[38]

CAIB. XXIII.

AGUS bha Sarah beo ceud agus seachd bliadhna fichead [bha Sarah ceud agus seachd bliadhna fichead a dh’aois. ] ; biad so bliadhnacha beatha Sharaih.

2 Agus fhuair Sarah bàs ann an Ciriat-arba; ’se sin Hebron ann an tìr Chanaain: Agus thàinig Abraham a dheanamh tuiridh [bròin. ] air son Sharaih, agus a chaoidh [a ghul, a chaoineadh. ] air a son.

3 Agus dhéirich Abraham suas o làthair a mhairbh, agus labhair e re mic Het, ag ràdh,

4 Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit’ -adhlaic [tuama. ] maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh [a m’ làthair. ] .

5 Agus fhreagair mic Het Abraham, ag ràdh ris,

6 Eisd ruinne, mo thighearna: is uachdaran [prionnsadh. ] cumhachdach thusanar measg-ne; ann an roghainn [roghadh. ] ar n-àiteachan-adhlaic, adhlaic do mharbh: cha chum duinenar measg-ne àit’ -adhlaic uait, gu dmharbh adhlac ann [cha bhac duine ’nar measg-ne dhiot do mharbh adhlac ’na àit’-adhlaic. ] .

7 Agus dhéirich Abraham suas, agus chrom se e féin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.

8 Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh [ma’s e ar toil. ] gu’n adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, éisdibh rium, agus labhraibh air mo shon [guidhibh, deanaibh maoidhean as mo leth. ] re h-Ephron mac Shohair;

9 Chum as gun dthoir [gu’n toir. ] e dhomh uaimh Mhachpelaih a ta aige, a ta ann an crìoch achaidh [fhearainn, a raoin. ] air son uiread airgids is fiu [fiach. ] i, thugadh e dhomh mar sheilbh àit’ -adhlaicnar measg-sa.

10 Agus bha Ephronna chòmhnuidh am measg chloinne Het. Agus fhreagair Ephron an t-Hiteach Abraham ann an éisdeachd cloinne Het, eadhon gach neach a chaidh steach air geatadh a bhaile-san, ag ràdh,

11 Na biodh e mar sin [Ni h-eadh. ] , mo thighearna, éisd rium: an t-achadh bheir mi dhuit, agus an uaimh a ta ann, bheir mi dhuit i; ann an làthair mhac mo dhaoine bheir mi dhuit i: adhlaic do mharbh.

12 Agus chrom Abraham e féin sìosan làthair muinntir na tìre.

13 Agus labhair e re h-Ephron, ann an éisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir


[39] thu seachad i, guidheam ort; éisd rium: bheir mi dhuit airgiod air son an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbhan sin.

14 Agus fhreagair Ephron Abraham, ag ràdh ris,

15 Mo thighearna, éisd rium: is fiu an t-achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar misagus thusa? uime sin adhlaic do do mharbh.

16 Agus dhéisd Abraham re h-Ephron, agus thomhais Abraham do Ephron an t-airgiod, a dhainmich e ann an éisdeachd mhac Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche [marsanta. ] .

17 Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpelah, a bha fa chomhair Mhamre, an t-achadh, agus an uaimh a bhann, agus gach craobh a bhasan achadh, a bhana chrìch uile mun cuairt,

18 Daingean do Abraham mar sheilbh, ann an làthair cloinne Het, am fianuis gach neach a chaidh steach air geatadh a bhaile-san.

19 Agusan déigh sin dhadhlaic Abraham Sarah a bhean, ann an uaimh achaidh Mhachpelaih, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanaain.

20 Agus rinneadh an t-achadh, agus an uaimh a ta ann, daingean do Abraham, mar sheilbh àit’ -adhlaic le mic Het.

titleCaibideil XXIII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page