CAIB. XXI.
AGUS dh’amhairc an Tighearn air Sarah [dh’fhiosraich, chuimhnich an Tighearn air Sarah. ] mar a thubhairt e; agus rinn an Tighearna do Sharah mar a labhair e.
2 Oir dh’fhàs Sarah torrach, agus rug i mac do Abraham ’na shean aois, ’san àm shuidhichte mu’n do labhair Dia ris.
3 Agus thug Abraham Isaac
4 Agus thimchioll-ghearr Abraham Isaac a mhac, ’nuair a bha e ochd lathan a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha.
5 Agus bha Abraham ceud bliadhna dh’aois, ’nuair a rugadh a mhac Isaac dha.
6 Agus thubhairt Sarah, Thug Dia orm gàire dheanamh: agus gach neach a chluinneas, ni e gàire maille rium.
7 Agus thubhairt i, Co a theireadh re h-Abraham, gu’n d’thugadh Sarah cìoch do chloinn, oir rug mi mac dha ’na shean-aois?
8 Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìch’ e [chuireadh air dìol e. ] : Agus rinn Abraham cuirm mhòr ’san là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.
9 Agus chunnaic Sarah mac Hagair na ban-Eiphitich, a rug i dh’Abraham, re fanoid.
10 Uime sin thubhairt i re h-Abraham, Tilg a mach a’bhan-tràill [a’ bhann-tràill, bhean dhaor. ] so, agus a mac; oir cha bhi mac na ban-tràille so ’na oighre maille re m’ mhac-sa, eadhon re h-Isaac.
11 Agus bha’n ni ro-dhoilgheasach ann an sùilibh Abrahaim, air son a mhic.
12 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, Na biodh e doilgheasach a’d’ shùilibh air son an òganaich, agus air son do bhan-tràille; a thaobh gach ni a thubhairt Sarah riut, éisd r’a guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear [ghoirear. ] dhuitse sliochd.
13 Agus mar an ceudna do mhac na ban-tràille ni mise cinneach, do bhrìgh gur e do shliochds’ e.
14 Agus dh’éirich Abraham suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus ghabh e aran, agus searrag [soirre, buideal. ] uisge, agus thug e sin do Hagar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh; agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seacharan ’am fàsach Bheer-seba.
15 Agus chaitheadh [theirig. ] an t-uisge o’n t-searraig; agus thilg i’n leanabh fuidh h-aon do na preasaibh [craobhaibh. ] .
16 Agus dh’fhalbh i, agus shuidh i sìos f’a chomhair, tamull math uaith, mu thimchioll urchuir saighde: oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Agus shuidh i f’a chomhair, agus thog i suas a guth, agus ghuil i.
17 Agus chuala Dia guth an òganaich: agus ghairm aingeal Dé air Hagar o nèamh, agus thubhairt e ria, Ciod a tha teachd riut, a Hagair? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far am bheil e.
18 Eirich, tog suas an t-òganach, agus gabh greim [glac. ] a’d’ làimh dheth, oir ni mise ’na chinneach mòr e.
19 Agus dh’fhosgail Dia a sùilean, agus chunnaic i tobar uisge: agus chaidh i, agus lìon i ’n t-searrag le h-uisge, agus thug i deoch do’n òganach.
20 Agus bha Dia leis an òganach, agus dh’fhàs e suas; agus ghabh e còmhnuidh ’san fhàsach, agus bha e ’na fhear-bogha.
21 Agus ghabh e còmhnuidh ’am fàsach Pharain: agus ghabh
22 Agus ’san àm sin féin labhair Abimelech, agus Phichol ard cheannard a shluaigh, re h-Abraham, ag ràdh, Tha Dia leat ’sgach ni a ta thu deanamh.
23 A nis uime sin mionnaich dhomhsa air Dia, nach buin thu gu fealltach riumsa [nach dean thu feall ormsa. ] , no re m’ mhac, no re mac mo mhic; ach a réir a’ chaoimhneis a rinn mi riut, ni thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt.
24 Agus thubhairt Abraham, Bheir mi mo mhionnan.
25 Agus thug Abraham achmhasan do Abimelech air son tobair uisge, a thug seirbhisich Abimeleich a mach le h-ainneart [le foirneart, leis an làimh làdair. ] .
26 Agus thubhairt Abimelech, Cha b’fhiosrach mise co rinn an gnìomh so: cha d’innis thu féin domh, agus cha mhò a chuala mi bheag m’a thimchioll ach an diugh [gus an diugh. ] .
27 Agus ghabh Abraham caoraich agus crodh, agus thug e iad do Abimelech: agus rinn iad le chéile coi’ -cheangal.
28 Agus chuir Abraham seachd uain bhainionn do’n treud air leth leo féin.
29 Agus thubhairt Abimelech re h-Abraham, Ciod iad na seachd uain bhainionn sin, a chuir thu air leth leo féin?
30 Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhainionn sin o m’ làimh; chum gu’m bi iad ’nam fianais domhsa gu’n do chladhaich mi ’n tobar so.
31 Uime sin thug e Berr-seba mar ainm air an àite sin, do bhrìgh ann an sin gu’n d’thug iad am mionnan le chéile.
32 Mar so rinn iad coi’ -cheangal aig Beer-seba: ’an sin dh’éirich Abimelech suas, agus Phichol, ard cheannard a shluaigh, agus phill iad do thìr nam Philistineach.
33 Agus shuidhich Abraham doire [badan coille. ] chraobh aig Beer-seba, agus ghairm e ’n sin air ainm an Tighearna, an Dé shiorruidh.
34 Agus bha Abraham air chuairt ann an tìr nam Philistineach mòran do laithibh.
title | Caibideil XXI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |