[51]

CAIB. XXIX.

AN sin dhimich Iacob air a thurus, agus chaidh e do dhùthaich dhaoine na h-àirden ear.

2 Agus dhamhairc e, agus feuch, tobarsamhachair, agus feuch, bhan sin tri treuda


[52] chaorachnan luidhe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudaibh: agus bha clach mhòr air beul an tobair.

3 Agus chruinnicheadh a dhionnsuidh sin na treudan uile; agus charuich [choruich. Eir.] iad achlach bhàrr beoil [béil. ] an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad achlach a rìs air beul an tobairna h-àite féin.

4 Agus thubhairt Iacob riu, Mo bhràithre, cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, O Haran thàinig sinne.

5 Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh Laban mac Nahoir? Agus thubhairt iadsan, ’S aithne dhuinn.

6 Agus thubhairt e riu, Am bheil e gu math? Agus thubhairt iadsan, Tha e gu math: agus feuch, a ta Rachel a nighean atighinn leis na caoraich.

7 Agus thubhairt e, Feuch, ’se fathast àirdan latha a tann, agus cha dthàinig idir àm chruinneachadh na spréidh: thugaibhsuisge do na caoraich, agus rachaibh agus inealtraibh iad.

8 Agus thubhairt iad, Chan urradh sinn, gus an cruinnichear na treudan uilen ceann a chéile, agus gus an caruichear achlach bhàrr beoil an tobair; ’an sin bheir sinn uisge do na caoraich.

9 Agus am feadh a bha e fathast alabhairt riu, thàinig Rachel le caoraich a h-athar; oir bi bhagan gleidheadh [’g am biadhadh. ] .

10 Agusnuair a chunnaic Iacob Rachel nighean Labain bràthar a mhàthar, agus caoraich Labain bràthar a mhàthar, ’an sin chaidh Iacob am fagus, agus charuich e chlach bhàrr beoil an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Labain bràthar a mhàthar.

11 Agus phòg Iacob Rachel, agus thog e suas a ghuth, agus ghuil e.

12 Agus dhinnis Iacob do Rachel gum be bràthair a h-athar e, agus gum be mac Rebecah e: agus ruidh i; agus dhinnis i da h-athair.

13 Agusnuair a chuala Laban sgeula Iacoib mhic a pheathar, ’an sin ruidh ena choinneamh, agus ghabh ena ghlacaibh e, agus phòg se e, agus thug e da thigh e: agus dhinnis e do Laban na nithe sin uile.

14 Agus thubhairt Laban ris, Gu cinnteachs tu mo chnàimh agus mfheoil: agus dhfhan e maille ris mìos.

15 Agus thubhairt Laban re Iacob, A chionn gur tu mo bhràthair, am buin e dhuit seirbhis a dheanamh dhomh a nasgaidh? innis domh ciod e do thuarasdal [ciod an tuarasdal a bhios duit. ] .

16 Agus bha aig Laban dithis nigheana: be ainm na bu shine Leah, agus ainm na a bòige Rachel.

17 Agus bha sùilean Leah an-fhann, ach bha Rachel maiseachna dealbh agus sgiamhachna gnùis [maiseach re amharc orra. ] .

18 Agus bha gràdh aig Iacob air Rachel, agus thubhairt e, Ni mi seirbhis dhuit seachd bliadhnan air son Racheil do nighinn as òige.

19 Agus thubhairt Laban, ’S


[53] fearr dhomh a toirt duitse na gun dthugainn i do dhuinesam bith eile: san maille rium.

20 Agus rinn Iacob seirbhis air son Racheil seachd bliadhna: agus bha iadna shùilibh mar bheagan do laithibh [mar a’ choi’-lion latha. ] , a thaobh aghràidh a bhaige oirre.

21 Agus thubhairt Iacob re Laban, Thoir dhomh mo bhean (oir choi’ -lionadh mo lài) a chum gun dthéid mi steach da h-ionnsuidh.

22 Agus chruinnich Laban cuideachd daoinan àituile, agus rinn e cuirm.

23 Agussan fheasgar ghabh e Leah a nighean, agus thug e da ionnsuidh i; agus chaidh e steach da h-ionnsuidh.

24. Agus thug Laban da nighinn Leah Silpah a bhan-oglach féin, mar bhan-oglaich.

25 Agussamhadainn, feuch, bi Leah bhann: agus thubhairt e re Laban, Ciod e so a rinn thu orm? Nach ann air son Racheil a rinn mi seirbhis dhuit? agus car son a mheall thu mi?

26 Agus thubhairt Laban, Chan fheud e bhi mar sinnar dùthaichne [’nar n-àite-ne. ] , an as òige thoirt seachad roimhn as sine [roimh’n cheud-ghin. ] .

27 Coimh-lion a seachduin-sa, agus bheir sinn dhuit ise mar an ceudna, air son na seirbhis a ni thu maille rium fathast sheachd bliadhneile.

28 Agus rinn Iacob mar sin, agus choi’ -lion e a seachduin, agus thug e dha Rachel a nighean mar an ceudnana mnaoi.

29 Agus thug Laban do Rachel a nighean Bilhah a bhan-oglach féin, dhise mar bhan- oglaich.

30 Agus chaidh e steach cuideachd a dhionnsuidh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel nis na Leah, agus rinn e seirbhis maille ris fathast seachd bliadhneile.

31 Agusnuair a chunnaic an Tighearna gun dthugadh fuath do Leah, dhfhosgail è a bolg: ach bha Rachel gun chlann [neo-thorrach. ] .

32 Agus dhfhàs Leah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhin dhamhairc an Tighearn air màmhghar [mo thrioblaid, m’an-shocair. ] ; a nis uime sin gràdhaichidh mfhear mi.

33 Agus dhfhàs i torrach a rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gun cualan Tighearna gun robh mi air mfhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac so cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air.

34 Agus dhfhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A nis anns an uair so dlù’ -leanaidh mfhear rium, do bhrìgun drug mi dha triuir mhac: uime sin thug i Lebhi mar ainm air.

35 Agus dhfhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A nis molaidh min Tighearna: uime sin thug i Iudah mar ainm air. Agus sguir i bhreith cloinne.

titleCaibideil XXIX
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page