CAIB. XXX.
AGUS ’nuair a chunnaic Rachel nach d’rug i clann do Iacob, bha farmad aig Rachel r’a piuthair, agus thubhairt
2 Agus las corruich Iacoib re Rachel, agus thubhairt e, Am bheil mise ’n àite Dhé, a chum uait toradh na bronn?
3 Agus thubhairt i, Feuch, mo bhan-oglach Bilhah, theirig [rach, gabh. ] a steach d’a h-ionnsuidh, agus beiridh si air mo ghlùinibh, agus bithidh agam-sa mar an ceudna clann d’a trìd-sa.
4 Agus thug i dha Bilhah a ban-oglach mar mhnaoi; agus chaidh Iacob a steach d’a h-ionnsuidh.
5 Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iacob.
6 Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breth orm, agus dh’éisd e mar an ceudna re m’ ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air.
7 Agus dh’fhàs Bilhah ban-oglach Racheil torrach a rìs, agus rug i do Iacob an dara mac [mac eile. ] .
8 Agus thubhairt Rachel, Le mòr ghleachda ghleachd mi re m’ phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air.
9 ’Nuair a chunnaic Leah gu’n do sguir i bhreith cloinne, ghabh i Silpah a ban-oglach, agus thug i do Iacob mar mhnaoi i.
10 Agus rug Silpah ban-oglach Leah mac do Iacob.
11 Agus thubhairt Leah, Tha sonas [buidheann, cuideachd. ] air teachd: agus thug i Gad mar ainm air.
12 Agus rug Silpah, ban-oglach Leah, an dara mac do Iacob.
13 Agus thubhairt Leah, Is sona mi, oir goiridh na nigheana mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air.
14 Agus chaidh Reuben a mach ann an laithibh fogharaidh a’chruithneachd, agus fhuair e mandraga [ùbhla beaga cùbhraidh agus blasda bha fàs ann an Siria agus Iudea. ] ’sa’ mhachair, agus thug e iad a chum a mhàthar Leah. ’An sin thubhairt Rachel re Leah, Thoir dhomh, guidheam ort, cuid do mhandragaibh do mhic.
15 Agus thubhairt i ria, Am beag a’chùis gu’n d’thug thu m’fhear uam, agus am b’àill leat mandraga mo mhic a thoirt leat mar an ceudna? Agus thubhairt Rachel, Uime sin luidhidh e leats’ an nochd air son mandraga do mhic.
16 Agus thàinig Iacob o’n mhachair ’san fheasgar, agus chaidh Leah mach ’na choinneamh, agus thubhairt i, Thig thu steach a m’ ionnsuidhs’, oir gu deimhin cheannaich [thuarasdaluich. ] mi thu le mandragaibh mo mhic: Agus luidh e leatha air an oidhche sin.
17 Agus dh’éisd Dia re Leah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iacob an cùigeadh mac.
18 Agus thubhairt Leah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gu’n d’thug mi mo bhan-oglach do m’fhear: agus thug i Isachar mar ainm air.
19 Agus dh’fhàs Leah torrach a rìs, agus rug i do Iacob an seathadh mac.
20 Agus thubhairt Leah,
21 Agus ’na dhéigh sin rug i nighean, agus thug i Dinah mar ainm oirre.
22 Agus chuimhnich Dia air Rachel, agus dh’éisd Dia ria, agus dh’fhosgail e a bolg.
23 Agus dh’fhàs i torrach agus rug i mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh mo mhi-chliu.
24. Agus thug i Ioseph mar ainm air, ag ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fathast mac eile.
25 Agus ’nuair a rug Rachel Ioseph, ’an sin thubhairt Iacob re Laban, Leig air falbh mi, chum gu’n d’théid mi do m’ àite, agus do m’dhùthaich féin.
26 Thoir dhomh mo mhnài, agus mo chlann, air son an d’rinn mi seirbhis duit, agus gu’m falbh mi: oir is aithne dhuit mo sheirbhis a rinn mi dhuit.
27 Agus thubhairt Laban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, fuirich: oir dh’fhòghluim mi o m’ fhiosrachadh féin gu’n do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth-sa.
28 Agus thubhairt e, Ainmich do thuarasdal dhomh, agus bheir mi dhuit e.
29 Agus thubhairt e ris, Tha fios agad cionnus a rinn mi seirbhis dhuit, agus cionnus a bha do spréidh agam:
30 Oir is beag a bh’agad mun d’ thàinig mi, agus a nis tha e air fàs ’na mhòran; agus bheannaich Dia thu ’an lorg mo theachdsa: agus a nis c’uin a ni mi mar an ceudna air son mo thighe féin?
31 Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhuit? Agus thubhairt Iacob, Cha d’thoir thu ni sam bith dhomh: ma ni thu’n ni so rium, ionaltraidh mi rìs, agus gleidhidh mi do threud.
32 Théid mise tre do threud uile ’n diugh, ag atharrachadh as sin gach spréidh a ta breac agus ballach, agus gach spréidh a ta dubh-dhonn a’ measg nan caorach, agus ballach agus breac a’ measg nan gabhar: agus ’se so mo thuarasdal.
33 Agus freagraidh air mo shonsa m’ionracas ’san àm re teachd [air an là màireach, Eabh.] , ’nuair a thig e mar mo thuarasdal [’nuair a thig thu air mo thuarasdal. ] a’d’ làthairsa: gach aon nach bi breac agus ballach a’ measg nan gabhar, agus dubhdhonn a’ measg nan caorach, measar e mar ni bradach agam-sa.
34 Agus thubhairt Laban, Feuch, b’fhearr leam gu’m bitheadh e réir t’fhocail.
35 Agus dh’atharraich e air an là sin féin na gabhair fhirionn a bha stiallach agus ballach, agus na gabhair bhainionn uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh-dhonn [ciar. ] a’ measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac.
36 Agus chuir e astar thri lathan eadar e féin agus Iacob: agus bheathaich [dh’ionaltair. ] Iacob a’chuid eile do threudaibh Labain.
37 Agus ghabh Iacob dha féin slatan glasa do’n chritheach, agus do’n challdainn, agus do chraoibh nan geanm-chnù; agus rùisg e annta stialla geala, agus leig e ris an geal a bha ’sna slataibh.
38 Agus chuir e na slatan a rùisg e anns na claisibh, anns na h-amair uisge far [’nuair a thàinig. ] an d’thàinig na treudan a dh’òl, fa chomhair nan treud, chum as gu’m fàsadh iad torrach ’nuair a thigeadh iad a dh’òl.
39 Agus dh’fhàs na treudan torrach fa chomhair nan slat, agus rug iad spréidh stiallach, bhreac agus bhallach.
40 Agus thearbaidh Iacob na h-uain, agus chuir e aghaidh nan treud riusan a bha stiallach, agus gach beathach a bha dubh-dhonn ann an treudaibh Labain, agus chuir e threudan féin air leth, agus cha do chuir e iad làimh re treudaibh Labain.
41 Agus ge b’e uair a dh’fhàs an spréidh bu treise torrach, chuir Iacob na slata fa chomhair sùl na spréidh anns na claisibh, chum gu’m fàsadh iad torrach a réir nan slat [am measg nan slat. ] .
42 Ach ’nuair a bha’n spréidh anfhann, cha do chuir e ann iad: mar sin bu le Laban iadsan a b’anfhainne, agus le Iacob iadsan bu treise.
43 Agus dh’fhàs an duine ro-shaibhir; agus bha mòran spréidh aige, agus ban-oglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail.
title | Caibideil XXX |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |