CAIB. III.
A NIS bha ’n nathair [aithir. ] ni bu sheòlta [innleachdaiche, raideile, shiteile, charaiche, chuilbheartaiche. ] na h-aon do bheathaichibh na machrach a rinn an Tighearna Dia; agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Cha ’n ith sibh do gach craoibh ’sa’ ghàradh?
2 Agus thubhairt a’ bhean ris an nathair, Do mheas craobhan a’ ghàraidh feudaidh sinn itheadh:
3 Ach do mheas na craoibh a ta ann am meadhon a’ ghàraidh, thubhairt Dia, Cha’n ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a chum nach fuigh sibh [an t-eagal gu’m suigh. ] bàs.
4 Agus thubhairt an nathair ris a’ mhnaoi, Gu cinnteach cha ’n fhuigh sibh bàs:
5 Oir a ta fios aig Dia, ’san là a dh’itheas sibh dheth, gu’m fosgailear bhur [ar. ] sùilean, agus gu’m bi sibh mar dhée, fiosrach air math agus air olc.
6 Agus chunnaic a’ bhean gu’n robh a’ chraobh math a chum bìdh, agus gu’n robh i taitneach do ’n t sùil [na sùilibh. ] , agus ’na craoibh r’a miannachadh a dheanamh neach glic; agus ghabh i d’a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna d’a fear maille ria, agus dh’ith e.
7 Agus dh’fhosgladh an sùile le chéile, agus dh’aithnich iad gu’n robh iad lom-nochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn-fhìgis r’a chéile, agus rinn iad dhoibh féin aprain [criosan. Eabh.] .
8 Agus chual’ iad guth an Tighearna Dé ag imeachd [a’ spaisdeireachd, a’ sràid-imeachd. ] ’sa’ ghàradh am fionn-fhuaireachd an là: agus dh’fholaich Adhamh agus a bhean iad féin o ghnùis an Tighearna Dé am measg chraobh a’ ghàraidh.
9 Agus dh’éigh [ghoir, ghairm, ghlaodh. ] an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, C’àit’ am bheil thu?
10 Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth ’sa’ ghàradh, agus bha eagal orm a chionn gu’n robh mi lom-nochd [a chionn mi bhi rùisgte. ] , agus dh’fholaich mi mi féin.
11 Agus thubhairt e, Cò dh’innis dhuit gu’n robh thu lomnochd? An d’ith thu do ’n chraoibh, a dh’àithn mise dhuit gun itheadh dhith?
12 Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhi maille rium, thug ise dhamh do’n chraoibh, agus dh’ith mi.
13 Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e so a rinn thu [Go dé so a rinn thu? ] ? agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi.
14. Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gu’n d’ rinn thu so, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh [spréidh. ] , agus thar uile bheathaiche na machrach: air do bhroinn imichidh tu, agus duslach [ùir. ] ithidh tu uile lài [làethe, lathachan. ] do bheatha.
15 Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thus’ agus a’ bhean, agus eadar do shìols’ agus a sìol-sa: bruthaidh esan [e-san, eisean. ] do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.
16 Ris a’ mhnaoi thubhairt e Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thoirrcheas; am péin beiridh tu clann, agus re t’fhear bithidh do thogradh [iartus. ] , agus bithidh uachdranachd aige ort [os do chionn. ] .
17 Agus re h-Adhamh thubhairt e, Do bhri’ gu’n d’éisd thu re guth do mhnà, agus gu’n d’ith thu do’n chraoibh a dh’àithn mise dhuit, ag ràdh, Cha’n ith thu dhith, tha’n talamh mallaicht’ air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile lài do bheatha.
18 Agus droighionn agus cluarain [oighionnach; loghannain. Eir.] bheir e mach dhuit, agus ithidh tu luibh na machrach.
19 Am fallus [sollus. ] do ghnùis’ ithidh tu aran, gus am pill thu a dh’ ionnsuidh na talmhainn [ùire. ] ; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu.
20 Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhri’ gu’m bi màthair nan uile bheo i.
21 Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus d’a mhnaoi, còtaichean croicinn, agus chòmhdaich e iad [dh’eudaich e iad, chuir a trusgan orra. ] .
22 Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, a ta’n duine air fàs mar aon dhinn féin, fiosrach air math agus olc. Agus a nis an t-eagal gu’n sìneadh e mach a làmh, agus gu’n gabhadh e mar an ceudna do chraoibh na beatha, agus gu’n itheadh e, agus gu’m biodh e beo gu siorruidh:
23 Air an aobhar sin chuir an Tighearna Dia a mach e a gàradh Edein a shaoithreachadh na talmhainn, as an d’thugadh e.
24 Agus dh’fhògair e mach an
title | Caibideil III |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |