CAIB XXXV.
AGUS thubhairt Dia re Iacob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnuidh ’an sin; agus dean ’an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e féin duit ’nuair a theich thu o ghnùis Esau do bhràthar.
2 Agus thubhairt Iacob r’a theaghlach, agus riu-san uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na dée coimheach a ta ’nar measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh [atharraichibh. ] bhur n-eudach:
3 Agus éireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus ni mise ’n sin altair do Dhia, a dh’éisd rium ann an là mo chruaidh-chais, agus a bha maille rium ’san t-slighe air an deachaidh mi.
4 Agus thug iad do Iacob na dée coimheach uile a bha ’nan làimh, agus an cluas-fhàinnean, a bha ’nan cluasaibh; agus dh’fholaich Iacob iad fuidh’n daraig a bha làimh re Sechem.
5 Agus dh’imich iad: agus bha eagal [uamhann, oillt. ] Dhé air na bailtibh
6 Mar sin thàinig Iacob gu Luds a ta ’n tìr Chanaain, eadhon Betel, e féin agus an sluagh uile a bha maille ris.
7 Agus thog e ’n sin altair, agus thug e El-betel mar ainm air an àite: do bhrìgh ann an sin gu’n d’fhoillsich Dia e féin dha, ’nuair a theich e o ghnùis a bhràthar.
8 Ach fhuair Deborah banaltrum [muime. ] Rebecah bàs, agus dh’adhlaiceadh i fuidh Bhetel, fuidh dharaig: agus thugadh Alonbacut mar ainm air.
9 Agus dh’fhoillsich Dia e féin do Iacob a rìs, ’nuair a thàinig e a Padan-aram; agus bheannaich se e.
10 Agus thubhairt Dia ris, ’Se Iacob a’s ainm dhuit: Cha’n ainmichear thu Iacob ni’s mò, ach ’se Israel a bhios ’na ainm ort; agus thug e Israel mar ainm air.
11 Agus thubhairt Dia ris, ’S mise Dia uile-chumhachdach, bi sìolmhar agus fàs lìonmhor; thig cinneach agus coi’ -thional chinneach uait, agus thig righre mach a d’leasruidh.
12 Agus am fearann a thug mi dh’Abraham, agus a dh’Isaac, dhuitse bheir mi e; agus do d’ shliochd a’d’ dhéigh bheir mi am fearann.
13 Agus chaidh Dia suas uaith ’san àit’ an do labhair e ris.
14 Agus chuir Iacob suas carragh [pillar. Sasg.] ’san àit’ an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e oladh air.
15 Agus thug Iacob Betel mar ainm air an àite far an do labhair Dia ris.
16 Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca re teachd gu h-Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.
17 Agus ’nuair a bha i ’n cruaidh shaothair, ’an sin thubhairt a’ bhean-ghlùine ria, Na biodh eagal ort, oir bithidh am mac so agad cuideachd.
18 Agus ’nuair a bha h-anam a’ dealachadh ria, oir fhuair i bàs, thug i Ben-oni mar ainm air: ach dh’ainmich athair e Beniamin.
19 Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i ’san t-slighe gu h-Ephrat, eadhon Betlehem.
20 Agus chuir Iacob suas carragh air a h-uaigh: ’se so carragh uaigh Racheil gus an là’n diugh.
21 Agus ghabh Israel a thurus, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall do thùr Edeir.
22 Agus ’nuair a bha Israel a chòmhnuidh ’san tìr sin, chaidh Reuben, agus luidh e le Bilhah leannan [coi’-leabach. ] athar: agus chual’ Israel sin. A nis bha dà mhac deug aig Iacob.
23 Mic Lea; Reuben ceud-ghin Iacoib, agus Simeon, agus Lebhi, agus Iudah, agus Isachar, agus Sebulun.
24 Mic Racheil; Ioseph, agus Beniamin.
25 Agus mic Bhilhah, bhan-oglaich Racheil; Dan, agus Naphtali.
26 Agus mic Shilpah, bhan-oglaich Leah; Gad agus Aser.
27 Agus thàinig Iacob chum Isaaic athar do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abraham agus Isaac air chuairt.
28 Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna ’s ceithir fichead.
29 Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir féin, agus e ’na sheann-duine, agus làn do làithibh. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iacob e.
title | Caibideil XXXV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |