[39]

CAIB. XXIV.

AGUS bha Abraham sean, agus air teachd gu h-aois mhòir [air dol air aghaidh gu math am bliadhnaibh. ] , agus bheannaich an Tighearn Abrahamsna h-uile nithibh.

2 Agus thubhairt Abraham ra sheirbhiseach bu shinena thigh, aig an robh riaghladh gach ni bhaige, Cuir, guidheam ort, do làmh fuimshliasaid;

3 Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh, agus Dia na talmhainn [an talmhainn. ] , nach gabh thu bean do mmhac do nigheanaibh nan Canaanach, am measg am bheil mis a mchòmhnuidh:

4 Ach théid thu do mdhùthaich féin, agus a chum mo luchd-dàimh [mo dhilsean. ] , agus gabhaidh tu bean do mmhac Isaac.

5 Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas es nach bi bhean toileach air misa leantuinn don tìr so, an éigin domh do mhac a thoirt air ais a rìs don tìr as an dthàinig thu?

6 Agus thubhairt Abraham ris, Thoir an ro-aire [Bi air do ro-fhaicill. ] nach dthoir thu mo mhacan sin a rìs [a rist. ] .

7 An Tighearna, Dia nèimh, a thug mise o thigh mathar, agus o thìr mo dhilsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Do dshliochd bheir mi am fearann so; cuiridh esan aingeal féin romhad, agus gabhaidh tu bean do mmhac as sin.

8 Agus mur bi bhean toileach air thusa leantuinn, ’an sin bithidh tu saor o mmhionnaibh so: a mhàin na dthoir mo mhacan sin a rìs.

9 Agus chuir an seirbhiseach a làmh fuidh shliasaid Abrahaim


[40] a mhaighstir, agus mhionnaich e dha thaobh an ni sin.

10 Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail do chàmhalan a mhaighstir, agus dhfhalbh e; oir bha maoin a mhaighstir uile aige fa làimh [agus thug e leis cuid do uile mhaoin a mhaighstir ’na làimh. ] : Agus dhéirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

11 Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a muigh [a mach. ] don bhaile, làimh re tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm an dthéid [an téid. ] mnài a mach a tharruing uisge.

12 Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhé mo mhaighstir Abrahaim, deònaich gun soirbhich leamsan diugh [eum, guidheam ort, coinneamh rium-sa ’n diugh. ] , agus nochd caoimhneas do mmhaighstir Abraham.

13 Feuch, tha mi msheasamhan fo làimh ris an tobar uisge, agus thig nigheana muinntir [dhaoine. ] abhaile mach a tharruing uisge.

14 Agus tachaireadh e [tarladh e, thigeadh e gu crìch; bitheadh e. Eabh.] , amhaighdean ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach chums gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch do dchàmhail mar an ceudna: gu ma h-i [gu’m bu h-i. ] sin féin a dhòrduich thu do dsheirbhiseach Isaac; agus le sin bithidh fios agam gun do nochd thu caoimheas do mmhaighstir.

15 Agus mun do sguir e do labhairt, feuch, thàinig Rebecah a mach, a rugadh do Bhetuel mac Mhilcah, mnà Nahoir, bràthar Abrahaim; agus a soitheach air a gualainn.

16 Agus bha chailin ro mhaiseach re amharc oirre, òigh; agus cha baithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i nìos.

17 Agus ruidh an seirbhiseachna coinneamh [’na cò’-dhail. ] , agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisgòl as do shoitheach [Caisg m’ ìotadh, guidheam ort, le beagan uisg’ as do shoitheach. ] .

18 Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre [rinn i deifir, no cabhag. ] , agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch.

19 Agusan déigh dhi deoch a thoirt da, thubhairt i, Tairngidh mi uisgair son do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dhòl.

20 Agus ghreas i oirre, agus dhfhalmhuich [dh’fholamhuich. ] i a soitheachsan amar, agus ruidh i rìs don tobar, a tharruing uisge; agus tharruing i air son a chàmhal uile.

21 Agus bhan duinag amharc le h-iongantas oirre, agus afantuinnna thosd [bha’n duine ’na thosd, ag amharc oirre le h-iongantas. ] , a dhfheuchainn an dthug no nach dthug an Tighearn air a thurus [a shlighe. ] soirbheachadh leis.

22 Agusnuair a sguir na càmhail a dhòl, ’an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, ’san robh leth seceil a chudthrom, agus làmh-fhail [bracelets Sasg.] air son a làmh, ’san robh deich seceil òir a chudthrom.

23 Agus thubhairt e, Co


[41] d’an nighean thu? innis dhomh, guidheam ort: am bheil ann an tigh tathar àite dhuinn gu tàmh [aoidheachd. ] a ghabhail ann?

24 Agus thubhairt i ris, ’S mise nighean Bhetueil, mhic Mhilcah, a rug i do Nahor.

25 Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againne araon conlach [fodar. ] , agus innlinn [biadh spréidh. ] gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann.

26 Agus chrom an duine e féin sìos, agus rinn e aoradh don Tighearna.

27 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighstir Abrahaim, nach do bhuin a thròcair agus fhìrinn o mmhaighstir [nach d’fhàg mo mhaighstir as eugmhais a thròcair agus fhìrinn. ] : air dhomhsa bhisan t-slighe, stiuir [threòraich. ] an Tighearna mi gu tigh bhràithre mo mhaighstir.

28 Agus ruidh amhaighdean, agus dhinnis i na nithe-sa do mhuinntir tighe a màthar.

29 Agus bha bràthair aig Rebecah, dam bainm Laban: agus ruidh Laban a dhionnsuidh an duine a mach chum an tobair.

30 Agusnuair a chunnaic e achluas-fhàinne, agus na làmh-fhailean air làmhan a pheathar, agusnuair a chuale briathra Rebecah a pheathar, ag ràdh, Mar so labhair an duine rium; ’an sin thàinig e dhionnsuidh an duine, agus feuch, sheas e làimh ris na càmhail aig an tobar;

31 Agus thubhairt e, Thig a steach, thusa ta beannaichte on Tighearna; cuime sheasas tu a muigh? oir dhulluich [dh’ullamhuich, dheasaich. ] misan tigh, agus àite do na càmhail.

32 Agus thàinig an duine don tigh, agus dhfhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad conlach agus innlinn air son nan càmhal, agus uisga dhionnlad a chas, agus casan nan daoina bha maille ris.

33 Agus chuireadh biadh air a bheulaobh gu itheadh: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothuch. Agus thubhairt esan, Labhair romhad.

34 Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahaim;

35 Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighstir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgiod, agus òr, agus òglaich agus ban-oglaich, agus càmhail agus asail;

36 Agus rug Sarah, bean mo mhaighstir, mac do mmhaighstirna sean aois; agus thug e dha-san gach ni a bhaige [gach ni a ta aige. ] ;

37 Agus thug mo mhaighstir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean do mmhac do nigheanaibh nan Canaanach, muinntir a tha misa chòmhnuidhnam fearann.

38 Ach théid thu dhionnsuidh tighe mathar, agus a dhionnsuidh mo dhilsean, agus gabhaidh tu bean do mmhac:

39 Agus thubhairt mi re mmhaighstir, Theagamh nach lean abhean mi:

40 Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearn, ’an làthair an do ghluais mise, aingeal féin leat, agus soirbhichidh e do


[42] thurus; agus gabhaidh tu bean do m’ mhac do m’ dhilsibh, agus do thigh m’athar.

41 ’An sin bithidh tu saor o mmhionnaibh-sa, ’nuair a thig thu chum mo dhilse; agus mur dthoir iad dhuit bean, ’an sin bithidh tu saor o mmhionnaibh.

42 Agus thàinig min diugh chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhé mo mhaighstir Abrahaim, ma shoirbhicheas tu nis mo thurus air am bheil mig imeachd.

43 Feuch, tha mi msheasamh làimh ris an tobar uisge; agusnuair a thig amhaighdean [a’ chailin. ] a mach a tharruing uisge, agus a their mi ria, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge re òl as do shoitheach;

44 Agus a their ise rium, Ol thu féin, agus tairngidh mise mar an ceudna do dchàmhail: gu ma h-i sin féin abhean a dhòrduich [a chomharaich a mach. ] an Tighearna do mhac mo mhaighstir.

45 Agus mun do sguir [suil do sguir. Eir.] mi labhairt amchridhe, feuch, thàinig Rebecah a mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharruing i uisge: Agus thubhairt mi ria, Thoir dhomh deoch, guidheam ort:

46 Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach o gualainn, agus thubhairt i, Ol, agus bheir mi deoch do dchàmhail mar an ceudna: agus dhòl mi, agus thug i air na càmhail òl mar an ceudna.

47 Agus dhfhiosraich [dh’fheòraich, dh’fhaoineachd, dh’fharraid. ] mi dhith, agus thubhairt mi, Co dan nighean thusa? Agus thubhairt ise, ’S mi nighean Bhetueil, mhic Nahoir, a rug Milcah dha: Agus chuir mi chluas-fhàinne air a h-aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan.

48 Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi aoradh don Tighearna, agus bheannaich min Tighearna, Dia mo mhaighstir Abrahaim, a threòraich misan t-slighe cheart [air slighe na fìrinn. Eabh.] , a ghabhail nighinn bràthar mo mhaighstir da mhac.

49 Agus a nis, ma bhuineas sibh gu caoimhneil agus gu fìrinneach re mmhaighstir, innsibh dhomh; agus mur buin, innsibh dhomh; chum as gun tionndaidh mi dhionnsuidh na làimh deise, no na làimh cli.

50 ’An sin fhreagair Laban agus Betuel, agus thubhairt iad, ’S ann on Tighearna thàinig an ni so: chan urrainn sinne olc no math a ràdh riut:

51 Feuch, tha Rebecah adlàthair, gabh i, agus imich; agus biodh ina mnaoi aig mac do mhaighstir, mar a labhair an Tighearna.

52 Agusnuair a chuala seirbhiseach Abrahaim am briathra, chrom se e féin [rinn e aoradh. ] gu làr don Tighearna.

53 Agus thug an seirbhiseach a làthair seudan [soithichean. Eabh.] airgid agus seudan òir, agus eudach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithe luachmhor [prìseil. ] d’a bràthair agus d’a màthair.

54 Agus dhith iad, agus dhòl iad, e féin agus na daoine bha maille ris, agus dhfhan iad na h-oidhche: agus dhéirich


[43] iadsamhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi dhionnsuidh mo mhaighstir.

55 Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh amhaighdean maille ruinne air achuid as lugha deich lathan; ’na dhéigh sin falbhaidh i.

56 Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thurus: cuiribh air falbh mi, ’s gun dthéid mi dhionnsuidh mo mhaighstir.

57 Agus thubhairt iad, Gairmidh sinn air amhaighdinn, agus fiosraichidh sinn da beul féin.

58 Agus ghairm iad air Rebecah; agus thubhairt iad ria, An dthéid thu leis an duine so? Agus thubhairt i, Théid.

59 Agus chuir iad air falbh Rebecah am piuthar, agus a ban-altrum, agus seirbhiseach Abrahaim, agus a dhaoine.

60 Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad ria, ’S tu ar piuthar, bio-sadmhàthair mhìlte do mhuillionaibh; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin lem fuathach iad.

61 Agus dhéirich Rebecah, agus a maighdeanan, agus mharcaich iad air na càmhail, agus lean iad an duine: agus ghabh an seirbhiseach Rebecah, agus dhfhalbh e roimhe.

62 Agus bha Isaac ateachd o shlighe an tobair Lahai-roi; oir bha e chòmhnuidhsan tìr fa dheas.

63 Agus chaidh Isaac a mach a bheachd-smuaineachadhsan fhaiche [’sa’ mhagh, ’sa’ mhachair. ] air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus feuch, bha na càmhail atighinn [a’ teachd. ] .

64 Agus thog Rebecah suas a sùilean, agusnuair a chunnaic i Isaac, theiring i [thàinig i nuas. ] bhàrr achàmhail,

65 Agus thubhairt i ris an t-seirbhiseach, Co en duine so ta sràid-imeachdsan fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, ’S e mo mhaighstir a thann: ’an sin ghabh i gnùis-bhrat [sgàile air son a h-eudainn. ] , agus chòmhdaich si i féin.

66 Agus dhinnis an seirbhiseach do Isaac na h-uile nithe a rinn e.

67 Agus thug Isaac i do bhùth Sharaih a mhàthar, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aigena mnaoi; agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlasan déigh bàis a mhàthar.

titleCaibideil XXIV
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page