CAIB. XXVI.
AGUS bha gorta ’san tìr a bharrachd [a thuille. ] air a’ cheud ghorta bha ann an laithibh Abrahaim: agus chaidh Isaac gu Abimelech righ nam Philistineach, do Gherar.
2 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin dha, agus thubhairt e, Na rach sìos do’n Eiphit: gabh còmhnuidh anns an tìr a dh’ innseas mise dhuit.
3 Bi air chuairt ’san tìr so, agus bithidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhuitse agus do d’ shliochd bheir mise na dùthchanna sin uile, agus coi’ -lionaidh mi na mionnan a mhionnaich mi do t’athair Abraham.
4 Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reulta nèimh, agus bheir mi do d’ shliochd na dùthchanna sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn:
5 Do bhrìgh gu’n d’éisd Abraham re m’ ghuth, agus gu’n do ghléidh e m’iarrtas [m’earail. ] , m’ àitheanta, m’orduighean, agus mo laghanna [mo reachda. ] .
6 Agus ghabh Isaac còmhnuidh ann an Gerar.
7 Agus dh’fhiosraich daoin’ an àite dheth m’a mhnaoi; agus thubhairt e, ’Si mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, ’Si mo bhean i; an t-eagal, ars’ esan,
8 Agus ’nuair a bha e aimsir fhada ’n sin, sheall Abimelech righ nam Philistineach a mach air uinneig, agus chunnaic e, agus feuch, bha Isaac a’ sùgradh r’a mhnaoi Rebecah.
9 Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach s’i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, ’Si mo phiuthar i? agus thubhairt Isaac ris, A chionn gu’n d’ thubhairt mi, An t-eagal gu’m bàsaich mi air a son.
10 Agus thubhairt Abimelech, Ciod e so a rinn thu oirn? dh’fheudadh a h-aon do’n t-sluagh luidhe le d’ mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirne.
11 Agus thug Abimelech àithne d’a shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine so, no r’a mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
12 ’An sin shìol-chuir Isaac ’san tìr sin, agus fhuair e ’sa’ bhliadhna sin féin a’ cheud uiread ’s a chuir e, agus bheannaich an Tighearn e.
13 Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e, gus an robh e ro-mhòr:
14 Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach [mòr-mhuinntir. ] . Agus ghabh na Philistinich farmad ris.
15 Agus dhùin na Philistinich suas na tobair uile a chladhaich seirbhisich athar, ann an laithibh Abrahaim athar, agus lìon iad le h-ùir iad.
16 Agus thubhairt Abimelech re h-Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr sinne.
17 Agus dh’imich Isaac as sin, agus shuidhich e bhùth ann an gleann Gherair, agus ghabh e còmhnuidh ’an sin.
18 Agus chladhaich Isaac a rìs na tobair uisge, a chladhaicheadh ann an laithibh Abrahaim athar; oir dhùin na Philistinich suas iad ’an déigh bàis Abrahaim: agus thug e ainmeanan orra a réir nan ainmeana thug athair orra.
19 Agus chladhaich seirbhisich Isaaic ’sa’ ghleann, agus fhuair iad ’an sin tobar fìor-uisge.
20 Agus rinn buachailleann Gherair consachadh [comhstri.] re buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne ’n t-uisge: agus thug e Esee mar ainm air an tobar, a chionn gu’n d’rinn iad consachadh ris.
21 Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad consachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah mar ainm air.
22 Agus chaidh e iomraich as sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha d’rinn iad consachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearn a nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor [sìolmhor. ] ’san tir.
23 Agus chaidh e suas as sin gu Beer-seba.
24. Agus dh’fhoillsich an Ti-
25 Agus thog e altair ’an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e ’n sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar ’an sin.
26 ’An sin chaidh Abimelech d’a ionnsuidh o Gherar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol ard cheannard a shluaigh [armailt. ] .
27 Agus thubhairt Isaac riu, C’ar son a thàinig sibh a m’ionnsuidh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gu’n do chuir sibh uaibh mi?
28 Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu’n robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a nis mionnan eadaruinn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus deanamaid coi’ -cheangal riut;
29 Nach dean thu oirne cron ’sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn ni sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ’n sìth: Tha thusa nis air do bheannachadh leis an Tighearna.
30 Agus rinn e dhoibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.
31 Agus dh’éirich iad gu moch ’sa’ mhadainn, agus mhionnaich iad d’a chéile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaith ’an sìth.
32 Agus air an là sin féin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha m’a thimchioll an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge.
33 Agus thug e Sebah mar ainm air: uime sin ’se Beer-sebah ainm a’ bhaile sin gus an là’n diugh.
34 Agus bha Esau dà fhichead bliadhna dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an Hitich, agus Basemat nighean Eloin an Hitich:
35 Agus bha iad sin ’nam briseadh-cridhe [mulad-inntinn. ] do Isaac agus do Rebecah.
title | Caibideil XXVI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |