[59]

CAIB. XXXII.

AGUS dhimich Iacob air a shlighe, agus choinnich aingil Dhé e.

2 Agus thubhairt Iacob, ’nuair a chunnaic e iad, ’Se so feachd Dhé: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

3 Agus chuir Iacob teachdairean roimhe gu h-Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.

4 Agus dhàithn e dhoibh, ag ràdh, Mar so their sibh re mthighearn Esau, Mar so thubhairt do sheirbhiseach Iacob, Bha mi air chuairt maille re Laban, agus dhfhan mi maille ris gus a nis.

5 Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus ban-oglaich: agus chuir mi dhinnseadh do mthighearna, chum gum faighinn deagh-ghean adshùilibh.

6 Agus phill na teachdairean


[60] gu Iacob, ag ràdh, Thàinig sinn a dhionnsuidh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e teachd adchòdhail, agus ceithir cheud fear maille ris.

7 Agus bha Iacob fa eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn en sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agusan crodh, agus na càmhailnan bhuidhinn;

8 Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu h-aon do na buidhnibh, agus gum buail e i, ’an sin théid abhuidheann a dhfhanas as uaith.

9 Agus thubhairt Iacob, O Dhé mathar Abrahaim, agus a Dhé mathar Isaaic, a Thighearn a thubhairt rium, Pill gu ddhùthaich, agus gu ddhilsean, agus ni mi math dhuit:

10 Chan airidh mi air achuid as lugha do na tròcairibh sin uile, no don fhìrinn sin uile, a nochd thu do dsheirbhiseach; oir le mluirg thàinig mi thar an Iordan so, agus tha mi nis amdhà bhuidhinn.

11 Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun dthig e, agus gum buail e mi, agus amhàthair maille ris achloinn.

12 Agus thubhairt thu, Gu cinnteach ni mi math dhuit, agus ni mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach feudar àireamh a thaobh lìonmhoireachd.

13 Agus dhfhan en sinsan oidhche sin féin, agus ghabh e do na thàinig ga làimh tiodhlac air son Esau a bhràthar;

14 cheud gabhar agus fichead boc, cheud caora agus fichead reithe;

15 Deich càmhail fhichead bhainne len searraich, fhichead agus deich tairbh, fichead asal bhainionn agus deich searraich.

16 Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha féin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain.

17 Agus dhàithn e dha-san a bhair thoiseach, ag ràdh, ’Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dhfheòraicheas e dhiot, ag ràdh, Co leis thu, agus càite tha thu dol, agus co leis iad sin a tha romhad?

18An sin their thusa, Buinidh iad do dsheirbhiseach Iacob; is tiodhlac a thann, a chuireadh a dhionnsuidh mo thighearn Esau: agus feuch, mar an ceudna tha e féinnar déigh.

19 Agus dhàithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhoibhsan uile bha leantuinn nan iomaine, ag ràdh, Air an dòigh so labhraidh sibh re h-Esau, ’nuair a gheibh sibh e.

20 Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iacobnar déigh-ne: oir thubhairt e, Ni mi réidh [ciuin. ] e leis an tiodhlac a théid romham, agusan déigh sin chi mi ghnùis; theagamh gun gabh e rium.

21 Mar sin chaidh an tiodhlac thairis roimhe: agus dhfhan e féin an oidhche sinsachuideachd.


[61]

22 Agus dhéirich e suassan oidhche sin, agus ghabh e dhà mhnaoi, agus a dhà bhan-oglaich, agus aon mhac deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic.

23 Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t-sruth iad, agus chuir e thairis na bhaige.

24 Agus dhfhan Iacobna aonar; agus ghleachd duine ris, gu nuig briseadh na fàire.

25 Agusnuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, ’an sin bhean e re lag a shléisde; agus chaidh lag sléisde Iacoib as an altnuair a bha e gleachdadh [ag spairn. ] ris.

26 Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir than fhàir abriseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu mur beannaich thu mi.

27 Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhuit? agus thubhairt e, Iacob.

28 Agus thubhairt esan, Cha ghoirear [cha’n abrar. ] Iacob nis riut mar ainm ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran re Dia, agus re daoine, agus thug thu buaidh.

29 Agus dhfhiosraich Iacob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, tainm: agus thubhairt esan, Car son a tha thu farraid mainme. Agus bheannaich en sin e.

30 Agus thug Iacob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh re h-aghaidh, agus thearnadh manam.

31 Agus dhéirich aghrian air, ’nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.

32 Uime sin chan ith clann Israeil don fhéith a chrup, a ta air lag na sléisde, gus an n diugh: a chionn gun do bhean e re lag sléisde Iacoibsan fhéith a chrup.

titleCaibideil XXXII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page