CAIB. XXV.
ANN sin ghabh Abraham bean a rìs, d’am b’ ainm Ceturah.
2 Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah.
3 Agus ghin Iocsan Seba, agus Dedan. Agus b’ iad mic Dhedain Asurim, agus Letusim, agus Leumim.
4 Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah: b’ iad sin uile mic Cheturah.
5 Agus thug Abraham gach ni bh’ aige do Isaac.
6 Ach do mhic nan leannan a bh’ aig Abraham, thug Abraham tiodhlaca [gibhtean. ] ; agus chuir e air falbh iad o mhac Isaac, ’nuair
7 Agus ’s iad so lathan bhliadhnacha beatha Abrahaim a bha e beo; ceud agus tri fichead, agus cùig bliadhna deug.
8 ’An sin thug Abraham suas an deo [an anail. ] , agus fhuair e bàs ann an deagh shean aois, ’na sheann-duine, agus làn do bhliadhnaibh; agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir.
9 Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelaih, ann an achadh Ephroin, mhic Shoair an Hiteich, a ta fa chomhair Mhamre;
10 An t-achadh a cheannaich Abraham o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abraham, agus Sàrah a bhean.
11 Agus ’an déigh bàis Abrahaim, bheannaich Dia Isaac a mhac: agus ghabh Isaac còmhnuidh làimh re tobar Lahai-roi.
12 A nis is iad sin ginealaich Ismaeil, mhic Abrahaim, a rug Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, ban-oglach Sharaih, do Abraham.
13 Agus is iad sin ainmeana mhac Ismaeil ’nan ainmeanaibh, a réir an ginealacha: ceud-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,
14 Agus Misma, agus Dumah, agus Masa,
15 Hadar, agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah.
16 Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmeana ’nam bailtibh, agus ’nan daingneachaibh [caistealaibh. ] ; dà cheannard deug a réir am fineacha.
17 Agus is iad sin bliadhnacha beatha Ismaeil, ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead: agus thug e suas an deo, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir.
18 Agus ghabh iad còmhnuidh o Habhilah gu nuig Sur, a ta fa chomhair na h-Eiphit, mar a théid thu gu h-Asiria. ’An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.
19 Agus is iad sin ginealaich Isaaic mhic Abrahaim: Ghin Abraham Isaac.
20 Agus bha Isaac dà fhichead bliadhna dh’aois ’nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an t-Sirianaich o Phadan-aram, piuthar Labain san t-Sirianaich, dha féin ’na mnaoi.
21. Agus ghuidh [dh’athchuingich. ] Isaac an Tighearna air son a mhnà, chionn gu’n robh i neo-thorrach: agus dh’éisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.
22 Agus bha chlann a’ coimh-ghleacadh [a’ gleachdadh no strì’ re chéile. ] ’an taobh a stigh dh’i: agus thubhairt ise, Ma ta chùis mar sin, c’ar son a tha mi mar so? Agus chaidh i dh’fhiosrachadh [dh’fheòraich. ] do’n Tighearna.
23 Agus thubhairt an Tighearna ria, Tha dà chinneach a’d’ bholg, agus bithidh dà shluagh air an sgaradh o t’innibh: agus bithidh aon sluagh dhiubh so ni’s treise na ’n sluagh eile; agus ni esan a’s sine [a’s mo. ] seirbis dha-san a’s òige [a’s lugha. ] .
24 Agus ’nuair a choi’ -lionadh a lathan gu bi air a h-aisead [lathan a tuislidh; làethe a tuismidhe. Eir.] ,
25 Agus thàinig an ceud-ghin a mach dearg, is e uile mar fhalluinn mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air.
26 Agus ’na dhéigh sin thàinig a bhràthair a mach, agus greim aig a làimh do shàil Esau; agus thugadh Iacob mar ainm air: agus bha Isaac tri fichead bliadhna dh’aois, ’nuair a rugadh iad.
27 Agus dh’fhàs na gillean [na h-òganaich. ] ; agus bha Esau ’na shealgair seòlta, na fhear machrach; agus bha Iacob ’na dhuine coi’ -lionta [dìreach, gun lùb. ] , a’ gabhail còmhnuidh ’am bùthaibh.
28 Agus ghràdhaich Isaac Esau [bu toigh le h-Isaac Esau, b’ionmhuinn le h-Isaac Esau. ] , a chionn gu’n d’ith e d’a shithinn [d’a sheilg. ] ; ach ghràdhaich Rebecah Iacob.
29 Agus bhruich Iacob brochan: agus thàinig Esau o’n mhachair, agus e fann [agus e air a chur, e fàilingeach. ] .
30 Agus thubhairt Esau re Iacob, Leig dhomh itheadh, guidheam ort, do’n bhrochan dearg sin féin; oir tha mi fann; uime sin thugadh Edom mar ainm air.
31 Agus thubhairt Iacob, Reic rium an diugh do chòir-bhreith [do chòir ceud-bhreith. ] .
32 Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlù [dlùth. ] don bhàs; agus ciod an tairbh’ a tha ’sa’ chòir-bhreith so dhomhsa?
33 Agus thubhairt Iacob, Mionnaich dhomhsa ’n diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e chòir-bhreith re Iacob.
34 ’An sin thug Iacob do Esau aran, agus brochan do ghall-pheasair [lentiles. Sasg.] ; agus dh’ith e agus dh’òl e, agus dh’ éirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar so rinn Esau dì-meas air a chòir-bhreith.
title | Caibideil XXV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |