[7]

CAIB. II.

AGUS chrìochnaicheadh na neamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.

2 Agus chrìochnaich Dia air an t-seachdadh obair a rinn e; agus ghabh e fois [rinn e tàmh. ] air an t-seachdadh o obair uile rinn e.

3 Agus bheannaich Dia an seachdadh , agus naomhaich se e: do bhrì’ gur ann air a ghabh e fois o obair uile, a chruthaich Dia agus a rinn e.

4 ’Siad so ginealaich nan neamh agus na talmhainn, ’nuair a chruthaicheadh iad, san là’n d’rinn an Tighearna [Jehobhah. Eabh.] Dia an talamh agus na neamha.

5 Agus cha robh uile phreas na machrach fathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fathast uile lus na machrach [Agus gach uile phreas na machrach mu’n robh e anns an talamh, agus gach uile lus na machrach mu’n d’fhàs e. ] ; do bhrì’ nach d’thug an Tighearna Dia air uisge frasadh [sileadh. ] air an talamh, agus cha robh duine ann a shaoithreachadh na talmhainn.

6 Ach chaidh ceò suas o’n talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile.

7 Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn: agus shéid e ann an cuineinibh [pollaibh, pollaraibh, coi’lionaibh. ] a shròine anail na beatha; agus dh’ fhàs an duine ’na anam beò.

8 Agus shuidhich [phlaondaich, dheasaich. ] an Tighearna Dia gàradh [lios. ] ann Eden ’san airde ’n ear, agus chuir e ann an sin an duine a dhealbh e.

9 Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a ta taitneach do’n t-sealladh, agus math a chum bìdh: craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàraidh, agus craobh an eòlais mhaith agus uilc.

10 Agus chaidh abhainn [amhainn. ] a mach a h-Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàraidh; agus as sin roinneadh i, agus dh’fhàs i ’na ceithir cheannaibh [as sin sgaoil i, agus dh’fhàs i ’na ceithir meuraibh. ] .

11. ’Se ainm na ceud aibhne Pison; so i a ta cuartachadh tìre Chabhilaih uile, far am bheil òr.

12 Agus a ta òr na tìre sin math: ’an sin [ann an sin. ] a ta bdellium agus a’ chlach onics.

13 Agus ’se ainm na daradh aibhne Gihon: ’si sin a ta cuartachadh tìre Chuis [Arabia; Ethiopia. Sasg.] uile.

14 Agus ’se ainm na treas aibhne Hiddecel: ’si sin a tha dol do’n taoibh an ear do Assiria. Agus ’si’n ceathramh abhainn Euphrates.

15 Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir se e ann an gàradh Edein, g’a shaoithreachadh [dheasachadh. ] agus g’a ghleidheadh.

16 Agus dh’àithn an Tighearna Dia do’n duine, ag ràdh, Do gach uile chraoibh ’sa ghàradh feudaidh tu itheadh gu saor:

17 Ach do chraoibh an eòlais [shios. ] mhaith agus uilc, cha’n ith thu dh’i sin;


[8] oir anns an dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.

18. Agus thubhairt an Tighearna Dia, Cha [Cho. ] ’n’eil e math gu’m biodh an duinena aonar: Ni mi dha còmhnadh [cunghnamh. Eir.] da réir féin [a bhios iomchuidh dha, cosmhuil ris féin. ] .

19 Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaiche na machrach, agus uile eunlaith nan speur, agus thug e iad a chum Adhaimh, a dh’fhaicsinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge b’e ainm a thug Adhamh air gach creutair beo [thug e iad a dh’ ionnsuidh Adhaimh, a dh’fhaicsinn ciod a ghoireadh e dhiubh: agus ge b’e air bith a ghoir Adhamh do gach uile chreutair beò. ] , b’e sin a b’ainm dha.

20 Agus thug Adhamh ainmeana do’n spréidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichibh na machrach: ach do Adhamh cha dfhuaradh còmhnadh da réir féin.

21 Agus thug an Tighearna Dia air codal trom tuiteam air Adhamh, agus choidil e: agus ghabh e h-aon d’a aisnibh, agus dhùin e ’n fheoil suas ’na h-àite.

22 Agus thog [rinn. ] an Tighearna Dia an aisean a thug e on duine suasna mnaoi, agus thug e i chum an duine.

23 Agus thubhairt Adhamh, So a nis [a nois. Eir.] cnàimh domchnàmhaibh, agus feoil domfheoil-sa: goirear bean [isha. Eabh.] dith, do bhrìgur ann as an duine [ish. Eabh.] thugadh i.

24 Air an aobhar [àdhbhar. ] sin fàgaidh fear athair agus a mhàthair, agus dlù-leannaidh se ra mhnaoi; agus bithidh iadnan aon fheoil.

25 Agus bha iad le chéile lomnochd, an duine agus a bhean; agus cha robh nàirorra.

titleCaibideil II
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page