[47]

CAIB. XXVII.

AGUSnuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha shùilean dall air chor as nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha min so.

2 Agus thubhairt esan, Feuch a nis, tha mise sean; chaneil fios agam air latha mo bhàis.

3 Agus a nis, guidheam ort, gabh tairm, do bholg-saighead agus do bhogha, agus falbh a mach don mhachair, agus sealg dhomh sithionn;

4 Agus dean dhomh biadh blasda mar is ionmhuinn [toigh. ] leam, agus thoir a mionnsuidh e agus gun ith mi; chum as gum beannaich manam thu mum faigh mi bàs.

5 Agus chuala Rebecahnuair a labhair Isaac ra mhac Esau: agus chaidh Esau don mhachair a shealg sithinn, gu toirt da ionnsuidh.

6 Agus labhair Rebecah ra mac Iacob, ag ràdh, Feuch,


[48] chuala mi tathair alabhairt re h-Esau do bhràthair, ag ràdh,

7 Thoir a mionnsuidh, sithionn, agus dean biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thun làthair an Tighearna, roimh mbhàs.

8 Nis uime sin, a mhic, éisd re mghuth, a réir an ni a ta mig àithneadh dhuit.

9 Falbh a nis a dhionnsuidh an treud, agus thoir a mionnsuidh o sin dheagh mheann do na gabhraibh; agus ni misiadnam biadh blasda air son tathar, mar is ionmhuinn leis.

10 Agus bheir thu dhionnsuidh tathar e, agus gun ith e, chum as gum beannaich e thu roimh bhàs.

11 Agus thubhairt Iacob re Rebecah a mhàthair, Feuch, tha Esau mo bhràthairna dhuine molach, agus misamdhuine lom.

12 Mas es [Feudaidh e bi. ] gun laimhsich mathair mi, ’an sin measar mi leis [bithidh mi ’na shùilibh. Eabh.] mar neach leis am bàill a mhealladh [mar mhealltair. ] ; agus bheir mi mallachadh orm féin, agus cha bheannachadh.

13 Agus thubhairt a mhàthair ris, Ormsa bitheadh do mhallachadh, a mhic: a mhàin éisd re mghuth, agus falbh, thoir a mionnsuidh iad.

14 Agus dhfhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dhionnsuidh mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a bionmhuinn le athair.

15 Agus ghabh Rebecah eudach taitneach Esau a mic bu shine, a bhaicesan tigh; agus chuir i e air Iacob a mac a bòige.

16 Agus chuir i croicinn mheann nan gabhar air a làmhan, agus air luime a mhuineil.

17 Agus thug im biadh blasda, agus an t-aran a dheasaich i, do làimh a mic Iacoib.

18 Agus thàinig e dhionnsuidh athar, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha min so; co thusa, a mhic?

19 Agus thubhairt Iacob ra athair, Is mise Esau do cheud-ghin; rinn mi mar a dhiarr thu orm [mar a thubhairt thu rium. Eabh.] : éirich, guidheam ort, suidh agus ith do mshithinn, chum as gum beannaich tanam mi.

20 Agus thubhairt Isaac ra mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? agus thubhairt esan, A chionn gun do chuir an Tighearna do Dhia amrathad i.

21 Agus thubhairt Isaac re Iacob, Thig am fagus a nis agus gun laimhsich mi thu, a mhic, an tusa féin mo mhac Esau, no nach tu.

22 Agus chaidh Iacob am fagus da athair Isaac, agus laimhsich se e; agus thubhairt e, ’Sen guth guth Iacoib, achs iad na lamhan làmhan Esau.

23 Agus cha daithnich se e, chionn gun robh a làmha molach, mar làmhan Esau a bhràthar: mar sin bheannaich se e.

24 Agus thubhairt e, An tusa féin mo mhac Esau? agus thubhairt esan, Is mi.

25 Agus thubhairt e, Thoir am fagus domh e, agus ithidh


[49] mi do shithinn mo mhic, chum as gum beannaich manam thu. Agus thug em fagus da e, agus dhith e; agus thug e da ionnsuidh fìon, agus dhòl e.

26 Agus thubhairt athair Isaac ris, Thig am fagus a nis, agus pòg mi, a mhic.

27 Agus thàinig em fagus, agus phòg se e: agus dhfhairich [bhol, bholtruich. ] e boladh eudaich; agus bheannaich se e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn [achaidh. ] , a bheannaich an Tighearna.

28 Uime sin gun dthugadh Dia dhuit do dhrùchd [do dhealt. ] nèimh, agus do reamhrachd [do shaill, do shult. ] na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona.

29 Deanadh slòigh seirbhis dhuit, agus strìochdadh cinnich [fineachan. ] dhuit; bi duachdaran air do bhràithribh, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhuit: mallaichte gun robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gun robh gach neach a bheannaicheas thu.

30 Agus co luath agus a sguir Isaac do bheannachadh Iacoib, ’nuair bu ghann a bha Iacob air dol a mach fathast a làthair Isaaic athar, thàinig a bhràthair Esau o sheilg.

31 Agus rinn esan mar an ceudna biadh blasda, agus thug e dhionnsuidh athar e; agus thubhairt e ra athair, Eireadh mathair, agus itheadh e do shithinn a mhic, chum gum beannaich tanam mi.

32 Agus thubhairt Isaac athair ris, Co thusa? agus thubhairt esan, Is mi do mhac, do cheud-ghin, Esau.

33 Agus chriothnaich Isaac le ball-chrith an-barraich, agus thubhairt e, Co, càitem bheil esan a ghlac [shealg. ] sithionn, agus a thug i mionnsuidh, agus dhith mi don iomlan mun dthàinig thusa? agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bithidh se.

34Nuair a chualEsau briathran athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro shearbh; agus thubhairt e ra athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair.

35 Agus thubhairt e, Thàinig do bhràthair le ceilg, agus thug e leis do bheannachadh.

36 Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iacob mar ainm air? oir thàinig e fodham [fudham, fo m’ làimh. ] an uair so: thug e leis mo chòir-bhreith; agus feuch, a nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghleidh thu dhomhsa beannachadh?

37 Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e re h-Esau, Feuch, rinn mi ena uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le h-arbhar agus le fìon chum mi suas e: agus dhuitse ciod a nis a ni mi, a mhic?

38 Agus thubhairt Esau ra athair, Nacheil agad ach aon bheannachadh, athair? beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thog Esau suas a ghuth, agus ghuil e.

39 Agus fhreagair Isaac athair, agus thubhairt e ris, Feuch, ann an reamhrachd na talmhainn bithidh do chòmhnuidh, agus ann an drùchd nèimh on àirde.

40 Agus le d’ chlaidheamh [le dchloidheamh. ] thig thu beo, agus do dbhràthair


[50] ni thu seirbhis: agus ’nuair a bhios an uachdranachd agad, ’an sin brisidh tu a chuing o d’ mhuineal.

41 Agus dh’fhuathaich Esau Iacob air son abheannachaidh leis an do bheannaich athair e: agus thubhairt Esauna chridhe, Tha lài abhròin air son mathar am fagus, agusan sin marbhaidh mi mo bhràthair Iacob.

42 Agus dhinnseadh do Rebecah briathran Esau a mic bu shine, agus chuir i teachdaire uaithe [chuir i fios uaipe. ] , agus ghairm i air Iacob a mac a bòige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau toirt co’ -fhurtachd dha féin a dthaobh-sa, acur roimhe do mharbhadh.

43 A nis uime sin, a mhic, éisd re mghuth, agus éirich, teich-sa dhionnsuidh mo bhràthar Labain do Haran.

44 Agus fanaidh tu maille ris beagan do laithibh, gus an tionndaidh [traogh. ] fraoch feirge [lasan feirge. ] do bhràthar;

45 Gus an tionndaidh corruich do bhràthar uait, agus gun di-chuimhnich e na rinn thu air: ’an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi a sin thu. Car son a chaillin le chéile sibh ann an aon ?

46 Agus thubhairt Rebecah re h-Isaac, Tha mi sgìth do mbheatha air son nigheana Het: ma ghabhas Iacob bean do nigheanaibh Het, mar iadsan a ta do nigheanaibh na dùthcha, ciod am math a ni mo bheatha dhomhsa?

titleCaibideil XXVII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page