CAIB. XXVIII.
AGUS ghairm Isaac air Iacob, agus bheannaich se e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean da nigheanaibh Chanaain.
2 Eirich, imich do Phadan-aram, do thigh Bhetueil athar do mhàthar, agus gabh dhuit féin as sin bean do nigheanaibh Labain, bràthar do mhàthar.
3 Agus gu beannaicheadh Dia uile-chumhachdach thu, agus gu deanadh e sìolmhor thu, agus gu d’thugadh e ort fàs lìonmhor, air chor as gu’m bi thu a’d’ cho’ -chruinneachadh chinneach [a’d’ iomadaigh phoibleach. ] :
4. Agus gu d’thugadh e dhuit beannachadh Abrahaim, dhuit-se, agus do d’ shliochd maille riut; chum gu’n sealbhaich thu ’m fearann ’sam bheil thu a’d’ choigreach, a thug Dia do Abraham.
5 Agus chuir Isaac air falbh Iacob, agus chaidh e do Phadan-aram, gu Laban, mac Bhetueil an t-Sirianaich, bràthair Rebecah, màthar Iacoib agus Esau.
6 ’Nuair a chunnaic Esau gu’n do bheannaich Isaac Iacob, agus gu’n do chuir e air falbh e do Phadan-aram, a ghabhail mnà dha féin as sin; agus ’nuair a bheannaich se e, gu’n d’thug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean do nigheanaibh Chanaain;
7 Agus gu’n d’éisd Iacob [gu’n d’thug Iacob géill. ] r’a athair, agus r’a mhàthair, agus gu’n deachaidh e do Phadan-aram.
8 Agus ’nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheana Chanaain r’a athair Isaac;
9 ’An sin chaidh Esau dh’ionnsuidh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat
10 Agus chaidh Iacob a mach o Bheer-seba, agus chaidh e gu Haran.
11 Agus thachair [thàinig, theiring. ] e air àite àraidh, agus dh’fhan e ’n sin an oidhche sin, a chionn gu’n robh a’ ghrian air luidhe: agus ghabh e h-aon do chlachaibh an àite sin, agus chuir e fuidh cheann [’na cluasaig. ] i, agus luidh e sìos ’san àite sin a chodal.
12 Agus bhruadair e; agus feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr [cheann. Eabh.] a’ ruigheachd gu nèamh: agus feuch, aingil De a’ dol suas agus a’ teachd a nuas air.
13 Agus feuch, sheas an Tighearna os a cheann, agus thubhairt e, ’Smis’ an Tighearna Dia Abrahaim t’athar, agus Dia Isaaic: am fearann air am bheil thu d’ luidhe, bheir mise dhuit e, agus do d’ shliochd.
14 Agus bithidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu mach a dh’ionnsuidh na h-àird’ an iar agus na h-àird’ an ear, agus a dh’ionnsuidh na h-àirde tuath agus na h-àirde deas: agus beannaichear annad-san uile theaghlaiche na talmhainn, agus ann ad shliochd-sa.
15 Agus feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àit’ an d’théid thu, agus bheir mi rìs thu dh’ionnsuidh na tìre so; oir cha tréig mi thu, gus an dean mi an ni sin a labhair mi riut.
16 Agus dhùisg Iacob as a chodal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha ’n Tighearna ’san àite so, agus cha robh fios agam air.
17 Agus bha eagal air, agus thubhairt e, Cia h-uathbhasach [eagalach, oillteil. ] an t-ionad [àite. ] so! cha ’n àit’ air bith so ach tigh Dhe, agus ’se so geata nèimh.
18 Agus dh’éirich Iacob gu moch ’sa’ mhadainn, agus ghabh e chlach a chuir e fuidh cheann, agus chuir e suas ’na carradh [post, prop. ] i, agus dhòirt e oladh air a mullach.
19 Agus thug e Bet-el mar ainm air an àite sin: ach b ’è Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.
20 Agus mhòidich Iacob mòid [bhòidich Iacob bòid. ] , ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t-slighe sin air am bheil mi ’g imeachd [triall. ] , agus ma bheir dhomh aran r’a itheadh, agus eudach r’a chur umam;
21 Agus gu’n d’thig mi rìs ’an sìth a dh’ionnsuidh tighe m’athar: ’an sin bithidh’n Tighearn agam ’na Dhia.
22 Agus bithidh a’ chlach [a’chloch. ] so, a chuir mi suas ’na carradh, ’na tigh aig Dia: agus do gach ni a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deachamh dhuit.
title | Caibideil XXVIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |