mar an ceudna, agus rach-sa steach, agus luidh maille ris, chum as gun gléidh sinn sliochd o ar n-athair.

35 Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin mar an ceudna: agus dhéirich an bòige, agus luidh i maille ris, agus cha do mhothaich enuair a luidh i sìos, nonuair a dhéirich i.

36 Mar so bha dithis nighean Lot torrach aig an athair.

37 Agus rug an bu shine mac, agus thug i Moab mar ainm air: ’s esan athair nam Moabach gus an n diugh.

38 Agus an bòige, rug ise mar an ceudna mac, agus thug i Ben-ammi mar ainm air: ’s esan athair chloinn Ammoin gus an là’n diugh.

titleCaibideil XIX
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page