[61]

CAIB. XXXIII.

AGUS thog Iacob suas a shùilean, agus dhamhairc e, agus feuch, bha Esau teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e achlann do Leah, agus do Rachel, agus don bhan-oglaich.

2 Agus chuir e na ban-oglaich agus an clann air thoiseach, agus Leah agus a clannnan déigh, agus Rachel agus Ioseph air dheireadh.

3 Agus chaidh e féin air aghaidh rompa, agus chrom se e féin gu làr seachd uaire, gus an dthàinig e dlùth da bhràthair.

4 Agus ruith Esauna choinneamh, agus ghabh ena ghlacaibh e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg se e: agus ghuil iad.

5 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnài agus achlann; agus thubhairt e, Co iad sin a ta maille riut? agus thubhairt esan, Achlann a thug Dia gu gràsmhor do dsheirbhiseach.

6An sin thàinig na ban-oglaich am fagus, iad féin agus an clann, agus chrom siad iad féin.

7 Agus thàinig Leah cuideachd am fagus maille ra cloinn, agus chrom siad iad féin; agusan déigh sin thàinig Ioseph am fagus agus Rachel, agus chrom siad iad féin.


[62]

8 Agus thubhairt e, Ciod as ciall duit leis an iomain so uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilibh mo thighearna.

9 Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; gléidh dhuit féin na bheil agad.

10 Agus thubhairt Iacob, Ni h-eadh, guidheam ort, ma fhuair mi nis deagh-ghean adshuilibh, ’an sin gabh mo thiodhlac o mlàimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis , agus thaitinn mi riut.

11 Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh a dionnsuidh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro-earail air, agus ghabh se e.

12 Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turus, agus biomaid ag imeachd, agus théid mise maille riut [romhad. ] .

13 Agus thubhairt e ris, Tha fios aig mo thighearna gu bheil achlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a ta maille rium, trom le h àl; agus ma dhiomainear iad gu dian aon latha, gheibh an treud uile bàs.

14 Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad roimh a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t-slighe gu socrach, a réir mar a bhios an spréidh a ta romham, agus achlann, comasach air fhulang, gus an dthig mi dhionnsuidh mo thighearna gu Seir.

15 Agus thubhairt Esau, Leig leam a nis cuid don mhuinntir a ta maille rium fhàgail mar-riut [maille riut, agad. ] : Agus thubhairt esan, Car son sin? faigheam-sa deagh-gheanan sùilibh mo thighearna.

16 Mar sin phill Esausan sin féin air a shlighe gu Seir.

17 Agus dhimich Iacob gu Sucot, agus thog e dha féin tigh, agus rinn e bothain da spréidh: air an aobhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite.

18 Agus thàinig Iacob do Shalem, baile Shecheim a ta ann an tìr Chanaain, ’nuair a thàinig e o Phadan-aram; agus shuidhich e bhùth fa chomhair abhaile.

19 Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich [sgaoil. ] e a bhùth, o làimh chloinne Hamoir athar Shecheim, air cheud bonn airgid [cheud uan. ] .

20 Agus chuir e suas altairan sin, agus thug e El-Elohe-Israel mar ainm oirre.

titleCaibideil XXXIII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page