CAIB. XXXI.
AGUS chual’ e briathra mhac Labain, ag ràdh, Thug Iacob leis gach ni bh’ aig ar n-athair, agus o’n ni sin bu le ar n-athairne fhuair e dha féin a’mhòrachd so uile.
2 Agus chunnaic Iacob gnùis Labain, agus feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin [’n dé ’s air a bhò ’n dé. Eabh.] .
3 Agus thubhairt an Tighearna re Iacob, Pill gu dùthaich t’athracha, agus a dh’ionnsuidh do dhilsean, agus bithidh mise maille riut.
4 Agus chuir Iacob teachdaire uaith agus ghairm e Rachel agus Leah do’n mhachair a dh’ionnsuidh a threud.
5 Agus thubhairt e riu, Tha mi faicinn gnùis bhur n-athar, nach ’eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille rium-sa.
6 Agus tha fios agaibh féin le m’uile dhìchioll gu’n d’rinn mi seirbhis d’ar n-athair.
7 Gidheadh mheall bhur n-athair mi, agus mhùth [dh’atharraich. ] e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dheanamh orm.
8 Ma thubhairt e mar so, Bithidh an spréidh bhreac ’nan tuarasdal agad, ’an sin rug an spréidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar so, Bithidh an spréidh stiallach ’nan tuarasdal agad, ’an sin rug an spréidh uile àl stiallach.
9 Mar so thug Dia air falbh spréidh bhur n-athar, agus thug e dhomhs’ iad.
10 Agus ’nuair a dh’fhàs an spréidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus feuch, bha na reithean, a bha reitheadh na spréidhe [leum air an spréidh. ] , stiallach, breac agus grìs-fhionn.
11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iacoib: agus thubhairt mise, Tha mi ’n so.
12 Agus thubhairt esan, Tog suas a nis do shùilean, agus faic na reithean uile, tha reitheadh na spréidhe gu bheil iad stiallach, breac agus grìs-fhionn; oir chunnaic mise gach ni a rinn Laban ort.
13 ’S mise Dia Bheteil, far an d’ung thu ’n carragh, far an do bhòidich thu dhomh-sa bòid: a nis éirich, imich a mach as an tìr so, agus pill gu tìr do dhilsean.
14 Agus fhreagair Rachel agus Leah, agus thubhairt iad ris, Am bheil fathast cuibhrionn no oighreachd air bith againne ann an tigh ar n-athar?
15 Nach ’eil sinn air ar meas leis mar choigrich? oir reic e sinn, agus struidh e mar an ceudna gu tur ar n-airgiod:
16 Oir an saibhreas sin uile a thug Dia o’r n-athair, ’s leinn féin, agus le’r cloinn e: nis uime sin gach ni thubhairt Dia riutsa, dean e.
17 ’An sin dh’éirich Iacob suas agus chuir e mhic agus a mhnài air càmhalaibh.
18 Agus thug e leis a spréidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, spréidh a chosnaidh, a fhuair e ’m Padan-aram, gu dol a dh’ionnsuidh Isaaic athar gu tìr Chanaain.
19 Agus chaidh Laban a lomairt [a rùsgadh. ] a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan [ìomhaighean. ] bu le h-athair.
20 Agus ghoid Iacob air falbh gun fhios do Laban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu’n robh e gu teicheadh.
21 Agus theich e leis gach ni bh’aige; agus dh’éirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e aghaidh re sliabh Ghilead.
22 Agus dh’innseadh do Laban air an treas là gu’n do theich Iacob.
23 Agus thug e bhràithre leis, agus lean se e astar sheachd laithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead.
24 Agus thàinig Dia gu Laban an Sirianach ann an aisling ’san oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair i thu re Iacob aon chuid math no olc.
25 ’An sin rug Laban air Iacob. A nis shuidhich Iacob a bhùth ’san t-sliabh, agus shuidhich Laban maille r’a bhràithribh ann an sliabh Ghilead.
26 Agus thubhairt Laban re Iacob, Ciod so rinn thu, gu’n do ghoid thu air falbh gun fhios domh, agus gu’n d’thug thu leat mo nigheana, mar bhraighdean [chiomaich. ] a thugadh a mach leis a’chloidheamh?
27 C’ar son a theich thu air falbh gu h-uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gu’n cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le h-òranaibh, le tiompan, agus le clàrsaich?
28 Agus nach do leig leam mo mhic agus mo nigheana a phògadh? a nis is amaideach a fhuara tu le so a dheanamh.
29 Tha e ’n comas mo làimh-sa sa cron a dheanamh ort: ach
30 Agus a nis, ge do b’éigin duit falbh, a chionn gu’n robh thu gu ro mhòr ’an geall air tigh t’athar, gidheadh c’ar son a ghoid thu mo dhée?
31 Agus fhreagair Iacob, agus thubhairt e re Laban, A chionn gu’n robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gu’n d’thugadh tu uam do nigheana le h-ainneart.
32 Ge b’e neach aig am faigh thu do dhée, na maireadh e beo: ’an làthair ar bràithre faic ciod a th’ agam a bhuineas duit agus gabh thugad [chugad. ] e: oir cha robh fhios aig Iacob gu’n do ghoid Rachel iad.
33 Agus chaidh Laban a steach do bhùth Iacoib, agus do bhùth Leah, agus do bhùth an dà bhan-oglaich; ach cha d’fhuair e iad. ’An sin chaidh e mach a bùth Leah, agus chaidh e steach do bhùth Racheil.
34 A nis ghoid Rachel na dealbhan, agus chuir i iad ann an acfuinn [fasair, uigheam. ] a’ chàmhail, agus shuidh i orra: agus rannsaich Laban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad.
35 Agus thubhairt i r’a h-athair, Na cuireadh e corruich air mo thighearna nach urradh mi éirigh suas a’t’ fhianais, oir tha orm a réir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan.
36 Agus bha fearg air Iacob, agus throid e re Laban: agus fhreagair Iacob, agus thubhairt e re Laban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu’n robh thu co-dian air mo thòir.
37 ’An déigh dhuit m’airneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu dh’uile airneis do thighe? cuir ’an so e ’n làthair mo bhràithre-sa agus do bhràithre féin, agus gu’n d’thoir iad breth eadaruinn ’nar dithis.
38 A nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghabhair am minn, agus reitheachan do threud cha d’ith mi.
39 An ni sin a reubadh le fiadh-bheathaichibh cha d’thug mi a’t’ ionnsuidh; ghiùlain mi féin a chall: o m’ làimh-sa dh’iarr thu e, co ac’ a ghoideadh e ’san latha, no ghoideadh e ’san oidhche.
40 Mar so bha mi, ’san là chlaoidh an teas mi, agus an reotha ’san oidhche; agus dhealaich mo chodal re m’ shùilibh.
41 Mar so bha mi fichead bliadhna a’d’ thigh; ceithir bliadhna deug rinn mi seirbhis duit air son do dhithis nigheana, agus sè bliadhna air son do spréidhe: agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean.
42 Mur bhitheadh gu’n robh Dia m’athar, Dia Abrahaim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu nis air falbh mi falamh: chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu ’n reidhr.
43 Agus fhreagair Laban, agus thubhairt e re Iacob, Na h-ingheana so ’s iad mo nigheana-sa iad, agus a’ chlann so mo chlann-sa, agus an spréidh so
44 A nis uime sin thig-sa, deanamaid coi’ -cheangal, mise agus thusa; agus bitheadh e mar fhianuis eadar mise agus thusa.
45 Agus ghabh Iacob clach, agus chuir e suas i mar charragh.
46 Agus thubhairt Iacob r’a bhràithribh, Cruinnichibh clachan; agus ghabh iad clachan, agus rinn iad carn, agus dh’ith iad ’an sin air a’ charn.
47 Agus thug Laban mar ainm air Iegar-Sahaduta: ach thug Iacob mar ainm air Galeed.
48 Agus thubhairt Laban, Tha ’n carn so ’na fhianuis eadar mise agus thusa ’n diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air:
49 Agus Midspah; oir thubhairt e, Deanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, ’nuair a bhitheas sinn as làthair a chéile.
50 Ma bhuineas tu gu cruaidh re m’ nigheanaibh, no ma ghabhas tu mnài eile thuilleadh air mo nigheana-sa, cha’n ’eil duine sam bith maille ruinn; feuch, tha Dia ’na fhianuis eadar mis’ agus thusa.
51 Agus thubhairt Laban re Iacob, Faic an carn so, agus faic an carragh so, a shuidhich mi eadar mis’ agus thusa.
52 Bitheadh an carn so ’na fhianuis, agus bitheadh an carragh so ’na fhianuis, nach d’théid mise a t’ionnsuidh-sa thar a’ charn so, agus nach d’thig thus’ a m’ ionnsuidh-sa thar a’ charn so, agus a’ charragh so, gu cron.
53 Gu’n d’thugadh Dia Abrahaim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breth eadaruinn. Agus mhionnaich Iacob air eagal athar Isaaic.
54 ’An sin thug Iacob suas ìobairtean ’san t-sliabh, agus ghairm e air a bhràithribh a dh’itheadh arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h-oidhche ’san t-sliabh.
55 Agus dh’éirich Laban suas moch ’sa’ mhadainn, agus phog e mhic agus a nigheana, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus phill Laban g’a àite féin.
title | Caibideil XXXI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |