CAIB. XX.
AGUS dh’imich Abraham as sin do’n tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnuidh eadar Cades agus Sur; agus bha e air chuairt ann an Gerar.
2 Agus thubhairt Abraham mu Sharah a bhean, ’Si mo phiuthar i: Agus chuir Abimelech righ Gherair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sarah.
3 Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling [bruadar. ] ’san oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu air son na mnà a ghabh thu; oir is bean duin’ eil’ i.
4 Ach cha d’thàinig Abimelech am fagus di [’na còir. ] , agus thubhairt e, A thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionruic?
5 Nach d’thubhairt esan riumsa, ’Si mo phiuthar i? agus thubhairt ise, eadhon ise féin, ’Se mo bhràthair e: ann an treibhdireas mo chridhe, agus ann an neo-chionta mo làmh rinn mi so.
6 Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu so, agus chum mise mar an ceudna thu o pheacachadh a’m’ aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn ria.
7 A nis ma’ta thoir air a h-ais [aisig. ] do’n duine a bhean, oir is fàidh e, agus ni e ùrnuigh air do shon, agus bithidh tu beo: ach mur d’thoir thu air a h-ais i, biodh fios agad gu’m faigh thu bàs gu cinnteach, thu féin agus gach uile a’s leat.
8 Uime sin dh’éirich Abimelech moch ’sa’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris [dh’innis. ] e na nithe sin uile ’nan éisdeachd; agus bha eagal mòr air na daoine [dh’oilltich na daoine. ] .
9 ’An sin ghairm Abimelech air Abraham, agus thubhairt e ris, Ciod so a rinn thu oirn? agus ciod an eucoir [a’ choire, an cron. ] a rinn mis’ ort, gu’n d’thug thu ormsa, agus air mo rìoghachd peacadh mòr? rinn thu gnìomharan ormsa, nach bu chòir a dheanamh.
10 Agus thubhairt Abimelech re h-Abraham, Ciod a chunnaic thu, gu’n d’rinn thu an ni so?
11 Agus thubhairt Abraham, A chionn gu’n d’thubhairt mi [gu’n do smuainich, gu’n do shaoil mi. ] annam féin, Gu cinnteach cha ’n’eil eagal an Tighearna ’san ionad so; agus marbhaidh iad mi air son mo mhnà.
12 Agus gidheadh ’si gu deimhin mo phiuthar i, nighean m’athar i, ach cha’n i nighean mo mhàthar: agus bha i agam mar mhnaoi.
13 Agus ’nuair a thug Dia orm dol air m’aineol [air choigrich. ] o thigh m’athar, ’an sin thubhairt mi ria [rithe. ] , ’Se so do chaoimhneas a nochdas tu dhomhsa; Anns gach àite d’an d’thig [d’an tig. ] sinn, abair mu m’ thimchioll, ’Se mo bhràthair e.
14 Agus ghabh Abimelech caoraich, agus buar [crodh, daimh. ] , agus òglaich agus ban-oglaich [seirbhisich, agus ban-seirbhisich. ] , agus thug e iad a dh’Abraham, agus thug e air a h-ais dha Sarah a bhean.
15 Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’fhearann fa d’ chomhair: gabh còmhnuidh far an taitneach leat.
16 Agus re Sarah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid do d’ bhràthair: feuch, tha e dhuitse [bithidh so dhuitse. ] ’na chòmhdachadh sùl do gach uile a ta maille riut, agus maille ris gach uile: mar so fhuair i achmhasan [chronaicheadh i. ] .
17 Agus rinn Abraham ùrnuigh re Dia; agus leighis Dia Abimelech, agus a bhean, agus a bhan-oglaich, agus rug iad clann.
18 Oir dhruid [dhruid gu daingean. ] an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, air son Sharaih mnà Abrahaim.
title | Caibideil XX |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |