CAIB. XXXIV.
AGUS chaidh Dinah nighean Leah, a rug i do Iacob, a mach a dh’fhaicinn nigheana na tìre.
2 Agus ’nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir an Ibhich, uachdaran na tìre i, ghabh e i, agus luidh e leatha, agus thruaill e i [dh’ìslich se i. ] .
3 Agus dhlù-lean anam re Dinah nighean Iacoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach [an nigheanag. ] , agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich.
4 Agus labhair Sechem re Hamor athair, ag ràdh, Faigh dhomhs’ a’ ghruagach so mar mhnaoi.
5 Agus chuala Iacob gu’n do thruaill e Dinah a nighean, (Nis bha mhic maille r’a spréidh ’sa’ mhachair) agus bha Iacob ’na thosd gus an d’thàinig iad.
6 Agus chaidh Hamor athair Shecheim a mach a dh’ionnsuidh Iacoib, a labhairt ris.
7 Agus thàinig mic Iacoib o’n mhachair ’nuair a chual’ iad e, agus bha na daoine doilich, agus bha fearg mhòr orra; chionn gu’n d’rinn e amaideachd ann an Israel, ann an luidhe le nighean Iacoib, ni nach bu chòir a dheanamh.
8 Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha anam mo mhic Shecheim ’an ro-gheall air bhur nighinn: thugaibh i, guidheam oirbh, dha mar mhnaoi.
9 Agus deanaibh ceanglaiche-pòsaidh [cleamhnas. ] ruinne; bhur nigheana-sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheana-ne gabhaidh sibh dhuibhsa.
10 Agus maille ruinne gabhaidh sibh còmhnuidh: agus bithidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnuidh, agus deanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.
11 Agus thubhairt Sechem r’a h-athair, agus r’a bràithribh, Faigheam deagh-ghean ’nar sùilibh; agus ge b’e ni a their sibh rium, bheir mi dhuibh.
12 Air mheud ’s gu’n dean sibh an dubharaidh [dowry. Sasg.] orm, agus tiodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.
13 Agus fhreagair mic Iacoib Sechem agus Hamor athair le ceilg, agus labhair iad (a chionn gu’n do thruaill e Dinah am piuthar)
14 Agus thubhairt iad riu, Cha ’n fheud sinne an ni so dheanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimchioll-ghearrt’: oir bhiodh sin ’na mhasladh dhuinne.
15 Ach ’an so aontaichidh sinn leibh; ma bhios sibhse mar a ta sinne, gu’n timchioll-ghearrar gach firionnach ’nar measg;
16 ’An sin bheir sinne ar nigheana dhuibhsa, agus bhur nigheana-sa gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnuidh maille ribh, agus bithidh sinn ’nar n-aon sluagh.
17 Ach mur éisd sibh ruinne, sibh a bhi air bhur timchioll-ghearradh; ’an sin gabhaidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn.
18 Agus thaitinn am briathra re Hamor, agus re Sechem mac Hamoir.
19 Agus cha do chuir an t-òganach dàil anns an ni a dheanamh, a chionn gu’n robh tlachd aige ann an nighinn Iacoib: agus bha e ni b’urramaiche na tigh athar uile.
20 Agus thàinig Hamor, agus Sechem a mhac gu geatadh am baile, agus labhair iad re daoinibh am baile, ag ràdh,
21 Tha na daoine so sìochail maille ruinn, air an aobhar sin gabhadh iad còmhnuidh ’san tìr, agus deanadh iad reic agus ceannachd innte; thaobh an fhearain, feuch, tha e farsaing ni’s leòr dhoibh: an nigheana-sa gabhaidh sinne dhuinne mar mhnài, agus ar nigheana-ne bheir sinne dhoibhsan.
22 A mhàin anns an ni so aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnuidh ghabhail maille ruinn, gu bhi ’nar n-aon sluagh, ma thimchioll-ghearrar gach firionnach againne, mar a ta iadsan air an timchioll-ghearradh.
23 Nach leinne an spréidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? a mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnuidh maille ruinn.
24 Agus dh’éisd gach neach a chaidh mach air geatadh a bhaile re Hamor, agus re Sechem a mhac: agus thimchioll-ghearradh gach firionnach, iadsan uil’ a chaidh mach air geatadh a bhaile.
25 Agus air an treas là, ’nuair a bha iad air an cràdh, ’an sin ghabh dithis do mhic Iacoib, Simeon agus Lebhi, bràithre Dhinah, gach fear ac’ a chloidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna; agus mharbh iad gach firionnach.
26 Agus mharbh iad Hamor agus Sechem a mhac le faobhar a’ chloidheimh, agus thug iad Dinah a tigh Shecheim, agus chaidh iad a mach.
27 Thàinig mic Iacoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gu’n do thruaill iad am piuthar.
28 An caoraich, agus am buar, agus an asail, agus na bha ’sa’ bhaile, agus na bha ’san fhearann, thog iad:
29 Agus am maoin uile, agus an clann bheag uile, agus am mnài thug iad leo ’an daorsadh [am braighdeanas. ] , agus thog iad ’sa’ chreich eadhon gach ni a bha stigh.
30 Agus thubhairt Iacob re Simeon agus re Lebhi, Chuir sibh trioblaid [aimlisg. ] orm le m’ dheanamh gràineil [fuathach. ] a’ measg luchd-àiteachadh na tìre, a’ measg nan Canaanach, agus nam Peridseach: agus air dhomhsa bhi gann [tearc, beag. ] ’an àireamh, cruinnichidh siad iad féin cuideachd a’ m’ aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as domh, agus do m’ thigh.
31 Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha buntainn re ’r piuthair-ne mar re strìopaich?
title | Caibideil XXXIV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |